(navigation image)
Home American Libraries | Canadian Libraries | Universal Library | Community Texts | Project Gutenberg | Children's Library | Biodiversity Heritage Library | Additional Collections
Search: Advanced Search
Anonymous User (login or join us)
Upload
See other formats

Full text of "Cr mh a' Chriosdaidh : ann an dearrainn"

LIST OF GAELIC BOOKS 

A nd Works on the Highlands 

PUBLISHED AND SOLD BY 

MACLACHLAN & STEWART, 

BOOKSELLERS TO THE UNIVERSITY, 

64 SOUTH BRIDGE, EDINBURGH. 



A liberal discount allowed on orders for exportation 
or for private circulation. 



GAELIC DIOTIONARIES. 

Armstrong's Gaelic Dictionary, 4to, lialf calf, ... „, 
Highland Society's (Jaelic Dictìonary, 2 vols. 4io, bds. 7() 
M'Alpine's Gaelic and Englisli Pronouncing Dic- 
tionary, with Granimar. l'^mo, cloth, 
Ditto ditto halfhound calf 

Gaelic and P^nglish, separately, cloth^ 
English and Gaelic, separately, cloth^ 
M'Leod and Dewar's Gaelic Dictionary, 8vo, cloth^ 

Alleìne's Saint's Pocket-Book, cloth^ Is. sewed, 

Assurance of Salvation, 18mo, sewed, 
Baxter's Call to the Unconverted, l8mo, cloth, 

Saint's Rest, translated by Rev. J. Forbes 
Beitii's Catechism on Baptism, l8mo, sewed, 
Bible in Gaelic, 8vo, strongly bound in calf 
Do. Quarto edition of 1826, catf 
Blair's Elegy on Mr Kennedy of Redcastle, sewed^ 
Boston's Fourfold State, 12mo, cloth, 

Crook in the Lot, 18mo, cloth, 
Brooks' Apples of Gold, 18mo, cloth, .. . . 
Bonar's (Rev. Dr H.) Christ is All, l8mo, sewed, 
Buchannan (Dugald) of Rannoch's Life and Con 

version, witii his Hymns, 18mo, cloth^ ... 
,.. The Hymns, separately, 18mo, seived. 



s. d. 



30 





70 





9 





10 


6 


5 





5 





10 


G 





6 





6 


1 


6 


2 


6 





1 


7 


6 


25 








4 


4 





1 


6 


1 


6 





3 


2 








3 



64 South Bridge, Edinhurgh. 



Gadic BooìiS Sold hy Madaclìlan nnd Sicivarl. 

.. . ^ ^^ 

Biiuyan's Come and Welcome, 18mo, doth, ... 2 

World to Come, or Visions t'rom Hell, clolli^ 1 <'> 

Grace Abonnding, 18mo. doth, 2 

Fììgnxiì B ? rogress, {t/i r ee pcnis) doth, ... 2 6 

Do. do. {tuH> parts) r2mo, 1810, 1 6 

Water of Life, iSmo, cloth 1 

Sighs from Hell, 18mo, cloth, 2 

Heavenly Footman, l8mo, cloth, 1 

Holy War, 18mo, cloth 2 6 

Burder's Village Sermons, 18mo, cloth, 1 6 

Campbell (Donald) on the T.anguage, Poetry, and 

Music of the Highland Clans, with Music, 7 6 

Catechism, Shorter, Id. GaeUc and English, 2 

Mother's, Id Gaelic and English, 2 

Shorter, with Proofs, U 

Brown's Shorter, for Young Chìldren, 1 

Confessìon of Faith, fcap. Byo,,cloth, ... 2 6 

Dewar's (Rev. l)r.) The Gaelie Pièacher, 8vo, ... 3 

Doctrine and Manner of the Church of Rome, .. 3 

Doddridge's Rise and Progrèss, 12mo, doth, ... 3 

Dyer's Christ's Famous Titles, 18mo, cZo?//, ... 2 6 

Earle's Sacramental Exerciscs^ l8mo, doih, ... 1 6 

Edwards' (Rev. Jonathan) Sermon, sewed, ... 2 
English Poems, with Gaelic Translaticns, arranged 

on opposite pages, 12mo, sewed, part 1, ... 1 6 

Do. part 2, Is 6d; or 2 parts in one, doth, ... 3 6 

Etiquette, or Book of Good iManners, in Gaelic, ... 6 
Farquharson's (A ) Addressto HighÌMndersrespecting 

their Native Gaelic (in English), 8vo, sewed, 6 
Finlayson (Rev. iv ) Brief Sketch of the Life of, 

by Rev. J. Macpherson, 18mo, cloth, ... 1 

Flavel's Token for Mourners, 18mo, cloth, ... 1 

Forbes' (Rev. J.) Gaelic Grammar, 12mo, 4s. tbr 2 6 

... Baptism and the Lord's Supper, 4 

An Lochran: DialoguesregardingtheChurch, G 

... LongGheal: The WhiteShip; aSpiritua]Poem,0 4 

Gaelic First Book, 18mo, 2d.; Second do. ... 4 

Gaelic Spelling-Book, 18mo, cloth^ G 



64 Soutli Bridge, Edinhurgh . 



National Library of Scotland 

■iiiiiiiiiii 

*B000501426* 



m 



Digitized by the Internet Archive 
in2013 



http://archive.org/details/crnnhachriosdaidh1865guth 



k 

THE CHRISTIAN'S 
GREAT INTEREST 

IN TWO PAKTS. 

BY ^ 

WILLIAM GUTHRIE, 

MINISTER OF THE GOSPEL. 



" Wherefore the rather, brethreri; give diligence to make your 
election sure."— 2 Pet. i. 10. 



EDINBURGH : 
MACLACHLAN, STEWART & CO. 



MDCCCLXV. 



COm MHOR 

A' CHRIOSDAIDH: 

ANN AN DÀ EARRAINN. 

^ LE 

UILLEAM GUTHRIE, 

MINISTEAR xiN T-SOISGEIL. 



'' Uime sin, a bhràithrean, deanaibh tuilleadh dìchill chum bhur 
ead. i. 



taghadh a dheanamh cinnte^h^'-?r-2 ^ead. i. 10. 






-DUNEIDEANN ; 

MACLACHUINN, STIUBHARD, AGUS AN CUIDEACHD. 



MDCCCLXV. 



STEROTVPE EDITlOi*. 



AN ROIMH-RADH. 



O'n a tha na h-uiread shluaigh a' caitheamh am 
beatha fo na h-òrdughaibh, a' gabhail os-làimh 
gu'm beil còir àraid ac' air Criosd, air a dheagh- 
ghean 's air a shlàinte, gun bharantas sam bith 
ac* air a' chùis, mar tha e soilleir o na sgriob- 
turaibh so a leannas. — " Is iomadh iad a their 
riumsa 'san là ud, A Thighearna 'Thighearna, 
nach d'rinn sinn fàidheadaireachd a' t' ainm-sa ? 
agus a' t' ainm-sa nach do thilg sinn a mach 
deamhain ? Agus sJ t' ainm-sa nach dVinn 
sinn iomadh miorbhuile? Agus an sin 
aidichidh mise gu follaiseach dhaibh, Cha 
b'aithne dhomh riamh sibh ; imichibh uam, a 
luchd-deanamh na h-eucorach. — An dhèigh 
sìn thàinig mar an ceudna na h-òighean eile, 
ag ràdh, A thighearna 'Thighearna, fosgail 
dhuinne ; ach fhreagair esan agus thubhairt 
e, Gu deimhin a ta mi 'g ràdh ribh, nach aithne 
dhomh sibh. — Deanaibh spàirn chruaidh gu 
dol a stigh air a' gheata chumhann : oir a ta mi 



VI ROIMH-RADH. 

'g ràdh ribh, gu 'n iarr mòran dol a stìgh, agus 
nach urrainn iad." (Mat. viii. 22, 33; xxv. ll^ 
12. Luc xiii. 24.) Agus do bhrìgh gu'm beil 
deagh stèidh aig mòran air còir a thagradh air 
Criosd, nach eil air an daingneachadh ann an 
dòchas r'a dheagh-ghean, ach a tha fantainn 
aineolach aìr a' chùis, gun cho-fhurtachd, gun 
sòlas, ann an ioraa-chomhairle mu thimchioll an 
diadhachd fèin, 's a' labhairt ro bheagan chum 
diadhachd a mholadh do dhaoine eile, gu 
sònraicht' ann an àm an teinn agus an cruaidh- 
chàis : labhraidh mi beagan mu thimchioll an 
dà nì a's ro f heumaile. 'S e a* cheud ni dhiù, 
an dòigh air am mothaich duine am beil còir 
f hìor shònraicht' aige air Criosd, agus cò dhiù, 
tha no nach eil e a' tagradh còir cheart air 
f àbhar agus air slàinte Dhè ? 'S e 'n ni eile 
mu'm beil mi ri labhairt, mas e 's gu'm bi 
duine gearr air a rùn anns an deuchainn roi- 
ainmichte, ciod an dòigh a ghabhas e chum 
càirdeas agus slàinte Dhè a dheanamh cinnt- 
each dha fèin. 



AN CLAR-INNSEADH. 



A' CHEUD EARRANN. 



Caib. II. Faodar dearbh-chìnnt f haotainn mu 
chòir duine ann an Criosd, agus is cùis anabarrach 
cudthromach e, agus is ann le Sgriobtur a bhios a' 
chùis air a dearbhadh. . . 1 

Caib. IL Aobhair mu'm beil cho beag a' teachd 
gu eòlas soiJleir air an còir air Criosd. . 6 

Caib. III. Mearachdan mu thimchioll còir air 
Criosd, air an gluasad air falbh. . 21 

Caib. IV. Na dòighean leis am beil cuid-eigin air 
an tarruinn adh' ionnsaidh Chriosd leis an Uile- 
chumhachdach, gun mhothachadh air ullachadh 
roimh-làimh le obair an lagha. . . 23 

Caib. V. Obair an lagha leis am beil an Tighearna 
'g uUachadh a shlighe do dh' anmaibh dhaoiue, a 
tha 'n dara cuid ni's neartmhoire agus iii's ealamh, 
no ni's ciùine agus ni's socraiche. • 33 

Caib. VI. An t-eadar-dhealachadh a tha eadar a 
cheud obair lagha sin aig am beil crìoch ghràsmhor, 
agus geur-mhothachadh chealgairean. . 51 

Caib. VII. Mu chreideamh. . 61 



Vlll AN CLAR-INNSEADII. 



TAOBH 

Caib. VIII. An t-eadar-dhealachadhathaeadar 
creideamh chealgairean, agus an creideamh fior 
slàinteil a dh' fhìreanaicheas. , . 82 

Caib. IX. Mu 'n chreutair nuadh. . 87 

Caib. X. An t-eadar-dhealachadh a tha eadar 
duine tha air 'f hìor ath-nuadhachadh, 's a tha ann 
an Criosdj agus ci^algairean. . . 106 

Caib. XI. Mu chomh-pàirteachadh àraido Dhia, 
's mu oibreachadh gràsmhor sònraicht' a Spioraid 119 

AN DARA H-EARRANN. 

Caib. I. Nithe àraidh aìr an cur sios a chum 
eòlas agus fiosrachadh a ihoirt do'n mhuinntir 
sin a tha aineolach. . , 146 

Caib. II. A' nochdadh ciod e gabhail ri 
innleachd Dhe chum peacaich a shàbhaladh tre 
Chriosd agus gur dleasanas ro fheumail e. 152 

Caib. III. A' nochdadh ciod a tha air iarraidh 
roimh-làimh air a' mhuinntir leis an àiU creidsinn 
ann an losa Criosd. . . .160 

Caib IV. Na buaidhean agus an tairbh a tha gu 
nadurrach a' leantainn an fhìor chreidimh. 172 

Caib. V. Cunnuilean air an tarruinn o dhroch 
thoillteannas duine, agus o uamharrachd a' pheac- 
aidh, air am freagradh. . . 189 

Caib. VI. Mu'n pheacadh an aghaidh an 
Spioraid Naoimh. . . .197 

Caib. VII. Cunnuilean air an tarruinn o chion 
cumhachd gu creidsinn, agus neo-thàirbhe, air am 
freagradh. . . .211 

Caib. VIII. Mu thimchioll cùmhnant adhean- 
amh ri Dia. . . .216 



CÒIR MOR 

A' CHRIOSDAIDH. 



A* CHEUD EARRANN. 



DEUCHAINN MU CHOIR SHLAINTEIL 
ANN AN CRIOSD. 

CIONNAS A THUIGEAS DUINE MA THA CÒIR FHÌOR 
ARAID AIG AIR CRIOSD? 's CÒ DHIU THA NO DH* 
FHAODAS E CÒlR CHEART AGAIRT AIR DEAGH- 
GHEAN AGUS SLÀINTE DHE. 

CAIB. I. 

Faodar dearbh'Chinnt fhaotainn mu chòir dhuine 
ann an Criosd^ agus is cùis anabarrach cud- 
thromach e, agus is ann le Sgriohtur a bhios a 
chùis air a dearbhadh, 

Mu'n labhair sinn mu thimchioH na ceiste, 
cuiridh sinn sìos nithe àraid gu slighe ullach- 
adh fa chomhair an f hreagraidh. 

Air tùs. Gu*m faodar còir duìne aìr Criosd, 
no a staid ghràsmhor a thuigsinn, agus sin le 
barrachd cinnte na tha mòran am barail ; seadh 

B 



2 DEUCHAINN MU CHÒIR 

agus tha e ni 's usa ruigheachd air eòlas mu 
thimchiollj na tha mòran daoin' a' meas: oir 
cha-n e amhàin gu 'n d' àithn Dia na tròcair 
do dhaoine fios fhaotainn air an còir ann-san, 
mar ni air am faodar ruigheachd. (2 Cor. xiii. 
5,) " Ceasnaichibh sibh fèin am beil sibh sa' 
chreidimh ; dearbhaibh sibh fèin, &c/' (2 
Pead. i. 10,) " Deanaibh tuilleadh dìchiil 
chum bhur gairm agus bhur taghadh a dhean- 
amh cinnteach, &c/' Ach ràinig mòran do na 
naoimh air dearbhadh soilleir mu 'n còir air 
Criosd, agus air Dia mar an Dia fèin. Cia 
minig a tha iad a'g ràdh an Dia 's an cuibh- 
rionn ris ! 's cia làn-dearbhta bha Pòl, '* nach 
faodadh ni air bith eadar-sgarachduinnoghràdh 
Dhè.'' Air an aobhar sin faodar ruigheachd 
air dearbh-chinnte mu staid ghràsmhor duine. 
Agus cha smuaintean faoine na barail gun 
bhunachar an dearbh-chinnt so air am faodar 
ruigheachd, ach tha e ro chinnteach ; " Gu 
deimhin is tusa ar n- Athair," ars* am fàidh ann 
an ainm na h-eaglais, (Isa. Ixiii. 16.) Tha e 
flearbh-shoilleir air a mhodh so, (l.) Cha 'n 
fhaod gur barail f haoin, ach eòlas ro chinnt- 
each an ni sin a bheir mòr cho-fhurtachd do 
dhuine reusanta anns na cruaidhchais a's mò: 
ach 's amhuil an ni so, " Ach ghabh Daibhidh 
misneach dha fèin anns an Tighearn' a Dhia." 
(1 Sam. XXX. 6.) Tha e 'g ràdh ann an sin, nach 
bi eagal air roimh dheich mìle a dh' èireas 'na 
aghaidh, (Salm. iii. 6.) Coimeas na briathran 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 3 

sin ri rann 3, do *n t-salm sin. '* Ach ata 
thusa a Tighearn' a' d' sgèith dhòmhsà; mo 
ghlòir agus fear-togalach mo chinn/' " Is e 
an Tighearna mo sholus agus mo siàìnte ; cò 
chuireas eagal orm ? Is e an Tighearna neart 
mo bheatha : cò chuireas geilt orm ?'* Ge do 
ehampaicheadh feachd a'm'aghaidh cha bhiodh 
eagal air mo chridhe : ge d' èireadh cogadh a' 
m' aghaidh, à so ni mi mo bhun " (Salm xxvii. 
1, 3.) — ^(2.) 'Se eòlas cinnteach air ni, a bheir 
air ceannaiche glic gach ni bhios aige reic, 
chum 's gu'n gleidheadh e sàbhailt' e ; a bheir 
air duine a bheatha, a chlann, Thearann a 
thrèigsinn, agus milleadh a mhaoin fhulang le 
luath-ghair : ach 's amhail an ni so. (Mat 
xiii. 44 ; Marc. x. 28, 29 ; Eabh. x. 34 ; Rom 
V. 3; Gniomh v. 41.) — (3.) 'S èigin gur eòlas 
ro chinnteach, 's nach faoin hharail air an cuir 
duine gu deònach agus gu saor 'anam ann an 
cunnart, 'nuair tha e toirt ceum a stigh do 
shiorruidheachd leis an fhacal so 'na bheui, 
" Se so m'uile mhiann;" (2 Sam. xxiii. 5,)ach 
's amhail an t-eòlas a tha 'n so. 

Agus a rithist, cha-n e mhàin gu 'm faod 
duine diadhaidh tighinn a dh' ionnsaidh eòlas 
cinnteach mu staid ghràsmhor, ach tha e ni's 
usa f haotainn na tha mòran a' brethneachadh : 
oir abair, ni a dhearbhar an dèigh so gu'm faod 
duin' eòlas fhaighim air obair ghràsmhor 
spiorad Dhè ann fèin ; ma reusanaicheas e gu 
soilleir uaithe sin, 's èigin da a chòir air 



4 DEUCHAINN MU CHOIR 

Crìosd aideachadh, mur àicheadh e fìrinn 
shoilleir an sgriobtuir. Cha laimhsich mi ach 
a h-aon ann an so, do bhrìgh gu'm beil sinn ri 
labhairtni's mionaidich*air a' chùis so an dèigh 
làimhe. Faodaidh duiue diadhaidh reusanach- 
adh air a mhodh so, ge b' e ghabhas ri Criosd 
tha iad gu ceart-bhretheach air am meas *nan 
cloinn do Dhia. *■ Ach a mheud as a ghabh 
ris thug e dhaibh cumhachd a bhi 'nan cloinn 
do Dhia." (Eoin i. 2,) Ach ghabh mise ri 
Criosd air gach aon dhigh a tha 'm facal ann 
an sin a' ciallachadh ; oir tha mi làn toihchte 
!e innleachd na slàinte tre losa Criosd an 
Slànaighear ; tha mi g aontachadh leis na 
cùmhnantan, 'se beatha tairgse Chriosd agam 
'na uile dhreuchdaibh, mar rìgh chum riagh- 
ladh tharam, mar shagart anochdadh ìobairt's a 
dh' eadar-ghuidhe as mo leth, mar f hàidh chum 
mo theagasg ; tha mi taomadh a mach mo 
chridhe air a shon agus d' a ionnsaidh, 'g am' 
shocrachadh fèin air mar a's urrainn mi : ciod 
tuille dh* f haodas a bhi air a chiallachadh leis 
an f hacal, gabhail ? Uime sin faodaidh mi 
ràdh agus aideachadh le deagh bharantas gu 
soilleir, neo-mhearachdach. Faodaidh mi gu 
ceart-bhretheach mi fein a mheas mar aon do 
chloinn an Dè uile-bheannaichte, a rèir an 
Sgriobtuir roi'-ainmichte nach urrainn fàilinn. 
'S e 'n dara ni tha r' a chur sìos roi' làimh, 
gur cùis ro chudthromach, feumail, duine bhi 
air mhodh siàinteil ann an cùmhnanta ri Dia, 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. D 

<''Se sin a bheatha/' (Deut. xxxii, 47.) 'Sgidh- 
eadh 's ro thearc iadsaD aig am beil, no idir a 
tha *g iarraidh, còir shìàinteil anns a' chàmh- 
nanta; agus tha mòran gu h-ea-cèiiiidh am 
barail gu'm beil a leithid sin do chòir aca gun 
stèidh cheart sam bith, no idir gnè bharantai's 
air a' chùis. '^ Ach is cumhann an dorus, agus 
is aimhleathan an t-slighe ata trebrachadh chum 
na beatha, agus is tearc iad a ta 'g amas oirre.'* 
(Mat. vii. 14.) Bu chòir da so daoine a mhosg- 
ladh à marbh-chadal a' pheacaidh, gu bhi ro 
dhùrachdach mu thimchioll na cùise ; agus o 
'n a tha e 'na ni cho ro fheumail a bhi air 
mhodh slàinteil ann an losa Criosd ; agus air 
son nach eil iad ach ro thearc a dh' fhaodas 
còir cheart agairt air : agus gidheadh tha mòr- 
an am barail amaidich gu'm beil aca làn chòir 
air, a tha air am mealladh le dòchas cealgach, 
mar bha na h-òighean amaideach. Mat. xxv. 
'S e 'n treas ni gu bhi air a chur sios roimh- 
làimh, gur h-èigin do dhaion' a chur rompa 
gu 'n dearbh iad an còir air Criosd leis an 
Sgriobtur, ni is e facal neo-mhearachdach an 
Dè shiorruidh. 'Se n* spiorad a' labhairt 'san 
Sgriobtur breitheamh nan uile chonnspaid 
" larradh iad chum an lagha, agus chum 
na fianais ; mar labhair iad do rèir an f hac- 
ail so 's ann a chionn nach eil solus annta." 
(Isa. viii. 20.) Agus air an ni so mar an 
ceudna, cò dhiù tha no nach eil duine air 
mhodh slàinteil ann an cìimhnanta ri Dìa. 



6 DEUCHATNN MU CHOIR. 

Uime sìn na deanaibh fanaid air Dìa 'nuair 
tha sibh mar gu'm b* ann ri mion-ranns- 
achadh mu thimchioll a leithid sin do ni. Ma 
dhearbhas sinn o Sgriobtur, ni is e an riaghailt 
neo-mhearachdach, gu'm beil sibh ann an staid 
nan gràs, agus gu m beil sibh air mhodh slàint- 
eil ann an cùmhnanta ri Dia, an sin cuiribh 
•'oimhibh an uiread so aideachadh 's a bhi làn- 
toilichte leis : agus ma bhios atharrachadh so 
soilleir, thigeadh crìoch air a' chonnspaid, no 
cha-n eil sibh ach ri fanaid air an Uile-chumh- 
achdach, *s mar sin bithidh bhur cuibhrichean 
air an deanamh làidir. Oir " cha tèid aon 
lide no aon phunc do 'n lagh thairis, gus an 
coimhlionar gach aon ni." (Mat, v. 18.) Air 
an aobhar sin iarraibh sàbh-shùl air Criosd 
chum nithe a bhrethneachadh a rèir 's mar tha 
facal Dè a' nochdadh a tha iad. 



CAIB. II. 

Aohhair mii*m heil cho heag cC teacTid gu eòlas 
solleir air an còir air Criosd. 

'S e n* ceathramh ni tha gu bhi air a chur 
sios, ged tha aobhar còir an duine air Criosd 
'na ni cho ro chudthromach, agus an dòigh 
chum eòlas f haotainn air a' chiiis air a cur 
m*ar coinneamh gu ro shoilleir 'sna Sgriob- 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 7 

tuiribh ; gidheadh 's tearc iadsan a tha ruigh- 
eachd air mion-eòlas air a' chùis. 'S a chum 
's nach tugadh so mi-mhisneach do neach sam 
bith gun ionnsaidh theann a thoirt air, bheir mi 
fainear beagan do dh' aobhair àraid is ceann- 
fàth gu'm beil cho beag a* teachd chum eòlas 
soilleir air an còir ; ni mar an ceudna dh' 
ullaicheas an t-slighe fa chomhair an ni tha gu 
bhi air a labhairt an dèigh so. 'Se cheud ni 
tha bacadh mòran o eòlas f haighinn air an 
còir air Criosd, gu'm beil iad aineolach air 
cuid-eigin do chinn àraid a chreidimh. 

I. Gu 'm b' e saor-ghràdh ann an Uchd 
Dhè, 's nach b' e ni sam bith a bha anns an 
duine, a bhrosnaich e gu Slànaighear a chur 
a chomh-lionadh obair na saorsa : *' Oir is ann 
mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gu 'n 
tug e 'aon-ghin Mhic fein." (Eoin iii. 16.) Tka 
daoine do gnà a'g iarraidh stèidh-eigin 
annta fèin chum a' chùis sin a thoirt gu crìch, 
a tha 'g an treòrachadh air falbh o smuaintibh 
àrda agus freagarrach a bhi ac' air ceud thobar 
agus toiseach cùmhnantan fàbharach an Dè 
uile-bheannaichte d' a phobull, aig nach eil, 
aobhar na toillteannas air bith annta fèin ; air 
chor 's nach urrainn iad tighinn a dh' ionn- 
saidh eòlas soilleir air an còir, gus an caochail 
iad gu tur am beachd mu'n chùis. 

II. Tha iad aineolach air cionnas a tha 'n 
gràd'h sin 'g a nochdadh fèin air mhodh eif- 



8 DUCHAINN MU CHÒIR. 

eachdach do chridhe duine, air chor 's gu 'm bi 
stèidh aige chum còir a thagradh air, 'S tric 
leis a ghràdh sin gu'n leig e air tùs ris do 
dhuine as taid bhreòite neo-iomlan ann fein, a 
thaobh peacaidh agus truailleachd, a' salchadh 
an duine gu h-iomian, 's gach aon ni tha ann 
ris am faodar f ìreantachd a ghairm, tha iad sin 
uile 'nan calldach agus 'nan aolach. (Phil. iiì. 
6 — 8.) Tha e foillseachadh Chriosd mar an 
t-ionmhas iomlan a shàsaicheas thar gach ni 
eile. Tha 'n duine faighinn ionmhais air son am 
beii e le gàirdeachas a' reic gach ni tha aige, 
&c., (Mat. xiii. 44, 46.) Tha e rùnachadh a 
chridhe gu h-iomlan, 's a' toirt air dlùthachadh 
ris an Dia bheò anns na h-òrdughaibh. *^ Is 
beannaichte esan a thaghas tusa, agus a bheir 
thu am fagus dut ; gheibh e còmhnuidh a' d' 
chùirtibh." (Salm. Ixv. 4.) 'S tha e toirt air 
do chridhe feitheamh air, agus air-san a mhàin. 
" Amhàin air Dia feith, O m' anam.*' (Salm. 
Ixii. 5.) Mar so air do shìol Dhè bhi air a 
chur 'sa' chridhe, agus Criosd air a dhealbh 
ann. (Gal. iv. 19.) Tha 'n cridhe air ath- 
arrachadh 's air a dheanamh nuadh anns 
an obair roi'-ainmichte. (Esec. xxxvi. 26.) 
Agus tha lagh Dhè anns a chaochladh sin air a 
chlò-bhualadh air a chridhe air chor,'s gu'm beil 
an t-iomlan do chuing Chriosd air a chliùth- 
achadh do 'n duine. (ler. xxxi. 33.) " Air an 
aobhar sin tha'n lagh naomh, agus a ta 'n àithne 
naomh, agus cothromach agus math." (Rom. 



SHLAINTEIL ÀNN AN CRIOSD. 9 

viì. 12, 16.) *' Air so uile gniomharran do 
nuadh bheatha a' sruthadh a mach o 'n cheud 
thiìs beatha sin, " Ann an creideamh a dh' 
oibricheas tre ghràdh ;'' (Gal. v. 6 ; Rom. vi. 
18, 22.) Agus tha'n duin' sl fàs 'na sheirbh- 
iseach do dh' f liìreantachd agus do Dhia, ni tha 
gu sònraichte soilleir ann an nàdur spioradail 
aoraidh. (Eoin. iv. 24 ; Rom. vii. 6.) Ann 
an sin tha daoine a' deanamh seirbhis ann an 
nuadhachd spioraid, agus cha-n ann an sean- 
achd na litreach ; agus ann an caomhalachd 
anns gach gne chaithe-beatha : an sin tha 'n 
duine " a* saoithreachadh a ghnà cogais neo- 
lochdach e bhi aige a thaobh Dhè agus a 
thaobh dhaoine." (Gniomh. xxv. 16.) A nise 
tha gràdh Dhè air a mhodh so ga nochdadh 
fèin do dhuine 's ag oibreachadh air, air chor 
's gu'm beil stèidh aige chum rud-eigin do 
dheagh chòir a thagradh air; air chor 's gu'm 
faod e gu ceart-bhretheach a smuainteachadh, 
gu'm beii suim aig a ghràdh sin a chuir Slànaigh- 
ear iochdmhor, tròcaireach a dh' ionnsaidh an 
t-saoghail d' a leithid sin do dhuine, a mhoth- 
aich gu'n deach na nithe sin a cho-chur ris 
fèin. Gu cinnteach tha aineolas anns a' chìiis 
so a' cumail iomadh air an ais o eòlas fhaotainn 
mu'n còir air Criosd ; oir mur eil fios aig aon 
cionnas a dh' oibricheas Dia air duine, air 
dhòigh 's gu'm faodegu fìor neo-mhearachdach 
còir a thagradh air a ghràdh a bhaann o'n uile 
bhith-bhuantachd, thèid e cian air seachran 's 



JO DEUCHAINN MU CHÒIR 

an dorchadas, agus cha tig e chum eòlaìs air a 
ehòir anns-an. 

IIL Tha iomadh, mar an ceudna, aineolach 
air so, gur e Dia a mhàin dòchas a pho- 
buill : Theirear dòchas Israeil ris. (ler. xiv. 
8.) Ged tha buaidhean nàdurra 'nan dearbh- 
adh air so, gidheadh's e creideamh, socrachadh 
a' chridhe air an Dia shiorruidh, mar làn bheann- 
achadh 's mar chuibhrionn a shàsaicheas. 
'' Chum gu'm biodh bhur creideamh agus 
bhur muinighinn ann an Dia." (1 Pead, i. 21.) 
'S an t-aon chùmhnanta fìor a bheir seachad 
còir air beannachdaibh slàinteil a cho'-cheang- 
ail. " Ach do 'n tì nach dean obair, ach a ta 
creidsinn anns an tì a dh' f hìreanaicheas an 
duine mi-dhiadhaidh, measar a chreideamh mar 
f hìreantachd." (Rom. iv. 5.) Gun amharus 
ma gabhasaonneachdo dhànadas'san àite so/s 
ma thionndaidheas e gràs gu macnas, 's meall- 
taireachd ro mhòr so ; o'n a tha tròcair maille 
ris, air chùmhnanta 's gu'n oibrich e eagal ann. 
(Salm cxxx. 4 ) 'Seadh 's gann a dh' fhaodas 
neach sam bith a mhothaich an dearbhadh so 
air gràdh air a cho-chur ris fèin, sgàil' a dhean- 
amh de'n chùmhnant air son saorsa peac- 
aidh, gun tomhas èigin de ghleachd spiorad- 
ail ; anns an t-seadh so *' cha dean e peacadh ; 
ge b'e air bith a pheacaicheas, cha-n fhac' e 
esan, agus cha robh eòlas aige air.'* '* Ge b'e 
neach a ghineadh o Dhia cha dean e peacadh." 
(1 Eoin. iii. 6 — 9.) Tha mi 'g ràdh gur e Dia 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 11 

muiiiighinn a phobuill 's ni h-e an naomhachd 
fèin. Ma tha 'n mn gu neo-chealgach, 's ma 
tha iad gu dùrachdach a' gabhail fadail gu bhi 
coltach ris, cha chòir do dh' iomadh fàilinn 
agus mearachd, an dòchasan f hannachadh ; oir 
tha 'n dòchas ann-san nàch caochail. " Air 
an aobhar sin chan eil sibhse, O chlann la- 
coib air 'ur sgrios '' (" Mal. iii. 6.) " Agus ma 
pheacaicheas neach air bith, tha fear-tagraidh 
aige maille rìs an Athair." (1 Eoin. ii. h) 
A nise 'nuair tha daoin'a' cur an dòchais ann an ni 
air bith eile a bharrachd air an Tigliearna Dia, 
cha-n iongandach,ged tha iad air an cumail ann 
an staid amharasaich, do rèir atharrachadh, an ni 
d' am beii iad a' deanamh stèigh an dòchais, do 
bhrìgh nach eii iad a' toirt do Dhia a ghlòir 
a's cubhaidh d' a ainm, 's nach toir e seachad 
do neach eile : faic Saim. ix. 10, " Agus 
cuirìdh iadsan d' an aithne t' ainm an dòigh 
annad." " Is mise lehohbah, is e sin m' ainm ; 
agus mo ghlòir cha tabhair mi do neach eile." 
(ri Isa. xlii. 8.) 

IV. Tha iomadh aineolach air dòighibh agus 
tomhaseugsamhail oibreachaibh Dhè aira pho- 
bull, 's tha so gu ro mhòr a' cur dubhair air an 
eòlas mu 'n còir airCriosd, Tha 'n t-aineolas so 
gu sònraicht' a' co-sheasamh anns na trì chinn 
so a leanas. (1.) Tha iad aineolach air dòighibh 
air 's tomhas eug-samhail obair an lagh sin,atha 
buntuinn gu tric ri daoine, 's air na seòl- 
aibh eugsamhail air am beil an Tighearna 



12 DEUCHAINN MU CHOIR. 

Dìa an toiseach a' toirt sluaigh a dh' ionnsaidh 
Chriosd an Slànaighear. Cha-n eil iad a' toirt 
fainear nach deach fear-coimhid a' phrìosain a 
clìumail aon uair fo dhaorsa^ (Gniomh xvi.) 
Chaidh Pòl a chumail ann an teagamh trì 
làthEi^ (Gniomh ix.) Cha robh Sacheus air a 
chumail ann an amharas aon mhionaid, (Luc. 
xix. 2.) (2.) Tha iad aineolach, gu h-àraidh 
cha-n eìl iad a' toirt fainear, nach ionann tomhas 
do naomhachd a tha anns na naomhaibh fèin ; 
oir tha cuid aig am beil e follaiseach an làthair 
dhaoine, agus tha cuid eile dhiù aig nach eil e 
mar sin. Tha cuid de dhaoin' ann e tha ro 
neo-choireach saor o pheacaibh ro antro- 
mach, a tha fàgail an aidmheil ro sgiamhach, 
mar bha lob, (lob i.) agus Sacharias, (Luc. i.) 
tha e air a ràdh gu'n robh na daoìne so foirfe 
agus fìrinneach, air an robh eagal Dè agus a' 
seachnadh uilc ; fìrinneach am fianais Dè, a 
gluasad ann an uiV àinteantaibhagus òrduighibh 
an Tighearna, gu neo-lochdach ; bha daoin' 
eile buailteach do pheacannan ro ghràineil an- 
trom mar bha Solamh, Asa, &c. (3.) Tha iad 
aineoloch air co'-chomunn fa leth gnùis Dhè 
agus air dearbhadh a làthaireachd. Tha cuid 
ag imeachd gu tric ann an solus gnùìs an Dè 
shiorruidh, 's ann an co'-chomunn mothachail 
maille ris, mar bha Daibhidh ; tha dream eile 
rè am beatha air an cumail fo dhaorsa tre 
eagal a' bhàis, (Eabh. ii. 15.) Gu cinnteach 
tha aineolas air na dòighibh eugsamhail leis 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 13 

a*m beil Tighearna nam feart àg oibreachadh 
air a phobull, a' cur dubhar ro mhòr air an 
eòlas mu 'n còir air Criosd, 'nuair tha iad do 
ghnà a' cumail Dhè ri aon dòigh oibreachaidh, 
ni nach eil e idir a' leantainn, mar a nochd 
sinn 's na h-eisimpleiribh a chaidh ainmeachadh 
cheana. 

'S e 'n dara ni tha cumail dhaoine ann an 
dorchadas mu thimchioll an còir air Criosd, 
gu'm beil nì no nì-eigin eile anns am beii an 
chridhe, 'g an dìteadh, ann an seadh-eigin, do 
bhrigh gu'm beil iad a' buntainn gu cealgach 
ri Dia. Cha-n eil e coltach gu 'n tig a 
mhuinntir sin gu soilleireachd mu thimchioll 
an còir air a' bheatha mhaireannaich, aig am 
beil an cridhe 'g an dìteadh air son bhi cumail 
suas ceannairc àraidh an aghaidh an Tighearna 
Dia le 'm fios, leis nach leig iad falbh, ni mò 
Iha iad a' gnàthachadh nam meadhonnan a dh' 
òrduich Dia chum an saoradh uaithe : cha 
mhò a dh' fhaodas a' mhuinntir sin tighinn 
chum làn eòlas mu'n còir, a tha deanamh 
dearmad air dleasnas sònraichte eigin, a tha 
air àithneadh dhaibh a chur an gniomh ; tha 
iad sin mar an ceudna, ann an seadh-eigio 
air an dìteadh le 'n cridhe fèin, mar bha a 
mhuinntir mu'n do labhradh roimhe ; agus tha 
e duilich dhaibh teachd chum eòlas soilleir 
air an staid, am fad 'sa bhuanaicheas iad 'sa' 
chor sin. ** Mur dìt ar cridhe sinn, tha 
dànachd againn a thaobh Dhè." (1 Eoin. iii. 
c 



14 DEUCHAINN MU CHOIR 

21.) Tha e air a ghabhail os làimh ann an 
sin, gu'm beil cridhe duine a tha 'ga dhìteadh 
a' deanamh do rèir sin a dhòchais a thaobh 
Dhè gu'n bhrìgh. 

Cha-n eil mi 'g àicheadh nach faod daoin* 
air deagh stèidh còir a thagradh air Criosd, 
*nuair tha aingidheachd a' fàotainn buaidh orra. 
" Thug eucearta buaidh oirnn, ar n-eusaontais 
glànaidh tusa uainn." (Salm Ixv. 3.) " Ach 
tha mi faicinn lagha eile a* m* bhuill a' cogadh 
an aghaidh lagha m' inntinn, 's 'ga m* thoirt 
am bruid do lagha a' pheacaidh a ta ann am 
bhuill. Och is duine truagh mi I cò a shaoras 
mi o chorp a' bhàis so ? Tha mi toirt buidh- 
eachais do Dhia tre losa Criosd ar Tighearna. 
Uime sin, tha mise fèin leis an inntinn a* 
deanamh seirbhis do lagh Dhè, ach leis an 
fheòil do lagh a' pheacaidh.'^ (Rom. vii. 23, 
24, 25.) Ach tha e ro dheacair f haotainn ma 
dh' f haodar idir ruigheachd air, soilleireachd 
mu 'n chùis 'nuair tha 'n cridhe a' buntuinn 
gu cealgach ri Dia, 's a' toirt caidreamh do 
cheilg shònraichte le fios ; air an aobhar sin 
gìanadh daoin' iad fèin o'n cheilg shònraichte 
sin air am beil iad tuille 's eòlach. 'Se sin an 
nì tha 'ga 'n coinneachadh, a' cur stad air am 
muinighinn 's air comas teachd am fagus do 
Dhia gach uair bu mhiann leò dlùthachadh 
ris ; (faic Breith. x. 10, 13,) tha iodhol-aoraidh 
a' phobuiU air a mhaoidheadh orraleis an Tigh- 
earna, 's chuir e ciil r'an iarrtas air an son. 



SHLAINTEIL ANN AN CmOSD. 15 

'Se sin an ni tlia tarruinn air falbh a' chridhe 
air tiis *sa' mhadainn, agus fa-dheireadh 's an 
òidhche, inar àmhuinn, air a teasachadh san 
òidhche, anns a' mhadainn tha i losgadh niar 
theine lasarach, air a' labhairt mu nah-aingidh, 
(Hos. vii. 6.) Agus a' togail an smuaintean 
gu minig air an leabaidh ; mar tha e air a ràdh 
mu chuid-eigin. '• Dealbhaidh e eu-ceart air 
a leabaidh," &c. (Salm xxxvi. 4,) an ni sin a 
tha gu tric a' toirt a' chridhe air falbh 
ann an àm dleasnais chràbhach, agus tha 'n 
spioraid air am beothachadh le bhi cùimh- 
neachadh air, ni's mò na le bhi cìiimhneachadh 
air an Dia a chruthaich iad, air chor *s gu'm 
beil an cridhe an tòir air ni-eigin ro-ghràineil, 
(Esec. xi. 21,) an ni sin a tha cur an aghaidh 
dhaoine 'nuair bu mhiann leò grèim a dhean- 
amh air a' ghealladh, mar tha Dia a' maoidh- 
eadh am peacaidh orra-san a tha gabhail 
gnothach r'a chùmhnanta. *' Ciod e do gnoth- 
achsa mo reachdan a chur an cèill, no gu'n 
gabhadh tu mo chomh-cheangal ann ad bheul," 
&c. (Salm 1. 16, 17.) 'Se sin an ni tha bacadh 
eòlais air staid ghràsmhor ; cuiribh uaibh an 
ni sin, agus bithidh e ni's usa dhuibh ruigh- 
eachd air làn chinnte mu chòir air Criosd. 

'Se 'n treas ni tha bacadh eòlais mu chòir 
air Criosd, spiorad leisg agus dearmad neo- 
chùramach ann an iomadh : tha iad a' gearan 
nach eil f hios ac' am beil no nach eil iad ann 
an Criosd : ach mar is tearc iadsan a tha 'g 



16 DEUCHAINN MU CHOIR 

oidheirpeachadh a bhi ann ; 's cò beag a 
chuireas do dhragh orra fèin fheuchaìnn am 
beil iad ann. 'S obair agus gnothach so nach 
urrainn daoin' a dheanamh 'nan cadal: '' Ceas- 
naichibh sibh fèin, am beil sibh sa' chreidimh ; 
dearbhaibh sibh fèin," (2 Cor. xiii. 5.) Tha na 
briathran eugsamhail tha air an gnàthachadh 
ann an so/se sin r'a ràdh, " Ceasnaich, dearbh, 
aithnich," ag ràdh gu'm beil mòr shaothair 
anns a' chùis. 'S èìgin dìchioll a dheanamh 
chum ar gairm 's ar taghadh a dheanamh 
cinnteach, (2 Pead. i. 10.) 'S cìiis i a tha os-- 
ceann cumhachd fala agus feòla : 's èigin do'n 
ùngadh naomh* a' theagaisgeas na h-uile ni, 
a thoirt òirnn gu 'n aithnich sinn na nithe 
a thugadh dhuinn gu saor o Dhia. (1 Eoin. 
ii. 20, 27. 1 Cor. ii. 12.) Am pàirtich an 
Tighearna Dia gnothach cho cudthromach ri 
daoine, 's nach dean iadsan uiread agus iarraidh 
air-san a dheanamh air an son ? Esec. xxxvi. 
37. 

Biodh nàir* oirbhse tha striìigheadh na h- 
uiread d' ur n-ùine ann an leughadh fhaoin- 
sgeulachdan spleadhach, ann an sgeudachadh 
bhur cuirp, ri sealgaireachd, agus ri aighear, 
a' rannsachadh lagh na rìoghachd 's mu thim- 
chioll bhur gnothaichean saoghalta; agus faod- 
aidh e bhith ann an nithe a's measa na iad sin; 
biodh nàir* oirbh gu'm beil sibh a' caitheamh 
cho beag d' ur n-ùin' ann an rannsachadh na 
cùise so, cò dhiià a's òighreachan air glòir 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 17 

sibh no nach eadh ? cò dhiii tha sibh ag imeachd 
air an t-slighe a tha treòrachadh a dh' ionnsaidh 
TÌoghachd na glòire, no air an t-slighe sin a 
chuireas air tìr sibh an dèis duibh an saogh- 
als' f hàgail, ann an àros na caoidhe, a' ghearain, 
a'bhròin agus an dubhachais, maille ri deamhain 
agus ri diabhoil ann an iomall dorchadais gu 
saoghal nan saoghal. A rahuinntir mo ghràidh ! 
smuaintichibh air a' chunnart anabarrach anns 
am beil sibh, agus teichibh gu luath a dh' ionn- 
saidh bhur caraid a's fearr ; a tha làn chomas- 
ach air bhur saoradh o thruaighe shiorruidh. 
Sibhs' a tha 'gar meas fèin os-ceann mion-ranns- 
achadh air a' chùis so^ agus nach fiù e bhur 
saothair, no earrann sam bith d' ar n-ììine a 
bhuileachadh air a' chùis ; do bhrìgh coltais 
'an sùilibh Dhè^, tha sibh 'gar meas fèin " neo- 
airidh air a' bheatha mhaireannaich," air chor 
's nach eil crannchur agaibh 'sa' chiìis so maiile 
ri luchd-muinntir Dhè. 

'Se 'n ceathramh ni tha cur dubhar air dearbh- 
chinnt mu chòir ann an Criosd, nach eil daoine 
aig ceann an comhairle mu thimchioll an ni a 
shàsaicheadh iad ; tha iad a' gearan nach nochd 
Dia dhaibh ciod a tha e dol a dheanamh riu ; 
ach cha-n urrainn iad fhathasd a ràdh gur 
aithne dhaibh ciod a shàsaicheadh iad mu thim- 
chioìla rìiin. 'S niro bhrònach so. An smuaint- 
ich sinn gu'm beil na daoine da rìreadh nach do 
shònraich riamh f hathasd air an ni a shàsaich- 
eadh iad, agus nach do rannsaich gu dùrachd- 



18 DEUCHAINN MU CHOIR 

ach mu thimchioU an nì sin d' am bu chòir an 
sàsachadh ? Na 'm fàgadh Dia 's an dorcha 
sinn mu 'n chùis sin, bu mhòid a bhiodh de 
leithsgeul againn a bhi màirnealach ann : ach 
do bhrigh gu'm beil stèidh ar sàsachaidii, agus 
na fìor chomharran air còir ann an Criosd, cho 
soilleir 's cho minig 's an Sgriobtur, 's a cho 
liugha nithe sgrìobhta, chum 's gu*m biodh 
ar gàirdeachas coilionta. (1. Eoin. i. 4.) 'S a 
chum's gu'm bifìos aca-san a chreideas gu'mbeil 
a bheatha mhaireannach aca, (Eoin. v. 13.) 'S 
do bhrìgh gu'm beil aige-san a chreideas, fian- 
ais air an nì sin ann fèin." (1 Eoin. v. 10.) Cha-n 
fhaod duine sam bith leithsgeul a ghabhail ann 
an so. Cha-n f haigh sinn 's an àm so fuireach 
r'a nochdadh ciod a dh' fhaodas, agus d' an 
còir ar sàsachadh mu thimchioll ar còir ann an 
Criosd: do bhrìghgu'm beil sinn ri labhairt gu 
mionaideach mu dhèidhinn an dèigh so. 

'S e 'n cùigeamh ni tha 'na iompaidh air 
daoine a chumail an dòrchadas mu thimchioll 
an còir air losa Criosd, gu'm beil iad a' socrach- 
adh air stèidh-eigin chaochlaideach, nach 
eil 'na dhearbhadh cho làidir mu chinnt air 
còir ann an Criosd, 's a tha iad air staid làn 
do chomh-fhurtachd do dh' anam buadhach 
a tha seòladh roimh 'n ghaoith ; agus is comh- 
arran iad, tha mi 'g aideachadh, a tha prìseil 
annta fèin, 's a ni còir air Criosd a mach gu 
soilleir far am beil iad ; ach gidheadh, faodaidh 
còir air Criosd a bhi as an eugmhais,agus faodar 



SHLAINTEIL ANN AN CraOSD. 19 

aithneachadh ann an tomhas niath mar an 
ceudna : labhraidh sinn mu nì no dhà dhiù. 

I. Tha cuid do dhaoin' a' smuainteachadh 
gu'm beil iadsan uil' aig am beil còir chinnteach 
air Criosd os-ceann cumhachd bhuadhar gach 
peacaidh. Ach tha so calg-dhìreach an agh- 
aidh an Sgrìobtuir so, '' Thug euceartan buaidh 
oirnn : ar n-eusaontais glanaidh tusa uainn," 
(Salm Ixv. 3,) far ani beil sinn a' faicinn an 
duine dhiadhaidh so sJ tagradh còir cheart air 
mathanas 'nuair bha 'm peacadh a' faighinn 
buaidh air : agus far am beil Pòl a* toìrt buidh- 
eachas do Dhia tre Chriosd, mar neach air a 
shaoradh o dhìteadh an lagha, eadhoin 'nuair 
tha lagh 'na bhallaibh *ga thoirt am bruid do 
'n pheacadh. Rom. vii. 23, 24, 25. 

II. Tha daoin' eir am barail gu'm beiT aca- 
san uile tha air mhodh slàinteil ann an Criosd 
saor chomas gu dhlùthachadh ri Dia gach uair 
a's àiU leo ann an ùrnaigh, 's gu'm beil moth- 
achadh ac' air freagradh d' an iìrnaigh gach aon 
àm. Ach tha so direach an aghaidh gnàthach- 
adh brònach, muladach, a iuchd-muinntir, a 
tha cruaidh-ghearan gu minig, nach eil an Dia 
a chruthaich iad 'ga 'n cluinntinn, no idir a* 
gabhail siìim dhiu. " Cia f had a Thighearn* a 
dhì-chuimhnicheas tu mi ? an ann gu bràth? 
Cia f had a dh* fholaicheas tu do ghnùis nam ?" 
(Salm xiii. 1.) " Mo Dhia, mo Dhia, c' ar- 
son a thrèig thu mi ? fad o 'm ghlaodh, o 
bhriàthraibh mo bhùiridh ? O mo Dhia! 



20 DEUCHAINN MU CHOIR 

gairmeam 's an latha, ach cha fhreagair thu ; 
agus 'san òidhche ach cha-n eil fois agam." 
(Salm xxii. 1, 2.) 

III. Tha cuid do dhaoine ann am barail 
gu'm beil aig a' mhuinntir sin uile aig am beil 
còir cheart air Criosd, Dia a' togail fianais 
dhaibh air an ni sin fèin, le àrd-oibreachadh a* 
spioraid mu'n do labhair an t-Abstol, *' Tha'n 
spioraid fèin a' deanamh fianais maiUe r' ar 
spiorad-ne gur sinn clann Dhè;"(Rom. viii.16.) 
uime so labhrar an dèigh so: ionnas 's gu'm beil 
na daoine sin a ghnà a' cur an còir fèin air 
Criosd an teagamh, air son gu'm bei) so a dh' 
easbhaidh orra. Ach cha-n eil iad a' cùimh- 
neachadh gur èigin daibh air tìis creideas a 
thoirt do 'n f hianais sìn a thug Dia mu Mhac, 
gu'm beil beatha na's leòir ann-san do dhaoine 
(1 Eoin V. 10, 11,) agus an sin sìiil a bhi aca ri 
seula agus fìanais an spioraid. " Neach an 
dèigh dhuibh creidsinn ann chuireadh seula 
oirbh le spiorad naomha sin a' gheallaidh," 
&c. (Ephes. i.l3.) Cho fad 's a dh' fhanas daoine 
's a bheachd sin, 's gann a's urrainn daibh 
teachd a dh' ionnsaidh eòlas cinnteach mu'n 
staid ghràsmhoir a dh' òrduich Dia do dhaoine 
a dhearbhadh agus a shoilleireachadh dhaibh 
fèin, air dhòigh eile fada o bharail nan daoìne 



SHLAINTEIL ANN AN CKTOSD, 21 



CAIB. III. 

Mearachdan mu thimcMoll còir air Criosdy air an 
gluasad airfalbh, 

'S E 'n cùigeamh nì r'a chur sìòs roi'-làimh, 
cuid do mhearachdan anns am beil daoine 
uUamh gu tuiteam, a thoirt air falbh, 'nuair 
tha sinn gu 'n còir air Criosd a dhearbhadh. 

I, 'S mearachd a bhi smaointeachadh gu'm 
beil dearbh-fhios aig gach neach a tha ann an 
Criosd, gu'm beil e air mhodh sìàinteil ann ; oir 
tha iomadh neach a tha ann an staid nan gràs, 
agus aig am beil deagh chòir air a' bheatha- 
mhaireannaich, aig nach eil fios air na h-uiread 
sin, gus an dearbhar dhaibh e an deigh làimhe. 
*' Na nithe sin sgrìobh mi do 'ur n-ionnsaidh, a 
tha creidsinn ann an ainm Mhic Dhè ; chum 
gu 'm bi fios agaibh gu'm bheil a'bheatha mhair- 
eannach agaibh." (I Eoin. v. 13.) 'Se sin gu'm 
bi fios aca gur creideich iad, agus mar so tha 
e air a chiallachadh nach robh iad fiosrach air 
roimhe. 

II. 'S mearachd a bhi smaointeachadh gu'm 
beil iadsan uile tha teachd gu eòlas mu 'n còir 
air Criosd, a' ruigheachd air an aon tomhas 
chinnte m' a thimchioll : faodaidh aon neach 
a ràdh, *< Oir a ta dearbh-bheachd agam nach 
bi bàs no beatha, no aingil no uachdaranachda, 
no cumhachda, no nithe a ta làthair, no nithe 
a ta ri teachd, no àirde, no doimhne, no 



22 DEUCHAINN MU CIIOIR 

3reutair sam bith eile, comasach air sinne a 
sgaradh o ghràdh Dhe," &c. (Rom. viii. 38.) 
Cha-n eil neach eil' ach a* teachd an fhad so 
air aghaidh. " A ta mi creidsinn a Thigh- 
earna, cuidich thusa le m' mhi-chreideamh.'* 
Marc. ix= 24. 

III. *S mearachd a bhi smaointeachadh gu'm 
beil gach neach a tha teachd chum dearbh- 
bheachd làidir air a chòir, a* fantainn a ghnà 
's a bheachd sin ; oir an tì tha 'g ràdh an 
diugh mu 'n Tighearna Dia gur h-e a thear- 
munn agus a dhaingneach, (Salm xci. 2.) agus 
a chuibhrionn, (Salm cxix. 5J,) faodaidh e 
bhith gu'n abair e air àm eile. " Ghearradh às 
mi o fhianais do shiìl," (Salm xxxi. 22,) agus 
gu 'm feòraich e, am beil fìrinn gealladh Dhè 
a' fàilneachadh gu siorruidh ? Salm Ixxvii. 7, 
8,9. 

lY. 'S mearachd mar an ceudna bhi smaoin- 
teachadh gu'm beil gach neach a tha faighinn 
dearbh-eòlas air an staid ghràsmhoir, comasach 
air gach cunnuil a nithear an aghaidh sin a 
f hreagairt gu riaghailteach ; ach gidheadh 
faodaidh iad an dearbhadh a ghleidheadh gu 
daingeann 's a ràdh, '' Oir a ta fhios agam 
cò ann a chreid mi," (1 Tim. i. 12.) 'S beag 
de bhunachar a chreidimh Chriosdail aìr ara 
beil mòran daoine cho làn-dearbhta, 's gu'm 
beil iad comasach air an cumail suas gu mion, 
an aghaidh gach argamaid a dh' fhaodar a 
ghnàthachadh 'nan aghaidh ; 's gidheadh tha 
iad eomasach agus coimhididh ìad an comh- 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 23 

dhùnadh gu cinnteach bunailteach : 'S amhail 
a thachair do'n chìiis so. 

V. Cha lugha am mearachd a shaoilsinn 
gur e 'n dòchas faoin sin gun bhunachar 
a tha dhaoine an-diadhaidh, aineolach, a' 
cumail rompa, an t-eòlas so air còir ann an 
losa Criosd a tha sinn a' tagradh ; oir tha 
iomadh gu cealgach ag aideachadh gur h-esan 
an Athair, (Eoin. vii. 41,)'s tha sùil aig mòran 
ri nèamh a shealbhachadh, a bhitheas air am 
mealladh mar bha na h-òighean amaideach, 
(Mat. XXV. 12.) Gidheadh cha-n fhaod sinn 
a smuainteachadh air son so, gur mealltair- 
eachd agus faoin-bharail neo-stèidheil gach 
uile eòlas air còir ann an Criosd, ged tha na 
h-amadannan sin air am mealladh ; oir an uair 
a tha na mìltean air am mealladh, tha cuid 
eile comasach air a ràdh air deagh stèidh 
làidir, chinntich, *< 'S aithne dhuinn gur h-ann 
o Dhia a tha sinne, 's gu'm beil an saoghal uile 
'na laidhe *san olc." 1 Eoin. v. 19. 



CAIB. IV. 

Na dòighean leis am heil cuid-eigin air an tarruinn 
a dh' ionnsaidh Chriosd leis an TJiU-chumhachd- 
ach^ gun mhothachadh air ullachadh roimk-làimh 
le obair-an-lagha. 

AiR dhuinn na nithe sin a chur sìos roimh- 



24 DEUCHAINN MU CHOIR 

làimh, tha e nis' a' leantainn gu 'n nochd sinn 
comharran àraid leis an tuig duin' am beil e 
air mhodh slàinteil ann an cùmhnanta ri Dia, 
's am beil còir shònraicht' aig' air Criosd an 
Siànaighear, air chor 's gii 'm faod e gu neo- 
mearachadach, le deagh bharantas, còìr a 
thagradh air fàbhar agus air slàinte Dhè. Cha 
shocraich sinn ach air dà chomharradh mhòra 
àraid, air dhuinn a bhi neo-thoileach dragh a 
chur air daoine le iomadh. 

Ach mu'n tionnsgain sinn orra so, labhraidh 
sinn mu thimchioll obair ullachaidh an lagha, a 
tha *n Tighearna Dia gu tric' a' gnàthach- 
adh chum a shlighe fèin ullachadh ann an 
anmaibh dhaoine. Faodaidh so a bhi 'na 
chomharradh le cuid de dhaoine. Theirear 
obair-an-lagha, no obair irioslachaidh ris. Tha 
rudeigin do choimeas aige ri spiorad na 
daorsa sin. '* Agus a tha nise fo 'n Tiomnadh- 
Nuadh a' co'-f hreagradh dha, agus is gnà leis 
daoine a threòrachadh gu spiorad na h-uchd- 
mhacachd." Rom. viii. 15. 

Ach 's feumail amhàin gu'n toir sinn fainear 
ann an so, (1.) Nach eil sinn gu labhairt mu 
obair uUachaidh so an lagha, mar chomharradh 
neo-mhearachdach air fìor chòir ann an losa 
Criosd, mar nach faodadh neach sam bith 
còir cheart a thagradh air deagh-ghean Dè, 
aig nach eil an obair roi-ullachaidh so 'na 
ceumaibh eugsamhail, mar tha sinn air ball ri 
labhairt m' a timchioll ; oir mar a chluinneas 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 25 

sinnj cha-n eil an Tighearn* a' leantainn an 
aona cheum sin do ghnà le daoine. (2.) 'Se 
'n t-aobhar sònraichte mu*m beil sinn a' labhairt 
uime, do bhrìgh gu'm beil Triath na beatha a' 
buntuinn ri iomadh, a tha e gu h-èifeachdach 
a' gairm, le leithid so do dh' obair ullach- 
aidh : agus faodaidh e bhith gu'n neartaich e 
iadsan ris an do bhuineadh air a mhodh so, 's 
gu'n daingnich e iad gu tuilleadh earbs' a 
dheanamh as na comharran a leanas. (3.) 
Agus faodaidh e misneach a thoirt do dhaoin' 
eile, a tha fo leithid sin do dhaorsa spioraid, 
mar dheagh chomharrradh air crìch gràsmhor. 
(4.) Far am beil Dia a' gnàthachadh a leitbid so 
do dh' obair ullachaidh, cha-n eil e leantainn 
aon dòigh no tomhas air oibreachadh leis na 
h-uile dhaoine anns an obair sin mar a chluinn- 
eas sinn. 

Chum an obair uìlachaidh so a làimhseach- 
adh ni's mionaidiche, ainmichidh sinn gu h-aith- 
ghearr na dòighean a's ro ghnàthaichte leis am 
beil an t-Uile-chumhachdach a' treòrachadh 
dhaoine air mhodh slàinteil chum a chiìmh- 
nanta, agus leis am beil e 'g an tarruìnn a dh' 
ionnsaidh Chriosd. 

Air tùs, Tha cuid-eigin air an gairm o'n 
bhroinn, mar bha Eoin Baiste, (Luc. i. 41, 
44;) no ann am bliadhnaibh an òige, mu'n 
tèid iad fad' air an aghart le 'n gniomharraibh 
ann an slighe Shàtain, mar bha Timoteus. 
(2 Tim. iii. 25.) Cha-n urrainn sinn a 

D 



26 DEUCHAINN MU CHÒlR 

shaoìlsmn gu'm beil aìg a' mhuinntir so aleithid 
sin do dh'obair ullachaidh mu 'm beil sinne a' 
labhairt. Agus do bhrìgh gu'm faod cuid eigin 
a ghibhail os-làimh gu'm beil iad fèin gu 
h-èifeachdach air an gairm air a' mhodh so, 
tha sinn a' cur fa'r comhair na comharran so a 
leanas mar dhearbhadh air a' chùis^ leis am faod 
a' mhuinntir a tha mar so air an gairm a bhi air 
an daingneachadh 'nan dòchas. 

I. Tha 'n leithid so do mhuinntir o aois 
an òige, cleachdte ri bhi air an cumail saor 
o thruailleachd ghnàthaichte, leis an tric 
le cloinn a bhi air an truailleadh ; mar tha 
mionnan, breugan, fanaid air creideamh, *s air 
daoine diadhaidh, &c A mhuinntir ud a tha 
Dia, a gairm gu h-èifeachdach, tha e g' an 
naomhachadh o àm na gairme èifeachdaich 
sin. Cha-n fhaod uachdaranachd a bhi aig a' 
pheacadh os an ceann, mar bhios aig' air daoine 
eile, do bhrìgh gu m beil iad fo ghràs. Rom. 
vi. 14. 

II. Tha creideamh, mar gu'm b'ann, nàdurra 
dhaibh ; 's eadh, cha-n fheum iad am bros- 
nachadh chum dleasanais chràbhach a choimh- 
lionadh, 'nuair nach eil iad ach dìreach 'nan 
cloinn : tha iad a' ruith gu deònach, togarrach 
air an t-slighe sin, air son gu'm beil rùn gràidh 
o'n leth a stigh *g an co'-èigneachadh, (2 Cor. 
V. 14,) air chor 's gu'm beil iad 'g an toirt fèin 
suas mpr shèirbheisich freantachd, gun cho- 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 2? 

èigueachadh air bith o'n leth a-muigh. (Rom. 
vi. 16. 

III. Ged nach eìl fios aig a' mhuinntìr so c'uin 
a dh' fhàs iad an tùs eòlach air Dia ; gidheadh 
tha'n dèigh làimhe aca na h-uiread do ghnàth- 
obair spioraid a' tuiteam a mach, mu'ra beil na 
naoimh 's an Sgriobtur a' labhairt, air nach eil 
cunntas againn mu 'n ceud iompachadh. Tha 
iad air an druideadh a mach o Dhia, air son 
aobhair eigin an dràst agus a rithist, agus tha 
comas aca teachd ni's dlùithe dha a rithist le 
'm fiosrachadh fèin : tha 'n cridhe, mar an 
ceudna, air f hosgladh ni's mò trid nan òrduigh- 
ibh, mar tha e air a ràdh mu Lidia. (Gniomh 
xvi. 14.) 'S tric leò gu 'n cuimhnich iad, 
'nuair bha pong àraid do chreideamh agus 
do dhleasanas, no 'nuair a bha peacadh àraid 
nach do mhothaich iad roimhe, air fhoillseach- 
adh dhaibh. Tha mòran aig a' mhuinntir sin a 
dh' faodas na nithe sin a cho-chur riu fèin, ri 
ràdh mu thimchioll an gairm èifeachdaich o 
aois an òige. 

A?ins an dara h-àite, Tha cuid eigin air 
an toirt a dh' ionnsaidh Chriosd ann an slighe 
cumhachd an t-soisgeil, 'nuair tha 'n Tighearna 
le beagan de bhriathran gràidh a tha siugadh 
suas obair an lagha, a' deanamh prìosanach do 
neach gu grad 'sa cheud dol a mach, mar rinn 
e air Sacheus, (Luc xix.) agus air muinntir eile, 
a thrèig gach ni bha aca 'sa lean Criosd, 'nuair 
a labhair e aon fhacal riu ; 's cha-n eil sinn 



28 DEUCHAINN MU CHÒIR 

a* eluinntinn iomradh air bith gu'u do bhuìn- 
eadh riu le obair-lagba mu'n do ghabh iad ri 
Criosd. 

Agus do bhrìgh gu'm faod mòran a ràdh gu*m 
beil a'ghairm èifeachdach so acafèin, labhraidh 
sinn càileigin mu nithe ro chomharraichte ann 
an cùis Shacheus; chum a* chùis a shoilleireach- 
adh dhaibh agusan daingneachadh 'nam barail. 
(1.) Bha càileigin do dhèidh aig' air Criosd 
fhaicinn, dèidh a thug air an ni sin a sheach- 
nadh a mheasadh cuid-eigin gu'm bu chrìonn- 
achd agus gliocas e, 'nuair a streap e suas ri 
craoibh chum esan fhaicinn. (2.) Labhair 
Criosd air mhodh èifeachdach r' a chridhe, 
agus dhrùigh am facal sin air cho mòr 's gu'n 
do ghabh e gu grad ri tàirgse Chriosd le gàird- 
eachas, agus ghabh e ris mar a Thighearna, 
'nuair nach robh ach ro bheag do dhaoinecurah- 
achdach 'na rìoghachd 'g a leantainn (3.) 
An sin dh* f hosgail a chridhe do na bochdaibh 
ged bha e do bhrìgh coltais 'na dhuìne sannt- 
ach roimhe. (4.) Bha mothachadh iomchaidh 
aige air a chaithe-beatha 's an àm a chaidh 
seachad, a' nochdadh a speis do lagh Mhaois ; 
agus tha e leigeil so f haicinn am fianais na bha 
's an làthair uile, gun umhail aige e fèin a 
mhaslachadh anns na nithibh sin a bha math- 
dh-fhaoidte falaicht' o'n t-saoghal. An dèigh 
so uile, dhaingnich Criosd an cùmhnanta le 
'fhacal ; a' cliùthachadh dha an aonachd 
dàimh sin, a bhuineadh a bhi eadar e fèin agus 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 29 

na naoimh, agus smuaintean mu thimchioìl 
a staid chaillte fèin, mur tigeadh Criosd g'a 
iarraidh, 's mur faigheadh se e : Tha gach nì 
dhiù so soilleir o Luc. xix. 3-— 10. 

Tha sinn ag aideachadh gu'm beil an 
Tighearna Dia a' gairm cuid air a mhodh 
so, agus ma dh' fhaodas neach sam bith còir a 
thagradh air na nithe àraid mu 'n do labhair 
sinn, tha dearbhadh làidir aca o'n Sgriobtur 
sin, gu'n do bhuin Dia air mhodh gràsmhor 
riu : ni mò tha iad r'a ghabhail gu h-olc nach 
eil aca lagh-obair uUachaidh gu soilleir air a 
h-oibreachadh annta, ma thug an cridhe làn 
ghèill do dh' losa Criosd : oir cha-n eil iagh- 
obair r'a miannachadh, ach a chum na crìche 
so. Air an aobhar sin tha Criosd g'a thàirgse 
fèin gu dìreach anns an Sgriobtur, agus tha 
cuireadh aig daoine teachd d' a ionnsaidh : 
agus ged' nach tig mòran d*a ionnsaidh-san, 
neach, a tha 'na Urras, gus an cuir Spiorad na 
daorsa thuige gu teann iad air son nam fiach 
gidheadh na 'n teicheadh neach sam bith a dh' 
ionnsaidh Chriosd, agus làn ghèill a thoirt dà, 
le mothachadh air a staid chaillte, cha-n 
fhaodadh aon neacli, le barantas obair lagha a 
sparradh air. 

Mu dhèidhinn dhaoìn' eile, air 'n do chuir 
Criosd iompaidh le 'f hacal chum a leantainn ; ge 
b'e nì a rinn e, no ge b'e dòigh air an do labhair 
e riu 'nuair a choinnich e 'n tùs iad, 's eigin 
duinn gu reusant' a shaoilsinn gu 'n do nochd 



30 DEUCHANN MU CHÒIR 

e na h-uiread d' am feumalachd fèin, agus d'a 
iomlanachd, agus do a rò-oirdheirceas fèin 
dhaibh, air chor 's gu'n do rùnaich iad an t- 
iomlan fhàgail, agus ruith le dian-thogradh gu 
ro dheònach as a dheigh ; agus ma dh' oibrich- 
eas e air a mhodh so air neach sam bith, cha-n 
eil sinn ag iarraidh tuilleadh, do bhrìgh gu*m 
beil iad leis an fhoillseachadh sin a* faicinn an 
fheum ro mhòr a tha ac' air an lèigh. 

Air chor 's o so uile, mar a dh* f haodas 
cuid eigin a bhi air an daingneachadh 's air 
an neartachadh, ris 'n do bhuin Dia air an 
dòigh so ; mar an ceudna, cha-n eil stèidh na 
aobhar aig anmaibh meallta chum iad fèin a 
chur an deagh dhòchas mu thimchioll an staid, 
a tha fantainn aineolach agus neo-mothachail 
air an truaighe fèin agus air uil'-fhoghainteas 
Criosd a chum an saoradh o'n truaighe ma 
thig iad d* a ionnsaidh. 

'S an treas àite, tha cuid eile air an toirt a 
dh' ionnsaidh Chriosd air dhòigh tha nochdadh 
ni's soilleire a shaor-ghràs ; agus 'se so, 'nuair 
a ghairmeas e daoine air mhodh èifeachdach 
aig uair a' bhàis. Tha sinn a' faicinn rudeig- 
in air a chur sìos mu 'n dòigh so, ann an 
làn-eiseamplair a' mhèirlich air a' chroich. 
(Luc. xxiii. 39 — 43.) Ged nach eil buntainn 
ro mhòr aige so ris an nì mu'm beil sinn a' 
labhairt ; gidheadh labhraidh sinn rudeigin 
m*a thimchioll, chum *s air an dara làimh nach 
bi daoine ro obann ann an toirt breth orra fèin. 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 31 

no air daoine eile, roimh 'n deò mu dheireadb. 
Agus soiìleirichidh sinn e air an làimh eile, air 
dhòigh 's nach bi chridhe aig daoine dàil a chur 
ann an cùis cho cudthromach gus an uair mu 
dheireadh d' am beatha. 

Tha sinn a' faicinn nan nithe sin ro shòn- 
raicht' anns a' chùis sin eadar Criosd agus an 
gadaiche. (1.) Tha 'n duin' a' cur amach air a 
chompanach a bh' aige roimhe. (2.) Cha-ri eil 
a chridhe aig' aon droch f hacal a labhairt mu 
Dhia, ach 's ann a tha e 'ga fhireanachadh 
anns gach ni a thachair dha fèin. (3.) Tha e 
nis' a' faicinn losa Criosd ais a gheur-leanmh- 
uinn gu ro eu-corach ledaoine, gun cheann-fàth. 
(4.) Tha e toirt fainear gur Tighearn' agus 
gur Rìgh losa Criosd, 'nuair tha nàimhdean 
mi-rìinach a' . deanamh tàir' air. (5.) Tha e 
creidsinn cho cinnteach gu'm bi glòir shior- 
ruidh ann an dèigh bàis, agus gu*m beil e gabh- 
ail cuibhrìonn de mar roghainn air tèaruin- 
teachd a bheatha chorporra 's an àm a tha làth- 
aìr ; agus bha dearbh-fhios aige gu'n robh 
Criosd làn-chomasach air sin a thoirt dà 's an 
àm sin ; agus dh' f haodadh e sin a roghnachadh 
maille ris a ghadaich' eile. (6.) Ged bha barail 
cho ìosal aig' air fèin, 's nach do ghuidh e ach 
gu'n cììimhnicheadh Criosd air; gidheadh 's 
math a bha e cho dàna 's e fèin a làn-earbsa 
r'a Fhear-saoraidh beannaichte ; agus bha na 
h-uiread chreidimh aig' ann an uil-fhoghainteas 
Chriosd, 's gu'n do mheas e gu 'm bu leòir 



32 DEUCHAINN MU CHÒIR 

cuimhneachadh Chriosd, chum a làn-ghnothach 
a dheanamh. (7-) Cho-aontaich e gu bìasda 
leis an f hacal a labhair Criosd ris, mar stèidh a 
cho-fhurtachd. Tha iad so uile ro shoilleir 
ann an cùis an duine bhoehd sin aig uair a 
bhàis, agus tha iad a' dearbhadh gu 'n d* oib- 
rich Dia gu ro èifeachdach air a chridhe. 

Mar a dh' fhaodas na nithe roi-ainmichte 
sin misneach a thoirt do chuid adhaoine chum 
dàil a chur ann an aithreachas, agus feitheamh 
ri math f haotainn o Dhia, nach f haod f hathasd 
còir shoilleir a thagradh air a bheag sam bith 
do dh' obair dian, spiorad Dhè ; tha sinn 
ag aslachadh gu dian, dùrachdach air gach 
uile neach, mar a's toigh leò an anmaibh fèin, 
gun dàil a chur ann an gnothach cudthrom- 
ach an anma, ann an dòchas ri leithid so do 
chòmhnadh èifeachdach o Chriosd 'an deireadh 
an làithean, mar tha mòran a' deanamh ; air 
dha so a bhi 'na fhìor mhiorbhuil tròcair, leis 
a' ghlòir tre 'n tug Criosd buaidh-chaithream 
thar masladh a' chroinn-cheusaidh ; agus tha e 
deacair dhuinn a leithid so f haotainn ann an 
earrann sam bith eile do 'n Sgriobtur. Seadh, 
mar nach eil ach beag uile air an sàbhaladh. 
(Mat. XX. 16.) Tha mòran air an gairm, ach 
beag air an taghadh ; agus ro bheag air an 
sàbhaladh air an dòigh so : Mar no bhagair 
an Tighearna gu ro chinnteach gu 'n dean e 
gàire mu àmhghar, 's nach èisd e ri glaodh na 
muinntir sin, a rinn roimhe so fanaid air a 
smachdachadh, 's a thionndaidh cluas bhodhar 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 33 

ris 'nuair a ghlaodh e riu. *' A chionn gu'n 
do ghairm mi, agus gu 'n do dhiùlt sibhse, 
gu 'n do shìn mi maeh mo làmh agus nach tug 
duine sam bith an aire ; ach gu'n do chuir sibh 
an neo-bhrigh m' uile-chomhairle, agus nach 
b* àiU leibh a bheag do m* achmhasan ; Ni 
mise mar an ceudna gàire ri'r sgrios-sa ; ni mi 
fanaid 'nuair a thigbhurn-eagal." (Gnà. i. 24 — 
26.) Ged nach eil an sgriobtur so a' dùnadh 
dorus tròcair air aon neach, a tha gu treibh- 
dhireach 'ga cheasnachadh fèin aig uair a 
bhàis, 's a tha teicheadh le mothachadh air a 
thruaighe fèin a dh* ionnsaidh Chriosd, àrd- 
lèigh an anma, mar rinn an gadaiche aithreach- 
ail so ; gidheadh 's nì cinnteach gu'm beil e 
ciallachadh nach eil ach ro bheag a tha cur cùl 
ris an tairgse gus an uair mu dheireadh a tha air 
an onorachadh le aithreachas iomlan mar bha 
esan ; agus do bhrìgh nach eil an glaodh 
dùrachdach agus de 'n t-seòrsa cheart, cha-n 
èisdear ris. 



CAIB. V. 

Obair an lagha leis am heil an Tighearna 'g 
ullachadh a shlighe do dK anmaibh dhaoine ; 
a tha 'n dara cuid ni's neartmhoire agus ni's 
ealamhy no ni's ciùine agus ìiis socraiche, 

'Se 'n ceathramh, 's an dòigh a's gnàthaichte 
leis am beil mòran air an toirt a dh* ionnsaidii 



34 MUCHAINN MU CIIÒIR 

Chrìosd, le obair shoilleir, fhoillsichte an 
lagha, 's le irisleachadh, ris an abair sinn gu 
minig <' Spiorad na daorsa," mar a thuirt sinn 
roimhe. Cha-n eil sinn a' ciallachadh gu*m 
beil gach neach aig ambeil a choguisair a dùsg- 
adh le peacadh *s le eagal fèirge, a' gabhail da 
rireadh ri Criosd air mhodh slàinteil ; oir tha 
cheart atharrachadh soilleir o Chain, Saul, 
ludas, &c. Ach tha geur-mhothachadh peac- 
aidh, dùsgadh cogais, agus obair irioslachaidh 
ann, a tha, mar a shoilleiricheas sin iad^ ro ain- 
mig a' teachd gearr air crìch ghràsmhoir ; ach 
's tric leis na nithe sin daoin' iompachadh 
chum spiorad na h-uchdmhacachd, agus chum 
Dbair ghràsmhor Spioraid Dhè. Agus do 
ohrìgh gu'm beil an Tighearna Dia a' buntainn 
ri mòran pheacach air a mhodh so, agus gu'm 
beil e cruaidh air mòran breth neo-chlaon a 
thoirt air obair an lagh, labhraidh sinn mu 
thimchioll gach earrann do'n obair sin fa leth. 
Tha'n obair so an dara cuid air a toirt nm'n 
cuairt gu neartmhor, grad, no gu socrach 
f òil, air a sìneadh a mach car ùin' a's mò, air 
chor *s gu'm beil a h-oibreachadh so-mhothach- 
ail agus ro fhollaiseach. Tha mi 'g ràdh' 
gu'm beil i ni's neartmhoire agus ni's dèine ann 
an cuid-eigin, mar ann am fear-coimhid a* 
phrìosain, Pol, agus ann an cuid eile de chreid- 
ich ann an leabhar Gniomharra nan Abstol, air 
an do bhrùchd Criosd a stigh gu grad, 's air 
an tug e buaidh mar le teine 's le faobhar a' 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 35 

chlaidheirah, 's a thug e gu ro dhian am bruid 
iad ; agus do-bhrìgh gu'm beil cuid de mhòr. 
ghluasad an lagha ro mhealltach a' tionndadh 
gu neo-ni, mur eil a chum ni's miosa, nochd- 
aidh sinn nitheigin ro chomharraichte anns 
na daoin' iompaichte sin air 'n do labhradh 
roimhe, a dhearbh gu'n tug obair an lagha a 
mach crìoch agus toradh gràsmhor. (1.) Tha 
facal no frithealadh eigin, a* cur duine gu amh- 
aras uabhasach le mòr-ghluasad 's an anam : 
Tha cuid air am bioradh 'n an cridhe. (Gniomh. 
ii. 37.) Tha dream eile a* criothnachadh, 
(Gniomh. xvi. 29.) Agus tha 'n gluasad so cho 
èifeachdach, 's gu'm beil an duin' air a thoirt 
gu ceann a chomhairle : " Ciod a*s àill leat 
mise 3. dheanamh ?" arsa Pòl. " Ciod is 
còir dhomh a dhèanamh chum gu n tèarmar 
mi?** (Gniomh. ix, 6; xvi. 30,) arsa fear- 
coimhid'a' phrìosain, (2.) Tha 'n duine làn- 
toileach slàint' agus càirdeas Dhè bhi aige air 
chùmhnant air bith, mar tha cheista'ciallachadh, 
^* Ciod a nì mi .^" mar gu 'n abradh e, ciod 
nach deanainn ? ciod nach trèiginn ? ciod nach 
fuiliginn ? (3.) Tha 'n duin' a' gabhail a 
chìimhnanta tha air a thàirgse le Criosd 's le 
luchd-muinntir, mar tha e soilleir o na Sgriob- 
turaibh roi-ainmichte. (4.) Tha 'n duin' air 
ball a dh' aon inntinn ris na naoimh a' gabh- 
ail leis a' mhuinntir sin a tha air an dian- 
ruagadh, a' toirt urram do'n dream air an d' 
rirm e roimhe geur-leanmhuinn, ag aontachadh 



36 DEUCHAiNN MU CHÒIR 

leò 's a' buanachadh maille riù ann an aidmheil 
Chriosd, anns gach cunnart agus deuchainn. 
Tha mòran aig a' mhuinntir ris 'n do bhuin 
Dia air an dòigh so, r'a ràdh mu thimchioll 
obair ghràsmhor Spiorad D.hè annta fèin ; agus 
tha e coltach, gu 'm faod mòran an obair 
ghràsmhor so a chomharrachad o leithid do 
dh' àm, do dh' fhacal, no do fhrithealadh, 's 
gu'm beil iad comasach rudeiginn do chunnt- 
as a thoirt air na thachair eadar Dia agus lad 
fèin, 's air an atharrachadh rahothachail a bha 
air oibreachadh orra 's an àm sin, mar tha Pòl 
a' toirt làn-chunntas mu oibreachadh Dhè ann 
fèin an dèigh làimhe. Gniomh xxii. 

A rithist, tha 'n Tighearna air uairibh a' 
toirt na h-oibreach so air a h-aghaidh ni's 
ciijine, ni's socraiche, agus ni*s tosdaiche, a' 
tarruinn na h-uiread ùine 's gu'm beil gach 
earrann fa leth do ghnàthachadh dhaoine ro 
shoilleir so-fhaicinneach. Thàirneadh e mòran 
d'ar n-ùine na'm mìnicheamaid gach earrann fa 
leth do'n obair so ; ach cha toir sinn fainear 
ach na nithe a's ro shoilleire anns a' chùis. 

1. Tha Dia a' cuartachadh dhaoine a dhiùlt 
gu bitheanta, faodaidh e bhith, iad fèin a 
strìochdadh dha, a tha g'a thàirgse fèin 'na 
òrduighibh, agus le facal eigin air a shearmon- 
achadh, air a leughadh, no air a sparradh air 
an inntinn, no le freasdal eigin a' treòrachadh 
a stigh a chum an f hacail, tha e toirt ionnsaidh 
air an taigh a bha air a choimhid gu sìothchai) 



SHLAINTEIL AN^ AN CRIOSD. 37 

leis an diiine làidìr, an Diabhol ; s' mar so tha 
Criosd, neach a tha 'na dhuine ni's làdire, a' 
teachd air agus 'ga cheannsachadh, (Luc. xi. 
22,) 's le spiorad na fìrinn, a* ceangal an 
f hacail air an duine, anns am beil fearg Dhè 
air a bagradh an aghaidh a leithid so no sud do 
pheacaibh, a tha fios aig an duine gu'm beil 
e fèin ciontach dhiù. Tha 'n spiorad a* cur 
iompaidh air an duine 's a' cur am fiachaibh 
air, gur h-e fèin an ceart neach an aghaidh 
am beil facal Dè a' labhairt, do bhrìgh gu'm 
beil e ciontach do leithidibh sin do pheacaibh ; 
agus o mhothachadh air cuid do pheacaibh, 
tha'n duin* air a threòrachadh chum tuille 
dhiù fhaicinn, gus an tric leis sealladh fhaot- 
ainn air peacannan 'òige, peacannan dearmaid, 
&c. 'Seadh, tha e air a thoirt air aghaidh 
gus am beil e g'a fhaicinn fèin gu inbhe bhig, 
ciontach do bhriseadh an lagha gu h-iomlan : 
tha e faicinn uilc gun àireamh ga chuart- 
achadh, mar tha Daibhidh a' labhairt ann an 
earrann d' a ghnàthachadh, (Salm xl. 12.) Chi 
duin' air uairibh sealladh ro ghràineil air a 
pheacadh anns an staid so, 's tha e furachair, 
geur-sheallach chum a mheas gu'm beil e fèin 
ciontach gu inbhe bhig do gach peacadh air 
an cuar e iomradh. Mar so tha tha 'n Spiorad 
a' toirt dearbh-shoilleireachd air a* pheacadh» 
Eoin xvi. 8. 

II. Tha 'n t-Uile-Chumhachdach a' cur air 
chrith ionad àraid làidir anns an daighneach, 

£ 



38 DEUCFIATNN MU CIIfiIR 

dìdean bhreug, d' am beil an duin' a' teich- 
eadh, 'nuair tha a pheacannan air a' mhodh so 
air am foillseachadh dha. Tha 'n duine truagh 
a' gabhaiì os-làinih gu'm beil creideanìh aig'ann 
an Criosd, leis am beil e ara brirail gu'm beil 
'uallach air a thoirt deth, mar a thuirt na 
Pliaraisich. " Tha aon Athair againn eadhon 
Dia." (Eoin viii, 41.) Tha iad a' deanamh 
dheth gu'm beii dàimh àraidaca ri Dia mar an 
aon Tighearna. Tha spiorad an Dè bheò a' 
cur duin' as a bheachd so le fìrinn an Sgriob- 
tuir,a'dearbhadh nach eil aige fìor chreideamh, 
agus mar sin nach eil còir aig' air Criosd, no 
idir fìor gliràs slàinteil ; a' nochdadh eadar- 
diiealachadh soilier eadar fìor ghràs agus na 
barailean ceaigach a bha aig an duine ann fèin ; 
agus an t-eadar-dheaiachadh tha eadar e-fein ; 
agus a' mhuinntir a tiia 'nam fìor chreidich, 
mar shaoithrich Criosd a' dheanamh dhàibh mar 
chi sinn an so ; " Nam b'e Dia bhur n-Athair, 
ghràdhaicheadii sibh mise : Tlia sibhse o bhur 
n athair an diabhol, agus is iad ana-mianna 
bÌHir n-athaira's toii leibh a dheanamh," (Eoin 
viii. 42, 44 ) Air chor 's gu'm beii eagal a' 
gi »cadh a chealgair 'na chridhe, (Isa. xxxiii. 
14,) gu h-àraidh 'nuair tha Dia a' foiilseach- 
adh diia cùmhnantan ann am niòran do na 
geaiiaidhean sin anns ain bu mhò bha e cur d'a 
dhòchas, ro dhuiiich fhaotainn ; tha e nis' a' 
motliachadh gur nì-eigin eiie gràs agus creid- 
eamh, 's nach iad idir na nithe a siiaoii leis 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 39 

roimhe so a bha annta. Faodaìdfi sinn ann aii 
seadh-eìgin am facal sin a cho-chur 's an àite 
so, '<• Tha 'n Spiorad a' toirt dearbh-shoilleir- 
eachd dha mu pheacadh, do bhrìgh nach do 
clireid e anns a' Mhac,'' (Eoin. xvi. 9.) Tha 
geur-mhothachadh aira thoirt dà gu sònraichte 
mu mhì-chreideamh, tha e nis' a' faicinn eadar- 
dhealachadh mòr eadar e fèin 's na daoine 
diadhaidh, a shaoil leis roimhe so nach tug 
barr air fèin ann an ni sam bith, ach a mhàin 
ann am mion fhoirm uaibhreach, fhuathachj 
neo-f heumail ; tha e nis' a' faicinn gu'n robh 
air a mhealladh, agus air an t-slighe leathaiii 
maille ris an t-sluagh a tha dol am mugiìa; 
agus mar so leis an t sealladh so air a thruaighe, 
tha e cromadh sios fo uallaich fèin, a shaoiì 
e roi 'n àm so, a bha Criosd a' ghiùlan air 
a shon ; tha e nis' a' gabhail eagail roi* na 
gealìaidhnean, air son nam briathran so 's an 
leithidean eile, " Ciod do ghnothach ri m' 
chùmhnant' a ghabhail ann ad bheul?" &c. 
Salm 1. 16. 

III. Tha 'n duin' a' fàs cìiramach m'a shlàinte, 
's a' tòiseachadh air sùim a ghabhail de'n chiìis 
mar an t-aon nì feumail ; tha e air a thoirt 
chum na h-inbhe so maille ri fear-coimhid a 
phriosain. " Ciod is còir dhomh a dheanamh 
chum gu'n tèarnar mi ?" (Gniomh xvi. 30.) 'Se 
slàìnt' 'anma an ni a's mò tha cur do dh' 
ioniagain air: se sin an nì bu lugha bha 'na 
aire roimhe so, ach a nise tha e faighinn buaidh 



40 DEaCHAIXN MU CHÒIR 

air, 's cha-n eil mòr-shuim aige do nithibh 
eile. Do brìgh gu'm beil 'anam ullamh gu dol 
am mugha, ciod a' bhuannachd a ni e dhà ged 
a choisneadh e 'n saoghal ma chailleas e 'anam ? 
(Mat. xvi. 26.) Tha cuid aim an so a th' air 
an cur thuige gu ro mhòr le smuaintibh mu 
òrdugh neo-chaochlaidheach Dhè chum an cron, 
's le eagal bàis neo-chinnteach, a dh* fhaodas 
an glacadh mu*m faigh iad gnothaichean a 
thoirt gu crìch ; agus tha daoin' eil' ann a tha 
air an cràdh le smuaintibh, gu'm beil iad 
ciontach do'n pheacadh an aghaidh an Spioraid 
Naoimh' anns nach faighear mathanas, agus a 
tha air an tarruinn air an dòigh so gu staid ro 
chunnartach, agus Sàtan a' nochdadh dhaibh 
iomadh coimeas truagh, mu dhaoin' a chur gu 
brònach crìoch alr an beatha fèin : ach tha 
iadsan ann an làmhaibh neach aig am beil 
dearbh-fhios cionnas a ni e còmhnadh riùsan 
a tha air am buaireadh. Eabh. ii. 18. 

lY. 'Nuair tha duine mar so ann an cunnart 
tuiteam, tha 'n Dia tròcaireach a' gnàthachadh 
obair thròcair chum a chumail .suas gu sàmhach, 
dìomhair os n-ìosal : 's a' foillseachadh d'a 
inntinn gur comasach dha bhi air a shàbhaladh, 
a treòrachadh an duine gu cuimhneachadh air 
dearbhadh làidir mu shaor-ghràs saibhir Dhè, 
a tha toirt mathanas ann am peacaibh an- 
trom, mar bha Manases, neach a bha'na fhear 
iodhal-aoraidh 's 'na dhuine fuilteach, agus aig 
an robh comunn ris an diabhol, agus gidheadb 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 41 

fhuair e mathaDas. {2 Eachd. xxxiii. 12, 13,) 
agus iomadh earran eile do'n Sgriobtur a tha 
tàirgse gràs agus fàbhar Dhè do gach aon 
neach a bheir gèiU do Chriosd, ge b' e nì d' an 
robh iad ciontach 's an àm a chaidh seachad ; 
air chor 's gu in beil an duin' air a thoirt a 
rithist chum na h-inbhe so, " Ciod a nì nii 
chum gu'n tèarnar mi ?' nì tha ciallach- 
adh, gu'm beil e ann am barail gur comasach 
dha bhi air a shàbhaladh, no cha chuireadh e a 
cheist. Tha e co-chur an fhacail so no lethid 
eile ris fèin, " Faodaidh e bhith gu'm bi sibh 
air bhur falach ann an latha fèirg' an Tigh- 
earna," (Seph. ii. 3) Cha-n eil e nis' a' 
faicinn nì sam bith 'g a bhacadh o thròcair ma 
tha chridhe toileach gabhail ris. Gidheadh 
faodaidh e bhith nach eii an duine a' toìrt 
fainear, gur h-e an Tighearna Dia tha 'ga 
chumail suas 's an àm so, ach faodaidh e 
aithris an dèigh so, " Nuair bha chas a' 
sleamhnachadh, gu 'n do chum tròcair Dhè 
suas e ;" a (Salm xciv. 17, 18,) chì sinn an 
Salmadair a' labhairt ann an cùis eile. Agus 
thuirt e 'n dèigh sin 'Nuair bha e tnar hhrùid ^s 
mar amadaiiy air iomadh, dòigh giin do chùm 
Dia suas air làimh e. Salm Ixxiii. 22, 23. 

V. An deigh dha f haotainn a mach mar so, 
gur comasach dha bhi air a thèarnadh, tha 
obair tograidh air a beothachadh anns an an- 
am ; ni tha làn-shoilleir o na braithraibh ceudna, 
*' Ciod a nì mi chum gu'n tèaruar uii ?" 
Ach air uairibh tha*n togradh soaira stiùradh 



42 t^EUCHAINN MU CHÒIR 

gu docharach, 'nuair tha e dol a mach air a 
mhodh so, '* Ciod a nì mi chum 's gu'n oibrich 
mi oibre Dhè ?" (Eoin vi. 28.) Anns an staid 
so, tha 'n duin' a bha roimhe soro iomagaineach 
le geilt-chrith agus cùram mu thimchioll a 
shlàinte, toileach a nis' air obair eigin leis fèin a 
dheanamh chum a shaoradh o thruaighe shior- 
ruidh : agus ann an so tha e gu grad sJ cur roimhe 
gu 'n dean e gach nì tha air àithneadh 's gu 'n 
trèig e gach droch shlighe, (gidheadh, a' dear- 
mad còmhnadh Chriosd iarraidh) 's mar sin 
tha e tionnsgnadh air rudegin de mhisnich a 
ghabhail d'a ionnsaidh fèin a rithist, a' cur 
'fhìreantachd fèin air chois, gun bhi strìochd- 
adh do dh' fhìreantachd Chriosd. (Rom. x. 
3.) Air an aobhar sin, tha 'n t-Uile-chumh- 
achadh a' toirt ionnsaidh eil' air, a' cur roimhe 
a staid chaiUte ann fèin a nochdadh dha, air 
chor 's gu'm faic e 'm feum anabarrach a tha 
aig' air an Urras, eadhon air losa Criosd ; 
mar rinn losa air a phobuU, 'nuair a chunnaic 
e gu'n robh iad cho an-dàna 'nan oidheirp. 
" Cha-n urrainn duibh sèirbheis a dheanamh 
do'n Tighearna,*' ars' esan, '* oir is Dia ro 
naomh e, is Dia eudmhor e," &c. (los. xxiv. 
18, 19.) Tha Dia anns an ionnsaidh so tha e 
'toirt air anduine. (J.) Agaomadh 'naaghaidh 
nàdur spioradail an lagha ; tha 'n àithne teachd 
le nuadh iarrtas 'na seadh spioradail. (Rom. vii 
9.) Thàinig an lcigh, arsa Pol, 'se sin 'na sheadh 
spioradail ; cha d' f huair Pòl a shamhail so 
do shealladh air an lagh riamh roimhe. (2.) 



SHl.AINTEIL ANN AN CRIOSD. 43 

Tha Dia air mhodh ro naomh a' fusgladh nan 
cuibhreach teann, a leag e air truailleachd an 
duine^ 's cha-n e mhàin gu'm beil e fulang dha 
oibreachadh agus lionadh 'san leth a stigh, ach 
a* bagradh gu 'm brùchd e amach anns na buill 
uile o'n leth a muigh. Mar so tha'm peacadh 
a' fàs ro dhàna, a' cur an lagha ann an neo- 
shùim, 's a' fàs ro pheacach. " Ach air do'n 
pheacadh fàth a ghlacadh tre 'n àithne, db' 
oibrich e annam gach uile ghnè an-tograidh. 
Oir as eugmhais an lagha bha 'm peacadh marbh. 
Oir bha mise beò as eugmhais an lagha uair- 
èigin : ach air teachd do'n àithne, dh' ath- 
bheothaich am peacadh, agus fhuair mise bàs. 
An d' rinneadh an nì sin a tha math, 'na bhàs 
dòmhsa? Nar leigeadh Dia. Ach am peacadh 
chum gu 'm faicte gur peacadh e. ag oibreach- 
adh bàis annam-sa leis an nì sin a ta math ; 
chum tre 'n àithne gu'm fàsadh am peacadh ro 
pheacach." (Rom. vii. 8— 13.)— (3.) Tha 
Dia 's an àm so a* nochdadh tuille do'n duine 
na nochd e riamh roimhe dha, neo-ghlaine 
*f hìreantachd, agns a' ghaoid a tha anns na 
nithibh a's fearr tha aige. Tha na nithe sin 
a' marbhadh an duine, 's tha e faighinn a' bhàis 
'na bharail fèin, (Rom. vii. 9,) 's tha e call an 
dòchais a bha aige ri còmhnadh ann fèin, mur 
tig e à àit' eile. 

VI. An sin, andèigh d'a smuaintibh a bhi ro 
iomarcach, 's tric leis an duine chur roimhe 
dol do dh' àit eigin dìomhair ; tha toil 
aig' a bhi 'na aonar, cha-n urrainn e cuid- 



44 DEUCHAINN MU CHOiri 

eachd a<^^us còmpanas a ghleidheadh mar 
b* àbhaist da, coltach riìi-san tha ann am baile 
air a chuartachadh le naìmhdibh mì-runach, 
'nuair tha iad a' mothachadh gur h-èigin 
daibh slrìochdadh, bithidh iad ro dheònach air 
tighinn an ceann-còrdaidh ris na nàimhdean 
chum cùmhnantan matha sam bith a ghabhail 
uatha, tha iad air ball a' dol chum comhairle, 
chum's gu 'n cuir iad an comhairle r'a chèile 's 
gu'n sònraich iad ciod a nì iad. Air an dòigh 
cheudna tha 'n duin' a' triall an uaigneas chum 
's gu'm faigh e cothrom air labhairt ris fèin mu 
thimchioll an nì so mu'm beil e fo mhòr ioma- 
gain. Mar so tha Dia a' treòrachadh do 'n 
f hàsach, chum 's gu'n labhair e ris a' chride. 
(Hos. ii. 14.) 'Nuair tha'n duine air dol an 
uaigneas, tha smuaintibh a chridhe a bha 
sgaoilt' an toiseach na h-oibreach, a' dùmhlach- 
adh ni's soilleir' a stigh ann an so. Agus bheir 
sinn na smuaintean sin chum na riaghailt so a 
leanas. (1.) Tha 'n duin' a' beachd-smuain- 
teachadh air amaideachd neo bhuadhar fèin, le 
bhi giùlan arm an aghaidh Dhè; agus tha 
smuaintean cudthromach aige mu thimchioll a 
ghiùlain 's an àm a chaidh seachad, le rughadh 
gruaidhe, 's le fèin-f huath. ** An sin cuimh- 
nichidh sibh air bhur droch shlighe fèin agus 
'ur deanadais nach robh math, agus fuathaich- 
idh sibh sibh-fèin," (Esec. xxxvi.31,) coltach 
ri Salm li. 3, " Tha pheacadh do ghna 'na 
f hianais." (2.) Tha e 'n sin a' cùìmhneachadh 
air cho lion cuihiom prìseii air gèill a thoirt 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 45 

do Dhia, a mhì-bliuilich e gu maslach ; agus 
tha a spiorad an cunnart fàilneachadh le bhi 
cuimhneachadh air na nithibh sin, mar tha e 
air a ràdh ann an cùis eile. " Na nithe sin a's 
cuimhne leara agus tha mi dòrtadh amach m' 
anama leam fèin. — C'arson a tha thu air do 
leagadh sìos, Om' anam ? agus c'arson a thathu 
fo bhuaireas an taobha stigh dhiom? Earb thusa 
à Dia; Leagadh sìos m' anam an taobh a stigh 
dhiom." (Salm xlii. 4— 6.)— (3.) Tha e nis' a 
smuainteachadh air ioma Chriosdaidh air an 
dVinn efanaid agustàir'na chrìdhe,a' baralach- 
adh aige fèin gu'm beil iadsan sona, air dhaibh 
an roghainn a's fearr a thogail ; tha e smuain- 
teachadh air staid na muinntir a ta feitheamh air 
Crio^d, mar bha Ban-righ Shèba ag ràdh mu 
'shèirbheisich Sholaimh. " Is sona iad so do 
shèirbheisich," ars' ise, *< a sheasas a' t-fhian- 
ais an còmhnaidh, a'g èisdeachd ri d'ghliocas.'^ 
(1 Righ.x. 8.) ^' 'S beannaicht' iadsan a tha na'n 
còmhnuidh a'd' thigh-sa, &c." (Salm Ixxxiv. 
4.) Bu mhiann leis a bhi 'na aon de'n mhuinntir 
a*s suaraich' abhuineas do Dhia, martha'm mac 
striìidheil ag ràdh, bu mhiannach leis a bhi 
mar aon do luchd-tuarasdail 'athar, (Luc. xv. 
17» 19.) — (4.) An sin tha e cuimhneachadh an 
deagh chliii a chaidh amach mu thimchioll Dhè, 
arèir na fianais sin, (lon. iv. 2,) bhafìos aig an 
fhàidh gu'n robh e 'na Dhia gràsmhor agus 
tròcaireach, mall chum fèirge, agus saibhir, 
paiUann an gràs, &c. Tha saor gheallaidhean 



46 DEUCHAINN MU CHÒIH 

mora agus tairgse nan gràs a' teachd a stigh 
ann an so, 's na h-oibribh glòrmhor a chaidh 
a* chur an gniomh air gach seòrsa pheacach, a 
rèir cliù Dhè 'san Sgriohtur. (5.) Tha e a' 
breithneachadh ris fèin, c' arson a choigil Dia 
mi cho fad' ? agus ciod uime f huair mi a leithid 
so do shealladh air mo pheacadh ? 's c' { rson 
a chùm e suas mi gu ruig an uair so, gun mi 
chur iàimhe annam fèin, ann an slighe-eigin 
neo-shona a' roghnachadh dhomh fèin chum dol 
as an iomagain fo'n robh mi ? 's c' arson a rinn 
e 'n caochladh mòr so orm? Faodaidh e bhith 
gu'm beil 'na rìàn, math a dheanamh dhomh 
fhathasd: O na'm b'e sin toil Dè, b' fhearr 
leam gu'm biodh a' chùis mar sin ! Ged nach eil 
na smuaintean sin uil' ann an obair uliachaidh 
gach aon neach, gidheadh tha iad aig mòran, 
agus ro choltach far am beil iad. 

VII. An dèigh nan smuaintean sin uile, 
tha'n duine cur roimhe ùrnaigh a dheanamh 
air mhodh a's dùrachdaiche na rinn e riamh 
roimhe, 's gu 'n toir e ionnsaidh theann air 
cìimhnant' a dheanamh ri Dia ; tha e faicinn, 
nach urrrainn e bhi ann an staid ni's miosa na 
thae ; oir ma bhuanaicheas e mar sin bàsaichidh 
e, mar thuirt na lobhair. (2 Righ vii. 3, 4.) 
Tha e toirt fainear leis a mhac strùidheil a bha 
air a ro chlaoidli le acras, gu'm beil aran ni's 
leòir agus r'a sheachnadh ann an tigh an Athar, 
ged a tha esan a' bàsachadh le gòrta: Mar so 
tha e dol a dh' ionnsaidh Dhè, mar rinn am 



SHLAINTEIL ANN AN CRTOSD. 47 

mac strùidheìl, oir cha n eil fios aìge ciod tuiU' 
a ni e r'a staid. Agus faodaidh e bhith gu'm 
beil e meòraich 'na inntinn fèin, ciod a 
labhras e, mar bha 'm mac strùdheil, " Eiridh 
mi, agus thèid mi dh' ionnsaidh m' athar, agus 
their mi ris, Athair, pheacaich mi an aghaidh 
fhlaitheanais agus a' d' làthair-s?, Agus cha-n 
airidh mi tuiUeadh gu 'n goirte do mhac-sa 
dhion: x dean mi mar aon do d' luchd-tuarasd- 
aiì. Agus dh' èirich e agus chaidh e dh'ionns- 
aidh 'athar. Agus thubhairt am mac ris, 
Athair, pheacaich mi an aghaidh f hlaitheanais, 
agus a' d' làthair-sa, agus cha-n airidh rai 
tuilleadh gu'n goirte do mhac dhiom." Luc. 
XV. 18—21 

Agus a nise, 'nuair tha e teachd an làthair 
Dhè ni's follaisiche na thàinig e riamh roimhe ; 
(1.) Tha e tòiseachadh raar rinn an Cìs-rahaor 
fad' air astar, (Luc xviii. 13,)lelàn aidmheil 's 
le fèin-dhìteadh, ni tha e deanarah gu ro phailt, 
mar a chì sinn, " Pheacaich rai an aghaidh 
f hlaitheanais, agus a' d' làthair-sa. Agus cha-n 
airidh rai tuilleadh, &c." (Luc. xv. 21.) — (2.) 
Tha nis' a snraaintean a' tionnsgnadh mu thira- 
chioll èisdeachd iìrnaigh, nì nach bu ghnà leis 
a chur ach ro bheag an teagarah ; tha e tuigsinn 
ciod tha briathran sin 'nan naorah, rau thira- 
chioll an ùrnaìgh èisdeaciid, a' ciallachadh. 
(3.) Tha e ro choraharraichte anns an achan- 
aich so, gu'm beìl raòran de chainnt neo-iomlan 
ann, coltach ri Salm. vi. 3, " Ach thusa 



48 DEUCHAINN MU CHblR 

Thighearna, cia fhad?'* air a chur an cèill le 
osnaibh do-labhairt^ (Rom. viiì. 26,) agus le 
amharc gu ro thogarrach suas ri ionad còmh- 
naidh an Uile-chumhachdaich, 's leis a sin a' 
labhairt ni's mò na's comasach a chur an cèill le 
cainnt. (4.) 'S tric le rudeigin de stad, agus 
mar gu'm b' ann, neo-bhunailteachd, a bhi 'sa 
chiiis ; tha'n duin' air uairibh a' labhairt ris an 
nàmhaid, air uairibh r'a chridhe fèin, 's air 
uairibh eile ri sluagh an domhain, mar rinn 
Daibhidh ann an cùisibh eile, " Chaidh crìoch 
air sgrios an nàmhaid am feasd ; leag thu sìos 
am bailte mòra : thèid as d' an cuimhne maille 
riu fèin." (Salm ix. 6^) *' C'arson a tha thu air 
do leagadh sìos, m' anam ? agus c' arson a 
tha thu fo bhuaireas an taobh a stigh dhiom ? 
earb tl?usa à Dia ; oir fathast molaidh mise e, 
slàinte mo ghnùise, agus mo Dhia." (Salm xlii. 
5.) " A chlann nan daoine, cia fhad a ihionn* 
daidheas sibh mo ghlòir a chum nàire ?" (Salm iv. 
2.) — (5.) Thae soilleirann an so,gu'mbi'nduine 
air uairibh 'na stad gu tosdach, chum cagaraich 
eigin neo-shoilieir de dh' fhuaim àit a tha 
dealradh air an inntinn, a' chluinntinn, no sgeul 
eigin ann am briathraibh neo-iomlan do 'n 
Sgriobtur, agus a's math a dh* fhaoitegurgann 
a tha e mothachadh gur h-ann do'n Sgriobtur 
a tha e, no co-dhiù thàinig e bho Dhia no bho 
Shàtan chum a mhealladh : gidheadh chuir e 
so roimhe, gu'n èisd e mhàin ris an ni a labh^ 
ras an Tighearna Din, mar tha 'n Salmadair ag 



SHLAiNTEIL ANN AN CRIOSD. 49 

ràdh (Salm Ixxxv. 8.) — 6. Tha geallaidhean a's 
soilleire a' teachd gu cùimhn' an duine, air an 
beil e 'g oidheirpeachadh greim a dheanamh^ 
ach tha e air a chumail air ais le cunnuilean, 
mar tha Daibhidh a' labhairt ann an cìiis eile, 
*' Tha thusa naomh ; ach is cnuimh niise." 
(Salm xxii. 3, 6.) Tha e nise mu thimchioll 
briseadh nafàire aig an duine,ro dhlùdobhi làn- 
shoilleir, agus mosglaidh creideamh comhluath 
'sa phàirticheas Dia am fuaim tha aoibhneach 
ait. (Sam Ixxxix. 15.) 'Se so suim a' cho- 
cheangail, a dh' f haodar a chur sìos gu h-aith- 
ghearr anns na briathraibh so. " 'Se losa 
Criosd mo mhac gràdhach anns am beil mo 
mhòr-thiachd ; èisdibh-se ris." — Cha-n eil e 'n 
comas duinn labhairt ni's faide mu ghnàthach- 
adh duine, mar obair roi-ullachaidh oir tha 
tuilleadh 's sin anns na nithibh a leanas. Gidh- 
eadh chum 's gu 'm biodh an gnàthachadh iomlan, 
labhraidh sinn ann an so, an dèigh nan nithe 
sin uile gu 'm faod e bhith^ gu'n iomchair Dia, 
an dèigh ioma freagradh do sheòrsachan eug- 
samhail, fuaim a' choimh-cheangail fèin a stigh 
do'n chridhe, agus gu 'n aom e *n cridhe chum 
gabhail ris ; agus tha Dia mar so a' tarruinn 
duin' a dh' ionnsaidh Chriosd, (Eoin vi. 44,) 
's a' dealbh a cridhe a mach fa chomhair, air 
chor 's nach faod e fàilneachadh anns a' chùis ; 
oir a nise tha'n crìdhe 'am fad 's 'an leud, freag- 
arrach fa chomhair Chriosd, air chor 's nach 
urrainn nì's lugh' a shàsachadh 's nach iarr 

F 



50 DEUCHAINN MU CHÒIR 

e tuilleadh mar tha Daibhidh ag ràdh, (Salm 
Ixxiii. 25,) " Cò th" agam anns na nèamhaibh 
ach thusa ? agus an coimeas riut cha-n eil 
neach air thalamh air am beil mo dhèidh/ 
Tha 'n t-anam a nis' a' cur roimhe basachadh, 
ma dh' iarras Dia air e, ged nach eil e fhathast 
ach aig a dhorus, agus aghaidh d' a ionnsaidh. 
Tharruinn sinn an obair roi-ullachaidh so gu 
rudeigin do dh' fhad, gun a bhi ceangal aon 
neach r'a leithid so do dh' obair ullachaidh mar 
chaidh a soilleireachadh ann an so ; ach a mhàin 
tha sinn ag ràdh, gu'm beil Dia a* buntainn 
mar so ri cuid eigin ; agus far am beil e 
toirt na h-uiread dhearbh-shoilleireachd do 
dhuine air a pheacadh, air a thruaillidheachd, 
's cho neo-chomasach 's a tha e ann fèin air 
nì math sam bith a dheanamh, 's a' toirt air 
mòr-chùram a ghabhail d' a shlàinte shior- 
ruidh, mar an t-aon nì feumail : 's ga chur gu 
obair ann an gnàthachadh nam meadhonan a 
dh' òrduich Dia chum cobhair 'an àm feuma ; 
tha mi 'g ràdh, nach tric a gheibhear a mach 
gu 'n tig a leithid so do dh' obair goirid air 
crìch rahaith agus ghràsmhoir. Gu'm bros- 
naicheadh Dia daoine chum a' chiiis a mhion- 
rannsachadh le niòr-dhùrachd, agus neart 
agus gràs iarraidh air Triath na beatha chum 
an obair a chomh-lionadh. 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 51 



CAIB. VI. 

An t-eadar-dhealachadh a tha eadar a' cheud obair 
lagha sin aig am heil crìoch ghràsmhor, agus 
geur-mhothachadh chealgairean, 

Cunn. Tha gluasad mòr cogais, agus 
geur-mhothachadh mu thimchioll peacaidh aig 
cealgairean 's aig daoine neo-dhearbhta mi- 
dhiadhaidh, 'g an cur gu obair air uairibh ; 
agus tha amharus agam nach eil anns a' 
cheud obair-lagh a bha riamh agams', ach 
leithid eil na h-oibreach a th' aig a' mhuinntir 
sin 

Freag, Bhiodh e ro dhuilich an t-eadar- 
dhealachadh cinnteach tha eadar a' cheud 
obair-uilachaidh th' anns a' mhuinntir sin anns 
am beil Criosd air a dhealbh an dèigh làimhe, 
agus gluasad an lagha, tha air uairibh anns na 
daoine an-diadhaidh a nochdadh ; mur biodh 
crìoch eigin ghràsmhor aig geur-mhothachadh 
's aig dùsgadh cogais luchd-muinntir an Dè 
bheò, agus comharran eile mu'n labhair sinn 
an dèigh so, bhiodh e deacair r'a chur an cèill 
aon eadar-dhealachadh soilleir eadar an dà 
chuid ann an gluasad an lagha. Gidheadh 
mar fhreagradh do "n chunnuil, nochdaidh mi 
nitheigin nach tric a gheibhear ann an gluasad 
nan aingidh, 's a tha ro ghnàthaicht' anns an 
obair lagha sin aig am beil crìoch ghràsmhor. 



52 DEUCHAINN MU CHÒIIl 

I. Cha-n eil geur-mliotliaehadh chealgairean 
agus dhaoine neu-dhearbhta, mar is tric ach as 
leth beagan de pheacannan ro an-trom uabhas- 
ach. Cha-n eil Saui ag aideachadh ach geur- 
leanmhuinn Dhaibhidli, agus tha sinn a' faicinn 
gu 'n robh e ciontach do dh' iomadh peacadh 
a bhaiT air sin, (1 Sam. xxv'i. 21 , xxviii. 7, 8.) 
Cha-n eil ludas ag aideachadh ach a mliàin fuil 
neo-chiontach a bhrath. (Mat. xxvii. 4) Ach 
's tric leis na geur-mhothachaibh sin leis am 
beil Dia ag uliachadh a shlighe fèin anns an 
anam, gun iad a stad le cuideigin de na peac- 
aibh aideachadh, ged tha iad a* tòiseachadh 
aig peacaibh ro an-trom gràineil ; ach tha *n 
duin' air a threòrachadh air aghaidh gu iomadh 
ceannairc an aghaidh an lagha fhaicinn, agus 
*' uilc gun àireamh 'g a chuartachadh," mar 
thuirt Daibhidh, 'nuair a fhuair e sealladh air 
a pheacadh : (Salm xl. 12,) agus mar an 
ceudna, cha n eil an làn i;heur-mhothachadh 
sin coitcheann mar a chluinneas sinn daoine gun 
tuigse gu minig ag ràdh, '' gu'm beil iad a' 
peacachadh anns na h-uile nithe ;" ach tha e 
sònraicht' agus iriosal mar labhair Pòì uime 
fèin an dèigh làimhe ; cha-n e mhàin gu 'm 
b' esan " am peacach bu mhò," ach bha e gu 
sònraichte 'na '' f hear labhairt thoibheum, 's 
'na fhear geur-leanmhuinn." ITim. i. 13. 

II. Cha tric a ruigeas geur mhothachadh 
chealgairean an truailleachd, agus corp a bhàis 
sin, a tha tàrmachadh fuath do'n ni tha math, 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 53 

agus dian thogradh chum an ni tha olc. 'S minig 
a chì sinn 'nuair tha cealgairean a' labhairt umpa 
fèin 's an Sgriobtur, gur h-ann le ard-bharail, 
agus le nitheigin do dh' f hèin-spèis mu*n tim- 
chioU fèìn a tha iad a' labhairt, araon a thaobh 
an saors' o thruailleachd, (Eoin ix. 34 ;) tha 
na Pharaisich ag ràdh ris an duine bhochd, 
" Rugadh thusa uile ann am peacaibh, agus 
am beil thu g'ar teagasg ne ?'' mar nach biodh 
iad fèin cho truaiUidh a thaobh nàduir ris-san ; 
tha iad a' labhairt mu pheacannan mòra, mar 
rinn Hasael, '< An cù do sheirbhiseach gu 'n 
deanadh e an ni mòr so ?"(2 Rìgh. viii. 13.) 
Agus mar an ceudna 'uan gabhail dleasnais 
os-làimh, mar thuirt an Sgrìobhaich, — *' A 
mhaighistir, leanaidh mise thu, ge b'e taobh a 
thèid thu." (Mat viii. 19,) Faiccionnas a tha'm 
pobull ag ràdh, (ler. xlii. 2 — 6,) tha iad a' 
gabhail os-làimh gu 'n dean iad gach ni a dh' 
àithneas an Tighearna Dia dhaibh : air chòr 's 
gu'm beil iad fathasd anns gach cùis, a' cur am 
fìreantachd fèìn air chois, gun a bhi strìochdta 
do dh' fhìreantachd Dhè, (Rom. x. 3.) Ach 
faodaidh mi ràdh nach e geur-mhothachadh 
agus gnà-obair mu thimchioll truailleachd, 
agus corp a' bhàis sin, a tha claonadh chum 
uilc, agus a' fàgail neo-thogarrachd a chum 
math, an earrann a's lugha de'n obair far am beil 
Dia ag ullachadh a shlighe fèin. 'S gnà leo iad 
fèin a mheas 'nan daoine ro thruagh a thaobh 
lìonmhorachd a' pheacaidh, 's tha e 'na spàirn 



54 DEUCHAINN MO CHÒIR 

ro chruaìdh orra f haotainn a mach cionnas a 
bhitheas iad air an saoradli uaithe, mar tha Pòl 
a' labhairt 'nuair tha e fo ghnà-obair nm'n 
chùis sin an dèigh làimhe, '^ Och is duine 
truagh mi I cò a shaoras mi o chorp a' bhàis 
so ?' Rom. vii. 24. 

III. Gheibhear a mach gu tric, nach eil geur- 
jnhothachadh chealgairean an dara cuid cho 
ro dhùrachadh, 's nach cuir ghnothach èigin 
eìV as an aire iad mu'm faigh iad toil-ìnntinn 
na suaimhneas d' an taobh ; mar thachair do 
Chain, a chaidh 's a thog baile, 's cha-n eil 
sinn a' cluinntinn a bheag tuilleadh mu thim- 
chioll a gheur-mhothachaidh. (Gen. iv.) Dh' 
fhalbh Felics gu àm a b' iomchaidh, *s cha-n 
eilsinn a' cluinntinn hiaidh air a chriothnachadh 
ni's mò. (Gniomh. xxiv. 25.) No ma tha 'n 
obair sin a' fàs ro dhùrachdach, an sin tha e 
dol gu anabharr air an taobh eile, 's a' tuiteam 
ann an eu-dòchas gun dùil ri tròcair, no ri 
slighe chum dol as o'n chunnart anns am beil 
e 'ga fhaicinn fèin. Air a' mhodh so tha sinn 
a' faicinn gu'n robh ludas ro dhùrachdach 'na 
gheur-mhothachadh, gidheadh dh' fhàs e eu- 
dòchasach agus chroch se e-fèin, (Mat. xxvii. 
4, 5.) Ach far am beil Dia ag ullachadh a 
shlighe fèin, tha'n obair a' fàs cho dùrachdach, 
's iiach faodar an duine chur 'na thàmh gus am 
faigh e rudeigin do thoileachadh ; agus gidh- 
eadh fo'n ro dhùrachd so fèin tha e feitheamh 
ri furtachd f haighinn o Dhia tre Chriosd : 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 50 

tha so soilleir o chainnt fear-coimhid a phrìos- 
ain *^ Ciod is còir dhomh a dheanamh chum 
gu tèarnar mi." (Gniomh. xvi. 30.) Tha 'n 
geur rannsachadh diìrachdach so mu chobhair 
fhaotainn, 'na nì ro chomharraichte anns an 
obair ullachaidh a threòraicheas duin* a dh* 
ionnsaidh Chriosd, ard lèigh an anma. Gidh- 
eadh cha-n eil sinn ag iarraidh gu'n earbadli 
neach sam bith a staid gu h-iomlan ris na nithe 
sin, do bhrìgh gu'n do dh-òrduich Dia eadar- 
dhealachadh soilleir eadar na daoine diadhaidh 
's na daoine mi-dhiadhaidh. 

Cunn. Tha gnà-eagal orm nach tug Dia na 
h-uiread sheallaidh dhomh air mo pheacaibh 's 
air mo thruaighe 's a tha e toirt do mhòran a 
tha e 'gairm gu h-èifeachdach, gu h-àraidh do 
m' leithid-sa do pheacach ro mhòr. 

Freag. Tha e ro f hìor gu'm beil an Tigh- 
earna Dia a' nochdadh do chuid do dhaoine 
seallaidhnean ro mhòr d' am peacadh 's d' an 
truaighe, agus tha iad leis a sin air an cur fo 
mhòr eagal roi 'n lagh : ach do bhrìgh nach eii 
gach uile neach air an toirt dlù do Dhia leis an 
obair-lagh ullachaidh sin air mhodh mothachail, 
mar a nochd sinn roimhe : mar sin tha eadhon 
a' mhuinntir ris am buinear air an dòigh sin leis 
an obair-lagha, gnàthaichte ri oibreachadh fa- 
leth, agus eugsamhail a thaobh tomhas an eagail, 
agus buannachadh na h-oibreach sin. Tha. 
obair dhian, neo-mhaireannach aig fear-coimhid 
a' phrìosain ,• tha aig Pòl obair a mhair trì làith- 



56 DEUCHAINN MU CHÒTR 

ean ; agus tha daoin' eil' air an cumail fo dhaorsa 
rè am beatha, tre eagail a' bhàis, (Eabh. ii. 15,) 
air chor 's nach faod sinn an Tighearn a chum- 
ail ri aon dòigh oibreachaidh ann an so. 'S 
e 'n nì àraidh ris am beil sinn gu amharc anns 
na dùsgaibh agus anns na geur-mhothachaibh 
sin a tha 'n lagh a' toirt duinn mu pheacadh 
agus mu thruaighe, ma tha Dia a' ruigheachd 
nan crìoch sin annainn, air son am beil na dùsg- 
aidhean agus na geur-mhothachaidhean sìn 
gu tric air an cur a steach do'n anam ; 's ma 
ràinig na nithe sin air an rùn, tha 'n sin ni's 
leòir,'s charuig sinn a leas a bhi fo iomaguin mu 
thimchioll obair-ullachaidh sam bith tuilleadh. 
A nise tha ceithir aobhair air son am beil Dia 
a' buntuinn gu minig ri peacaich, le eagal an 
lagha, 's leis a mhosgladh coguis sin. 

Air tiis tha *n Tighearn' a' nochdadh sealladh 
do pheacadh agus do thruaighe dhaoine dhaibh, 
chum an cur o bhi deanamh bun no earbs' às 
am fìreantachd fèin, agus às an ard-bharail a 
th' aca mu'n thimchioU. Tha daoin' a thaobh 
nàduir a' toirt caidreamh do smuaintibh àrda 
mu 'n timchioll fèin, 's tha mòr thogradh aca a 
dh' ionnsaidh cùmhnanta nan gniomh : Tha 
Dia air an aobhar sin a' nochdadh dhaibh na 
h-uiread do 'm peacadh 's do 'n truailleachd, 
eadhon anns na nithe a*s fearr a th' aca, air 
chor 's gu'm beil iad a' toirt fuath dhaibh fèin, 
'sa' call an dòchais mu chobhair air bith annta 
fèin chum furtachd orra an àm feuma : ionnas 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. ÒJ 

gu'm beil iad air an co-èignearhadh chum am 
fireantachd fèin agus cùmhnanta nan gnìomh 
a thrèigsinn, agus tèarmann iarraidh ann an 
ionad èigin eile, (Eabh. vi. 18.) Tha iad a' fàs 
marbh dhaibh fèin 's do'n lagh a thaobh fìrean- 
achaidh. (Rora. vii. 4.) An sin cha-n eil 
tuiUe muinighin aca 's an f heòil. (Phil. iii. 3.) 
Tha so air a chiallachadh ann an tairgse 
Chriosd, a' teachd a dh' iarraidh 's a shàbhal- 
adh nan daoine bha caiìlte, (Luc xix. 10,) 
agus chum a bhi 'na lèigh dhaibh-san a tha 
euslan, Mat. ix. 12. 

'S e 'n dara aobhar mòr, losa Criosd a 
mholadh do dh' anmaibh dhaoine os-ceann 
gach ni eile, chum 's gu 'n tuit iad ann an 
trom-ghaol air 's gu'n teich iad gu ìuath a dh* 
ionnsaidh an ionmhais agus na seuda luach- 
mhoire sin, a tha mhàin comasach air duine 
dheanamh làn-shaibhir, (Mat xiii. 44, 46,) 
agus le so a dheanamh gu 'm bi iad freagarrach 
do rùn an Tighearna ann an dealbh an t-soi- 
sgeil, a tha foillseachadh a shaor ghràis tre 
losa Criosd ann an slàinte dhaoine. 'Se seall- 
adh a thoirt do dhuin' air a thruaighe fèin 's 
air a staid bhrònaich a thaobh nàduir, an aon 
dòigh chum meas àrd urramach a bhi aige air 
Slànaighear nam buadh, a tha mhàin comas- 
ach air a leithid sin do chreutair truagh a 
shaoradh o chiùng a' pheacaidh, agus o 'n staid 
chunnartaich anns am beil e. Ni h-e mhàin 
gu'm beil e 'g aomadh duine gu mòr-mheas a 



58 DEUCHAINN MU CHCIR 

bhi aig' air Criosd, ach mar an ceudna air gach 
nì a bhuineas do shlighe na slàinte, mar tha 
gràs, an nuadh cho-cheangal, creideamh, &c., 
agus ni e ro chùramach e chum a nithe prìseil 
no a Sgriòbturan òir a chruinneachadh r'a 
ehèile chum a chòir air na nithibh sin a dhean- 
amh cinnteach. 

'S 'n treas crioch àraid, daoine fhuadach 's 
an cumail o bhi cur peacaidh an gniomh, 's a 
ihoirt orra cìil a chur ris gach an-diadhachd, 
agus aontachadh chum am muineal a chur fa 
chuing Chriosd gu h-iomlan. Tha Dia le moth- 
achadh a thoirt do dhaoine air am peacadh a' 
lasadh nitheigin 'n an cridhe a tha 'na shàmhla 
ann an càil air ifrinn, mar mheadhon ullamh 
gu'n cur fo gheilt o sin a mach, le fios a bhi aca 
cia searbh do-ghiìilain an ni dealachadh ri Dia, 
(ler. ii. IP.) Mar so chì sinn fois agus tàmh le 
mòr-shuaimhneas air a thairgse do 'n mhuinntir 
a tha sgìth, fann, air chùmhnarit 's gu'n gabh iad 
orra cuing Chriosd, " Gabhaibh mo chuing 
oirbh, agus fòghlumaibh uam, oir a ta mise mac- 
anta agus iriosal an cridhe ; agus gheibh sibh 
fois do bhur n-anmaibh." (Mat. xi. 29.) Agus 
tha Dia a' tairgse gabhail ri daoine, mar an 
Dia 's mar an Athair, air chùmhnant nach 
toir iad caidreamh shìothchaìl do Bhelial, " Ciod 
e caidreamhna fìreantachd ri neo-fhìreantachd? 
agus ciod e comunn an t-soluis ris an dorcha- 
das? Agus ciod an rèite a ta aig Criosd ri 
Belial ? Uime sin thigibh a mach às am meadh- 



3HLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 59 

on, agus dealaichibh riu, tha 'n Tighearn ag 
ràdh, agus na beanaibh ris an ni neoghlan ; 
agus gabhaidh mise a'm ionnsaidh sibh, agus 
bithidh mi a*m Athair dhuibh, agus bithidh 
sibhse Vur mic agus Vur nigheanaibh dhomh- 
sa, tha an Tighearn uile-chumhachdach ag 
ràdh/' 2 Cor. vi. 14, 15, 17, 18. 

'S e'n ceathramh crìoch mhòr, daoine oibreach- 
adh suas chum ìimhlachd thaingeil f hoighid- 
nich do dh' uilethoil a Mhaighistir. 'S earrann 
shònraichte do dh' obair an nì so. " A chum gu 
'n cùimhnich thu, agus gu'm bi nàir' ort, agus 
nach fhosgail thu do bheul gu bràth ni 's mò, 
do bhrìgh do nàire, 'nuair a bhios mise rèidh 
riut air son gach uile ni a rinn thu, deir an 
Tighearn lehobhah." (Esec. xvi. 63.) Fàgaidh 
sealladh air a thruailleachd 's air a thoill- 
teannas fèin duine *na thosd, agus bheir e air a 
làrah a chur air a bheul, ge b'e nì ni Dia air 
'' Bha mi a' m' thosd, cha d' f ho^ffail mi mo 
bheul, a chionn gur tusa a rinn e." (Salm xxxix. 
9.) " O nach d' rinn thusa ar Dia peanas oìrun 
a rèir ar droch thoillteanais." (Esra ix. 13.) 
" Giùlainidh mi corraich an Tighearna, achionn 
gu'n do pheacaichmi 'na aghaidh." (Mic. vii.9.) 
Cha-n eil suim aige ciod tha Dia a' deanamh 
air, na cia mar bhuineas e ris, ma shaoras se e 
o 'n fhèirg a tha ri teachd. Tha tròcair sam 
bith *na shochair mhòr leis an duine a f huair a 
leithid sin do shealiadh air fèin ; tha e ni's 
lugha na *n tròcair a's lugha. 'S e beatha aon 



60 DEUCHAINN MU CHÒIR 

spruidhleach a thuitens o bhòrd a Mhaighistir, 
(Mat. XV. 27.) Tha e 'ga mheas 'na thròcair 
mhòr nach eil e air a chaitheamh as, (Tuir. iii. 
22.) 'Se so an ui a tha gu h-iongantach a' fà- 
gail pobull bochd trioblaideach Dhè eho tosd- 
ach fo 'n trioblaid, agus cho toiHchte le'n 
crannchur ; 's ann a tha iad a' meas gu'm beil 
esan a' toilltinn ifrinn na dòrainn, a tha gabh- 
ail gu h-olc aon ni tha Dia a' deanamh air, 
o'n a thug e mathanas da 'na uile pheacaibh. 

Mar sin mata, chum a chunnuil a shàsach- 
adh, tha mi 'g ràdh ma dh' fhògair an Tigh- 
earn' thu o earbs a' dheanamh à t'f liìreantachd 
no à d' neart fèin, agus ma mhol e Criosd do d' 
chridhe os ceann gach nì agus neach eile ; 's 
ma thug e 'na neart fèin ort a chur romhad cog- 
adh an aghaidh gach peacadh air am beil thu 
fiosrach ; 's gu'm beil thu ann an tomhas mar 
leanabh air dol o'n chich, làn-toilichte leis na 
rìnn e as do leth, a' miannachadh do làmh a 
chur air do bheul air mhodh taingeil ; an ?in 
's leòir na th' agad do gheur-mhothachadh air 
peacadh agus air truaighe, agus t-obair roi-ull- 
achaidh ciod air bith i, 's cha chòir dhut tuilleadh 
teagamh a chur mu thimchioll na cùìse : ach 
a mhàin gabh comhairle gu dìchioll a dheanamh 
air nuadh-fhoillseachadh agus barrachd moth- 
achaidh fhaotainn gach aon là air do staid 
chaillte 's air t'fheum anabarrach air losa 
Criosd an Slànaighear, a thaobh do pheacaibh 
dìomhair agus foUaiseach, sean agus nuadh 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 61 

gin' agus gnìoraha ; agus mar an ceudna chum 
nuadh chòmhnadh fhaicinn ann an Criosd, 
neach a tha 'na Shagart gu siorruidh chum 
eadar-ghuidhe a dheanamh ; 's a chum obair 
na naomhachd agus na foighidinn le taingeal- 
achd ath-nuadhachadh 's ath-bheothachadh 
gu tric : oir 's èigin do nitheigin de'n obair sin 
a tha 'ga t' irisleachadh fèin, 's ag àrdachadh 
Chriosd, 's a tha co-f hreagradh d' a thoil, do 
stiùradh rè fad do bheatha 's an t-saoghal. 



CAIB. VII. 
Mu Chreideamh. 

Tha sinn a nis' a' teachd chum labhairt mu 
thimchioll chomharran ni's soilleire agus ni's 
cinntiche, leis am faod daoine an staid ghràs- 
mhor 's an còir air Criosd aithneachadh. 'S e 
cheud nì leis am faod daoine an staid ghràs- 
mhor a thuigsinn, ma tha iad a' gabhail ri 
Criosd'mar a tha e air a thairgse gu saor anns 
an t-soisgeul. 'S e so creidsinn no creideamh> 
nì is e cùmhnant' a cho'-cheangail, •' Is ann o 
chreidimh a ta 'n oighreachd^ &c." (Rom. iv. 
16.) *' Creid anns an Tighearna losa Criosd, 
agus tèarnar thu fèin, agus do thigh.'' (Gniomh. 
xvi. 31.) A nise ged tha ann am briathraibh 
soilleir, còir tre chreideamh duilich a chòmh- 

G 



62 DEUCHAINN MU CHÒIR 

dachadh, ni is e dìreach ar còir fèin ann ; gidh- 
eadh 'nuair tha 'n cridhe a' gabhail ri losa 
Criosd, tha e cho soilleir so-mhothachail ann 
fèin, 's gu*m faod sinn a' chur *an àireamh nan 
comharran air staid ghràsmhor : 's ma dhearbh- 
as duin' a' chiìis so, eadhon gu*m beil e 
creidsinn ann an losa Criosd, tha e leis a sin a' 
dearbhadh gu'm beil còir ro chinnteach neo- 
mhearachdach aig' ann. 

Tha mòran dhaoine a' gabhail eagail gu minig 
roi 'n chomharradh so, air son aon de na trì 
nithibh so a leanas. 

I. Tha cuid do dhaoine am barail gu'm beil 
creideamh 'na dhìomhaireachd ro mhòr, duilich 
ruigheachd air. Ris a* mhuinntir sin tha mi 'g 
ràdh, na bithibh ann am mearachd, oir cha-n eil 
creideamh cho spàirneil 's a tha mòran a' saoil- 
sinn : tha mi 'g aideachadh gur e tiodh- 
laicean Dhè fìor chreideamh anns an tomhas 
a's lugha, agus gu'm beil e os ceann cumhachd 
fala agus feòla : oir 's èigin do Dhia daoin' a 
tharruinn a dh' ionnsaidh Chriosd, *' Cha-n 
urrainn neach air bith teachd a m' ionnsaidh- 
sa, mur tarruinn an t-Athair a chuir uaithe 
mise e." (Eoin vi. 44.) *' Thugadh dhuibhse as 
leth Chriosd, creidsinn ann." (Philip. i. 29.) 
Gidheadh bu dimeas air Criosd, 's air gach ni 
a rinn e, a ràdh gu'm beil e eacomasach 
ruigheachd air ; mar a chì sinn. ** Ach mar so 
a ta 'n f hìreantachd a ta bho chreidimh ag ràdh, 
Na abair ann do chridhe, Cò thèid suas air 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 63 

nèamh ? [sin r'a ràdh, a thoirt Chriosd a riuas ;j 
No cò thèidsios do 'n doimhne ? [sin r'a ràdh, a 
thoirt Chriosd a rithist o na mairbh :] Ach ciod 
a tha i ag ràdh ? Tha 'm facal am fagus dut, ann 
do bheul, agus ann do chridhe ; 'se sin facal a 
chreideimh 'a tha sinne a' searmonachadh, ma 
dh' aidicheas tu le d' bheul an Tighearn losa, 
agus ma chreideas tu ann do chridhe, gu'n do 
thog Dia o na mairbh e, gu'n saorar thu. Oir 
is ann leis a' chridhe a' chreidear chum fìreant- 
achd, agus leis a' bheul a dh* aidichear chum 
slàinte. Oir a ta an Sgriobtur ag ràdh, Ge b'e 
neach a chreideas ann-san, cha nàraichear 
e. (Rom. X. 6, 11.) Bhiodh na h-uiread mu'n 
chùis a rèir an Sgriobtuir sin, 's a' ràdh, cha 
tàinig Criosd a nuas o nèamh, cha d' èirich e 
o na mairbh, 's cha mhò chaidh e suas gu 
nèamh le buaidh-chaithream. Tha mi 'g ràdh 
gu'n d' rinn e'n t-slighe gu rìoghachd na glòire 
ro f hurasd' imeachd innte ; agus rinn e creid- 
imh, ni is e an cùmhnant a tha air iarraidh air 
ar taobh-ne, ni's usa na tha daoin 'am baraiì. 
Chum 's gur feairrd' a thuigear a' chiàis so, thug- 
aibh fainear nach e'n creideamh a dh' f hìrean- 
aicheas a chreidsinn gu'm beil mi air mo thagh- 
adh, no gu'm beil gràdh aig Dia orm, no gu n 
do bhàsaich Criosd air mo shon, no a leithid 
sin ; tha gun amharus na nithe sin ro chruaidh 
ruigheachd orra, agus ann an tùs tionnsgnaidh 
cha mhòr nach neo-chomasach do'n aiteam sin 
a tha dùrachdach, am buannachd ; 'nuair tha 



64 DEUCHAINN MU CHÒIR 

ana-creidich an staid nàduir, agus cealgairean 
meallt' a' mothachadh ro bheag spàirn 'na ràdh, 
gu'm beil na nithe sin uil' aca fèin : Tlia mi 'g 
ràdh, nach iad aon do na nithe chaidh ainmeach- 
adh an creideamh fìor a dh' fhìreanaicheas : 
ni mò a mhàin is e aon bhriathar a chaidh a 
sgrìobhadh, a chreidsinn, no air am faodar 
smuainteachadh. Tha mi 'g aideachadh gu'm 
beil esan a tha creidsinn ann an losa Criosd, a' 
creidsinn n'a labhair Dia mu thimchioll staid 
pheacach thruagh duin' a thaobh nàduir, agus 
tha e creidsinn gu'm beil so fìor, *' Gu'm beil 
beatha anns a' Mhac, a bha air a chur gu bàs, 
agus a dh' èirich a rithist o na mairbh, &c." 
Ach cha-n eil a h-aon diù sin, no idir an iomadh 
samhail do dhearbh fhìrinn a' chreidsinn, a' 
soilleireachadh a mach a' chreidimh a dh' f hìrean- 
aicheas, no an creideamh sin ann am mac Dhè, 
a th' air a labhairt 's an Sgriobtur ; oir na'm 
b' e sin a' chùis, cha bhiodh ann ach gniomh 
na tuigse 'mhàin : ach 'se 'n creideamh fìor a 
dh' fhìreanaicheas, a tha sin 'san àm so ag 
iarraidh, mar dheagh chomharradh air còir ann 
an Criosd, gnìomh no obair àraid a' chridhe 
agus na toile ; air do nithe eug-samhail a bhi 
air an roi^chiallachadh mu fhìrinn anns an 
tuigse, leis a' chridhe tha e air a chreidsinn 
chum fìreantachd, (Rom. x. 10.) Agus ged a 
tha e coltach o'n naothamh rann de 'n chaibidil 
sin gu'n sàbhalar duin' air chùmhnanta 's gu'n 
creid e an dearbh-fhìrinn so, '* Gu'n do thog 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 65 

D'và Crioscl o na mairbh ;" gidheadh 's èigin 
duinn ni eil' a thuigsinn 's an àite sin, anns an 
deicheamh rann, a bharrachd air fìrinn nam 
briathran sin a chreidsinn : oir os-barr gu'm 
beil an creideamh sin aig na deamhain uile, leis 
am beil iad a' creidsinn gu'n do thog Dia losa 
Criosd o na mairbh ; air an dòigh so tha 'n 
Sgriobtur gu soiUeir a nochdadh, gur h-e 
mhàin gabhail ri Criosd an creideamh slàinteil 
a dh' f hìreanaicheas, '^ Ach a mheud a's a ghabh 
ris, thug e dhaibh cumhachd a bhi 'nan cloinn 
do Dhia, eadhon dhaibh-san a ta creidsinn 'na 
ainm/' (Eoin. i. 1'2.) Tha e air a shoilleir- 
eachadh ann an sin gur e gabhail ri Criosd, 
ereidsinn 'na ainm. Theirear do ghnà ris, 
socrachadh bunailteach air an Tighearna, 
dòchas a chur ann an Dia, (Isa. xxvi. 3,) a tha 
gu tric air ainmeachadh ann an leabhar nan 
Salm, agus 'se is ciall do 'n fhacal, taic no 
cudthrom a leageadh air. " Is i so obair Dhè, 
gu 'n creid sibh anns an tì a chuir e uaith," 's 
a tha gu minig mar so alr ainmeachadh anns 
an Tiomna-Nuadh. 'Nuair tha Dia a' toir air 
daoine creidsinn air mhodh slàinteil, tha e air 
a ràdh gu'm beil e 'g an tarruinn a dh' ionn- 
saidh Chriosd, agus 'nuair tha Dia a' toirt 
cuireadh dhaibh chum creidsinn, tha e 'g an 
gairm d' a ionnsaidh, " Gach ni a bheir an t- 
Athair dhomhsa thig e a m* ionnsaidh ; agus 
an tì a thig a m' ionnsaidh, cha tilg mi air chor 
sam bith a mach e. Cha-n urrainn neach air 



66 JDEUCHAINN MU CHÒIR 

bith teachd a m' ionnsaidh-sa mur tarruinn an 
t-Athair a chuir uaithe mise e/' (Eoin vi. 37> 
44.) Tha rìoghachd nèimh coltach ri duin' a 
fhuair seud ro luachmhor, airam beil e tuiteam 
an gaol. (Mat. xiii. 44, 45, 46.) Tha mi 'g 
ràdh, nach eil oibreachadh so a' chridhe air 
losa Criosd, 'na chuis cho spàirneil 's a tha 
daoin' a breithneachadh. Am faodar a mheas 
gu'm beil an nì sin ro dhìomhair, dhuilich, a tha 
gu mòr a co-sheasamh ann an togradh ? Ma 
tha mòr dhèidh aig daoin' air, tha e aca ; oir is 
beannaicht' iadsan air am beil acras na còrach, 
(Mat. V. 6.) Ma 's àill leibh 's e bhur beatha. 
(Tais. xxii. 17') Am beil amharc gu deònach 
air an t-Slànaighear a tha air àrdachadh 'na ni 
cho trioblaideach ea-comasach ? " Seallaibh 
riumsa agus bithibh air bhur tèarnadh, uile 
iomalla na talmhuinn," (Isa. xlv. 22,) agus a 
chum ni a ghabhail a tha air a thairgse, air a 
nochdadh 's air innseadh gu *m buin e dhomh-sa, 
ma 's e 's gu'n gabh mi e, agus mar gu'm 
b'ann, gu 'm fosglainn mo bheul, 's gu'ndeanainn 
rathad dha ? *' Fosgail do bheul gu farsuinn, 
agus lìonaidh mise e." (Salm Ixxxi. 10.) Air 
chor 's nach ion do dhaoin' a shaoilsinn gu'm 
beil creideamh duilich fhaotainn, do bhrìgh 
nach eil ann ach leithid nan nithe sin a dh' 
ainmich mi, mur higha e na iad sin. Ochl 
nam bu chomasach dhomh iompaidh a chur air 
daoine, ciod e an creideamh a dh'f hìreanaicheas, 
a tha toirt làn chòir dhomhs' air Criosd ! 'S 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 67 

minig a tha sinn a' cumail am fois agus an 
suaimhneis dligheach o dhaoine, le bhi cur an 
cèill daibh, gu'm beil creideamh na nìtheigin 
domhain, dìomhair, agus le'n cur fo iomadh 
amharus neo-f heumail m'a thimchioll, leis am 
beil iad air an cumail aun an dorchadas mu'n 
chùis. 

II. Tha daoin' ann nach eil a' deanamh 
feum sam bith do'n chomharradh so, 'ga mheas 
'na àrd-pheacadh an-dàna iad a ghabhail os 
làimh gu'm beil aon ni aca tha cho luachmhor 
ri fìor-chumhnant' an nuadh cho-cheangail. 
Ris a' mhuinntir so tha mi 'g ràdh, Cha ruig 
sibh a leas uiread eagail a ghabhail roimhe, 
mar gu'm b' àrd uaill a ghabhail os-làimh : oir 
ge b'e nì a th' ann am fior chreideamh, 's èigin 
do dhaoin' a chur rompa f haotainn, no, gun nì 
sam bith f haotainn ; oir as eugais tha gach 
comharradh eile diomhain; cha dean mìle ni eil' 
an gnothach as eugmhais : mur creid duine tha 
e fantainn ann an staid na dòrainn, *' Ach an tì 
nach creid, tha e air a dhìteadh cheana, a 
chionn nach do chreid e an ainm aon-ghin 
Mhic Dhè. An tì nach eil a' creidsinn anns 
a Mhac, cha-n f haic e beatha ; ach a ta fearg 
Dhè a' gabhail còmhnuidh air." Eoin iii. 18, 
36. 

III. Tha daoin' eil' ann nach eil a' gabhail 
gnothach ri comharradh ro luachmhor so a 
chreidimh, do bhrìgh gu'm beil iad a' meas gur 
obair ro dhuilich, creideamh f haotainn a mach 



b» DEUCHAINN MU CHOIR 

far ara beil e. Ris a' mhuinntir so tha mi 'g 
ràdh, nach eil e cho duilich fhaotainn a mach, 
do bhrigh gu'm beil aig an tì a chreideas, an 
f hianais ann fein. (1 Eoin. v. 10.) 'S ni e a dh' 
fhaodair aithneachadh tre nitheigin do mhion- 
rannsachadh dùrachdach. Cha-n e mhàin 
gu'm faod sinn mòran a dheanamh chum 
fhaighinn a mach leis an obair roi-ullachaidh 
a tha dol air thoiseach air ann am mòran, mar 
tha duin' a bhi a* smuainteachadh 's a' creid- 
sinn a staid chaillte, 's nach eil e comasach air 
a ghnothach fèin a dheanamh, 's gu'm beil làn- 
fhoghainteachd ann an Criosd, a tha ro ion- 
mhiannaichte nam b* urrainn esan g'a f haotainn ; 
le bhi cuimhneachadh gu dùrachdach air so, le 
cridhe fosgailt* a' gnà-fheitheamh gu cobhair 
f haotainn ; agus mar an ceudna, leis na nithe 
a tha 'na chòmpanas, no 'na chuideachd, sin 
r'a ràdh, spèis a thoirt do dh' uachdaranachd 
Chriosd, 's d'a dhreuchd mar Rìgh 's mar 
Fhàidh, miann no togradh chum mi fèin a thoirt 
suas da gu h-iomlan,chum a bhi air mo stiiiradh 
leis ; agus mar an ceudna leis na nithe a tha gu 
nàdurrach 'ga leantainn, sin r'a ràdh, stiìiradh 
an fhacail, obair a ghlanas an cridhe, oib- 
reachadh tre ghràdh, &c. Tha mi 'g ràdh, 
nach e mhàin gu*m faod sinn creideamh aith- 
neachadh leis na nithe sin, ach tha e so-mhoth- 
achail leis fein agus le ghnè fèin ; ged nach 
eil mi 'g àicheadh nach feum rudeigin do 
cbòmhnadh Spioraid Dhè a bhi againn, leis an 



SHLAINTEIL ANN AN CRTOSD. 69 

aìthnich sinn na nithe a thugadh dhuinn gu 
saor o Dhia, (1 Cor. ii. 12,)mar an ceudna fòs 
gu'n do chuir Dia f ar comhair iomadh dearbh- 
adh soilleir agus comharran, mar chòmhnadh 
luachmhor, leis am faod daoine fhaicinn gu 
soilleir am beil no nach eil, an creideamh 
slàinteil sin a dh' fhìreanaicheas, aca fèin. 
*' Na nithe so sgrìobh mi do 'ur n-ionnsaidh, a 
tha creidsinn ann an ainm Mhic Dhè ; chum 
gu'm bi fios agaibh gu'm beil a' bheatha mhair- 
eannach agaibh." (lEoin. v.l3.) Gidheadh tha 
mi fhathasd ag ràdh, gu'm beil creideamh, no 
creidsinn, ni is e rudeigin do dh' oibreachadh 
a' chridhe air Criosd anns an t-soisgeuì, agus 
gabhaii ris mar tha e air a thairgse ann, dearbh- 
shoilleir so-fhaicinn leis fèin, do dhuine tuig- 
seach, le còmhnadh gnàthaicht' an Spioraid ; 
mur dean an Tighearna Dia, air son reusain a 
tha mhain aithnichte dha fèin, ceò dorchadais 
a thilgeadh air tuigse shoiUeir an duine, leis am 
bu chòir dha an ni tha ann fèin a thuigsinn 
agus a mhothachadh. 

Tha 'n creideamh so a dh' f hìreanaicheas, a 
tha sinn a' dearbhadh a bhi cho soilleir, air a 
chur far comhair ^san Sgriobtur air iomadh 
dòìgh, ann am buan-ghliocas, agus ann an co- 
aontachadh gràsmhor Dhè, do rèìv 'oibreachaidh 
eugsamhail mu Dhia, ^s a' dol a mach as a 
dhèigh, air chòr 's gu*m faod gach neach aig 
am beil e, a làn-thuigsinn gu'm beil e aige. 
Tha e air uairibh ag oibreachadh le dian-thog- 



70 DEUCHAINN MU CHÒIR 

radh chum aonachd maille ri Dia ann an 
Criosd : 'Se so an dearcadh air Dia tha air 
ainmeachadh ann an Isa. xlv. 22, " Seallaibh 
riumsa, agus bithibh air bhur tèarnadh, uile 
iomalla na talmhuinn." 'S coltach nach eil ann 
an 80 ach gnìomh anfhann, a tha fada gearr 
air cuid eile de dh' oibreachadh a' chreidimh 
ann an àm eile, faodaidh e bhith anns a'cheart 
neach sin fèin. Seallaidh daoin' air ni ris nach 
bi chridh' aca beantainn, no ghlacadh 'nan 
hìimh ; faodaidh iad amharc air duine ris nach 
eil a chridh' aca labhairt : gidheadh thug Dia 
an gealladh do chreidimh anns an oibreachadh 
sin, mar tha'n Sgriobtur roi-ainmichte a' nochd- 
adh ; agus rinn e so gu glic, tròcaireach, oir 
se so an t-aon dòigh air an tuigear oibreachadh 
a' chreidimh air uairibh air cuid do dhaoine. 
Mar so tha oibreachadh no dol a mach a 
chreidimh air an soilleireachadh 's an Sgriob- 
tur, le acras agus tart na fìreantachd, (Mat. v. 
6,) agus sin air a shoilleireachadh le bhi toil- 
each. '' Agus ge b'e neach leis an àill, gabhadh 
e uisge na beatha gu saor. (Tais. xxii. 17-) 

A rithist tha 'n creideamh so a' dol a mach 
le taic a leagailairan t-Slànaighear ghràdhach, 
's an t-anam a' gabhail ri Criosd mar 'ionad 
stad 's mar stèidh a dhòchais, agus tha Dia 'ga 
nochdadh air an dòigh so, ged a tha e 'na 
chloich-thuislidh do dhaoin' eile. (Rom. ix. 33.) 
Tha 'n t-oibreachadh so dheth air a chur Tar 
comhair gu minig 's an Sgriobtur, anns na 



SHLAINTEIL ANN AN CKIOSD. ^ì 

briathraibh so, *' earbs* a dheanamh as, agus fois 
a ghabhair' air Dia ; agus tha geallaidhean ro 
luachmhor air an toirt do dh* oibreachadh so a* 
chreidimh, mar chì sinn ann an Isa. xxvi. 3, 4, 
'* Gleidhidh tu esan ann an sìth iomlain, aig am 
heil 'inntinn suidhichte ort, a chionn gu'n do 
chuir e a dhòchas annad. Cuiribhse bhur 
dòchas anns an Tighearn do ghnà, oir anns an 
Tighearna lehobhah tha neart siorruidh." Mar 
so tha Salm cxxxv. 1, " Bithidh iadsan a dh' 
earbas as an Tighearna marshliabh Shioin,nach 
caraichear, ach a mhaireas gu siorruidh." Tha 
mi 'g ràdli gu 'n tug an Tighearna geallaidhnean 
do 'n dòigh so do dh' oibreachadh a' chreidimh, 
air dha fios a bhi aige gu 'n oibrich e air a 
mhodh so gu minig le mòran dhaoine ; agus 
bithidh e ro f hollaiseach dhaibh fèin, 'nuair a 
bhios creideamh ag oibreachadh air an dòigh 
sin. 

Tha creideamh air uairibh ag aomadh an 
deigh Dhè le feitheamh gu bunailteach air, 
'nuair tha 'n t-anam an dùil ri nìtheigin f haigh- 
inn o Dhia, 's nach d' f huair e a rùn a làn- 
fhoillseachadh a rèir a thoile mu thimchioll an 
nì sin ris am beil e'n earbsa : ann an sin tha 
creideamh a' feitheamh gu foighidneach ri toil 
Dè, agus mar so tha 'n gealladh air a cho- 
lionadh dha. *" Cha nàraichear iadsan a chuir- 
eas an dòchas annamsa." (Isa. xlix. 23.) Tha'n 
creideamh ag oibreachadh air uairibh air 
mhudh toileil air Dia, 'nuair tha 'n t-anam u 



72 DEUCllAl.NiN MU CHÒIH 

breithneachadh gum beil Dia 'ga thilgeadh 
uaithe, 's a' bagradh a lèir-sgrios, " Ge do 
mharbh e mi, gidheadh earbaidh mi as." (lob. 
xiii. 15.) Chaidh creideamh na mnatha bochda 
sin a bha ann an Canaan, (Mat. xv, 22, 28.) a 
tha cho mòr air a cliùthachadh le Criosd, 
amach air an dòigh so le oibreachadh toileil an 
aghaidh gach trioblaid a bha 's an rathad ; agus 
tha 'n Tighearn' a sàr-mholadh mar rinn i, chum 
misneach a thoirt dhaibh-san a bhios 'na leithid 
sin do staid. Bheireadh e mòran ùine bhuam, 
gach dòigh eugsamhail air an oibrich creideamh 
HÌnmeachadh fa-leth. Faodaidh mi a ràdh, 
gu'n do nochd Dia e-fèin, agus 'iomlanachd 
ann an Criosd air iomadh dòigh, fo smuaintibh 
fa leth^ a rèir staid no trioblaid an anma, chum 
còmhnadh èifeachdach a dheanamh ri daoine 
'nam feum. Agus air an aobhar sin tha creid- 
eamh, ni is e am meadhon a dh' òrduich Dia 
chum iomlanachd Chriosd iomchar a dh' ionn- 
saidh an duine, 's a chionn aonachd agus co- 
chomunn a chumail suas ris, ag oibreachadh 
air mhodh eugsamhail air Dia ann an Criosd ; 
oir 'se creideamh cridhe an duine a dhealbh *s 
a cho'-chumadh a rèir innleachd Dhè chum 
peacaich a shàbhaladh tre losa Criosd, anns 
ain bu taitneach leis an Athair gu 'n gabhadh an 
iomlanachd sin còmhnaidh , air chòr 's ge b'e 
làmh air an tionndaidh Criosd, gu'm beil creid- 
eamh 'ga dhlù-leantainn, 's ag aomadh d' a ionn- 
saidh air an dòigh sin fèin. Tha Criosd 'ga 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 73 

nochdadh fèin do'n chreideach bhochd air gach 
dòigh air am faod e bhi feumail da, agus uime 
sin tha creideamh ag oibreacaadh air Criosd 
chum tarruinn o 'iomlanachd-sàn a rèir feum 
agus staid an duine. Mar eiseamplair, tha 'n 
t-anam lom, gun chòmhdach chum a dhìon o 
f hèirg dhoinionnaich an Uile-chumhachdaich ; 
tha Criosd 'na thrusgan fasgach, dìonach ro 
mhaiseach. (Tais. iii. 17, 18.) Mar so matà 'se 
's obair do chreideamh an Tighearn' losa a 
chur uime ann an so. (Gal. iii. 27.) Tha miann 
agus cìocras mòr air an anam an deidh air nì- 
eigin a làn-shàsaicheas gu bith-bhuan e; tha 
losa Criosd 'na bhainne, 'na f hìon, 'na uisge, 
'na aran 'na beatha agus 'na f hìor mhana : (Isa. 
Iv. l, 2 ; Eoin. vi. 48, 51 ;) 's esan a' chuirni de 
nithe reamhar, 's de dh' f hìon air ath-tharruinn. 
(Isa. XXV. 6.) Ann an sin 'se obair agus gnàth- 
achadh a' chreidimh, dol a cheannach, a dh' ithe 
agus a dh' òl gu saibhir pailt. (Isa. Iv. 1 ; Eoin. 
vi. 53, 57) Tha 'n t-anam air a dhian-ruagadh 
as leth cionta eigin a bheag no mhòr ; agus 'se 
losa Criosd am baile-dìona, agus an t-Ard- 
Shagart ann, neach am fad 's a's beò e, 'se sin 
gu siorruidh, tha'n duine bochd a tha buidhinn 
a' bhaile sin, làn-tèaruinte : ann an sin 'se 
obair agus seirbheis a' chreidimh, teicheadh d'a 
ionnsaidh chum a bhi sàbhailte, gu grèim a 
dheanamh air an dòchas a chuireadh romhainn. 
(Eabh. vi. 18.) Ann an aon fhacal, ciod air 
bith an seòl air am bi Criosd feumail do dhuine, 

H 



74 DEUCHAiNN MU CHÒIR 

tha e labhairt air a mhodh sin m'a thimchioll 
fèin ; 's mar tha e 'ga nochdadh fèin 's an 
Sgriobtur, 's amhail a tha creideamh a' trebr- 
achadh d'a ionnsaidh. Ma tha Criosd 'na 
Fhear-nuadh pòsda, thèid creideamh a mach fo 
dhàimh pòsaidh ; ma *s Athair e, tha creid- 
imh a' tagradh gur leanabh an duine: ma 's 
Aodhair 'e, tha creideamh a' tagradh gu 'm bi 
an duine'na aon d'a chaoirich ; ma 's Tighearn' 
e, tha creideamh a' gairm sin deth, ni nach 
comasach do neach air bith a dheanamh ach 
tre Spiorad Dhè. (1 Cor. xii. 3.) Ma bha e 
marbh, agus ma dh' èirich e rithist chum ar 
fìreanachadh, tha creideamh a' làn-chreidsinn 
gu'n do thog Dia suas e chum na crìche sin, 
(Rom. X. 9.) Ge b'e àit' am beil esan, bu 
mhiann le creideamh a bhi 's a cheart ionad 
sin ; agus ge b'e sam bith e, bu toil le creid- 
eamh a bhi ann an tomhas eigin d' a rèir : oir, 
*s ann tre chreideamh a tha " n cridhe air a cho- 
chumadb a mach am fad agus an leud fa 
chomhair Chriosd ; seadh 'nuair a thèid ainm 
's a chliiì a mach 'na f hìrinn, ged nach eil creid- 
eamh a' faicinn mòran, gidheadh tha e creid- 
sinn 'na ainm, air son a' chliù mhath a chraobh- 
sgaoil e m'a thimchioll fèin. (Eoin i. 12.) Ach 
a chum mearachdan a sheachnadh, thugaibh 
fainear : — 

I. Ged a tha 'n creideamh a dh'fhìrean- 
aicheas ag oibreachadh air dhòighibh cho 
eugsamhail, gidheadh chan eil gach uii'- 
oibreachadh agus gnàthachadh dhiù sin aig 



SHLAINTEIL, ANN AN CRIOSD. ^Ù 

gach f ìor chreideach aig am beil dearbh-chòir 
air Criosd ; oir cha-n eil a staid *n am feum : 
agus mar an ceudna 's toil leis a' Mhaighistir 
gun chreideamh cuid de dhaoin' a tharruinn a 
mach air uairibh, ann an cuid de na dòighibh 
sin, air son aobhair a tha mhàin aithnichte 
dha fèin 'nuaìr a tha feum ac (a rèir am baral- 
ach) air a leithid sin do dh* oibreachadh creid- 
eimb. Gu cinnteach cha-n eil gach neach 
comasach air a ràdh, "Ge do mharbh e mi, cuir- 
idh mi f hathasd mo dhòchas ann/' 'S lìonmhor 
iadsan nach rachadh leis a mhnaoi a' mhuinntir 
Chanaain mu'n do labhair mi roimhe, (Mat. xv.) 
ach a ghlacadh mi-mhisneach, 's a leigeadh 
dhiù an gnothach mu'n robh iad. 'S ann air 
son so a tha Criosd a' moladh creideamh 
cuid do dhaoine ni's mò na creideamh dhaoin' 
eile, (Mat. viii. 10.) mar bha'n Ceannard-ceud : 
(Mat XV. 28.) agus a' bhean a rahuinntir 
Chanaain. Tha mòran dhaoine diadhaidh fo 
mhòr-thrioblaid, agus neo-fhoisdineach mu 
thimchioll an creidimh, a chionn nacheil iad'g- 
am mothachadh air gach dòigh a th' air ainm- 
eachadh 'san Sgriobtur ; ach 's gann a 
gheibhear aon duine a dh' oibrich a chreideamh 
air gach dòigh dhiù sin. 

II. Tha mòran do dh' oibreachadh so a 
chreidimh, air uairibh gu laidir, beothail, 
soiUeir, so-mhothachail ; agus tha iad air uair- 
ibh a' tighinn gearr air a sin, 's tha creideamh 
a'faighinn buaidh: air chor'sgurneo-chinnteach 



76 DEUCHAINN MU CHÒIR 

an rud breth a thoirt air staid duine le oìb- 
reachadh a' chreidimh. Tha sinn a' faicinn 
gu'm beil eadar-dhealachadh mòr eadar oib- 
reachadh a' chreidirah air uairibh, anns na 
naomhaibh fèin, mar a nochd sinn roimhe. 

III. Tha gach aon do dh' oibreachadh sin a* 
chreidimh 'na chomharradh math do*n neach 
aig am beil e, 's tha geallaidhean air an ceangal 
ris, mar a thuirt sinn roimhe. Gidheadh ; — 

IV. Ged a thaaig oibreachadh sin a'chreid- 
imh geallaidhean ceangailte riu, cha-n iad, air 
son sin, cùmhnant' an nuadh cho'-cheangail : 
oir nam b' ann mar sin a bhiodh a' chùis, dh' 
f heumadh a h-aon diù 'bhi aig gach neach, ni 
nach eii fìor, mar thuirt sìnn roimhe, Tha geall- 
adh air a thoìrt dhà-san a bheir buaidh ; ach 
cha-n e buan-dhichioU cùmhnant an nuadh cho- 
cheangail, ach tha e *ga chiallachadh. Tha 
geallaidhnean air an toirt seachad do ghnàth- 
achadh gach uile ghràs, 's an Sgriobtur ; ach 
'se creideamh a mhàin cùmhnant a cho-cheang- 
ail. Tha mi 'g ràdh mata, gu'm beil na geall- 
ainean air an toirt do dh' oibreachadh sin a 
chreidimh, ni h-ann mar sin, ach mar tha iad a' 
chiallachadh creidimh a dh' f hìreanaicheas, ni 
is e cùmhnant a' cho-cheangail. 'S oibreachadh 
creidimh gach ni dhiù sin, ach cha-n ann mar 
tha e a' fìreanachadh. Air an aobhar sin. — 

V. Tha nì-eigin ann a th'aig gach neach 
a tha ann an staid nan gràs, a tha air a chiall- 
achadh le uile oibreachadh roi'-ainmichte a' 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 77 

chreidìmh, anns am beil nàdar agus bith a' 
chreidimh a dh' fhìreanaicheas a' co-sheasamh. 
Agus 's e so an cridhe bhi làn-tòilichte le 
innleachd Dhè chum peacaich a shàbhaladh tre 
Chriosd ; 'nuair tha duine toilichte le innleachd 
Dhè chum dìoladh a thoirt docheartas tre losa 
Criosd, anns am beil gach uir-iomlanachd a' 
gabhail còmhnaidh le làn-toil an Athar; 
'nuair tha cridhe agus anam duine làn-toilichte 
leis na nithe sin, ann an sin tha e creidsinn a 
chum slàinte. Mar a rinn Dia an tùs duine 
freagarrach do chùmhnanta nan gniomh, le 
chruthachadh ann an staid iomlan, 's le chur 
'na chomas a thoil a chomh-Iionadh anns a 
chùmhnanta sin ; air a mhodh cheudna fo 'n 
nuadh cho-cheangal, 'nuair tha Dia a' toirt a 
chridhe nuaidh do dhuine, tha e cur samhla 
agus dealbh uir-innleachd fèin anns an nuadh 
cho-cheangal air an duine, air chor 's gu'm beil 
e freagarrach do thoil Dè ; mar so tha e giùlan 
air fèin ìomhaigh agus dreach an dara h-Adh- 
amh, losa Criosd. 'S earrann mhòr so de'n 
nuadh chridhe, agus tha e calg-dhìreach an agh- 
aidh oibre ; do bhrìgh gu'm beil an duine a' 
tuiteam gu tùr o oibribh, " a' fàs marbh do 'n 
lagh," a thaobh fìreanachaidh, ^' tre chorp 
Chriosd," (Rom. vii. 4.) Air do'n duin' athoirt 
fainear gu'n do dhealbh Dia dòigh air a cheartas 
fèin a dhìoladh, 's air daoin' a shàbhaladh le 
losa Criosd a theachd 's an fheòil, air leis gu'm 
beil an seòl so cho math agus cho cinnteach, 's 



78 



DEUCHAINN MU CHOIR 



gu'm beil e gu buileach a' leigeil detb gach 
smuain air a bhi air a shàbhaladh le obair an 
lagha, mar a thuirt rni roimhe, 's a* gabhail gu 
toileach ris an innleachd so chum peacaich a 
shàbhaladh; agus 'sesocreidsinn, no creideamh, 
calg-dhìreach an aghaidh oibribh 's an aghaidh 
earbs' air bith a dheanamh asda. Tha so anns 
gach neach a th' ann an staid nan gràs, anns 
nach eil mòran de dh' oibreachadh a' chreid • 
imh r'a fhaotainn. Tha so gu soilleir a' 
nochdadh gu'm beil mothachadh aig duin'aira 
thruaighe 's air a thrioblaid, gun fhurtachd, 
gun f huasgladh air bith ann fèin : 's tha so a' 
roi-chiallachadh, gu'm beil e toìrt fainear gu'ra 
beil iomlanachd ann an Criosd, mar an t-aon 
f huasgladh dionmhalt : tha so a' ciallachadh 
gu'm beil gnè bhuntuinn aig an duine ris an 
f huasgladh bheannaichte so : oir air do'n 
chridhe tlachd a ghabhail anns an innleachd 
sin, tha e'g aomadh mar so d' a ionnsaidh. 
'S nì so a tha gu soilleir air a chiallachadh 
anns gach oibreachadh de'n chreideamh, mu 'n 
do labhrad-h roimhe. Tha so aige-san air am 
beil cìocras togarrach ; agus tha e aig an tì a 
tha leagadh a thaice ris, agus tha e aig an 
neach a tha cur losa Criosd uime, &c. 'Se so 
" Criosd cumhachd £gus gliocas Dè a mheas 
a chum slàinte ; ' 's tha e air a ràdh gu 'm bi e 
mar sin dhaibh-san uile a chreideas ann. (1 
Cor. i. 24.) Tha iad a' meas gu'm beil innleachd 
Dhè chum peacaich a shàbhaladh. glic agus ro 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 7^ 

chinnteach, agus 'se sin creidsìnn no creidìmh. 
Air an aobhar so tha Criosd a tha 'na chloich 
dhiùltaidh do mhòran, ro luachmhor, dhaibh- 
san a tha creidsinn ; clach a tha ro f hreagarr- 
ach, chum taigh brist' an duine chaillt' ath- 
nuadhachadh, a dhaingneachadh, agus a dhean- 
amh maiseach. *' A' teachd d'a ionnsaidh-san 
mar gu cloich bheò, a dhiiìltadh gu deimhin le 
daoìnibh, ach air a taghadh o Dhia agus 
luachmhor ; Tha sibhse mar an ceudna, mar 
chlachaibh beò, air bhur togail suas 'nur taigh 
spioradail, 'nur sagartachd naomh, chum ìob- 
airteanspioradail athoirt suas, taitneachdoDhia 
tre losa Criosd. Uime sin a ta so mar an 
ceudna air a chur sìos anns an Sgriobtur, 
Feuch, cuiridh mi ann an Sion priomh chlach- 
oisne thaghta, luachmhor ; agus an tì a 
chreideas ann, cha chuirear gu nàire e. 
Dhuibhse uìme sin a chreideas, tha e luach- 
mhor ; ach dhaibh-san a tha eas-ùmhal, a' 
chlach a dhiùlt na clachairean, rinneadh ceann 
na h-oisne dh'ì, agus clach-thuislidh agus car- 
raig-oilbheim, dhaibh-snn a thuislicheas air an 
f hacal, air dhaibh bhi easumhal, chum mar an 
ceudna an d' òrduicheadh iad" (1 Pead. ii. 
4 — 8.) " A rìs, a ta rìoghachd nèimh coltach 
ri ionmhas air f halach am fearann ; ni an dèigh 
fhaotainn a dh' fhalaich duine, agus air sgàth 
a ghàirdeachais air a shon, dh' imich e agus 
reic e na bha aige uile.'* (Mat xiii. 44.) Tha 
na briathransin a'nochdadh ceart seòl a' chreid- 



80 DEUCHAINN MU C'HÒIR 

imh, se sin r'a ràdh, gur ann tre losa Criosd a 
bhios daoine air an sàbhaladh, mar tha e air 
fhoillseachadh 's an t-soisgeul ; tha 'n cridhe 
àn-toilichte leis an innleachd sin mar ni a tha 
g*a làn-shàsachadh. 'Se so creidsinn ann am Mac 
Dhè a tha air a thogail suas ; a tha air a 
choimeas ri amharc suas air an nathair umha. 
(Eoin. iii. 14.) 'S ann do bhrìgh gu 'n do 
thaitinn an innleachd sin ris an duine a 
rinneadh èifeachdach e chum a leigheas ; 's 
amhail a tha chùis an so, *' An tì a ghabh 
r'a f hianais-san, chuir e a sheula ris gu*m beil 
Dia fìor." (Eoin. iii. 33.) Fìor ? cia ann ? anns 
an f hianais sin a thug e, gu'n d' f huair Dia 
beatha do dhaoine 's gur ann an Criosd a tha 
slàint' agus sonas siorruidh an anma neo-bhàs- 
mhor a' co-sheasamh, do-bhrìgh gur esan a 
ghabh os-làimh ar saoradh, tre 'fhuil ioc- 
shlainteach fèin a dhòirteadh air ar son. *« An 
tì nach creid Dia, rinn e breugaire dheth." 
(1 Eoin. V. 10, Jl.) Cia ann? 'Na ràdh, gure 
losa Criosd an t-slighe chinnteach neo-mhear- 
achdach agus thèaruinte gu nèamh. 'Se so a 
bhi làn-toilichte leis an innleachd sin ; agus 
tha e a' co-fhreagradh do gach ni tha air a 
chur sìos 's an Sgriobtur mu thimchioll creid- 
imh a dh' f hìreanaicheas. 'S e so creidsinn ann 
an Criosd, gabhail ris agus an socrachadh air 
chum slàinte, tha air a chur sìos ann an leabhar 
nan ceist ; a chreidsinn gur e losa an Criosd, 
'se sin, an t-Aon ungta, a sheulaich an t-Athair 



SHLATNTEIL ANN AN CRIOSD. 81 

's a cbuìr e air leth, 's a rinn e ìomchaidii fa 
chomhair na li-oibreach sin, eadhon an duine a 
dheanamh rèidh ri Dia ; agus " Ge b'e neach 
a chreideas gur e losa an Criosd, ghineadh o 
Dhia e/' (1 Eoin. v. 1.) 'S so a chreidsinn o'n 
chridhe, gu'n do thog Dia suas Criosd o na 
mairbh, (Rom. x. 9.) Tha*n duine a' creidsinn 
gu 'n d' f huair Criosd bàs, agus gu 'n d' èirich 
e chum làn-dìoladh a thoirt air son peacaidh a 
chinne-daonna. Faodaidh deamhain an ni 
ceudna a chreidsinn ; ni h-eadh, ach tha'n 
duine mu'm beil mis' a' labhairt 'ga làn-chreid- 
sinn le uile chridhe, (ni nach eil an comas 
neach a tha ann an staid nàduir a dheanamh, 
gus an toirear an cridhe nuadh dha,) 'se sin tha 
e gabhail, tlachd ann, sàsaichte agus làn- 
toilichte leis an innleachd ro luachmhor so. 
Agus tha 'n creideamh so 'ga nochdadh fèin an 
dràsta 's a rithist 'na oibreachadh, 'na dhol a 
mach agus 'na ghnàthachadh, a rèir uile dhàimh 
a chùmhnainte fo'm beil Criosd air a nochdadh 
'san Sgriobtur. 

A nise tha mi 'g ràdh, gu'm beil an creid- 
eamh so follaiseach so-mhothachail, ni h-ann 
a mhàin 's na gnàthachaidhean sin iomadh uair; 
faodaidh duine fìos a bhi aige ma tha cìocras 
geur air a chridhe an dèigh Chriosd, 's ma tha 
e a' teicheadh d'a ionnsaidh chum a dhìon, 
nuair bhios e air a dhian-ruagadh, 's ma tha e 
'ga làn-earbsa fèin ri àrd-Uachdaran nèinih 
agus na talmhuinn, &c. ach mar an ceudna 'na 
cheart nàdur, mar tha e a' f ìreanachadh, tha e 



82 DEUCHAINN MU CHÒIR 

soiUeir so-aithneachaidh. Faodaidh duine làn- 
chinnt' a bhi aige mu'n chùis, ma tha chridhe 
le mothachadh air a thruaighe fèin, agus air 
iomlanachd Chriosd, làn-toilichte le innleachd 
Dhè anns an nuadh cho-cheangal ; ma tha e 
dol a mach an dèigh Chriosd anns an innleachd 
sin, agus ma tha e 'ga thoileachadh mar 
Ughdar agus mar Uachdaran beatha dhaoine, 
a' stad 's a socrachadh air an Fhear-shaoraidh 
's ni h-ann air ni no air neach sam bith eile, a, 
co-aontachadh leis an dòigh sin chum peacaich 
a shàbhaladh le togradh agus le tlachd. 'S nì 
so a tha ro shoilleir: uime sin tha mi 'gaslach- 
adh air daoine gu 'm mion-rannsaich siad iad 
fèingu ceart-bhreitheach;agus mamhothaicheas 
iad gu'n do ghabh an cridhe air a' mhodh so 
ri innleachd sin na slàinte tre losa Criosd, 's 
gu'm beil iad 'ga mheas luachmhor agus a 
comh-dhùnadh gu'm beil aca fìor chòir shòn- 
raichte air losa Criosd, agus air crùn nabeatha, 
chionn " nach tèid an tì a chreideas a sgrios 
am feasd, ach gu'm bi a' bheatha rahaireannach 
aige," Eoin, iii. 16, 36. 



CAIB. VIII. 

An Ueadar'dhealachadh a tha eadar creideamh 
chealgairean, agus an creideamh fìor slàinteil a 
dh' fhìreanaicheas, 

Cunn. Tha seòrsa creidimh aig cealgairean 
's aig daoin' aingidh ain-diadhaidh, 's tha e air 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 83 

a ràdh gu'm beil iad a' creidsinn, '* Chreìd 
mòran 'na aìnm, an uair a chunnaic iad na 
mìorbhuilean a rinn e. Ach cha d' earb losa e 
fein riù, do bhrìgh gu'm b'aithne dha na h-uìle 
dhaoine.'' (Eoin. ii. 23, 24.) '^ An sin chreid 
Simon fèin mar an ceudna," (Gniomh. viii. 
13); agus tha iad a' dol a mach an dèigh 
Chriosd, 's an dèigh innleachd sin na slàinte, 
'nuair a chluinneas iad iomradh air : 's tha iad 
ag aidmheil gu'm beil iad a' deanamh mar sin, 
gidheadh tha iad air am mealladh, agus faod- 
aidh mise bhi mar sin cuideachd. 

Freag, Gun smid a ràdh mu thimchìoll 
smuaintean sin do chridhe, (leis am beil thu 
gabhail iongantais nach eil gach neach làn- 
toilichte le innleachd na slàinte tre losa Criosd, 
's a' treòrachadh a mach g'a ionnsaidh,) mar 
chomharradh ro mhath, a tha dearbhadh gu'm 
beil an creideamh a dh' fhìreanaicheas agad 
cheana ; 's gun fhacal a labhairt an aghaidh 
smuainteachadh do chridhe, gu'm faod duii.e 
nach eil air iompachadh o staid nàduir, am 
feadh a bhuanaicheas e mar sin, 's mu'm faigli 
e 'n cridhe nuadh, tlachd a ghabhail 'san ir n- 
leachd sin, 's a làn-chreidsinn le 'uile chridhe, 
an ni sin a thilgeas gu buileach cumhnanta nan 
gniomh bun-os-ceann, 's a dh'ìslicheas duine a 
thaobh fèin-fhìreantachd air an d' ràinig e 
cheana, no air an urrainn e ruigheachd, ni nach 
eil a' co-f hreagradh ri iomadh do dhearbh- 
f hìrinn an Sgriobtuir ; tha mi cur fa d' chomh- 



84 deuchainlx mu chòir 

aìr nan eadar-dhealachadh so a leanas eadar 
creìdeamh chealgairean na luchd-aingidheachd, 
agus an creideamh fìor slàinteil sin a dh' fhìr- 
eanaicheas, mu'n do labhair sinn cheana. 

I. Cha-n eil iad idir a gabhail ri losa Criosd 
anns an innleachd sin, agus ris-san 'na aonar 
mar chòmhdachadh leòir-fhoghainteach d' an 
sùilibh, mar tha e air a ràdh mu Abraham do 
Shara. (Gen. xx. 16.) Tha iad f'hathasd a' 
deanamh grèim air nì-eigin a bhuineas d' am 
fìreantachd fèin, air a' chuid a's lugha chum 
còmhnadh a dheanamh riu gu fàbhar agus 
slàinte Dhè f haotainn ; tha 'n cridhe do ghnà 
a' labhairt, mar labhair an t-òganach sin, " Ciod 
a ni mi chum gu'n sealbhaich mi a' bheatha 
mhaireannach ?" (Luc. xviii. 18.) A bharr air, 
gu'm beil iad f hathasd a' gleidheadh an seann 
Ìeannanain gràidh, 's cha bhris iad an cùmh- 
nanta ri ifrinn agus ris a' bhàs, a* saoilsinn 
gu'm faod iad Criosd a bhi aca maille ris na 
nithe so, aig am beil uirread do'n chrìdhe 's a 
Iha air a bhuileachadh air an t-Slànaighear 
oheannaichte, calg-dhìreach an aghaidh so. 

Cha-n urrainn neach air bith seirbhis a 
dheanamh do dhà Thighearna." (Mat, vi. 24,) 
An dara cuid 's èigin Criosd a mheas 'na làn 
Uachdaran, agus fiùghail air an uachdranachd 
sin, no gun bhuntuinn sam bith a bhi aca ris. 
Agus mar so tha e dearbh-shoilleir, nach eil an 
cridhe air a dheall)h fa chomhair innleacbd sin 
na slàinte tre losa Criosd, neach a rinn Dia 



SriLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 85 

a mhàin 'na Thighearna ann an so, anns. am 
beil gach iomlanachd a' gabhail còmhTi^dh. 
Ach far am beil creideamh a dh' f hìreanaicheas, 
tha anam agus cridhe duine sl gabhail ri Criosd, 
agus ris-san a mhàin, gun mhuinighinn sam 
bith a chur 's an f heòil^ (Phil. iii. 8.) Tha e 
'g earbsa a mhàin ann an Dia. (Salm. Ixii. 
5.) Mar an ceudna fòs, tha 'n duine an so a' 
cur ciàl r'a leannain ghràidh eile, o'n a tha iad 
a' comh-strìgh ri Criosd, tha e a' cur roimhe 
nach ròghnaich e neach eile, (Hos. iii. 3,) tha 
e 'gairm a Thìghearna dheth, nì nach urrainn 
duine a dheanarah ach a mhàin tre Spiorad 
Chriosd, ] Cor. xii. 3. 

II. Mar nach eil cealgairean agus daoine 
ain-diadhaidh a' gabhail idir ri Criosd gu 
h-iomlan 'na aonar ; cha-n eil iad uair sam bith 
a' gabhail ris mar tha e air ùngadh gu bhi 'na 
Rìgh, chum riaghladh thar an duine anns na 
h-uile ni ; 'na Shagart, chum sìth agus math- 
anas fhaotainn do dhuine anns gach cìiis : 'na 
Fhàidh, chum a bhi 'na ghliocas, agus na' f hear- 
teagaisg agus 'na chomhairleach anns gach 
cùis do dhuine ; mar so cha n eil iad a' gabhail 
ri Criosd, gu h-àraidh anns a' cheud no anns 
an treas dreuchd. Ach far am beil am fìor 
chreideamh a dh' f hìreanaicheas, tha duine a' 
gabhail ri Criosd gu h-iomlan *na uile dreachd, 
a meas gu'm beil a thoil uile math, naomha, 
cothromach.agus spioradail : (Rom. vii. 12, 14.) 
agus ceart mu thimchìoll nan uile ni, (Salm 
I 



86 DEDCHAINN MU CHÒIR 

oxix. 128,) a' deanamh luaidh air fhìreantachd- 
san a mhàin. 

Tha 'n duine mar an ceudna 'ga thoirt fèìn 
suas chum a bhi air a theagasg leis, *^ Fògh- 
lumaibh nam." (Mat. xi. 29.) Air chor 's gu'm 
beil " Criosd air a dheanamh '' do'n f hìor 
ehreideach le làn-toil fèin, 'na ghliocas, 'na 
fhìreantachd, agus 'na shaorsa iomlan, (1 Cor. 
i. 80.) Agus ged nach eil aige na nithe sin 
uile o'n leth a' muigh 'na ghnàthachadh : 'nuair 
tha 'chridhe dol a mach an dèigh Chriosd, gidh- 
eadh, 'nuair a dh' fheuchar gu ceart 'sa gheur- 
rannsaichear a' chùis, gheibhear aige gach ni 
mar a thubhairt mi. 

III. Cha n eil cealgairean agus daoine aing- 
idh idir a* gabhail ri Criosd agus ris na nithe 
draghail a tha 'ga leantainn : tha iad a' stad 
ann an sin maille ris na Sgrìobhaichean. (Mat. 
viii. 19, 20.) Ach far am beil creideamh fìor 
a dh' fhìreanaicheas, tha duine a' gabhail rìs 
anns gach cunnart ; tha e cur roimhe gu'n trèig 
e gach aon ni mu'n trèig e Criosd, " Feuch, 
thrèig sinne na h-uile nithe agus lean sinn 
thusa." (Marc x. 28.) Tha e meas nan uile 
nithe 'nan calldach agus 'nan aoìach air son ro 
òirdheirceas losa Criosd, mar a Thighearna, 
agus gu'm faighear ann-san e. Philip iii. 8, 9. 

Dh' f haodamaid tuilleadh eadar-dhealachaidh 
a thoirt dhuibh air mar tha am fìor chreideamh 
ag oibreachadh a' glanadh a' chrìdhe, (Gniomh. 
XV. 9,) ag oibreachadh tre ghràdh, (Gal. v. 6,) 



SliLAl'^TEIL ANN AK CIUOSD. B? 

'nuair nach eil na cealgairean a' glanadh aeh 
a mhàin taobh a muigh na mèise, (Mat. xxiii. 
25,) sa' deanamh gach ni chiim 's gu'm faicear 
iad le daoine, (Mat. vi. 5,) gun a bhi 'g iarraidh 
na glòire a ta o Dhia a mhàin, agus mar sin 
cha-n eil e'n comas daibh creidsinn. (Eoin. v. 
44.) Dh' fhaodamaid a nochdadh mar an 
ceudna, nach eil fìor chreideamh 'na aonar ann 
an duine aig uair sam bith, ach gu'm beil gràsan 
slàinteileile do ghnà maiU ris: agus a bhrìgh gu'm 
beil na nithe sin agus na nithibh a leanas a 
comh-f hreagairt ri chèile ; agus a thaobh nach 
eil sinn ann an so a' nochdadh gu'm faod duinè 
a staid ghràsmhor aithneachadh le 'chreideamh 
agus le 'oibreachadh air Criosd; ni sinn dearmad 
air labhairt mu thimchioll na nithibh so. 



CAIB. IX 

Mu 'ìi chreutair nuadh* 

'S E 'n creutair nuadh an dara comharradh 
mòr air staid ghràsmhor, 's air còir fhìor- 
shlàinteil air Criosd. *' Ma tha neach sam 
bith ann an Criosd, is creutair nuadh e.*' (2 
Cor. V. 17.) Tha'n cruthachadh nuadh so, no 'n 
t-ath-nuadhachadh air an duine, 'na atharr- 
achadh ro shoilleir, ged nach eil e mar sin 
annta-san a tha gu h-èifeachdach air an gairm 



38 DEUCHAÌKN MU CHÒIH 

o*n bhroinn, no ann an aois an òige ; do bhrìgh 
gu m beil an creutair nuadh aig a' mhuinntir 
sin o'n àm sin, air chòr 's nach eil an t-atharr- 
achadh so r'a f haicinn annta an dèigh làimhe ; 
gidheadh tha e so-fhaicinn anns a mhuinntii* 
sin a bha air an ath-ghineamhuin 's air an 
toirt a dh' ionnsaidh Chriosd an dèigh dhaibh 
teachd gu aois, agus a bha air dhòigh ni's 
ro-shoilleire fo chumhachd an dòrchadais, mu'n 
robh iad air an atharrachadh gu rìoghachd 
Chriosd. (Col. i. 13.) Ach 's èigin gu'm bi 
an nuadh-dlìuine so anns gach neach a tha 
gabhail os-làimh le barantas gu'm beil còir ac' 
air Criosd ; ged nach eil fìos aig cuid diù o'm 
fiosrachadh fèin, air na nithe tha 'n aghaidh 
gach earrainn deth, mar tha fios aig daoine 
eile : do bhrìgh nach robh iad a thaobh 
gnàthachaidh, fo 'n aon tomhas do chumhachd 
an dorchadais. 'S e 'n " duine nuadh'* a 
theirear ris an nuadh-chreutair, so, (Col. iii. 
10.) ni tha nochdadh a mheud. Cha-n e 
mhàin teanga no làmh nuadh, ach " duìne 
nuadh." Tha riìn do nuadh-bheatha agus do 
ghluasad air a chur anns an duine, ni is e an 
cridhe nuadh ; agus tha'n nuadh-rùn beatha 
sin a' cur a mach gnìomharran beatha, no 
gnìomharran a tha freagarrach do dh' ìomhaigh 
na tì a chruthaich e, (Col. iii. 10,) air chòr 's 
gu'm beil iad air an ath-nuadhachadh ann an 
tomhas eigin air gach dòigh. Faodar labhart 
mu ath-nuadhachadh an duine a ta air mhodh 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 89 

slàinteil ann ann an Criosd, fo 'n dà cheann- 
theagaisg mhòr so a leanas. 

Air tùs, Tha'n duin' ann an tomhas eigin air 
ath-nuadhachadh 'na anam agus 'na chorp. 

I. Tha a thuigs' air a h-ath-nuadhachadh, 
air chòr 's gu'm beil e 'meas gur e Criosd air a 
shearmonachadh 'san t-Soisgeul " gliocas agus 
cumhachd Dhè," agus innleachd ro luachmhor 
chum peacaich a shàbhaladh. (1 Cor. i. 23, 
24.) Tlia fios bunaiiteach aige mu na nithe a 
bhuineas do Dhia, nach eil iad 'nan seadh agus 
'nanni h-eadh,'s 'nambaraileanneo-chinnteach; 
ach gur sìfh agus amen gach aon diù ; gu'm beil 
iad gu daingeann, cinnteach, bunailteach ; air 
dha ionmhas ionmhuinneach a bhi aig' ann an 
Criosd, 's a'rùnachadh mòran ann. " Ach cha 
ghabh an duine nàdurra ri nithibh Spioraid 
Dhè : oir is ainaideachd leis iad ; agus cha-n 
eil e 'n comas da eòlas a ghabhail orra. do 
bhrìgh gur ann air mhodh spioradail a thuigear 
iad : Ach bheir an duine spioradail breth air 
na h-uile nithibh. — Ach mar a ta Dia fìrinn- 
each, cha b'e ar còmhradh ribhse seadh, agus 
cha-n eadh ? Oir Mac Dhè, losa Criosd, a 
shearmonaicheadh 'nur measg-sa leinne,eadhon 
leam-sa, agus le Siluanus, agus le Timoteus, 
cha robh e 'na sheadh agus 'na cha-n eadh, 
ach ann-san bha seadh : oir geallanna Dhè 
uile ann-san is seadh iad, agus ann-san is 
Amen iad, chum glòire Dhè do ar taobh-ne." 
(1 Cor. ii. 14, 15. 2 Cor. i. 18, 20.) Ged a dh' 



90 DEUCIIAINN MU CHÒIR 

fhaodas daoìne ann an staid nàduir, a tha air 
am fòghlum fo òrduighean an t-soisgeil, rud- 
eigin de bharail eòlais a bhi aca mu Dhia, mu 
Chriosd, mu na geallannan, mu ghluasad an 
Spioraid Naoimhe, &c. air chor 's gu'm faod 
iad labhairt, searmonachadh, connsachadh, 
agus deasbaireachd a dheanamh mu na nithè 
sin ; gidheadh cha-n eil iad ach 'gam meas 
martheagasg suidhichte coitcheanna'chreidimh 
Chriosdail, agus gur neònachas agus masladh 
gun ghabhail riiì; ach cha-n eil iad 'g am 
meas, no idir a' gabhail riù mar dhearbh- 
fhìrinn chinntich, dhaingeann, sheasmhaich, 
air chor 's gu'n earbadh iad an anmannan 's an 
sonas sìorruidh riù. Tha 'n tuigs' air a h-ath- 
nuadhachadh mar an ceudna, chum rud-eigin 
do ghlòir Dhè a thoirt fainear ann an obair a' 
cruthachaidh, air dhaibh bhi giiàlan cuibhrionn 
d'a bhuaidhibh glòrmhor. (Salm x. 1.) Tha iad 
a' faicinn nan nèamh a' foillseachadh a ghlòire 
agus a chumhachd ; agus ni-eigin de ghlòir 
agus do fhreasdal Dè anns gach ni a tlia 
tachairt 'san t-saoghal; tha 'oibre iongantach 
a' nochdadh gu'm beil 'ainm am fagus. Tha 
'n tuigse mar an ceudna 'toirt fainear staid an 
anma, air dòigh eile nach bu ghnà leatha ; 
mar is gnà leis na naoimh labhairt 's an 
Sgriobtur. <' Thubhairt mi ri lehobhah, is tu 
mo Thighearn. — Thubhairt mo chridhe riut, 
do ghnùis a Thighearn, iarraidh mi. — C'arson a 
tha thu air do leagadh sìos, O m'anam ? — Pill, 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 91 

m' anam, gu d' shuaimhneas/' Salm Ixxv. 

1 ; xvi. 2 ; xxvii. 8 ; xlii. 5 ; xlii. 15 ; cxvi. 7. 

JI. Tha'n cridhe agus na ceud-fathan air an 
ath-nuadhachadh. Tha 'n cridhe air a dhean- 
amh nuadh, 'na chridhe feòla, so-Iùbaidh, air 
do lagh Dhè bhi air a chlò bhualadh air, agus 
eagal an Uile-chumhachdaich air a chur ann, 
ni leis am beil dleasanas an duine a' f às ann an 
seadh,nàdurrach,agus caoimhneil dha fèin.(fer. 
xxxii. 39, 40. Esec. xxxvi. 26.) Bha e roimhe 
so 'na chridhe cloiche, gun eagal Dè ann. Tha 
na ceud-fathan a nis' air an ath-nuadhach- 
adh. Tha 'n gràdh air ath-nuadhachadh 
ann an tomhas mòr, tha e 'gràdhachadh a 
reachd. " O cia h-ionmhninn leam do lagh- 
sa.'' (Salm cxix. 970 Tha e 'gràdhachadh 
na h-aiteam aig am beil ìomhaigh Dhè umpa 
" Le so aithnichidh na h-uile dhaoine gur 
sibh mo dheisciobuil-sa, ma bhios gràdh agaibh 
fèin d' a chèile. — Tha fhios againn gu'n 
deachaidh sinn thairis o bhàs gu beatha, do 
bhrìgh gu'm beilgràdh againn dona bràithribh." 
(Eoin xiii. 35 ; 1 Eoin iii. 14.) Tha'n gràdh 
so do luchd-muinntir Dhè air a shocrachadh 
air stèidh ghlain, air son gu'm beil iad 'nan 
cloinn do Dhia, 's a' coimhid a reachd, '< à 
cridhe glan gu dùrachdach ;" (1 Pead. i. 22,) 
agus air an aobhar sin tha e dol a dh' 
ionnsaidh na muinntir sin uile, a tha 'n duine 
a' breithneachadh a bhi *nan luchd-muinntir do 
Dhia. " Is fear-comuinn mi dhaibh-san uile 



92 DECCHAINN MU CHÒIR 

air am bi t' eagal, agus dhaibhsan a ghleidheas 
do reachdn," (Salm cxix. 63,) anns gach uile 
chùis agus staid, eadhoin far nach eil ni sam 
bith gu mholadh, no fhàgail sgiamhach, maise- 
ach, ach ìomhaigh Dhè. Agus tha 'n gràdh 
cho dian-Iaist' iomadh uair, (1 Pead. i. 22^) 
*s gu'm beil e 'ga chiir fèin a mach anns 
gach dàimh, air chor 's gu'm beil duine 'g 
iarraidh bean dhiadhaidh, agus comhairleach 
diadhaidh, ma bhios iad aige 'na rogh- 
ainn. " Bithidh mo shùilean air fìreanaibh 
na tìre, chum gu gabh iad còmhnaidh ìeam : 
esan a ghluaiseas ann an slighe ionraic, ni e 
seirbhis dhomh. — Agus cha chaisgear an 
gràdh lè mòran uisgeachan." (Salm. ci. 6. 
Dàn. viii. 70 Cha chaisg mòran mhearachd 
agus anmhuinneachd, eadar-dhealachadh bar- 
alach, no dochair a gheibhear, an gràdh gu 
h-iomlan. Mar an ceudna tha e com-pairt- 
eachadh math a rèir a thomhais, agus mar 
tha staid na muinntir bhochd dhiadhaidh 
aig iarraidh. <« Is tu mo Thighearn : cha 
ruig mo mhathas ortsa," &c, (Salm xvi. 
2.) '* Agus ge b*e neach aig am beil maoin 
an t-saoghail so, agus a chì a bràthair ann an 
uireasbhuidh, agus a dhruideas a chridhe, 'na 
aghaidh, cionnas a tha gràdh Dhè a' gabhail 
còmhnuidh ann-san? Mo chlann bheag, na 
gràdhaicheamaid ann am facal, no ann an 
teangaidh ; ach ann an gnìomh agus ann am 
fìrinn. Agus le so is aithne dhuinn gu'm beil 



SHLAINTEIL ANN AN CIUOSD. 93 

sinn do'n fhìrinn, agus bbeir sinn dearbh 
bheachd d' ar cridheachaibh 'na làthair/' (1 
Eoìn iii. ]7, 18, 19.) Tha fuath an duin' air 
ath-nuadhachadh, agus tha e 'claonadh an agh- 
aidh a' pheacaidh, *s an aghaidh nàimhdean 
Dhè, **Is fuath leam smuaintean faoine. — Nach 
eil rai tabhairt fuath, a Tighearna, dhaibhsan 
a tha toirt fuath dhutsa ?" &c. (Sahn cxix. 
113 j cxxxix. 21, 22.) Tha ceud-fàth an 
aoibhneis no 'n t-subhachais air ath-nuadhach« 
adh, oir tha e 'g àomadh a dh' ionnsuidh Dhe, 
'• Cò tK agam anns na nèamhaibh ach thusa f 
agus an coimhmeas riut cha-n eil neach air 
thalamh air am beil mo dhèigh." (Salm Ixxiii. 
25.) Tha e 'g aomadh a dh' ionnsuidh a reachd 
agus a thoile. (Salm i. 2.) Tha 'thlachd ann 
an lagh a Thighearna ; agus a chum nan daoine 
diadhaidh agus an co-chomunn, " A thaobh 
nan naomh a ta air thalamh, agus nam flath ; 
tha mo thlachd uile anta.'' (Salm xvi. 3.) 
Tha 'm bròn air tionndadh an aghaidh a' pheac- 
aidh rinn dochair air an t-Slànaighear, (Sech. 
xii. 10,) air dhaibh amharc air an tì a lot iad, 
tha iad ri caoidh agus ri bròn. (1 Cor. vii. 11.) 
Tha 'm bròn an sin diadhaidh ; 's an aghaidh 
ni sam bith a tha lùghdachadh glòir Dhè ; tha 
iad brònach air son a cho-thionail naomha, 
agus 'se toibheum na muinntir sin an trom- 
uallach. (Seph. iii. 18.) Tha rud-eigin do 
dh'ath-nuadhachadh anns na ceud-fathan uile, 



94 DEUCHAINN MD CHÒIR 

mar anns gach earrann eile de'n anam a tba 
nise g aomadh a dh'ionnsaidh Dhè. 

III. Tha buiU an duine o*n leth a muigh air 
an ath-nuadhachadh, mar tha 'n Sgriobtur ag 
ràdh, an teanga, an t-suil, a' chluas, an làmh, a* 
chàs, &c. air chòr 's gu'm beil na buill sin a bha 
aon uair air an gnàthachadh mar inneil neo- 
fhìreantachd a chum peacaidh, a nis' air an 
gnàthachadh mar inneil fìreantachd a chum 
naomhachd. Rom. vi. 19. 

Anns an dara h-àite, Tha duine sin a ta ann 
an Criosd, air ath-nuadhachadh ann an tomhas 
eigin 'na uile shlighibh : " Ma tha neach sam 
bith ann an Criosd, is creutair nuadh e." (2 
Cor. V. 17.) Tha' n duine a' fàs nuadh. 

I. A thaobh a shonais : Bha e toilichte le ni 
math sam bith roimhe, ged' nach robh ann ach 
math o*n leth a muigh, " Tha mòran ag ràdh, 
Cò nochdas dhuinn ni math?" (Salm iv. 6.) 
Ach a nise 's ann tha a shonas agus a mhòr- 
ghnothach a' co'-sheasamh ann an cionnas a 
gheibhear ann an Criosd e air chionn an là sin, 
(Philip iii. 9.) no cionnas bhios e freagarrach 
dha 's a ghluaiseas e 'na fhianais an sealladh 
nam beò, (Salm Ivi. 13.) ni a roghnaicheadh 
e thar gach aon tròcair eiie tha lìonadh an 
domhain. '' Do d' thròcair, a Tighearna, tha'n 
talamh làn : teagaisg dhomh do reachdan." 
(Salm cxix. 64.) Tha math Chrìosd a' fàs 'na 
mhath dhà-san, mar a chì sinn ann an Laoidh 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 9Ò 

Hannah. (1 Sam. ii.) agiis ann an Laoidli 
Mhuire, (Luc. i.) 'S iongantaeh an ni a bhi faic- 
inn dhaoine nach eil ach air an ùr-iompachadL, 
's nach d' ràinig ach air toiseach eòlais, a' gabh- 
ail gnothaich ri nithe follaiseach rìoghachd 
Chriosd, cho deònach air esan a bhi marcachd 
gu buadhach àrd, 's a' cur an t-sluaigh fo 'làn 
cheannsal-san. 

IL Tha'n duine ann an Criosd air ath- 
nuadhachadh 'na sheòl aoraidh. B'àbhaist da 
sèirbheis a thoirt do Dhia ann an seanachd na 
litreach : *se sin ri ràdh, air sgàth sgèimh a* 
co-fhreagradh do litir na h-àinte aìr taobh a 
muigh an dleasanais, ni a tha neach a tha fo 
làn-cheannsal an t-seann duine, comasach air a 
dheanamh : ach a nise tha e toirt aoradh do 
Dhia ann an nuadhachd spioraid, (Rora vii. 6.) 
air dòigh nuadh anns am beil spiorad Dhè a' 
deanamh còmhnadh ris, (Rom. viii. 26.) ni 
nach eil ann an comas fal' agus feòla. Tha e 
nise " deanamh seirbhis do'n Dia bheò agus 
f iiìor, an spiorad agus am fìrinn." (1 Tes i. 9. 
Eoin iv.24.) air dhasmuaintean spioradail a bhi 
aige mu Dhia, 's a' gabhail na h-oibreach sin os- 
làimh gu ro dhiirachdach *na anam, a' dean- 
amh 's a' labhairt gu fìor ueo-chealgach 'nuair 
a ni e aoradh; a* sìor-mhiannachadh dlùth- 
achadh ris mar Dhia beò, a tha 'ga èisdeachd 
agus 'ga fhaiciiin, *s a tha comasach air gabh- 
nil gu taitneach r'a shèirbheis. (Salm xlii. ], 
2.) Tha mi *g aideachadh gu 'm bi e tighinn 



96 DEUCHAINN MU CHOIR 

gearr an so iomadh uair ; gidheadh faodaidh mi 
ràdh^ gur e a leithid sin de dh' aoradh a bha 
'na rùn, 's air am beil e air uairibh ag amas, 
agus cha-n eil mòr mheas aig' air an aoradh sin 
nach eil air a choilionadh mar sin do Dhia; 
agus cha-n e aìngeachd a nithe naomh* an earr- 
ann a's lugha d'a uallach agus d* a ghnàthach- 
adh. Tha daoine ann an staid nàduìr 'nan 
coigrich air a leithid sin de dh' aoradh 'nuair a 
tha iad gu neo-thuigseach a' taomadh a mach 
an glòir dhiomhain, 's a' deanamh uaill às gu 
h-uaibhreach, àrdanach, coltach ris an Pharais- 
eacn, ** do 'n Dia neo aithnichte." Luc. xviii. 
Jl, 12. Gniomh. xvii. 23. 

III. Tha 'n duine ann an Criosd air ath- 
nuadhachadh 'na ghairm agus 'na obair o'n leth 
a muigh anns an t-saoghal ; tha e nis' a' cur 
roimhe cur m'a dhèidiiinn o'n a dh' òrduich 
Dia e, *' gun bhi leisg ann an gnothaichibh : 
dùrachdach 'nur spiorad ; a* deanamh sèirbhis 
do'n Tighearn." (Rom. xii. 11,) 's a' beachd- 
acliadh air Dia ann mar a chrìoch dheireann- 
ach, 'ga dheanamh chum a ghlòire. (l Cor. 
X. 31,) agus a toirt ionnsaidh rud-eigin de 
chomunn a bhi aige ri Dia ann an cur an 
gnìomh oibribh o'n leth a muigh, mar rinn 
lacob 'na thiomnadh deireannach. ** Ri d* 
shlàinte dh' f heith mise, O Thighearna.'' (Gen. 
xlix. 18.) Agus mar rinn Nehemiah, " Agus 
thubhairt an rìgh rium, ciod e so a Iha thu 'g 
iarraidh ì Agus rinn mi ùrnuigh ri Dia nan 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 97 

Dèamh." (Neh. iì. 4.) Mar sin tha 'n duine 
a* rùnachadh glaasad maille ri Dia, 's 'ga chur 
a ghnà roimhe anns gach cùis. (Salm xvi. 8,) 
ni tha mi 'g aideachadh anns am bi e gu minig 
a' tighinn gearr air a rùn. 

IV. Tha e Tàs nuadh d'aluchd-dàimhe ; tha e 
f às 'na f hear-pòsda, 'na athair, 'na bhràthair, 'na 
mhaighistear,'nasheirbhiseach, agus 'nachoimh- 
earsnach, ni 's dleasanaiche na bha e roimhe : 
ann an so bithidh e ro shaoithreachail air fèin, 
chum cogais neo-lochdach a bhi aige a thaobh 
dhaoine, cho math 's a thaobh Dhè, " a' fàs 
anns na huile chruth do na h-uile." Gniomh. 
xxiv. 16. 1 Cor. ix. 22. 

V. Tha e fàs nuadh ann an saorsa laghail ; 
tha e 'ga shociachadh fèin chum biadh, deoch, 
cadal, aighear, agus aodach a ghnàthachadh le 
bhi dearcadh air Dia, a' saoithreachadh chum 
's nach tigeadh e fo chumhachd ni mi-laghail 
sam bith. *' Tha na h-uile nithe ceadaichte 
dhomh-sa, ach chà-n eil na h-uile nithe iom- 
chuidh ; tha na h-uile nithe ceadaichte dhomh, 
ach cha chuirear mi fo chumhachd ni sam bith." 
(1 Cor. vi. ]2.) No idir a thoirt oilbheum do 
mhuinntir eile ann an gnàthachadh nan nithe 
sin. " Na sgrios obairDhè air son bìdh. Gu 
deimhin tha na h-uile nithe glan ; ach is olc 
do'n duine sin a dh'itheas le h-oilbheum. Is 
math an ni gun fheòìl itheadh, na f ìon oì, no 
ni air bith a dheanamh leis am faigh do bhràth- 
air tuisleadh no oilbheum, no leis an deanar lag 

K 



98 DEUCHAINN MU CHÒIR 

er (Rom. xiv. 20, 21.) Toilicheadh gach 
aon againn a choimhearsnach g'a mhath chura 
a thogail suas ; gun bhi gnàthachadh na saorsa 
'na ceannf àth do'n f heòil. (Gal. v. 13.) Seadh 
tha e saoithreachadh chum na nithe sin uile a 
ghnàthachadh marchoigrich air thalamh, chum 
's gu'm bi a mheasarrachd air a nochdadh. 
" Biodh bhur measarrachd follaiseach do na 
h-uile dhaoinibh." (Philip. iv. 5.) Agustha 
e air dhòigh eigin a' dearcadh air Dia mar a 
chrìoch dheireannach anns na nithe sin : *' Dean- 
aibh nah-uile nithechum glòire Dhè ;" (1 Cor. 
X. 31,) air chor 's gu 'm faod sinn a ràdh mu'n 
duine sin, '* Chaidh na seann nithe seach, 
feuch, rinneadh na h-uile nithe nuadh." (2 
Cor. V. 17.) Tha 'n tì sin a tha mar so 'na 
. chreutair nuadh. gun teagamh sara bith ann an 
Criosd. 

'S e 'n t-ath-nuadhachadh so air duin' anns 
gach gnè chaithe-beatha, *s a bhi mar so fo'n 
lagh do Dhia anns gach aoiì ni, an naomhachd 
sin as eugmhais nach fhaic neach sam bith 
an Tighearna. (Eabh. 14.) Faodaidh daoine 
nithe a baralachadh dhaibh fèin , ach mur dean 
iad an dìchioll air iad fèin a dearbhadh do 
Dhia, anns gach ni ro thaitneach, agus mur 
ruig iad air rudeigin do theisteas o'n leth a 
Btigh air an treibhdhireas anns a' chùis, cha 
toir iad dearbh-chinnt d* an cridheachaibh 'na 
làthair-sa. 'Se gàirdeachas dhaoine fianais an 
cogais. <* Agus le so tha fhios againn gur 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. t)9 

aithne dhuinn e, ma ehoimhideas sinn 'àin- 
tean. Agus le so is aithne dliuinn gu*m 
beil sinn do'n fhìrinn, agus bheir sinn dearbh- 
achd do ar cridheachaibh 'na làthair. Oir 
ma dhìteas ar cridhe sinn, is mò Dia na ar 
cridhe, agus is aithne dha na h-uile nithe. " A 
mhuinntir mo ghràidh, mur dìt ar eridhe sinn, 
tha dànachd againn a thaobh Dhè." (2 Cor. 
i. 12. 1 Eoin iii. 19—21 ; ii. 3.) Cha-n eil 
dànachd no muinighin sam bith aig daoine, ma 
dhìteas an chridhe iad. 'S e so an creutair 
nuadh, air dha rùn do nuadh-bheatha spiorad- 
ail a bhi aige air a thaomadh le Dia anns a* 
chridhe, leis am beil e fàs nuadh, 's a' cur a 
mach gnìomharran do nuadh-bheatha tre 'n 
duine gu h-iomlan : araon a thaobh nan àintibh 
sin a tha toirmeasg peacaidh, agus a bhuineas 
do dhleasanas, agus do dh' ath-bheothachadh 
gràis anns an duine : gu'm beil e mar sin a* cur 
roimhe gu 'n cuir e 'n aghaidh gach peacadh 
dìomhair, gun cheap-tuislidh a chur 'an rathad 
an doill, (Lebh. xix. 14,) peacannan beaga, 
tha air a mheas le mòran, gur h-iad sin na nithe 
a's lugha de^n lagh. '* Ge b'e neach a bhris- 
eas aon de na h-àintibh so a's lugha, agus 
a theagaisgeas daoine mar sin, goirear an duine 
a's lugha dheth ann an rìoghachd nèimh :" 
(Mat. V. 19,) peacaibh spioradail, salachar an 
spioraid. *' A mhuinntir mo ghràidh, air 
dhuinn na geallannan so a bhiagainn, glanamaid 
sinn fèin o gach uile shalachar feòla agus spior- 



100 DELCHAINN MU CHÒIR 

aid a' coimhlionadh naomhachd ann an eagal 
Dè :'* (2 Cor. vii. 1,) peacadh dearmaid cho 
math ri peacadh deanadais, o'n is ann leis na 
nithe sin a bheirear breth air daoine. *' An sin 
theire mar an ceudna riùsan air an làimh chlì, 
Imichibh uam, a shluagh mallaichte, dh'ionns- 
aidh an teine shiorruidh, a dh' ullaicheadh do'n 
diabhol agus d'a ainglibh : Oir bha mi ocrach 
agus cha tug sibh dhomh biadh ; bha mi 
tartmhor agus cha tug sibh dhomh deoch," &c. 
(Mat. XXV. 41 — 45,) seadh, peacaidh a tha air 
an cleachdadh 'na chaithe-beatha agus 'na 
ghiùlan nàdurra, agus mar sin tha iad dhà mar 
shuil no mar làmh dheis. " Ma bheir do shùil 
dheas aobhar tuislidh dhut, spìon a mach i, 
agus tilg uat z," &c. (Mat. v. 29.) Bheir an 
nuadh riìn beatha so, air duine, le còmhnadh 
Dhè, cur an aghaidh gach aon pheacaidh air am 
beil e fìosrach, cho fad 's nach toir e eaidreamh 
foistinneach do pheacadh sam bith le 'fhios. 
" Ciod e caidreabh na fìreantachd ri neo- 
f hìreantachd ? agus ciod e comunn an t-soluis 
ris an dorchadas ?" (2 Cor. vi. 14.) Mar an 
ceudna tha e 'gèilleachdainn do na h-àintibh 
sin a bhuineas do dhleasanas, agus do dh' 
ath-bheothachadh gràis ann an duine ; agus 
bheir sin air duine mòr spèis a bhi aige air 
uile àintibh Dhè, (Salm cxix. 6,) chum a 
bheatha a chaitheamh gu measarra, gu cothrom- 
ach agus gu diadhaidh. (Tit. ii. 12.) Seadh, 
agus oidheirp a thoirt air nilhe a dheanamh air 



SHLAlNTEIL ANN AN CIIIOSD. 101 

dòigh thrèìbh-dhirich cheart, a' cur roimhe nach 
sguir e do toirt ionnsaidh a bhi do rèir toil Dè, 
an cian a's beò e air thalamh, ach a ghnà *' a' 
dian-ruith a dh' ionnsaidh a' chomharraidh 
chum duaise ard-ghairme Dhè, ann an losa 
Criosd." (Phil. iii. 14.) 'Se so fìor naomh- 
achd, a tha ro iomchuidh a bhi aig gach neach 
a tha 'gabhail os-làimh gu'm beil iad 'nan òigh- 
reachan air an àros naomha sin, ann an cuid- 
eachd 's ann an co-chomunn neo-mheadhonach 
an Dè shiorruidh. " A ta fhios againn, 'nuair 
a dh' f hoiilsichear esan, gu'm bi sinn cosmhuil 
ris." 1 Eoin. iii. 2. 

Saoilidh cuid gur nithe ro àrd iad sin, 's gu'm 
beil iad ro diiuilich ruigheachd orra. Tha mi 
g aideachadh gu'm beil so fìor. Ach air tùs, 
thugaibh fainear gu'm beil luathasachadh ro 
nihòr arms a' chùmhnatna air, a ghealltaìnn d'a 
phobull, a dh' fhàgas so-dheanta na nithe sin 
a tha daoine a* meas ro chruaidh. Ghabh an 
Tighearn os-Iàimh an cridhe cruaidh cloich' a 
bhuntainn air falbh, agus cridhe feòla thoirt 
dhaibh, cridhe nuadh, cridhe air am bi 'eagal- 
san gu siorruidh ; ghabh e os-Iàimh a reachd 
a chur an cridhe dhaoine, agus eagal fèin a 
chur 'nan cridhe^ chum 's gu'n coimhiTÌ- 
eadh iad an reachd sin ; 's gu'n cuireadh e a 
spiorad annta a thoirt orra a choimhid. Gheall 
e na sagairt a shàsachadh le nithibh matha, 
chum 's gu'ni biodh anmannan-a phobuill air an 
sàsachadh le mathas ; 's a chum an coimhid 
s an uisgeachadh gach aon àm. (Esec. xxxvi. 



102 DEUCHAINN MU CHÒIR 

27. ler. xxxii. 39, 40 ; xxxi. 33. Isa. xxvi. 

3.) Agus ma 's èigin iarraidh air na nithe sin 
uile a dheanamh do dhaoine, (Esec. xxxvi. 37«) 
tha e 'gabhail os-làimh gu'n dòirt e mach orra 
Spiorad nan gràs agus na h-achanaich, (Sech. 
xii. 10,) agus mar sin gu'n teagaisg e iad 
cionnas a dh' iarras iad na nithe sin, agus an 
dòigh air an cuir iad e-fèin thuige, chum gach 
ni a dheanamh air an son. 

Anns an dara h-àite, Chum co-fhurtachd a 
thoirt do'n mhuinntir a's anfhainne, tha mi 'g 
aideachadh nach faighear an creutair nuadh so 
air gach dòigh mar a dh' ainmich sinn e, anns 
gach neach a tha ann an staid ghràsmhoir. Ach 
tha' chùis gu math ma bhios. 

I. Tha nuadh-dhuine ann : cha-n eil e'n comas 
dhuinn* deanamh leis ni's lugha na so ; " ma tha 
neach sam bith ann an Criosd, is creutair nuadh 
e." (2 Cor. v. I7.) Agus 'se sin an nuadh 
dhuine, a's èigin do gach neach a tha air mhodh 
slàinteil air an teagasg le Criosd a chur umpa : 
** O chunla sibh e, agus o theagaisgeadh leis 
sibh, mar a ta an fhìrinn ann an losa : Gu'n 
cuir sibh dhibh, thaobh a cheud chaithe-beatha^ 
an seann duine, a tha truaillidh a rèir nan ana- 
miann cealgach ; agus gu'm bi sibh air bhur 
n-ath-nuadhachadh ann an spiorad bhur n-inn- 
tinn ; Agus gu'n cuir sibh umaibh an nuadh- 
dhuine, a tha aira chruthachadh a rèir Dhèam 
f ìreantachd agus am f ìor naomhachd." (Eph. 
iv. 21 — 24.) 'S f heudar gn'm bi rudeigin de 
dh' ath-nuadhachadh a rèir ìomhaigh Dhè ann 



STTLATNTEIL ANN AN CRIOSD. 103 

an anam agus ann an corp an duine ; 's èigin 
gu'm bi an duine ann an càil ag aomadh a dh* 
ionnsaidh Dhè ; gidheadh tha mi 'g aideachadh, 
nach eil gach ui!e neach comasach air so a 
dhearbhadh gu soilleir do dhaoiii' eile, no idir 
aithneachadh annta fèin, do bhrìgh nach aithne 
do mhòran gach earrann fa leth do'n anam, no 
idir an t-ath-Ieasachadh a tha freagarrach do 
gach earrann de 'n anam agus de 'n chorp, gidh- 
eadh bheir iad fainear gu'm beil ni àraidh d'a 
leithid sìn annta, oir tha fianais aca 'san taobh 
a stigh dhiù air a' chùis, ma ni thu nàdur na 
cùise soiUeir so-thuigsinn daibh. 

II. 'S èigin gu'm bi na h-uiread mheas aig 
duine air uil' àintibh Dhe mu'm beil e fios- 
rach, agus nach toir e caidreamh foistinneach do 
pheacadh sam bith le f hios ; oir, '* ciod e caid- 
reabh na f ìreantachd ri neo-f hìreantachd? agus 
ciod e comunn an t-soluis ris an dorchadas ?'' 
(2 Cor. vi. 14 — 16.) Cha-n f haod e spèis a 
thoirt do dh' aingidheachd : *' An sin cha 
ghabh mi nàire, an uair a bheir mi spèis do 
t-àitheantaibh gu lèir. — Ma bheir mi spèis 
do euceart a' m* chridhe, cha-n èisd an Tigh- 
earna rìumP (Salm. cxix. 6 ; Ixvi. 18.) Tha 
mi 'g aideacbadh gu'm faod daoine bhi ain- 
eolach air iomadh àinte agus peacadh, agus 
faodaidh iad a bhi ann am barail, ann an cuid de 
chàsaibh, nach fuathach le Dia cuid de pheac- 
annan ; ach ma tha iad làn-f hiosrach air na 
nithe sin, cha-n eil e comasach gu'm bi co'-rèite 



104 DEUCHAINN MU CHÒm 

air bith eadar fìreantachd agus neo-fhìrean- 
tachd. 

III. 'S èigin do dhaoìne gluasad a rèir lagh 
Dhè gu h-ioralan 'na rìiin thrèibh-dhireach, 
neo-chealgach ; oir cha-n eil ni sam bith ann 
an so, ach an cridhe a thoirt suas do Dhia, 
chuni 's gu'n cuireadh e a reachd ann gu h- 
iomlan, ni is e earrann de'n chùmhnant a 
tha sinn r'a dheananoh ri Dia. '* Oir is e so 
an coimh -cheangal a ni mi ri tigh Israeil ; — 
cuiridh mi mo reachdan 'nan inntinn, agus 
sgrìobhaidh mi iad air an cridheachaibh." 
(Eabh. viii. 10.) Tha mi 'g aideachadh gu'm 
beil mòran ann aig nach eil fhios cionnas a 
ghìuaìseas iad a rèir lagh Dhè 'nan uile shligh- 
ibh ; ach ma shoilleirichear dhaibh an dòigh 
air an deanar sin, gluaisidh iad d' a rèir. 
Agus tha e f ìor, cuideachd, gu'm bi iad iomadh 
uair gearr air an rùn shuidhichte 'nan gnàth- 
achadh ; gidheadh 'nuair thig iad gearr air, 's 
urrainn iad a ràdh, gur e atharrachadh sin a 
bha 'nan aire dheanamh, 's gu 'n toir iad f hath- 
asd ionnsaidh dhùrachdach neo-chealgach air 
a dheanamh air mhodh taitneach, agus bithidh 
c 'na bhristeadh-cridhe agus 'na chàmpar leo 
gu 'n tàinig iad gearr air an rùn 'nuair a 
nochdas an Tighearna dhaibh e, agus ni e sìn 
an àm iomchuidh. 

IV. 'Nuair a tha sinn gu breth a thoirt air ar 
staid fèin leis an nuadh- chreutair, 's feumail 
duinn a dheanamh an àm iomchuidh, 'nuair a 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 105 

bhios sìnn ann an deagh f honn^ agus ann an 
suidheachadh ceart inntinn ; gu h-àraidh cha 
chòir dhuinn a' chùis sin a rannsachadh 'nuair 
bhois sinn 's an f honn a's tàire : " Oir a ta 'n 
fheòil a* miannachadh an aghaidh an Spioraid, 
agus an Spiorad an aghaidh na feòla;" 
(Gal. V. 17.) 's air uairibh bheir an dara h-aon 
buaidh air an aon eile, an spiorad an dara 
h-uair, 's an fheòil an uair eile, Tha mi 'g ràdb 
mata, gur còir dhuinn àm iomchuidh a thagh- 
adh, 'nuair tha'n earrann spioradail a' buadh- 
achadh air an fheòil : oir anns an àm sin, tha 
'n creutair nuadh a' pilleadh air ais 'na shruth- 
chlais fèin, agus achum achleachdaidhnean fèin 
gu h-iomlan, ach ann an cuid do nithe beaga 
nach eil so-mhothachail, leis am beil e a' cur 
an aghaidh na feòla^ a rèir an Sgriobtuir roi'- 
ainmichte : oir 's e sin àm a gheamhraidh anns 
an anam, 's cha ruig sinn a leas diìil a bhi 
againn ri toradh, seadh, no idir ri duilleach, 
mar an àm buadh&r eile : ach air eagal gu'n 
gabhadh daoin' aingidh mi-naomha ceann- 
fàth o na chaidh a labhairt, their sinn an so 
gu*m beii an Spiorad a' faighinn buaidh air an 
f heòil gu minig anns an duine dhiadhaidh, agus 
gu'm beil rìin, miann agus togradh àraidh a 
shlighe, ann an lagh a Thighearna, 'se sin a 
ghluasad, (Salm. cxix. 1.) ach 'se peacadh cùrsa 
gnàthaichte an aingidh, mar tba e gu minig air 
a ràdh ann an leabhar Gnà-f hacail Sholaimh. 
Agus ma gheibh peacadh sam bith lauih-an- 



106 DEUCHAINN MU CHÒIR 

uachdar air an ionracan, bithidh e ro chràit- 
each, duilich air a shon ; agus tha sinn ani 
barail gu'm beil e 'ga shìor chumail an earbsa 
ri Dia, chuni a mhearachd a leasachadh, mar 
tha Daibhidh a' labhairt. " Oir shaor thu 
m' anam o'n bhàs, agus mar an ceudna mo 
chasan o thuisleadh." Salm. Ivi, 13. 



CAIB. X. 

An Ueadar'dliealachadh a tha eadar duine tha air 
''fhìor ath-jmadhachadky 's a tha ann an Criosd, 
agus cealgairean, 

Cunn. Faodaidh daoine ain-diadhaidh agus 
cealgairean ath-nuadhachadh agus caochiaidh- 
ean mòra bhi air an oibreachadh orra agus 
annta, 's tha eagal orra gur ionnan daibh sin 
a's domhsa. 

Freag. Tha mi 'g aideachadh gu'm beil 
aig daoine ain-diadhaidh 's aig luchd an 
f huar-chràbhaidh iomadh ni annta, a tha 
coltach ris a' chreutair nuadh. 

I. A thaobh buaidhean an duine, faodaidh iad, 
(1.) ruigheachd air mòr eòlas, mar tha iad air 
an " soillseachadh." (Eabh. vi. 4 )— (2.) Faod- 
aidh gluasad mi-riaghailteach a bhi 'nan aig- 
nidhean, mar, a' gabhail an fhacail d'an ionn- 
saidh le gàirdeachas, mar '* esan a f huair sìol 
ann an àitibh creugach." (Mat. xiii. 20.)— (3.) 
Faodaidh iad ruigheachd air mòran de dh'ath- 



SHLATNTEIL ANN AN CRIOSD, 107 

ieasachadh beatha 'san duine o'n leth a muigh, 
araon a thaobh saors* o pheacadh, agus ceangal 
chum dleasanas eigin, mar rinn am Pharais- 
each, *' A Dhè, tha mi toirt buidheachais dut 
nach eil mi mar a ta daoine eile, 'nan luchd- 
foireigin, eucorach, adhaìtrannach^ no eadhon 
mar an cìs-mhaor so. Tha mi a' trasgadh dà 
uair 's an t-seachduin, tha mi toirt deachaimh 
as na h-uile nithibh a ta mi sealbhachadh." 
(Luc. xviii. 11, 12.) Seadh, (4.) A thaobh 
an tuigse ghniomhach, faodaidh iad nitheigin 
mu thimchioll De a mheas ro luachmhor ; — 
thuirt na maoir, nach do labhair duine riamh 
mar a labhair Criosd. Eoin vii. 46. 

II. Faodaidh na cealgairean mòran aidmheil 
a bhi aca. — (1.) Faodaidh iad labhairt mu'n 
lagh^ mu'n t-soisgeul, agus mu 'n chùmhnanta, 
mar a tha na h-aingidh a' deanamh. " Ciod e 
do ghnothachsa mo reachdan a chur an cèill, 
no gu 'n gabhadh tu mo choimhcheangai ann 
ad bheul.'' (Salm 1. 16.)— (2.) Faodaidh iad 
peacadh aidmheil gu follaiseach chum an nàire 
fèin, mar rinn rìgh Saul, (1 Sam. xxvi. 21.) — 
(3.) Faodaidh iad an irisleachadh fèin ann an 
sac-aodach, mar rinn Ahab. (1 Righ. xxi. 27.) 
—(4.) Faodaidh iad rannsachadh gu dìchiollach 
mu dhleasanas, agus teachd gu suilbhearra 
chum fhaotainn ; " Gidheadh o latha gu latha 
tha iad 'g am iarraidh-sa ; agus is toil leo 
eòlas a ghabhail air mo shlighibh ; mar chinn- 
each a ta eur an gnìomh fìreantachd, agus 



108 DEUCHAINN MU CHÒIR 

nach do thrèig reachd an Dè ; tha iad a' 
fìosrachadh dhìomsa mu thimchioll reachdan 
na fìreantachd, agus is miann leo bhi teachd 
dlù do Dhia." (Isa. Iviii. 2.)— (5.) Faodaidh 
cealgairean ann an cruaidh-chasan aontachadh 
.eis an ni a bhuineas do Dhia, mar rinn 
Demas, agus cealgairean eile ann an ieabhar 
Gniomharra nan Abstol, muinntir a thuit gu 
tùr air falbh an dèigh làimhe. — (6.) Faodaidh 
ad mòran de am maoin a bhuileachadh air Dia 
's air na naoìmh, mar rinn Ananias, (Gniomh, 
V. 1. 2,) a chionn 's nach thoir iad dhaibh am 
niaoin uile. " Agus ged chaithinn mo mhaoin 
uile chum na bochdan a bheathachadh, agus 
ged bheirinn mo chorpchuma losgadh,agus gun 
ghràdh agam, cha-n eil tairbhe sam bith dhomh 
ann." (Cor. xiii. 3.) — (7-) Seadh Cha-n eil 
e eu-comasach do choalgairean an cuirp a 
thoirt seachad chum bhi air an losgadh, air 
son aobharan sònraicht' àraidh, mar a chì sinn 
anns an earrann mu dheireadh a dh' ainmeach- 
adh do'n Sgriobtur. 

III. Faodaidh ceaìgairean dol fad' aìr an 
aghaidh ann an ceumaibh coitcheann gnàth- 
aicht' a chreidimh, a leithid 's a tha aig na 
daoine taghta 'nuair a bheir Dia am braigh- 
deannas iad — (1.) Faodaidh iad abhi fogheur- 
mhothachadh peacaidh mar bha ludas. (Mat. 
xxvii. 3-5) 'S amhail a bha rìgh Saul gu 
minig. — (2.) Faodaidh iad crithneachadh roi' 
fhacal Dè, 's a bhi fo mhòr uamhunn, mar 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 109 

bha Felìx. (Gniomh xxiv. 25.) — (3.) Faodaidh 
iad gàirdeachas a dheanamh ann an gabhail 
ris an fhìrinn, mar rinn esan a fhuair an sìol 
ann an ionadaibh clachach. (Mat. xiii. 20.) — 
(4.) Faodaidh rudeigin de shìth 's de shuaimh- 
neas a bhi aca, an dùil ri slàinte tre losa 
Criosd, mar bha aig na h-òighean amaideach. 
(Mat. XXV. 5.) — (5.) Faodaidh tomhas eigin de 
dh' ath-leasachadh a bhi 'n co'-chuideachd nan 
nithe sin uile chaidh ainmeachadh, coltacb ris 
an Pharaiseach. (Luc. xviii. 11, 12.) — Faod- 
aidh an spiorad neo-ghlan doì a mach asdri. 
(Mat. xii. 43.) — (6.) Faodaidh an obair so 
bhi mar gu'm biodh i air a daingneachadh 
le rudeigin do dh' fèin-fhiosrachadh agus do 
bhlasad àraid do dh' fhacal Dè. Eabh. vi. 
4,5. 

IV. Faodaidh cealgairean nì-eigin a bhi aca 
ro choltach ri gràsan slàinteil an spioraid ,• — 
(1.) Faodaidh seòrsa creidimh a bhi aca, mar 
bh' aig Simon Magus. (Gniomh viii. 13.) — 
(2.) Faodaidh gnè aithreachais a bhi aca, agus 
gluasad gu dubhach. " Ciod a bhuannachd 
dhuinn gu 'n do choimhid sinn 'òrdugh, agns 
gu'n do ghluais sinn gu brònach an làthair 
Tighearna nan sluagh ?" (Mal. iii. 14.)— (3.) 
Faodaidh iad mòr eagal a bhi orra roimh Dhia, 
mar bha air Balaam, naoh rachadh le teachd- 
airean Bhalac ged fhaigheadh e làn taighe de 
dh' òr, gun chead fheòraich do Dhia, 's gun 
chomas fhaotainn. (Air. xxii. 18.)— (4.) Tha 

L 



110 DEUCHAINN MU CHÒIR 

seòrsa dòchais aca. ** Bàsaichidh dòchas a' 
chealgair/' (lob. viii. 13.)— (5.) Tha gnè do ^ 
ghràdh eigin aca's amhail a bha aig Herod do * 
dh'Eoin (iMarc.vi. 26.) Cha ruigmi leastnille- 
adh ainmeachadh; oir 's ni e chaidh às gach 
teagamh gu'm beil aigluchd an fhuar-chràbh- 
aidh sàmhla cealgach do gach gràs slàinteil. 

V. Tha ni-eigin aca coltach ri co-pairteach- 
adh àraid Dhè, agus fìanais a spioraid, ann an 
càil coltach ri '^ cumhachdaibh an t-saoghail a 
tha chum teachd," gu ro chumhachdach orra, le 
rudeigin de dh'aoibhneas neo-mhaireannach 
aig èiridh uatha, mar an, (Eabh. vi. 4 — 6,) 
** Oir is eu-comasach an dream sin a chaidh 
aon uair a shoiUseachadh, agus a blais an 
tiodhlac nèamhaidh, agus a rinneadh *nan 
luchd-comhpairt do'n Spiorad naomh', agus a 
bhlais deagh fhacal Dè, agus cumhachdan an 
an t-saoghail ri teachd, agus a thuit air falbh, 
athnuadhachadh chum aithreachais:" Gidheadh 
leis gach ni dhiù sin, cha-n eil iad ach mar bha 
Agrippa, gu inbhe bhig air an iompachadh gu 
bhi 'nan Criosdaidhean. (Gniomh. xxvi. 28.) 
Blieireadh e mòran ùine uainn labhairt airgach 
ni dhiù sin fa leth, 's a shoilleireachadh nach 
eil annt' gu lèir ach nithe faoine suarach gun 
seadh. Ainmichidh mi a nìse nithe àraidh, 
anns am beil an duine tha air f hìor ath-nuadh- 
achadh, 's a tha ann an Criosd, ag eadar-dheal- 
achadh o chealgairibh agus o dhaoinibh aing- 
idh. 



0HLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 111 

1. Ge b'e caochla thig air cealgairean. 
gidheadh cha-n eil an cridhe air atharrachadh 
's air a dheanamh nuadh : Cha-n eil an cridhe 
nuadh air a thoirt seachad ach do na daoine 
taght' a mhain, 'nuair a dh' iompaichear 's a 
bheirear fo cheangal a' chùmhnaint' iad. 
*' Bheir mi dhaibh aon chridhe, agus aon slighe, 
a chum as gu'm bi m' eagal-sa orra gu bràth." 
(ler. xxxii. 39.) '' Bheir mi fòsdhuibh chridhe 
nuadh, agus cuiridh mi spiorad nuadh an taobh 
a stigh dhibh, a^^us buinidli mi air falbh an 
cridhe cloiche às 'ur feòil, agus bheir mi dhuibh 
cridhe feòla." (Esec. xxxvi. 26.) Cha do 
ghabh cealgairean riamh ri Criosd mar an t- 
aon ni a b' fhearr ashàsaicheadh airan talamh, 
air son an trèigeadh iad le gàirdeachas gach ni 
bha iad a' sealbhachadh : oir na'n tigeadh iad a 
chum na h-inbhe so, bhiodh rìoghachd Dhè air 
inndrinn a steach annta. ^' A ta rìoghachd 
nèimh coltach ri ionmhas air f halach am fear- 
ann ; ni an dèigh f haotainn, a dh' fhalaich 
duine, agus air sgàth a ghàirdeachais air a shon, 
dh'imich e agus reic e na bha aige uile, agus 
cheannaich e am fearann sin." (Mat. xiii. 44.) 
Faodaidh an duine thaair f hìor ath-nuadhach- 
adh, a ràdh, le deagh bharantas, agus tha fìan- 
ais air a' chiìis o na h-ardaibh, gu'n robh ath- 
arrachadh gràsmhor air a dheanamh air a' 
chridhe an co-lorg gabhail ri Criosd, 's gu'n 
robh e 'ga fhìor-mhiannachadh, mar an t-aon 
ionmhas a shàsaicheas, agus a dh' f hàgas saibhir 



112 DEUCHAINN MU CHÒIH 

e, agus measaidh e gach aon ni eile 'nan call- 
dach agus 'nan aolach air son gu'm faighear 
annsan e. Phil. iii. 8, 9. 

11. Ge b'e ath-leasachadh no aidmheil air 
am beil cealgairean a' ruigheachd, raar nach 
eil e sruthadh o chridhe nuadh, 's o rùn f ìor- 
ghlan do theas- ghràdh do Dhia, 's ann a tha e 
do ghnà air son crìoch aingidh eigin, chum 's 
gu'm *' faicear le daoin' e." (Mat. vi. 5.) No 
chum teanndachd eigin o 'n leth a muigh a 
sheachnadh, gu bhi saor o fhèirg Dhè 's o 
agartas an cogais fèin. " C'arson a thraisg 
sinn, deir iad, agus nach eil thus a' faicinn >' 
C'arson a chràidh sinn ar n-anam, agus nach 
eil thus a toirt fainear ?*' (Isa. Iviii. 3.) " Ciod 
a' bhuannachd dhuinn gu'n do ghluais sìnn gu 
brònach an làthair Tighearna nan sluagh ?" 
(Mal. iii. 14.) Mar dhearbhadh air a' chùis so 
cha-n eil spèis ac* uair sam bith do gach àint 
air am fiosrach iad, no cha bhiodh nàir' orr' a 
chaoidh, (Salm cxix. 6,) ni mò bheir iad ionn- 
saidh air cur an aghaidh gach peacadh air am 
beil iad làn-fhiosrach, gun cheilg shònraichte 
'nan cridhe fèin, no, bhiodh iad saor o dhìteadh- 
cridhe, agus mar sin dh' f haodadh iad air deagh 
stèidh dànachd a bhi ac' an làthair Dhè. (1 
Eoin ii. 21, 22.) Nan aidicheadh iad Criosd 
o rùn gràidh, 's le teas-ghràdh dha, agus air 
son crìoch cheart, bhiodh e mar fhiachaibh 
air Criosd o Thacal fèin, iadsan aideachadh 
am fianais 'Athar. Mat. x. 32. 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 113 

III. Ge b'e f had 's a tba na cealgairean a' 
dol air an aghaidh anns an obair sin leis am 
beil sluagh air an treòrachadh a dh' ionnsaidh 
Chriosd, gidheadh cha-n eil iad idir -air tùs ag 
iarraidh RioghachdDhè agus'f hìreantachd-san. 
(Mat. vi. 33.) Cha-n e idir an t-aon ni feum- 
ail, eadhon càirdeas agus co-chomunn ri Criosd, 
roghainn an cridhe thar gach aon ni eile, no 
cha bhiodh a' chuid mhath sin air a thoirt 
uatha gu bràth. Luc. x, 42. 

IV. Ge b'e samhla cealgach gràis a th' ann 
an cealgairean, gidheadh tha iad uil' air an 
altrum as eugmhais obair shiàinteil Spioraid 
Chriosd ; agus is leòir sin chum an dùnadh a 
mach o shochair a chomharraidh so, nach eil 
iad a' cur ciil ris na nithibh sin, no idir tùr 
f halamh dhiù, ach 's ann a tha iad 'gan soc- 
rachadh fèin orra do ghnà mar an Slànaighear, 
air chor 's nach eil iad a' strìochdadh do dh' 
fhìreantachd Dhè. (Rom. x. 3.) Agus is 
leòir sin gu 'n cumail fada bho Chriosd, nach 
aontaich gu bràth seann trusgan nan cealgair- 
ean a chàradh le 'aodach nuadh fèin, no idir 
'f hìon nuadh a chur 's na seann searragaibh. 
Mat. ix. 16, 17. 

V. Faodaidh sinn a ràdh, mu chealgairean 
agus mu dhaoine ain-diadhaidh, mi-naomha, 
ged bhiodh aca gach ni tha 'nan comas, gu'ra 
beil trì nithe ro àraid a' chreidimh Chriosdail 
a dh' easbhuidh orra. — (1.) Cha-n eil iad a* 
toirt fainear am feum anabarrach a th' ac* air 



114 DEUCHAINN MU CHÒIR 

losa Criosd, no idir a' cur cìiì r'am fìreantachd 
fèin, air chor 's gu'm beil iad a' gabhail gràin 
diù fèin, a* feitheamh chum cobhair f haotainn 
o Dhia." 'S iad a mhuinntir a f huair a leithid 
sindo shealladh dhiìi fèin, a thàinig Criosda dh' 
iarraidh agus a thearnadh. (Luc. xix. 10.) — (2.) 
Cha do ghabh iad uairsam bith ri losa Criosd 
mar an t-aon ionmhas a tha mhàin comasach 
air daoine 'dheanamh saibhir, agus an làn shàs- 
achadh ; agus cha mhò a dh' aontaich iad riamh 
gu trèibh-dhireach, dùrachdach le innleachd 
Dhè anns a' cho-cheangal, 's mar sin cha-n 
airidh iadsan air ; cha mhò a dh' inndrinn rìogh- 
achd Dhè air mhodh slàinteil 'nan chridhe. *' A 
ta rìoghachd nèimh coltach ri ionmhas air f hal- 
ach am fearann i ni an dèigh f haotainn, a dh* 
fhalaich duine, agus air sgàth a ghàirdeachais 
air a shon, dh' imich e agus reic e na bha aige 
uile, agus cheannaich e am fearann sin.'* (Mat. 
xiii 44.) — (3.) Cha-n eil iad uair sam bith da 
rìreadh a' gabhail ri cùing Chriosd gu h-iomlan, 
a' meas gu'm beil a thoil gu lèir cothromach 
agus math, naomh agus spioradail, mar a chì 
sinn: (Rom. vii. 12,) agus air an aobhar sin 
cha-n eil suaimhneas sam bith air òrduchadh 
dhaibh tre Chriosd. " Gabhaibh, mo chùing 
oirbh , agus fòghlumaibh uam, oir ta mise ma- 
cant' agus iriosal an cridhe : agus gheibh sibh 
fois do bhur n-anamaibh." (Mat. xi.29.) Uime 
sin cò air bith thu, ma dh* fhaodas tu còir 
shoilleir cheart a thagradh air na trì nithibh sin 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 115 

a chaidh ainnieachadh tha thu ni's faide air 
taghaidh ann an obair na diadhachd na tha 
crach uile chealgair 's dhuìne ain-diadhaidh, 
mi-naomha air thalamh, 's cha-n ion dut eagal a 
bhi ort gu'm beil thu 'n àireamh na muinntir 
sin, air dhut a bhi freagarrach do chrìochmhòr 
agus do rùn an lagha agus an t-soisgeil. 

Cunn. Ar leam, gu'm faod mi air uairibh, 
còir a thagradh le barantas air comharradh sin 
an nuadh-chreutair ; ach air àm eile tha peac- 
adh a' faighinn buaidh orm, air chòr 's gu'm beil 
mi gu ro mhòr a' cur an teagamh gach obair a 
ìha 'n taobh a stigh dhiom. 

Freag, *S muladach an gnothach gu'm beil 
daoine tha 'g aidmheil ainm Chriosd, 'nan 
tràillean cho mòr do'n pheacadh 's a tha mòran 
diù. Gidheadh, mar fhreagradh do'n chunn- 
uil, .chì sinn na naoimh 's an Sgriobtur a' 
tagradh còir air Dia 's air a chomh-cheangal 
gu dligheach ceart, air deagh stèidh, 'nuair 
tha aingidheachd a' faotainn làmh-an-uachdar 
orra. " Thug euceartan buaidh oirnn : ar 
n-eusaontais glanaidh tusa uainn.'^ (Salm Ixv. 
3.) Tha Pòl a' toirt buidheachais do Dhia 
tre Chriosd, 'nuair tha lagh 'na bhallaibh, 'ga 
thoirt am bruid do pheacadh. (Rom. vii. 23, 
25.) Ach a chum 's gur fearr a thuigear, 's a 
cho'-chuirear a leithid sin de dh-fhìrinn, 's 
èigin duinn an t-eadar-dhealachadh a tha 
eadar pecannan ro an-trom uabhasach, agus 
mearachdan gnàthaichte a nochdadh, no peac- 



116 DEUCHAINN MU CHblR 

aidh a thig air duine gun fhios da, gun roimh- 
smuainteachadh orra, no idir 'g am meòraich 
*na inntinn roi'-làimh. Tha e ro chruaidh air 
duine 'm fad 's a bhuanaicheas e fo chumhachd 
a cheud seòrsa, a chaochla gràsmhor a thoirt 
fainear, ged bhiodh e da rìreadh air oibreach- 
adh ann ; agus tha e ro dhuilich co-fhurtachd 
sam bith a tharruinn uatha, gus ara bi an 
duine ann an tomhas eìgin air a shaoradh o 
chumhachd nam peacannan sin, gus am bi 
e mothachail orra, 's gu 'n teann e gu ro 
dhùrachdach ri cur 'nan aghaidh le làn-rùn. 
Tha sinn a' faicinn gu'n do ghairm Daibhidh 
òglach Dhè dheth fèin air ball an dèigh dha 
pobuU Dè àireamh ; ach 's ann a bha e 's an 
àm sin fo gheur-mhothachadh air a pheacadh. 
(2 Sam. xxiv. 10.) Tha lonas a' tagradh còir 
air Dia mar a mhaighistear fo a cheannairc, 
ach tha e 'san àm sin a' gabhail aithreachais 
air son 'eusaontais, agus ann am mòr f hèirg 
ris fein air son a pheacaidh. (lonas i. 9-12 ) 
'8 an àile so romhainn, labhraidh sinn beagan 
mu mhearachdan gnàthaichte, no, peacaidh 
anmhuinneachd, agus mu olc a' chridhe, nithe 
mu'm beil Pòl a' gearan. 

Agus ann an labhairt mu na nithibh sin, ni 
sinn feum de nithe àraid de'n t-seachdamh 
caibidil chum nan Ròmhanach, leis am beil 
Pò\ a' dearbhadh a chòir fèin air Criosd, agus 
ma tha thusa comasach air an co-churriut fèin, 
tha 'chùis gu math eadar Dia agus t' anam. 



SHLAINTEIL ANN AN. CRIOSD. 117 

(].) 'Nuair tha Pòl a' mothachadh nach eil e 
comasach a bhi a rèir lagha Dhè, cha-n eil e a' 
cur coire air an lagh, gu'm beil e cho ro-theann 
's nach urrainn daoine a choimhid, mar is gnà 
le cealgairean a ràdh ; ach 's ann tha e a' 
cur na coire às a leth fèin, air dha bhi 
feòlmhor, ana-miannach ; agus tha e 'g radh 
mu 'n lagh, gu'm beil e math, naomh* agus 
spioradail, (Rom. vii. 12, 14.) — (2.) 'S urrainn 
e a ràdh, gu'n robh e gearr air a' mhath a bha 
'na rùn, 's gu'n do chuir se e-fèin g'a dhùlan, 
's gur minig a thug e ionnsaidh dhùrachdach 
air cur an aghaidh an uilc anns an do thuit e. 
(Rom. vii. 15-19.) — (3.) Tha e 'g ràdh gur 
h-e peacadh bhi faighinn buaidh air a's gnàth- 
obair dha, air chor's gu'm beil e 'ga mheas 
fèin truagh air son a leithid sin, " do chorp 
bàis,'' o'm beil e a' gabhail mòr-f hadal gu bhi 
air a shaoradh, (Rom. vii. 24.) — (4.) Tha e 'g 
ràdh, am fad 's a bhios e fo chumhachd agus 
fo lagh a' pheacaidh, gu'm beii nì-eigin ann an 
grunnd a chridhe a tha cur an aghaidh a' 
pheacaidh, ged tha 'chùis a' fairtleachadh air, 
leis 'm bu mhiann a bhi air sheòl eile, 's an 
uair a gheibh an ni sin lamh-an-uachdar air a' 
pheacadh, 's ro shòlasach an ni e. (Rom. vii. 22, 
25.) Agus air son nan nithe sin, tha e 'toirt 
buidheachas do Dhia nach eil dìteadh sam 
bith ann an Criosd. (Rom. vii. 21, agus viii. 
1.) A nise mata, feuch an urrainn dut còir a 
thagradh air na nithibh sin. — (1.) Ma tha thu 



118 DELCiiAlN^ MU CHOIR 

fàgail na coire agad fèin 's a' moladii an lagha 
'nuair a tlia thu teaclid gearr air — (2.) Ma dh' 
fhaodas tu a ràdh gu'm beil thu toirt ionn- 
saidh gu minig cur an aghaidh a pheacaidh gu 
trèibh-dhireach, dùrachdach, 's a rèir mar a's 
fiosrach thu, gu neo-chealgach ; 's gu'm beil 
thu deònach am math a chur an gniomh, mu*m 
faigh am peacadh buaidh ort. — (3.) Ma dh' 
f haodas tu a ràdh, gu'm beil thu cho fiosrach 
eòlach mu t'f hàilinnibh agus mu d' mhearach- 
daibh 's gu'm beil thu ga d' mheas fèin ro 
thruagh air an son, agus air son corp a* bhàis, 
ni is e 'n f hreumh agus an tobar o'm beil a 
leithid sin de nithibh a' sruthadh. — (4.) Ma 
dh' f haodas tu a ràdh, gu'm beil earrann an 
taobh a stigh dhiot a tha cathachadh an aghaidh 
nam peacannan sin, leis am b' àill a bhi gluasad 
air an t-slighe cheart, 's a tha, mar gu'm b' ann 
làn-toilichte 'nuair a bhios iad a' siubhal an 
slighe Dhè tha chùis gu math. Ach a mhàin 
gabh comhairle, agus na dean tàmh na fois gus 
am bi thu ann an tomhas àraidh cuibhte de 
stèidh na cunnuil so, no, air a' chuid a's lugha, 
gus am faod thu gun teagamh a ràdh, gu'm 
beil thule t'uile dhìchioll a' dian-strì an aghaidh 
nan nithe sin. Tha e 'na chuideachadh ro 
fheumail chum cur an aghaidh cumhachd a' 
pheacaidh, losa Criosd a dhlù-Ieantairm tre 
chreidimh, mar tha e 'na earrann de naomhachd 
a tha ro ion-mhiannaichte, agus ro f hreagarr- 
ach do thoil Dè, 's a chum a* chrìoch a dh* 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. ' 119 

òrduich e 's an t-Soisgeul a thoirt mu'n euairt. 
*' A bheatha a ta mi nis' a' caitheadh 'san f heòil, 
iha mi 'ga caitheadh tre chreidimh Mhic Dhè, 
a ghràdhaich mi, agus a thug e fèin air mo 
shon. Cha-n eil rni cur gràis Dè an neò- 
bhrìgh." (Gal.ii. 20, 2i,) Agus mar sin bu 
chòir do dhaoine ionnsaidh theann a thoirt air 
creideamh a bhi aca, do bhrìgh gur gniomh e a 
tha ro thaitneach le Dia. " Is i so obair Dhè, 
gii 'n creid sibh anns an Tì a chuir e uaith/' 
(Eoin vi. 29.) Air chòr 's gur h-e sin an 
dòigh ullamh chum beatha agus brìgh a tharr- 
uinn o losa Criosd an f hreumh bheannaichte, 
a bheir toradh agus tairbh anns gach càs, niar 
a chì sinn, 'san t-soisgeil so. " Fanaibh annam- 
sa, agus mise annaibh-sa : Mar nach urrainn 
a' gheug toradh a thoirt uaipe fèin, mur fan i 
'san fhìonan, cha mhò is urrainn sibhse mur 
fan sibh annam-sa. Is mise am fìonan^ sìbhse 
na geugan : an tì a dh' f hanas annam-sa, agus 
mise annsan, bheir esan mòr thoradh uaith ; oir 
as m' eugmhais-sa cha n urrainn sibh aon ni a 
dheanamh." Eoin. xv. 4, 5. 



CAIB. XI. 

Mu chomh'pàirteacliaihh àraid o DMa, '5 mu 
oihreachadh gràsmhor sònraicht* a spioraid, 

Cutm. Cha-n eil co-roinn agamsa do na co- 



120 DEUCHAINN MU CHÒIR 

pàirteachaibh àraid sin o Dhia, agus do dh' 
oibreachadh *s do dhol amach a Spioraid, a tha 
air ainmeachadh'san Sgriobtur, nithe mu'm beil 
daoine tha ann an staid ghràsmhor gu mìnig 
ag iomradh, ^s air am beil iad a' ruigheachd : 
's a chionn gu'm beil na nithe ceudna a dh' 
uireasbhuidh ormsa, tha mi cur mo staid fèin 
gu ro mhòr an teagamh. 

Freag, Ainmichidh mi gu h-aith-ghearr 
cuid do na co-pairteachaibh ro luachmhor sin, 
's tha dòchas agam, 'nuair a shoilleìrichear air 
mhodh ceart iad, nach bi ach beag bunachair 
aig gearain eudmhor iomadh neach a th' ann an 
staid nan gras. 

Air tùs, (a bharrachd air na geur-mhothach- 
aibh sin do spiorad Dhè leis an gnà slighe 
Chriosd athoirt a stigh do dh' anmaibh dhaoine, 
agus iad sin mar an ceudna tha gu minig an 
dèigh làimh 'nan co-chuideachd,) Tha seula 
do spìorad Dhè ann air ainmeachadh 'san 
Sgriobtur, agus 'se 'n t-aon ni àraid a th' ann, 
obair naomhachaidh an Spioraid Naoimhe, a* 
dealbh ìomhaigh Dhè 's a thoil f hoiUsìcht' air 
duine, mar dh' fhàgas seula 'choltas no a 
dhealbh fèin air an ni bhios air a sheuladh. 
'S amhail a ta so, " Gidheadh a ta bunait Dhè 
a'seasamh daingean, aigam beil an seula so, Is 
aithne do'n Tighearn an dream sin a's leis. 
Agus, Gach neach a tha 'g ainmeachadh ainm 
Cliriosd, trèigeadli e eucoir." (2. Tim. ii. 19.) 
Agus mar so tha mi smuainteachadh gu'n abrar 
fianais ns an nasgadh so. <' Au tì a chreideas 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 121 

ann am Mac Dhè tha 'n f hianais aige ann fèin " 
(1 Eoin V. 10,) 'se sin gu'm beil na bunachair 
leis am beil còir air Criosd r'a dhearbhadh anns 
gach creideach ; oir tha rud-eigin do Spiorad 
Dhè ann, ni tha 'na f hianais chinnteach, ged 
nach eil e gach aon àm làn-shoilleir. 

Anns an dara h-àite, Tha co-chomunn ri 
Dia ann mu'm beil na daoine diadhaidh gu 
minig ag iomradh, leis am beil iad a' toirl 
fainear làthaireachd mhothachail Dhè ag ath- 
bheothachadh an anma gu ro mhòr. Ach ma 
labhras sinn mar bhuineadh dhuinn, 'se co- 
chomunn ri Dia, aon chòir a bhi eadar Dia 
agus an duine a ghabh ris tre Chriosd. 'Se 
sìn co-pairt, no còir choitcheann a bhi eadar 
Dia agus duine ; clia n-e mhàin gu'm beil còir 
aig duin' air Dia fèin, ach mar an ceudna air 
gach aon ni as leis an Tighearna ; air an dòigh 
cheudna tha còir àraid aig Dìa air an duine, 
agus air gach ni a bhuineas da. Tha co- 
chomunn eadar fear-pòsda agus a bhean, leis 
am beil còir àraid ac' air pearsaibh a chèile, 's 
air gach ni eile a bhuineas daibh : 's amhail a 
tha 'n so : tha leithid sin do cho-chomunn 
againn ri Dia, 's esan ar Dia, agus tha làn-chòir 
againn air gach aon ni, air son gur leinn Triath 
na beatha agus àrd Chruithear nan uile nithe. 
Tha'n co-chomunn so ri Dia gach aon àm aig 
na fìor chreidich uile, mar a nochdas sinn an 
dèigh so. Tha mi *g aideachadh gu'm beil 
feum gnàthaichte r'a dheanamh de'n cho- 

M 



J22 DEUCHAINN MU CHÒIR 

chomunn sin, leis am beil daoìne gu neo-sgàth- 
ach a' gabhail gnothach ri Dia, agus ris gach 
ni a bhuineas da, mar an cuid àraid fèin, le 
mòr-dhànadas agus le dlù-dhàimh, gu sònraicht' 
an àm a bhi toirt aoraidh dha/nuair a bhios an 
t-anam an cainnt shòlasaich ris an Dia bheò, a* 
faighinn co-pairt do'n nàdur dhiadhaidh, a' fàs 
coltach ris-san, 's ag imeachd gu ro shòlasach 
trid a bhuaidhean, agus le rud-eigin domhuin- 
ighin, a' beachdachadh air na nithibh sin mara 
chuid àraid fèin ; their sinn co-chomunn ri Dia 
anns na h-òrdughaibh ris annì so. Gun amharus 
cha n-eil so cho tric na cho gnàthaicht* air a 
dheanamh foilaiseach do dhaoine, 's cha 
n'ionann tomhas co-pairt a tha aig uile phobull 
Dè dheth ; agus gun amharas tha e fìor, nach 
eil duin' a' làn-thuigsinn anns gach àm air an 
aon dòigh an ni tha 'n rùn Dhè d' a thaobh, 
gidheadh tha gu cinnteach co-chomunn ri Dia, 
[sin r'a ràdh, a chòir choitcheann a tha eadar 
Dia agus an duine sin a tha aìr mhodh slàinteil 
ann an cùmhnanta ris,] a' seasamh do ghnà gu 
cinnteach daingeann ; 's tha na h-uiread so do 
cho-chomunn ri Dia anns na h-òrdughaibh aig 
gach uile chreideach, 's gu'm beil coluadar aig 
an cridhe ris an Dia bheò ann an sin, an dràst' 
agus a rithist, 's a tha ann an tomhas air ath- 
arrachadh chum ìomhaigh Dhe ; 's cha ruigear 
a leas a bhi ni's faide an teagamh m'a thim- 
chioll. 

Anns an treas àife, Tha ni-eigin ann ris an 



SHLAINTFIL ANN AN CRIOSi). 123 

abrar companas ri Dia, a tha niar an ceudna g\x 
minig air a ghabhail ann an seadh mearachdach 
am measg nan creideach. Ma's h-e ni th' air a 
chiallachadh le còmpanas; sinn a ghluasad 'n ar 
dleasanas mar ann am fianais an Dè uile- 
lèirsinnich, a tha 'g ar faicinn 's 'g ar cluinntinn, 
's a tha fianaiseach d' ar n-uile ghiùlan ; 's ni e 
tha coitcheann do gach aon neach a tha ann 
an staid nan gràs ; agus tha e ac' uile 'nan 
cleachdadh 's 'nan rùn. *'• Chuir mi 'n Tigh- 
earna romham a ghnà." (Salm xvi. 8.) Seadh, 
agus is minig a tha iad 'ga chur an gniomh, 
'nuair tha 'n spiorad ann an deagh shuidh- 
eachadh ; tha iad a' siubhal mar gu'm biodh 
iad a' faicinn Triath na beatha 'na sheasamh 
r'an taobh, agus tha smuaintean àraidh aca nui 
dheagh-ghean tre Chriosd ; <' Gu fìrinneach 
tha ar comunn-ne ris an Athair agus r'a Mhac 
losa Criosd." (1 Eoin i. 3.) Ma tha sinn le co- 
chomunn a' cìallachadh a bhi ann an coluadar 
sclasach, blasda, mothachail ri Dia, a tha g 
ath-bheothachadh 's a' toirt mòr-shòlas do'n 
anam. osbarr air na tha cogais an dleasanais a' 
deanamh ; is e th*ann an sin a bhi 'g imeachd 
ann an solus dealrach a ghnùise, agus 'na 
làthaireachd mhothachail ; 's tha e coltach gu'n 
robh mòran de'n cho-chomunn so aiff Enoch. 

o 

'nuair tha e air a ràdh gu 'n d' imich e maille 
ri Dia, (Gen. v. 24.) gidheadh cha n-eil e cho 
gnàthaichte ris a' cheud cho-chomunn a dh' 
ainmicheadh, no cho coitcheann do gach tìor 



124 DEUCHAINN MU CHÒIR 

chreideach ; oir ann an so tha 'n t-anara air a 
jìonadh le smior agus le saill, a' dlù-leantainn 
r'a f hear-stiùraidh, 's air a chumail suas gu ro 
shònraichte le dheas làimh. " Mar le smior 
agus le saill sàsaichear m' anam, agus le bilibh 
aoibhneach molaidh mo bheul thu ; Tha m' 
anam a' dlù-leantainn riut ; cumaidh do dheas 
làmh suas mi." (Salm Ixiii. 5, 8,) 

Anns d cheathramh àìte, Tha ni ann ris an 
abrar saor chomas dol a dh'ionnsaidh Dhè ; 
agus tha mi meas gur e so gach ceap-tuislidh 
a th' anns an t-slighe eadar Dia agus duine a 
thoirt às an rathad, air chor *s gu'm beil comas 
aig an duine teachd am fagus da. Theirear 
gu'm beil comas againn dol a dh' ionnsaidh 
duine cumhachdach, 'nuair bhios na dorsan air 
am fosgladh, 's an luchd-coimhid air an cur 
uaithe, agus comas againn tighinn dlù dha : 's 
amhail a tha e 'san àite so. Tha 'n saor-chomas 
so'san Sgriobtur, air aghabhail air uairibh anns 
an t-seadh so, gu'm beil Criosd a' rèiteachadh 
na slighe, 's a' toirt air falbh an nàimhdeis a 
bha eadar Dia agus peacaich, air chor 's gu'm 
beil a nise slighe rèidh aig daoine chum teachd 
a dh' ionnsaidh Dhè tre Chriosd. '* Oir trid- 
san tha araon slighe againn gu dol e steach tre 
aon Spiorad chum an Athar." (Ephes. ii. 18,) 
Agus air uairibh eile tha e air a ghabhail an 
riochd feum gnàthaicht' a chomais a choisinn 
Criosd, 'nuair a bheir duine fainear gu'm beil 
gach ceap-tuislidh 's gach eadar dhealachadh a 



SHLAINTELI ANN AN CRIOSB. 125 

bha eadar e-fèin agus Dìa aìr an toìrt as an 
t-slighe; chan-eil Dia neo-bhàigheil ris, no mar 
choigreach 'ga chumail fèin uaithe, no idir ag 
amharc air le gruaim : ach tha comas aige 
teachd eadhon gu 'ionad còmhnaidh. (lob 
xxiii. 3.) Bha'n duine math so a! gearan gu'n 
robh sin a dh' easbhuidh air, 'nuair tha e 'g 
ràdh, " Feuch, thèid mi air m' aghaidh, ach 
cha ìì'eil esan ann ; agus air m' ais, ach cha 
mhothaich mi e : Air an làimh chlì, far am beil 
e 'g oibreachadh, ach cha-n fhaicmi e." (Rann 
viii. 9.) Tha cheud ghnè chomais cumanta do 
na h-uile chreidich ; tha iad air an toirt dliì da 
le fuil SL chiìmhnanta, 's cha n-eil iad ni's mò 
fada uaithe, o 'n a chaidh an nàimhdeas bàs- 
mhor a bha eadar Dia agus iad fèin a thoirt 
air falbh. Ach tha 'n comas anns an t-seadh 
eile air a fhrithealadh ni's mò a rèir àrd- 
uachdranachd agus toil an Tighearna, agus tha 
e air fhàgail an cumhachd nan creideach a 
chumail uatha fèin, agus an toil leis an Tigh- 
earn a bhuileachadh gu tròcaireach orra a 
rithist saor ; 's mar sin tha efodha's an uachd- 
ar, air chor 's nach ion staid duine chur an 
teagamh aìr a shon. 

Anns a' chmgeadh àite, Tha ni ann ris 
an abrar saors' ann am fianais Dè ; agus 'se so 
ann an seadh ceart, saorsa, no labhairt shaor 
rì Dia. Tha mòran a* cur an staid fèin 
an teagamh, a chionn gu'm beil so an dràst' 
agus a rithist a dh' easbhuidh orra, o'n a 



126 DEUCHAINN MU CHÒIR 

tha 'n Sgrìobtur ag ràdh, <* Far am heil Spiorad 
an Tighearna, iha saors' an sin." (2 Cor. iii. 
17.) Ach tha'iad gu neo chothromach a'ceang- 
al na saorsa mu 'n do labhradh 'san àite sin, ris 
an labhairt shaor so am fianais Dè. Tha mi 
'g aideachadh far am beil Spiorad an Tighearna 
air mhodh slàinteil a' foiUseachadh toil Dè 
anns an Sgriobtur do dhuine, gu'm beil saors* 
ann an sin o cheangal sam bith do lagh nan deas- 
ghnàth, 's o chumhachd dìtidh lagh nam modh- 
annan, agus o mhòran do'n dòrchadas agus do*n 
aineolas sin, a tha mar sgàile air na cridh- 
eachaibh a th'ann an staid nàduir, a' cumail 
Chriosd anns an t-soisgeul am fl^lach uatha. 
Tha mi 'g aideachadh mar an ceudna, gu'm beil 
eadhon an t-saorsa so air uairibh, ni is e saor 
choluadar ri Dia," ar cùis a chur sìos an òrdugh 'na 
làthair,"agusar '^beulalìonadh le argamaidibh'' 
(lob xxiii. 4,) air a dheònachadh do na daoine 
diadhaidh, ach cha n-ann mar tha saors' air 
a gabhail 's na seadhaibh roi'-aìnmichte. Ged 
a chuir an Tighearna mar fhiachaibh air fèin 
Spiorad na h-ùrnaigh a thaomadh a nuas ann 
an tomhas eigin air taigh Dhaibhidh uile. (Sech. 
xii. 10.) Gidheadh tha co-pàirteachadh so an 
Spioraid ris an abair sinn labhairt shaor ri Dia, 
air uairbh air eadar-sgarachdainn gu mòr o 
dhànachd làidir an àm a bhi ri ùrnaigh, air a' 
chuid as lugha gus am bhi e dlù air a' chrìch ; 
'sann a tha e gu mòr a' co-sheasamh ann am 
beòthalachd na tuigse chum an ni tha duine r'a 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 127 

labhairt am fianais Dè a làn-thuigsinn, air 
chor 's gur h-aithne dha a' chùis a chur an 
òrdugh : agus a rithist, tha briathran snasmhor, 
freagarrach, ro dhrùighteach, no ro chumhachd- 
ach agus neartmhor ann. Tha mar an ceudna 
dùrachd Spioraid air a chur ris na nithe sin ann 
an ùrnaigh, air am beil an Sgriobtur a' labhaìrt ; 
tha 'n t-anam ag aomadh le dian-thogradh a dh' 
ionnsaidh Chriosd, agus tha e ro dhiìrachdach 
an àm bhi cur suas achanaich ri Dia. Tha 'n 
cridhe mar an ceudna a' leaghadh air mhodh 
àraidh, agus tha tomhas mòr do Spiorad nan 
gràs agus na h-achanaich gu minig ann an co- 
chuideachd na saorsa so ; (Sech. xii. 10.) Air 
chor 's gu'm beil an t-anam air a thaomadh 
a mach ann an làthair Dhè 'nuair tha iad ann am 
mòran do bhristeadh-cridhe, agus do dhùrachd 
Spioraid, tha comas ac' an inntinn uile a 
leigeadh ri Dia gu ro shaor, mar Dhia beò uil'- 
fhiosrach, a tha (air a' chuid as lugha) a' toirt 
an ùrnaighean fainear. Tha air uairibh dànachd 
an co-chuideachd na saorsa so, air chor 's nach 
labhairt shaor e mhàin, ach mar an ceudna 
labhairt dhàna an làthair Dhè. 'S e sin an 
dànachd le muinghin, " Anns am beil againn 
dànachd agus slighe gu dol a steach ann am 
muinghin trid a chreidimh-san."(Ephes. iii. 12.) 
Cha n-eil so cho tric air a phàirteachadh ri 
daoine ris an t-saors' eil, gidheadh tha e gnàth- 
aichte : tha anns an t saorsa so a bharr air na 
thuirt sinn roimhe, rud-eigin do dhrì^ighadh an 



128 DEUCHATNN MU CHÒTR 

Spioraid air creidimh 'ga bhrosnacbadh gu 
ùrnaigh bheothail. thogarrach a dheanamh. 
Tha suidheachadh inntinn ann a tha taitneach, 
tiomhaidh, muladach, leis am beil dnine ri 
taomadh a raach rùn a chridhe an uchd Dhè, 
's a' tagradh a chìiise 'na làthair mar Dhia beò, 
le rud-eigin do mhuìnghin air 'f hàbhar 's air a 
dheagh-ghean ; agus cha n-eil mòran do na 
naoimh a' ruigheachd air tuilleadh do làthair- 
eachd mhothachail. Cha n-eil teagamh sam 
bith mu thimchioll staid duine, a thaobh* saors' 
an làthair Dhè, anns an t.seadh so mu 
dheireadh do bhrìgh nach eil ni sam bith an so 
ro f heumail chum staid ghràsmhor a dheanamh 
suas ; tha cuid do dhaoine aig am beil so, agus 
cuid eir aig nach eil e ; tha e air uairibh aig cuid 
do dhaoine, agus tha e dhìth orr' aig àm eile, 
air chor 's gu'm beil e fodha 's an uachdar, ac' 
agus uapa ; gidheadh faodaidh mi ràdh, gu'm 
faod daoine tha ann an staid ghràsmhor mòran 
a dheanamh, le cumhachd ro ghnàthaichte, a' 
deanamh còmhnadh riu chum ruigheachd air a 
leithid sin do dh' fhonn spioraid, agus a 
mhealtainn do ghnà. . 

A^ms an t-sèathadh àìte^ Tha ni àraidh ann 
ris an abrar cumhachd no deachdadh an Spior- 
aid, Tha 'n drùghadh no'n cumhachd gràs- 
mhor so an dara cuid gnàthaichte, agus 'se so 
oibreachadh an Spioraid Naoimh' air an anam, 
agus cleachdadh gràis ann, leis am beil iad an 
còmhnaidhairan cumail beò, 's ann anrud-eigin 



6HLAINTEIL ANN AN CliIOSD 129 

do ghnàthachadh 's do oibreachadh, ged nach 
eil iad so-aithnichte. Tha mi breithneach- 
adh gu'm beil an drùghadh so do ghnà ann 
an co-chuideachd nan creideach, 's gur e sin a 
th' air a ghealltainn, le bhi 'gan uisgeachadh a 
dh*òidhch' agus a latha agus gach aon àm. (Isa. 
xxvii. 3.) No tha'n cumhachd so ni's sònraicht' 
agus ni's àraid, agus tha e cho èifeachdach do 
dh' anam a th' ann an staid nan gràs, 's a 
bha ghaoth agus an anail do na cnàmhan 
tiorma^ 'gan cur an deagh òrdugh, (Esec. 
xxxvii. 9 10.) 's mar an drùchd no'n t-uisge 
do'n fheur, no do'n àilean air ùr ghearr- 
adh, 's do'n talamh thioram. (Salm Ixxiì. 
6.) 'Se leithid sin de dhrùghadh a th' air a 
chiallachadh ann an Dàn. iv. 16. le sèideadh 
na gaoithe deas, a thoirt air an spìosraidh 
brùchdadh a mach. 'Nuair tha 'n spiorad a' 
gluasad air a mhodh so, tha gràsan Dhè anns 
an anam ag oibreachadh ni's beothaile. 'Se so 
meudachadh a' chridhe leis am beil duine a' 
ruith ann an slighibh Dhè. (Salm cxix. 32.) 
Tha 'n drììghadh so ni's fhusa mhothachadh 
na cheud chuid, 's cha n-eil e cho tric air a 
bhuileachadh air daoine. Tha mar an ceudna, 
an soirbheas a' sèideadh air uairibh ni's mò air 
aon ghràs, agus air uairibh ni's soilleire air 
gràs eile ; agus gu minig air iomadh gràs 'san 
aon àm ; agus 's ann a rèir an tomhais de'n 
chumhachd so, beag no mòr, a tha'n t-anam ag 
oibreachadh ni's beothaile no ni's socraiche b 



130 DEUCHAINN MU CHÒlIl 

thaobh Dhè : Agus o'n a tha creideamh na 
ghràs cruthaichte 'san anam, tha drùghadh so 
an Spioraid air uairibh ni's lugha, *s air uairibh 
ni*s mò, agus ^s ann a rèir sin a tha dearbh- 
chinnte mu chreideamh beag no mòr. 

Aìins an tseachdamk àite, Tha èisdeachd 
ùrnaigh ann mu'm beil an Sgriobtur gu minig 
a' labhairt : 's tha mòran a* cur càmpair orra 
fèin m'a timchioll, a' baralachadh nach eil 
eòlas sam bith ac' oirr' o'm fìosrachadh fèin. 
Tha mi 'g aideachadh gu'm beil èisdeachd 
f hàbharrach ùrnaigh ann ; ach 's èigin duinn a 
thoirt fainear gu*m beil i dà-f hìllte : An dara 
cuid. (1.) 'Se a leithid 's a thaduine gu soill- 
eir r'a chreidsinn mar argamaid air stèidhibh 
sgriobtuir ; mar a ta, ma theich mi dh' ionnsaidh 
Chriosd, 's ma tha mi dlùthachadh ri Dia ann- 
san, ma tha mi deanamh ùrnaigh a rèir a thoile, 
gun a bhi toirt spèis do dh' aingidheachd am 
chridhe, a' cur creidimh an gniomh mu thim- 
chioll an ni tha mi 'g iarraidh, gu cinnteach no 
air chùmhnant', a rèir gnè an ni bhios ann, 
agus geallaidhean m'a thimchioll; 's èigin domh 
a chreidsinn gu'm beil Dia a' cluinntinn m' 
ùrnaigh, 's gu n toir e dhomh an ni bhios math 
air mo shon a rèir nan sgriobtur sin. '' Ge 
b'e nì a dh' iarras sibh a' m' ainm-sa, ni mise 
sin.''(Roin xiv. 13, 14,) " Is e so an dòchas a 
ta againn annsan, ma dh' iarras sinn ni sam bith 
a rèir a thoile, gu'n èisd eruinn."(l Eoin v. 14,) 
** Creidibh gu *m faigh sìbh, agus gheibh sibh." 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 131 

(Marc xi. 24,) " Ma bheir mi spèis do euceart 
a' m' chrìdhe, cba n-èisd an Tighearna rìuwi^^ 
(Salm Ixvi. 18.) Agus mur tabhair mi spèis do 
'n olc, faodaidh mi a chreidsinn gu'm beil e 
g'am èisdeachd. No. (2.) Tha duine gu moth- 
achail a' toirt fainear gu'm beil Dia ag èisdeachd 
r'a ùrnaigh, 's tha' chùis sin air a dearbhadn 
d'a chridhe, às eugmhais geur cho-dhunadh a 
tharruinn gu h-èigneach o reuson. 'S e a 
leithid sin do dh' èisdeachd ùrnaigh a fhuair 
Hanna, '* Cha robh a gnùis ni b' f haide duhh' 
ach'' (1 Sam. i 18.) Gu cinnteach dh' oibrich 
an Tighearn' air a creidimh, agus làn-chreid i 
gu'n d' fhuair i èisdeachd ; cha robh e air 
chomasd'ia'chùis a dhearbhadh leargamaidsam 
bith ; oir cha robh stèidh aic' air an suidhich- 
eadh i briathran na h-argamaid arèir sgriobtuir, 
anns an ni shònraichte sin ; dhealbh Dia gu 
mothachail air a chridhe e air dhòigh àraidh, 
air chor 's gu'n do chreid i e. Cha n-eil so gu 
tric' aìr a bhuileachadh air daoine, gu h-àraid 
ann an cùisibh a dh' fhaodar ashoilleireachadh 
o'n sgriobtur ; uime sin 's ann le'n creideamh 
a chur an gniomh mu'n cheud ni a bhios daoine 
gu mòr air an riarachadh, 's bu chòir dhaibh a 
Jeigeil gu toil mhath Dèfèin, chum a bhuileach- 
adh orra na chitheadh e iomchuidh do'n dara ni. 
Gtiachòirstaidghràsmhorduinechuranteagamh, 
air son a leithid sin do dh' èisdeachd ùrnaigh. 
Anns an ochdamh àitey Tha dearhhachd ann 
air deagh.ghean De le'r spioradaibhfèin a'togail 



18'2 DEUCHAINN MU CHOIR 

fianais aìr a* chùis ; agus tha'n dearbhachd 
sin air a shoilleireachadh leis na brìathran 
so; — Ge b*e chreideas ann an Criosd cha tèid e 
am mugha am feasd ; ach tha mise a' creidsinn 
aiin an Criosd; air an aobhar sin cha tèid mi 
am mugha gu bràth. Ge b'e aig am bi gràdh 
do dh-àintibh Dhè gu lèir, cha chuirear gu nàir* 
am feasd' e : ach tha spèis agamsa d'a àìntibh 
uile ; uime sin cha bhi nàir orm. Tha mi 'g 
ràdh, le reusonachadh air a mhodh so, agus le 
nithe spioradail a ci>DÌmeas ri nithe spioradail, 
gu'm faod duine ruigheachd air dearbh-chinnte 
m'a staid ghràsmhor. Tha e air a chiallachadh, 
Gràdhachadh ann an gniomh agus ann am 
fìrinn leis am faod sinn dearbh chinnt' a thoirt 
d'ar cridheachaibh an làthair Dhe, 's gu'm faod 
duine gàirdeachas a dheanamh le fianais deagh 
chogais. Faodaidh dànachd a bhi aig duine 
thaobh Dhè, mur dit a chridhe e," (1 Eoin iii. 
]8, i9. 2 Cor. i. 12. 1 Eoiniii.21.) Faodaidh 
sinn an sin ruigheachd air rud-eigin do chinnte 
m*ar staid, le fianais ar Spioraid fèin, ged nach 
ruig sinn air làn-chinnte m'a thimchioll. Cha 
n-eìl mi 'g àicheadh nach eil rud-eigin do 
chòmhnadh Spioraid Dhè, anns an fhianais soa 
tha ar spiorad-ne a deanamh a thaobh dearbh- 
chinnte : ach tha mi breithneachadh nach eil 
feum ach air còmhnadh ro ghnàthaichte, ni às 
eugmhais nach eil sinn comasach air ni sara 
bith a dheanamh, A nise, faodaidh creidich 
thuigseach, a tha coimhid deagh chogais 'nan 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 133 

caithe-beatha, ruigheachd air an dearbhachd 
so. Air an aobhar sin, tha dòchas agam, nach 
ruig connspaid sam bìth a leas a bhi mu thim- 
chioll staid ghràsmhor duine ; oir ma shaoras 
duin* e-fèin o dhìteadh-cridhe, ruigidh e gun 
dàil air an dearbh-chinnte so. 

Anns an naothamh àite^ Thsijianais Spioraid 
Dhè ann, air ainmeachadh ann an Rom. viii. 
16, " An spiorad fèin a' deanamh fianais 
maille r'ar spiorad-ne, gur sinn clann Dhè." 
Tuigear oibreachadh so an spìoraid ni's fearr, 
nia nochdas sinn dearbh-aobbar sam bith leis 
am beil ar spìorad a' togail fianais gur clann do 
Dhia sinn : mar eiseamplair, '' ge b*e ghràdh- 
aicheas na bràithrean, chaidh e thairis o bhas 
gu beatha," 's air an aobhar sin tha e ann an 
Criosd : ach tha mise gràdhachadh nam bràith- 
rean ; uime sin, chaidh mi '* thairis o bhàs gu 
beatha." Ann an so tha trì ghnè oibre an Spior- 
aid, no, trì oibrichean air dòigh a's soiUeire ; 
'se a' cheud ghnè, dealradh do sholus Dhè air 
a' cheud earrann do na briathraibh so, a' 
dearbhadh an ùghdarrais naomha, mar f hacal 
Dè. 'S èigin do spiorad Dhè fianais a dhean- 
amh air diadhachd an sgriobtuir, agus gur e 
facal neo-mhearachdach Dhè e, fada thar gach 
connsachd eile a dh' f haodar a ghnàthachadh 
air a shon. ^S e 'n dara oibreachadh dealradh 
glòirmhor soluis o'n Spiorad, a' dealradh air 
an dara h-earrann de 'n reusan, 's mar sin air 
a ghràsaibh fèin anns an anam, a' nochdadh gur 

N 



134 DEUCHAINN MU CHÒIK 

gràsa fìor iad, a tba freagarrach do'n chùnritas 
a tha*n Sgriobtur a' toirt mu'n timchioll. Mar 
so tha e air a ràdh, gu'n " aithnich sinn tre a 
Spiorad na nithe tha air an toirt duirm gu saor 
o Dhia." (1 Cor. ii. 13.) Tha 'n treas gnè 
oibre a rèir an treas earrann do reusan na 
h-argam£ìid, no an co-dhùnadh ; agus tha mi 
breìthneachadh nach eil ni sam bith ann an so 
ach drùghadh air creideamh, 'ga neartachadh 
chum làn-dearbhadh a tharruinn o na nithibh 
roi-ràite. A nise, (le ùmhlachd do dhaoin' eile, 
a tha ni's soilleire san Sgriobtur, 's aig am beil 
barrachd fiosrachaidh air na co-pairteachaibh 
ro phrìseil sin.) tha mi baralachadh nach e 
fianais an spioraid a tha air ainmeachadh ann, 
*' Tha'n Spiorad fèin a deanamh fianais, &c.'* 
(Rom. viii. 16.) a' cheud oibreachadh sin fianais 
an Spioraid, leis am beil e a* deanamh fianais 
air diadhachd an Sgriobtur gu h-iomlan, 's a' 
dearbhadh ùghdarras diadhaidh an sgriobtur 
do dh' anmaibh dhaoine a th' ann an staid nan 
gràs : agus faodaidh a leithid sin do dh' oib- 
reachadh a bhi air dearbh-fhìrinn sgriobtuir, 
aig nacheilbuntuinn sambith ri uchd-mhacachd 
disine, no idir r'a chòir air Criosd. Faodaidh 
an Spiorad dealradh mar sin airfìrinn sam bith 
a bhuineas do dhleasanas, no air fìrinn chud- 
thromaich sam bith eile, a tha dearbhadh a 
dhìadhaidheachd do'n anam, 's gun ni sam bith 
a labhairt mu thimchioll còir duine air Criosd. 
Cha mhò is e treas oibreachadh a' Spioraid leis 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 135 

a'm beil e toìrt air creideamh an co-dhùnadli a 
tharruinn gu dàna, fianais so an Spioraid : oir, 
cha n-eil *san oibreachadh so ni sam bith ach 
drùghadh air creidimh 'ga thoirt gu làn-dearbh- 
adh air a' chìiis ; ach tha *n ni air am beil an 
iàn-dearbhadh so air a iharruinn no air a chur 
a mach, ann an càil air a dhearbhadh cheana. 
Uime sin tha mi breithneachadh gur e dara 
oibreachadh an Spioraid air an dara h.earrann 
de'n reusan^ an fhianais sin do Spiorad Dhè,am 
boìllsgeadh sin do sholus Dè a* dealradh air 
gràsaibh an duine, leis am beil iad air an 
deanamh ro shoilleir do 'n tuigse : 'se sin an 
f hianais, 'se 'n dealradh mar sin orra 'fhìanais- 
san ; oir 's ann a •mhàin 'san earrann so do'n 
reusan, agus anns an oibreachadh so a tha 
Spiorad an Tighearn a' còmhdachadh co- 
fhianais le'r spioraid-ne ; oir 's ann'sandara 
h-earrann do'n reusan a tha 'n ni àraid sin anns 
am beil fianais ar Spioraid-ne a co-sheasamh, 
agus mar sin tha Spiorad Dhè a' togail fianais 
le'r spiorad-ne anns an earrann sin fein de'n 
reusan mar an ceudna. Air do'n dà fhianais 
sin an t-aon ni a dhearbhadh, 'se sin firinn 
agus dearbh-chinnt mu'n leithid sin do ghràsan 
anns an duine, ni tha ar spiorad no ar cogais 
fèin a' dearbhadh a rèir an eòlais, agus gu 
cinnteach tha Spiorad Dhè a' dearbhadh 's a' 
togail fianais gu'm beil a' chùis mar sin ; tha 
breth agus co-dhùnadh air a tharruinn a mach 
air uchd-mhacachd an duine tre chreidimh an 
duine, air a dheachdadh leis an Spioradachum 



336 DEUCHAINN MU CHÒIR 

na crìche sin : agus tha'n co-dhùnadh so a' 
giùlan làn-chinnt air uchd-mhacachd an duine. 
'S nì cinnteach gu'm beil cuid-eigin do na fìor 
naoimh aig nach eil co-pairt dhe so fad uile 
làithean am beatha, mar tha e soilleir o Eabh. 
ii. 15, '* Agus gu'n saoradh e iadsan a bha tre 
eagal a' bhàis rè am beatha uile fo dhaorsa." 

Annsan deicheamh àite, Tha mi labhairt a rèir 
fiosrachadh mòran do na naoimh, 's tha dòchas 
agam a rèir Sgriobtuir, ma their mi gu'm beil 
co^pairteachadh do Spiorad Dhè ann, a th' air 
a bhuileachadh air uairibh air cuid-eigin d*a 
phobull, anns am beil rud-eigin a bharrachd air, 
mar eil e ni's fearr na 'n fhianais sin a tha 
dearbhadh gur clann sinn mu'n do labhradb 
roimhe. 'S foillseachadh glòrmhor diadhaidh 
air Dia do 'n anam e, a' craobh-sgaoileadh 
gràdh Dhè a mach anns a' cridhe. 'S ni e 's 
fearr a dh' f haodar a mhothachadh na churan 
cèill. Cha ghuth labhar àrd a th' ann, ach 
boillsgeadh glòire a ta lionadh an anma le 
Dia, mar tha e ^na bheatha, 'na sholus, 'na 
ghràdh, agus 'na shaorsa, co-ionann ris a' ghuth 
labhar àrd sin *^ O dhuine ro-ionmhuinn na biodh 
eagal ort, sìth dhut, bi làidir, seadh bi làidir." 
(Dan. X. 19.) a' cur duine 'n aiteas ro mhòr 
leis an smuain so 'na chridhe, " Is math dhuinne 
bhi an so," (Mat. xvii. 4.) 'S e an ni sin a 
chaidh a mach o Chriosd a dh'ionnsaidh Muire, 
'nuair nach d' rinn e ach a h-ainm a luaidh. 
Eoin XX. 16, ''Thubhairtlosarithe, A Mhuire. 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 137 

Air tionndadb dh* ise, thubiiairt i ris, Rabboni, 
'se siii r 'a ràdh, A Mhaighistir." Bha esan 2J 
cainnt rithe roimhe sin, 's cha do thuig i gu'm 
b ' esan a bli' ann ; ach 'nuair a labhair e an 
t-aon fhacal so, A Mhuirei bha foillseachadh 
diadhaidh, iongantach eigin air iomchar a 
steach d'a cridhe, leis an robh i cho làn-shàs- 
aichte, 's nach do chuir i ^n teagamh am b'e no 
nach b'e sin Criosd, no an robh còir sam bith 
aic' air. Rinn am folliseachadh sin Creideamh 
dha fèin, agus choisinn e creideas agus meas 
dha fèin, *s bha e co-ionann ri '* Mar so tha'n 
Tighearn ag ràdh." Tha so na bhoillsgeadh 
glòire cho mòr, 's gu'm faodar anns an t-seadh 
a's àirde " geail daingneachaidh' no ceud thor- 
adh, " na h-òighreachd" a ràdh ris. (Eph. i. 
14.) oir is e làn na làimhe do'n Dia naomh' e, 
a' deanamh an duine, gu inbhe bhig, gu 
h-iomlan a rèir cosamhlachd Dhè 'ga shlugadh 
suas le gàirdeachas ro mhbr, agus le h-anabharr 
iongantais, airchor's gu'm beil e a' leigeil air di- 
chuimhn' gach aon ni eile ach am foiUseachadh 
glòrmhor a ta làthair. O ! cia glòirmhor a ta 
foillseachadh so an Spioraid ! Tha creideamh 
ann an so aig èiridh suas gu làn-chinnte cho 
mòr, 's gu'm beil e 'g oidheirpeachadh le uile 
dhichioll dlù-ghabhail ri Dia air dòigh mhoth- 
achail. 'S e so an nì a's fearr an airidh air au 
^' làthaireachd mhothachail" a ràdh ris, agus do 
bhrìgh coltais, cha n eil e air a phàirteachadh 
ris na h-uile creideach ; oir tha cuid air an 



138 DEUCHAINN MU CHÒIR 

cumail fo dhaorsa, 's fo eagal fad uile làithean 
am beatha. (Eabh. ii. 15.) Ach an so, " tha 
gràdh" a tha dlù air bhi foirfe a' tilgeadh a 
mach eagail. (1 Eoin iv. 18.) Tha so air a 
cho-roinn a rèìr toil' agus rùn suidhicht' an Dè 
shiorruidh, 's cho diombuan 'nuair a ihig e 's 
nach còir do dhuine sam bith a staid ghràsmhor 
a chur an teagamh air son e bhi dh'easbhuidh 
air. 

Anns an aon-àite- deug, Tha ni ann ris an 
abair sinn sìth, mu'm beil mòran dhaoine cur 
anabharra dragh orra fèin. Tha'n t-sìth sin an 
dara cuid mu thimchioll staid duine, gu*m beil 
e rèidh ri Dia tre losa Criosd ; air neo, mu thim- 
chioll a staid 'san àm a tha làthair, gu'm beil e 
gluasad air dhòigh a tha taitneach le Dia, air a' 
chuid is lugha, cho fad 's nach eil aimhreit 
no connspaid sam bith eadar Dia agus e-fèin, 
a' bagradh dìoghaltais a dheanamh air. Tha 
iad sin araon an dara cuid air an dòigh sin ann 
an deuchainn le sgriobtur, 's do bhrìgh coltais 
ann an cunntas Dhè ; no ann an deuchainn le 
cogais duine fhèin. Tha sìth mu thimchioll 
staid duine ro chinnteach ann an deuchainn 
sgriobtuir agus nèimhe, 'nuair tha duine tre 
chreidimh a' gabhail ri Criosd agus ris an nuadh 
cho-cheangal. <' Air dhuinne, bhi air ar fìr- 
eanachadh tre chreidimh, tha sìth againn ri 
Dia" (Rom. v. 1.) Air dha bhi cinnteach 
daingeann an deuchainn na cogais air dha bhi 
làn f hiosrach anns a' chùis : oir anns an staid 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSB. 139 

sìn tha e do ghnà a' labhaìrt a rèir sgriobtuir. 
Ach do bhrìgh gu'm beil a' chogais gu minig 
aineolach neo-fhiosrach sa' chùis ; uime sin tha 
sìth gu minig mu thimchioll staid duine a rèir 
facail Dè, 'nuair tha a choguis a bagradh ath- 
arrachadh sin, 'ga shìor.dhìteadh, 's a' cur an 
cèill da nach eil sìth aige ri Dia tre Chriosd. 
'S eigin do'n chogais a bhi ìàn-fhiosrach anns 
d! chùis so, agus staid ghràsmhor duine bhi air 
a dearbhadh leis na comharran gràis, mar a 
nochd sinn roimhe : 's ma bhios a' chijis mar 
80, ni fianais mo spioraid fèin mòr-chìosnachadh 
air agartas neo-stèidheil na cogais ; agus ma 
chuireas Spiorad Dhè 'fhianais 's a theisteas 
fèin ris, tha chogais an sin làn-thoilichte a* 
gealltaìnn sìthe do'n duine. 

Faodaidh an t-sìth eile mu thimchioll staid 
duine 'san àm a tha làthair, 'se sin gu*m beil e 
taitneach le Dia ann an seadh an t-soisgeil, a 
bhi dh' easbhuidh air, ged bhiodh an t-sìth mu 
thimchioU staid duine ro chinnteach, 'sa staid 
ghràsmhor às an teagamh. Tha'n t-sìth so mu 
thimchioll staid duine, an dara cuid air a' 
mhodh so ann an deuohainn sgriobtuir, no an 
deuchainn le cogais duine, agus 'se so 'nuair 
nach eil spèis aig duine do dh'aingidheachd, 
's a tha e toirt gràdh do uile àintibh Dhè ; an 
sin tha'n Sgriobtur ag ràdh, gu'm beil e 'na 
sheasamh air ionad còmhnard, 's nach ruig 
e leis eagal na sgàth a bhi air roimh f hearg 
Dhè, chum peanais aimsireil a leagadh air : 



140 DELCHAINN MU CHÒlll 

Agus 'nuair tha chiìis mar so, bu chòir d'a 
chogais aoutachadh leis, 's a stiùradh air an 
t-slighe sin fèin, agus dheanadh i so na'm biodh 
i làn-f hiosrach air a' chìiis ; ach do bhrìgh 
gu'm beil a chogais gu tric neo-f hiosrach 
aineolach uime, faodaidh duine bhi fo gheilt le 
olc ann an deuchainn na cogais, mar gu'm 
biodh e gu dligheach an dìiil ri peanas a bhi 
air a leagadh air le Dia air son a pheacaidh, 's 
as leth gamhlas eigin a th* aig Dia dha, ged is 
slàinte bha 'n riìn Dhe a bhuileachadh air. 'S 
leòir so chum duine chumail neo-fhoisdinneach, 
'san g irdeaehas a th' air a cheadachadh dha a 
chumail uaithe, 'nuair tha e 'g imeachd 'na 
ionracas : air an aobhar sin 's èigin do dhuine 
a chogais a dheanamh làn-f hiosrach an so mar 
an ceudna, 's gun dìteadh no casaid sam bith a 
ghabhail uaipe, mur dearbh i a' chuis gu 
soiUeir le sgriobtur. Seasadh gach aon duine 
aig cathair a' bhreitheanais sin, mu thimchioll 
a staide fèin ; agus togadh e a' chìiis o gach 
ionad deuchainn eile chum an ionaid sin, 's na 
gabhadh e casaid sam bith, ach a rèir fìrinn 
Dhè, leis am beil a chogais ri bhi air astìùradh 
anns gach aon ni. Agus nan rachadh deagh 
aire thoirt do'n chùis so, cha bhiodh cho 
liugha amharas neo-stèidheil mu thimchioll 
an staid am measg muinntir Dhè air son gach 
aon smuain a thàrmaicheas 'nan cridhe. 

An?is an dara-h'àite-deug, Tha aoibhneas 2iX\ 
Spioraid Naoimh* ann ^ agus 'se so ; 'nuair tha'n 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 141 

Spiorad ag analadh air ar n-aoiblmeas ann 
an Dia, (ni tha 'na ghràs a tha ro bheag air a 
chleachdadh le inòran,) 's a tha toirt air fàs gu 
mothachail, beothail ; 's tha e brosnachadh 
ceudfath an aoibhneis agus an t-subhachais anns 
an anam^ air chor 's gu'm beil aoibhneis glòr- 
nihor do-labhairt anns ann anam, an àm dha bhi 
smuainteachadh air a chàirdeas 's air a dhlù- 
dhàimh ris an Dia bheò. '* Air dhuibh bhi 
creidsinn ann^ tha sibh a' deanamh mòr 
ghàirdeachais le aoibhneas do-labhairt, agus 
làn do ghlòir." (1 Pead. i. 8,) Tha 'n 
t-aoibhneas so a' leantainn sìth, agus tha sìth a' 
leantainn fìreantachd. '' Is f ìreantachd agus 
sìth, aoibhneas 'san Spiorad Naomh' rìoghachd 
Dhè.'' (Rom. xiv. 17.) Cha tric leis an aoibh- 
neas so gu'n a bhi a rèir tomhas dearbh-chinnte 
mu chreidimh, mar tha e soilleir o 1 Pead. i. 8. 
roimh-ainmichte: airchor 's gu'n curmearachd- 
an a thoirt air falbh mu nithe eile, an t-amh- 
aras an lughad mu thimchioll an nì so. 

Do bhrìgh gu'm beilcuidde cho-pàirteachadh 
luachmhor sin an Spioraid air an cur an teag- 
amh, 's air an gabhail an riochd cealgaireachd 
Shàtain, an dèigh dhaibh dol seachad ; mar 
dhearbhadh orra, tha sinn ag ràdh, gur gnà le 
oibreachaidh àraid Spioraid Dhe ann an tomhas 
ard, abhiair am pàirteachadh ri daoine an dèigh 
a leithid sin do bhriseadh-cridhe, 's do mhòr- 
thrioblaid. <^Thoir orm guth subhachais agus 
aoibhneis a chluinntinn ; agus ni na a cnàmhan a 



142 DEUCIIAINN MU CHÒIR 

bhrìs thu gàirdeachas," (Sahn li.8.) an dèigh na 
h-uiread shoaoithreach ann an dleasanas diadh- 
aidh. " Agus chuir mi m' aghaidh ris an 
Tighearna Dia, d'a irraidh le ùrnaigh agus le 
achannich, le trasg, agus le eudach saic, agus le 
luaithre, &c." (Dan. ix. 2.) No ann an àm a bhi 
fulang a leithid so às leth na f ìreantachd : ^' Do 
bhrìgh gu'm beil sibh 'nur luchd-comhpairt do 
f lìulangasaibh Chriosd, deanaibh gàirdeachas ; 
chum mar an ceudna^i'unn an àm follaiseachaidh 
a ghlòire, gu 'n dean sibh gàirdeachas le 
h-aoibhneas ro mhòr. Ma mhaslaichear sibh air 
son ainme Chriosd, is sona sibk ; oir a ta 
Spiorad na glòire agus Dhè a! gabhail còmh- 
naidh oirbh." (2 Pead iv. 13, J4.) No ma 
bhrùchdas trioblaidean a steach mar an t-uisge 
nach feith ri duine, an sin tha iad ag irisleach- 
adh an duine cho mòr \s gu'n glaodh e leis an 
f hàidh, *' Mo thruaighe mise l oir chaidh às 
domh ; oir is duine mi aig am beil bilean 
neo-ghlan; — oir chunnaic ma shùilean an Rìgh, 
Tighearn nan sluagh.'^ (Isa. vi. 5.) Agus tha 
cho liugha dearbhadh air f haotainn mu ghràs 
anns an duine. " Tha an Spiorad fèin a' dean- 
amh fianais maille r'ar spiorad-ne, gur sinn 
clann Dhè." (Rom. viii. 16) No tha na nithe 
sin a' brosnachadh cho mòr chum naomhachd ; 
's a chum gach nì bhi freagarrach do na 
foiilsichibh sin air Dia. '* Gach neach a tha 'g 
ainmeachadh ainm Chriosd, trèigeadh e eucoir." 
(2 Tim. ii. 19,) Tha 'n neach aig am beil iad 



SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 143 

'a' toirt niòr-fhuath do gach aon ni ach co- 
chomunn agus càirdeas Dhè. *' Thubhairt e ri 
losa, A Thighearn, is niath dhuinne bhi an so." 
(Mat. xvii. 4.) Agus tha na Taisbeanan 
glòrmhor sin a' giùlan na h-uiread do dh' 
ùghdarras diadhaidh 'nan co chuideachd> am 
feadh a tha iad 'san anam, aìr chor 's gu'm 
mothaichear gu làn-shoiUeir an dèigh làimhe, 
gur comh-pàirteachadh àraid o Dhia, agus 
oibreachadh gràsmhor sònraicht' a Spioraid, 's 
nach iad sin idir mealtaireachd Shàtain, 'ga 
churfèin an cruth aingeil soluis. (2 Cor. xi. 14.) 
No idir leithid nam boillsgeannan coitcheann 
sin do'n Spiorad, a dh' fhaodas an dèigh sin, 
tuiteam gu tùr air falbh gun tèarnadh o 
Dhia. ** Oir is eu-comasach an dream sin a 
chaidh aon uair a shoillseachadh, agus a bhlais 
an tiodhlac nèam.haidh, agus a rinneadh 'nan 
luchd'Comhpairt do'n Spiorad naomh', agus 
a bhlais deagh fhacal Dè, agus cumhachdan an 
t-saoghail ri teachd, agus a thuit air falbh, ath- 
nuadhachadh chum aithreachais." Eabh vi. 
4—6. 

A nise mata, chum an earrrann sin de'n 
obair a bhuineas do dheuchainn* a cho-dhùn- 
adh ; tha mi 'g ràdh ris gach neach a tha 
gearan gu'm beil dol a mach ro phrìseil an 
Spioraid a dhì orra. 

1. Thugaibh mòr-chliù do Dhia raur eil ni 
sam bith a tha ro f heumail chum còir shlàinteil 

" Dheaibliadh. 



144 DEUCHAINN MU CHÒIR 

ann an Criosd a dheanamh mach, a dh* eas- 
bhuidh oirbh. Thug Dia dhuibh losa Criosd, 
an tiodhlac bu mhò a bh' aige ; 's o'n a tha 
bhur cridhe air a dhealbh fa chomhair, bheir e, 
leis-san duibh 'nan àm fèin, gach aon ni tha 
chum bhur math. 

II, Tha dòchas agam, le mion-rannsachadh 's 
le deuchainn cheart, an dèigh dhuibh comh- 
pàirteachadh an Spioraid a làn-thuigsinn, nach 
eil sibh cho aineolach mu ioraadh nì 's a shaoil 
sibh. Ach — 

III. Cuimhnichibh nach eil geallaidhean 
beatha, agus sìth ri Dia, ann an earrann sam bith 
do'n sgriobtur air an toirt do na nithibh àraid 
sin a tha sibh a' baralachadh a bhi 'g ur dìth ; 
tha na geallaidhean air an toirt do chreidimh, 
le naomhachd a bhi 'na cho-lòrg ; agus faodar a 
bharalachadh, nach eil comhpairt aig iomadh 
neacha tha 'nan òighreachan air glòirshiorruidh 
do chuid de na nithibh sin anns a' bheatha so, 
ach a tha tre eagal a' bhàis rè àm am beatha 
nile fo dhaorsa. (Eabh. ii. 15.) Mar sin cha 
[)u chòir do mhearachd sam bith a bhi mu thim- 
ehioll nan nithibh sin; faodaidh sinnan iarraidh, 
ach tha Dia gu saors* a thoile fèin, an toirt 
duinn, no an cumail uainn. 

lY. Tha mòran ag iarraidh a leithid sin do 
Thaisbeanan mu'n toir iad tre chreidimh 
creideas do dh' fhacal Dè. Thug e fianais 
gu'm beil beatha ni*s leòir ann an losa Criosd 
do dhaoine, 's na'n cuireadh daoine tre chreid- 
imh an seula ris gu'm beil Dia f ìor, bhiodh aca 



SHLAIJSTEIL ANN AN CRIOSD, 146 

comhpairt do thuilleadh, de na nithibh ro 
luachmhor sin 

V. Faodaidh mi ràdh, nach eil smuaintean 
urramach aig iomadh neach mu Spiorad Dhè, 
neach d' an obair shònraichte na h-oibre luach- 
mhor roi'-ainmichte sin a chur a mach. Cha 
n-eil iad a'toirt aoraidh dha mar Dia, ach 's ann 
a tha iad a' cur corraich agus càmpar air, 's 
a' cur 'na aghaidh ; agus tha iomadh neach 
a tha gearan gu'm beil na nithe -.sin a dh' 
easbhuidh orra, nach cuir de dhragh no de 
shaothair orra fèin an Spiorad irraidh 'na dhol a 
mach ; agus is tearc a' mhuinntir sin a tha 'gan 
cur fèin air leth fa chomhair gabhail r'a leithid 
siu do nithibh prìseil 'nunr a thig iad. Air an 
aobhar sin bithidh ni's ro shaothreachail ann 
an obair na diadhachd na bha sibh 'san àm a 
chaidh seachad, thugaibh tuiìleadh creideis do 
dh' f hacal Dè, agus biodh tuilleadh meas agaibh 
air a Spiorad, 's leis a sin faodaidh sibh tuilleadh 
do na nithibh ro luachmhor sin f haotainn. Gu'm 
mosgladh Dia sinn chum sin a dheanamh, 
mu'm falaichear o'r sììilibh na nithe a bhuineas 
d' ar slàinte shiorruidh. 



CÒm MHOR A' CHRIOSDAIDH. 



AN DARA H-EARRANN. 

AN DÒIGH A CHUM RUIGHEACHD AIR CÒlR 
SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 

Air dhuinn staid ^ach diiine chur gu deuchainn,* sa' 
cheud earrann de'n leahbar so, bheir sinn 'san earrann 
so a leanas, seòladh dhaibh-san donach comas, noaig 
nach eil a chridhe còir a thagradh air na comharran 
roi-ainmichte. 

Ceist. Ciod a ni an aiteam sin aig nach eil na comh- 
arran roi-ainmicht* air fìor chòir shìainteil aif 
Criosd, agus do nach comas, no aig nach eil a ehridhe 
còir a thagradh orra ? 

Freagradh. Ma mhothaicheas daoine gu'm beil 
na comharran roi-ainmicht' air fìor chòir shlàinteil 
air Criosd a dh' easbhuidh orra, 'se'n dleasanasfèin, 
agus dleasanas gach aon neach a chhiinneas an 

SOÌSgeul SO, GABHAIL GU TOILEACH, TREIBH- 
DHIREACH LE 'N UILE CHRIDHE RI INNLEACHD 
DHE CHUM PEACAICH A SHÀBHALADH TRE IOSA 

criosd, agus ni so an staid tearuint' agus cinnteach- 



CAIB. I. 

Nithe araid air an cur sìos a chum eòlas agus jioS' 
rachadh a thoirt dd'n mhuinntir sin a tha 
aineolach. 

Chum 's gur feairrde 'thuigear a' chùis, 
cuiridh sinn sìos nithe àraid a chum fìosrach- 

* Dearbhadh. 



AN DÒIGH CHUM RUGHEACHD, &C. 1-17 

adh a thoirt do'n mhuinntir sin a tha aineolach 
*s an sin labhraidh sin gu soiUeir mu'n ni a 
chuir sinn romhainn. 

I. Rinn an Tighearna Dia air tùs à paìlteas 
a mhòr mhathais, comh-cheangal ris a' chinne- 
dhaonna ann an Adhamh. (Gen. ii. 16, 17.) 
agus neartaich e 'n duine gu buanachadh anns 
a* chomh-cheangal sin. *^ Rinn Dia an duine 
dìreach, ach leis mar dh'ith an duine do'n mheas 
thoirmisgte, bhrist e'n comh-cheangal sin. 
Bhris iadsan an comh-cheangal mar Adhamh : 
agus dh* fhàg iad gun tairbh a chaoidh e. 
Cha bhi feòil sam bith air a fìreanachadh 'na 
f hianais-san tre oibribh an lagha : agus leis a 
sin thug e gach uile thruaighe air fèin. Mar 
a thàinig peacadh a steach do'n t-saoghal tre 
aon duine, agus bàs tre*n pheacadh, mar sin 
mar an ceudna thàinig bàs air na h-uile 
dhaoinibh, do bhrìgh gu'n do pheacaich iad 
uile.*' Ecles. vii. 29. Gen. iii. 6. Hos. vi 7- 
Rom. iii. 20; V. 12. 

II. Bha e ann an rùn an Tighearna o shiorr- 
uidheachd, daoine a' shàbhaìadh gu ro shaor air 
dòigh eile, 's e sin r'a ràdh, tre losa Criosd, 
agus comh-cheangal nan gràs, anns an robh 
mhiann air rèit* a dheanamh ris na daoine tagh- 
te tre losa Criosd, Diaagus duine, air a bhreith 
le mnaoidh ann an àm iomchuidh, chum an 
rèite so eadar Dia agus daoine dheanamh 
èifeachdach. Agus dh* innis e an innleachd 



148 AN DÒIGH CHUM RUIGHEACHD AIR 

so, a thoirt dìoladh d'a cheartas fèin 's a shàbh- 
aladh nan daone taighte trid an tSlànaighear, 
air tùs d' ar ceud sinnsir ann am phàrras. (Gen. 
iii. 15.) far an dubhairt e, gu'm bruthadh 
sliochd na mnatha ceann na nathrach : agus 
rinn an Tighearna so-aithnichte d'a eaglais 
anns gach linn. 

III. Dh* aontaich an Tighearn anns gach 
linn a bhi na Dhia rèidh riu-san a dh' aidich- 
eadh le'n ùmhlachd d*a òrdughaibh, gu'm beil 
iad làn toilichte leis an innleachd so, 's a 
chuireadh mar fhiachaibh orra fèin co-aon- 
tachadh leis an nì s"n fèin, agus slàint' iarraidh 
tre losa Criosd, mar tha Dia 'ga thairgse 'san 
t-soisgeul ; mar so theirear pobull an Tigh- 
earna ri sluagh Israeil uile, 's tha e air a ràdh, 
gu'n do ghabh iadsan ris mar an Dia, 's tha 
esan ag aideachadh gu'n gabh e riù mar a 
phobuU. (Exod. xix. 5, 8; Deut. xxvi. 17, 
18.) Seadh fòs, tha'n Tighearn a' cur mar 
fhiachaibh air fèin gu'm bi e 'na Dhia do 
shliochd agus do ghineil na h-aiteara sin a dh' 
ùmhlaicheas iad fèin mar sin d'a òrdughaibh. 
Tha e air aithris gu 'n robh 'n cùmhnant air a 
dheanamh eadar Dia agus am pobull uile, sean 
agus òg, ris na bha 'san làthair, agus às an làth- 
air, air an latha sin. (Deut. ix. 10 — 15.) Agus 
tha e air òrduchadh do gach uile neach teachd 
fo sheula do'n chìimhnanta sin, mar dh' àin- 
teadh do dh-Abraham. (Gen. xvii. 10.) Cha 
n-e mhàin gu'n robh e mar sin fo 'n t-seann- 



CÒIR SHLAIXTEIL ANN AN CRIOSD. 149 

Tiomnadli, ach tha e mar siii 'san Tiomnadh- 
nuadh mar an ceudna. Tha Tighearn nan 
sluagh 'ga thairgse fèin chum a bhi 'na Dhia 
dhuinn ann an losa Criosd ; 's ma tha *n sluagh 
ag aidmheil gu'm beil iad làn-toilichte leis an 
tairgse sin, 's mar f hianais air a' chiiis a' toirt 
làn-ghèiU do na h-òrdughaibh, tha iad air am 
meas 'nan sluagh fo chùmhnant, 's air an 
ceangal 'nam miltibh r'a eaglais, a' faighinn seul 
a chomh-cheangail, gun dearbhadh sònraicht* 
sam bith roi-làimh ach sin fèin. " An sin 
thubhairt Peadar riu, Deanaibh aithreàchas, 
agus bithibh air biiur baisteadh gach aon 
agaibh ann an ainm losa Criosd, chum math- 
anais pheacanna, agus gheibh sibh tiodhlac an 
Spioraid naoimhe. — Ansin bhaisteadh iadsan a 
ghabh r'a fhacal gu toileach : agus an là sin 
fèin chuireadh riu timchioll trì mìle anam." 
Gniomh. ii. 38~4L 

IV. Tha mòran a! buntainn gu ro chealgach 
ri Dia anns a' chumhnanta so. ** Ach rinn iad 
miodal ris le'm beul, agus rinn iad breug dha 
le'n teangaidh, oir cha robh an cridhe ceart 
raaille ris, agus cha robh iad dìleas 'na chomh- 
cheangal.'* (Salm Ixxviii. 36, 37-) Agus ged 
tha iad ag aidmheil gu'm beil mòr mheas ac' 
air Criosd an Slànaighear, 's gu'in beil iad làn- 
toilichte leis an innleachd sin chum peacaich a 
shàbhaladh trid-san, 's gu'm beil ìomhaigh Dhè 
air aiseag annta leis an t-Slànaighear; gidh- 
eadh cha n-eil an cridhe ceart a thaobh Dhè, 



150 AN DÒiGH CHUM RUIGHEACHD AIR 

*8 tha iad 'g an toileachadh fèin leis an ainm a 
mhàin, gu'm beil iad ann an cùmhnanta naisgte 
ri Dia. Tha iadsan ag ràdh *' Is e Abrahara 
an n-athair-ne.'' (Eoin viii. 39.) oir ged tha'n 
Tighearn a' cur mar fhiachaibh air gach neach 
a thav'g aideachadh gu'm beil e toilichte le losa 
Criosd, an luach leis an deach ar ceannach, a 
bhi gu trèibhdhireach, dùrachdach anns a' 
chùmhnanta; agus's ann dhaibh-san amhàin a 
bhios mar sin, a chomh-lionas e geallaidhean 
spioradail a' chùmhnaint ; 's iadsan a mhàin a 
tha gabhail da rìreadh ri Criosd, aig am beil 
còir air a bhi 'nan cloinn do Dhia. (Eoin i. 12.) 
Gidheadh tha 'n Tighearn a* ceadachadh do 
mhòran aideachadh gu'n do ghabh iad ris-san 
ann an Criosd, araon 'san t-seann Tiomnadh, 
agus anns an Tiomnadh-nuadh, 'nuair nach 
eil an cridhe ag aontachadh leis ; agus tha 
e toirt comas daibh a bhi 'nam buill d'a eaglais, 
a* ceadachadh dhaibh gnàthachadh nan òrd- 
ughaibh, agns ioma' tròcair agus sochaireile o'n 
leth a muigh, a tha air an diìiltadh do na h-ana- 
creidich nach eil ann an comh-cheangal ris, 

V. Ged tha chuid is mò do'n t-sluagh gu 
h-amaideach am barail gu 'n do ghabh iad gu 
trèibhdhireach diìrachdach ris an Dia bheò ann 
an losa Criosd, no air a' chuid a's lugha, tha 
iad a' gealltainn cridhe nuadh dhaibh fèin mu'm 
fàfg iad a bheatha so, gun stèidh gun bharantas 
sam bith ac' air a' chìiis ; gidheadh, cha n-eil 
iad ach ro thearc, a tha da rìreadh le 'n uile 
chride a' gabhaii ri Dia ann an Criosd mar tha 



CÒIR SHLAINTEIL ANN AN CKIOSD. 151 

e air a thairgse 'san t-soisgeul ; air chÒr 's nach 
eil ach ro bheag air an sàbhaladh, mar tha e 
soilleir o na briathran so, " Is cumhann an 
dorus, agus is aimhleathan an t-slighe a ta 
treòrachadh chum na beatha^ agus is tearc iad a 
ta'g amas oirre. — Oir a ta mòran air an gairm, 
ach beagan air an taghadh." (Mhat. vii. 14. 
XX. 16.) Nan creideadh daoine so dh' fhaod- 
adh e bhi 'na chuideachadh chum cais- 
meachd a thoirt daibh, chum an dùsgadh à 
marbh-chadal an aineolais agus an neo-chùram, 
gu bhi ro dhiìrachdach ann an gnothach 
cudthromach an slàinte. 

VI. Ged nach eil neach sam bith a' gabhail 
gu ro dhùrachdach ri Dia ann an losa Criosd, 
agus làn-toilichte leis an luach ro mhòr a f huair 
Dia, ach iadsan a mhàin a thaghadh. '« Ach 
rainig an taghadh air, agus chaidh a' chuid 
eile a dhalladh," (Rom. xi. 7.) agus a' mhuinn- 
tir sin a than Tighearna Dia gu buadhar 
a' rìinachadh an cridhe chum an roghainn 
bheannaichte sin a thogail, *' Cha n-urrainn 
neach air bith teachd a'm' ionnsaidh-se, mur 
tarruinn an t-Athair a chuir uaithe mise e ;" 
(Eoin. vi. 44.) gidheadh dh' f hàg an Tighearn 
e mar dlileasanas fiachaicht' air gach neach 
a chluinneas an soisgeul so, iad a ghabhail 
ri tairgse na slàinte tre losa Criosd, mar gu'm 
biodh e 'nan comas fèin a dheanamh : agus 
tha'n Tighearna Dia trid nan iarrtas ogus nan 
earailean sin, (leis am beil e a' co-èigneach- 
adh dhaoine chum gabhail r'a thairgse,) ag 



152 AN DÒIGH CHUM RUIGHEACHD AIR 

aiseag beatha agus neart do na daoirie taghte, 
's a' toirt dhaibh a' chridhe nuaidh, a tha co- 
aontachadh gu bàigheìl leis an nuadh innleachd 
80 chum peacaich a shàbhaladh, agus le Criosd 
*na dhàimh-chumhnanta ; no 'se rùn an Tigh- 
earna anns na h-iarrtaisagus anns nacuiridhean 
sin, daoine chur gu dleasanas eigin leis an gnh 
leis còrdadh, chum an obair sin eadar e-fèin 
agus iadsan a chrìochnachadh : mar sin ma ta is 
if2^/2mweairartaobh-ne,ach gìdhe'òdhìs tarruinn 
e air a thaobh-san, is tarruinn e air a thaobh- 
san, agus is ruith e air ar taobh-ne, is dlùih- 
achadh ris e air ar taobh-ne, ach gidheadh 
is roghnachadh agus toirt oirnn dliithachadh^ris 
e air a thaobh-san. 'S e creidsinn no gahhail ris 
e air ar taobh-ne, ach gidheadh thugadh dhuinn 
e chum creidsinn, Eoin. vi. 44. Dàn. i. 4. 
Salm Ixv. 4. Eoin i.l2. Philip. i. 29. 



CAIB. II. 

A* nochdadh ciod e gabhail ri innleachd Dhè chum 
peacaich a shàbhaladh tre losa Criosd^ agus gur 
dleasanas ro fheumail e. 

AiR dhomh na nithe sin a chur sìos, tha mi *g 
ràdh, ma mhothaicheas daoine gu'm beil na 
comharran air còir shlàinteiì ann an Criosd, mu'n 
do labhradh sa' cheud earrann do'n leabhar 
so, g'an dìth ; ma 's àill leo an staid a bhi tear- 
uintCj 's èigin daibh leis gach uile dhìchioll 
gabhail gu pearsonta, trèibhdhireach, dùrachd- 



COIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 153 

ach ri inuleachd Dhè chum peacaich a shàbh- 
aladh tre Chriosd, a tha air nochdadh sa'n 
t-soisgeul. 

Ann an labhairt ni's faide mu na nithe sin 
nochdaidh sinn (1.) Ciod e gabhail ris an inn- 
leachd ro luachmhor sip. (2.) Gnr e sin dleas- 
anas feumail gach neach leis am bu mhath a 
bhi rèidh ri Dia, 's an anmannan fèin a thear- 
nadh. (3.) Ciod a tha air iarraidh roimh-làimh 
air a' mhuinntir a tha comh-lionadh an dleasan- 
ais so. (4.) Ciod iad buaidhean an dleasanais 
so, ma chomh-ìionar gu ceart e. (5.) Ciod iad 
na nithe tha gu nàdurrach a' tachairt, ma bhios 
an dleasanas air a chomh-lionadh air mhodh 
cothromach. 

'S e cheud ni a chuir sinn romhainn a 
nochdadh, Ciod e gabhail ri innleachd Dhè 
chum peacaich a shàbhaladh tre losa Criosd an 
Slànaighear, a th' air a nochdadh 'san >.t-soi- 
sgeul : 's èigin duinn a chuimhneachadh an so, 
mar a nochd sin roimhe, gu'n do neartaich Dia 
an duine an tùs chum buanachadh 'na dheagh- 
ghean, le 'cheud ionracas annsandochruthaich- 
eadh e a chumail gu daingeann ; ach leis mar 
pheacaich an duine chaill e fàbhar agus deagh- 
ghean Dè, rinn e ciìmhnanta nan gniomh gun 
tairbh agus dh' fhàg se e-fèin eu comasach air 
càirdeas an Tighearna Dia a chaill e leis a' 
pheacadh, fhaotainn a rithist, 's air e-fèin a 
shaoradh o'n mhallachadh agus o'n fheirg is 
dligheach dha air a shon, no dùigh sam bith leis 



J54 AN DÒIGH CHUM KLlGiJEACHD AÌR 

an robh e comasach air e fèin a shàbhaladh : 
Ach dh* fhoillsich an Tighearna gu ro shaor 
fiùghantach dòigh eile air staid chaillt' an duine 
ath-leasachadh, 'se sin r'a ràdh, le Mhac losa 
Criosd a chur a dh* ionnsaidh an t-saoghail, 
chum làn-dìoladh a thoirt d'a cheartas air son 
peacadh nan daoine taghte, chum ìomhaigh 
fèin aiseag annta a tha nis' air f às duaichnidh, 's 
an toirt chum rìoghachd na glòire an dèigh 
daibh an saoghals' fhàgail ; agus thug e gairm 
f hollaiseach 'san eaglais, cò air bith a chuireas 
air cùl gu buileach gachaon smuain air iadfèin 
a shàbhaladh tre chiìmhnanta nan gnìomh, no 
le'm fìreantachd fèin, *s a dh' aontaicheas gu ro 
dhiàrachdach bhi air an sàbhaladh tre losa 
Criosd an t-eadar-mheadhonair, gu'm bi iad air 
an aiseag gu staid a's fearr na i sin anns an robh 
'n duine air tìis ; agus bithidh iad air an 
sàbhaladh. Air chor 's gur e'n t-aon dòigh air 
gabhail ri innleachd Dhè a shàbhaladh pheacach 
tre losa Criosd, sinn a chur cìilris gach smuain 
a bhi air ar sàbhaladh tre ar fìreantachd 
fèin, agus aontachadh leis an dòigh so afhuair 
Dia a mach ; 'se sia mòr mheas a bhi againn 
air losa Criosd mar an t-ionmhas a tha leòir- 
f hoghainteach a chum duine bochd, truagh, 
f hàgail gu saibhir, sona, agus làn chreideas a 
thoirt do'n fhianais so, gu'm beil beatha ni's 
leòir ann do dhaoine ; 'se sin sinn a bhi làn- 
thoilichte leis an innleachd so, agus aontachadh 
leis, mar an t-aon slighe tha treòrachadh gu 



CÒIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 155 

fìor shonas ; *se sin sinn a bhi beachdachadh 
air an Eadar-mheadhonair mar tha Dia 'ga 
nochdadh 'san t-soisgeul, a' miannachadh 
cudthrom ar staide gu h-iomlan a leagadh air. 
'Se so an nì ris an abrar creideamh no " creid- 
sinn, gabhail ri Criosd," no '* creidsinn 'na 
ainn/' (Eoin i. 12.) 'Se so an creidsinn sin 
anns an Tighearn losa Criosd a dh' òrduich- 
eadh do dh' fhear-coimhid a phrìosain chum a 
shàbhaladh. (Gniomh. xvi. 31.) Tha so a' 
co-fhreagradh do gach cunntas a th'againn 
'san Sgriobtur mu chreideamh a dh' fhìrean- 
aicheas. Tha so a' co-fhreagradh do'n 
t-sàmhla, bhi g amharc air an nathair umha a 
bha air a togaii suas anns an fhàsach. (Eoiniii. 
14, 15.) Agus tha so air a chiallachadh anns 
gach oibreachadh gnàthaichte do chreidimh, rip 
am beil geallaidhean air an ceangal 's an 
Sgriobtur; agus gheibhear na nithe sin anns 
gach neach a f huair an cridhe nuadh o Dhia, 
's cha-n fhaighear iad ann an neach sam bith 
eile. 

'Se 'n dara ni a chuir sin romhainn a nochd- 
adh, gur e so dleasaucts feumail gach neach leis 
bu mhiann a bhi rèidh ri Dia, 's an anm- 
aibh fèin a shàbhaladh ; mar tha e soilleir o 
na nithibh so a leanas. 

I. Tha gabhail ri innleachd Dhè, no creid- 
sinn ann an Criosd, air àinteadh leis an Tigh- 
earna Dia air feadh gach earrann do'n Sgriob- 
tur, mar chùmhnant an nuadh chomh-cheangail, 



]56 AN DÒIGH CHUM RLIGHEACHD AIR 

a' toìrt làn chòir dhaibh san a chreideas ann, 
air gach uile bheannachadh spioradail a tha air 
an gealladh anns a chomh-cheangal sin ; oir 
'se sin ann am briathraibh aithghearr, gabhail 
ri Criosd. Tha so air iarraidh, 'niiair tha Dia 
a' toirt cisireadh do dhaoine, iad a thighinn 's a 
cheannach, 'se sin iad a shealbhachadh an iom- 
lain le gabhaii ris an innleachd sin. (Isa. iv/1.) 
Tha cuireadh aig an aiteam a tha sgìth teachd 
d'a ionnsaidh-sa, chum 's gu m faigh iad fois. 
(Mat. xi. 28.) 'S i so 'àinte san, gu'n creid- 
eamaid an ainm a Mhic losa Criosd. (lEoin iii. 
23.) 'S leòir na chaidh ainmeachadh cheana 
chum a dhearbhadh gu'm beil e 'na dhleasanas 
fiachaichte. Ach os barr, 'se leithid sin de 
dhleasanas, a mhàin a bheir làn chòir na 
h-uchdmhacachd do dhuine ; oir 's iadsan a 
mhàin a tha gabhail ris, aig am beil còir air a 
bhi nan cloinn da. '* Ach a mheud a's a ghabh 
ris, thug e dhaibh cumhachd a bhi 'nan cloinn 
do Dhia, eadhon dhaibhsan a ta creidsinn *na 
ainm." Eoin i. 12. 

II. Mar so, tha e soilleir gur e sin dleasanas 
feumail gach uile neach. Oir cha -,lugha na 
so a bheir coinneamh f hreagarrach do'n Dia 
shiorruidh atha'ga thairgse chum a bhi 'na Dhia 
dhuinn ann an Criosd ; 's cha lugha na so 
a cho-f hreagras d'ar n-aidmheil, mar tha sinn 
ann an cùmhnanta ris, mar bhuill d'a eaglais 
f haicsinnich. Tha Triath na beatha a' tairgse 
bhi 'na Dhia dhuinn ann an Criosd ; 's mur 



CÒIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 157 

gabh sinne ris an tairgse sin, a' cur cùl ris 
gach dòchas ri ruigheachd air fìor shonas le 
dòigh sam bith eile, cha n-eil sinn sl toirt 
còmhdhail iomchuidh dha an èirig na rinn e 
air ar son. Ta e 'g ràdh, '^ Is e so nio Mhac 
gràdhach-sa anns am beil mo mhòr'thlachd, 
èisdibh ris." (Mat. xvii. 5.) Mur gabh sinn ris 
an tairgse, cha n-eil sinn a' toirt freagradh sam 
bith do'n Dia a chruthaich sinn. Osbarr tha 
sinn uiF air ar baisteadh an ainm an Tighearn* 
losa Criosd, chum mathanaspeacaidh. (Gniomh 
ii. 38.) Uime sin mur gabh sinn ri Criosd, 
mar tha e air a thairgse, tha sinn a' breugach- 
adh na h-aidmheil sin ; air an aobhar sin, o'n 
is e so an ni tha co-fhreagradh do thairgse 
Dhè anns an t-soisgeul agus d'ar n-aidmheil 
fèin mar bhuill d'a eaglais, tha e 'na dhleasanas 
ro f hiachaicht' oirnn. 

III. Ge b'e ni eile bhios aig duine, raur eil e 
mar so a' gabhailri losa Criosd, agus ri inn- 
leachd Dhè chum peacaich a shàbhaladh trid- 
san, cha n-eil tairbh sam bith dha ann, aona 
chuid an gabhail gu taitneach r'a phearsa, na 
r'a dheanadas, na idir a shàbhaladh* anma. '8 
ann a mhàin 'na Mhac gràdhach losa Criosd a 
ghabhas Dia gu taitneach ri daoine. (Ephes i. 
6.) Bha Abel agus 'ìobairt air an gabhail gu 
taitneach tre chreidimh. " As eugmhais creid- 
imh cha n-eil e'n comas a thoileachadh." Agus 
an tì chreideas ann, cha dìtear e ; ach an tì nach 
creid, tha e air a dhìteadh cheana," &c. (Eabh. 
P 



158 AN DÒIGH CHUM RUIGHEACHD AIR 

xì. 6. Eoin. iii. 18. 36.) Oir as eugmhais 
creidimh, cha n eil tairbh ann an còir air bith 
o'n leth a muigh ; tha clann na rìoghachd air 
an dìmadh a mach ma bhios iad a dhiobhail 
creidimh. (Mat. viii. 10, 11, 12.) Tha clann 
Israeil coltach ris na h-ana-creidich eile, a 
thaobh staid neo-gràsmhor, buailteach do dh' 
f hèirg an Uile-chumhachdaich. "Feuch, tha na 
làithean a' teachd, deir an Tighearn, anns an 
smachdaich mise na h- uile thimchioll-ghearrta. 
maiUe ris na neo-thimchioll-ghearrta ; an Eiphit, 
agus Edom ; oir tha na cinnich so uile neo- 
thimchioU-ghearrta, agus tha tigh Israeil uile 
neo-thimchioll-ghearrta 'nan cridhe." (ler. ix. 
25, 26.) Mur creid daoine gur e'n tì sin a 
chaidh a chur gu bàs aig lerusalem d'am b'ainm 
losa Criosd, agus air an d'rinn na fàidhean 
fianais, 's a dh' f hoillsicheadh gu'm b'esan Mac 
Dliè le 'iomadh oibre cumhachdach : Tha mi 
'g ràdh, mur creid daoine gur esan an t-slighe, 
's mur gabh iad ris mar an aon slighe a mhàin, 
gheibh iad bàs 'nam peacaibh. *' Uime sin 
thubhairt mi ribh, Gu'm bàsaich sibh ann bhur 
peacaibh : oir niur creid sibh gur mise e, gheibh 
sibh bàs ann bhur peacaibh." Eoin viii. 24. 

Uime sin, tha sinn ag ràdh, gu'm beil e 'na 
dhleasnas ro fheumail gabhail ri Criosd air a 
mhodh so, mar am fuasgladh beannaichte chaidh 
òrduchadh chum peacaich a shàbhaladh. Tha 
e fiachaicht' air gach neach a thig chum aoìs 
iomchuidh, 's a chluinneas an soisgeul so, 



CÒIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 159 

sinuaiiiteachadh air a staid chaillte fcin, agus 
air tairgse ghràsmhor Dhè tre losa Criosd ; 
agus teicheadh gu luath o'n fhèirg a tha ri 
teachd, le gabhail gu ro dhùrachdach ris an 
tairgse so, 's a bhi làn toilichte leis mar inn- 
leachd ro thaitneach chum peacaich a shàbh- 
aladh. 'S a cbum an tuilieadh niisnich a thoirt 
do gach neach cur mu thimchioll an dleasanais 
so, 'nuair tha iad a' cluinntinn an Dè Uile- 
chumhachdaich a' guidhe 'sa 'g earalachadh 
orra bhi rèidh ris fèin, thugadh iad fainear gu'm 
beil sìth agus slàinte gu coitcheann air an 
tairgse do'n t-sluagh uile gun dearmad air 
neach sam bith. *' Ge b'e neach leis an àil!, 
gabhadh e uisge na beatha gu saor.'' (Tais. 
xxii. 17.) Ma tha tart air neach sam bith, ged is 
ann an dèigh air nithibh neo-tharbhach, gidh- 
eadh 'se am beatha ann an so, air a chùmh- 
nanta roi'-ainmichte ; (Isa. Iv. 2, 3.) tha e air 
àithneadh do gach uile neach iad a chreidsinn. 
*' Is i so 'àithne-san, gu'n creideamaid ann an 
ainm a Mhic losa Criosd/' (1 Eoin. iii. 23.) 
Tha na geallaidhean do gach neach a th' air an 
gairm o'n leth a muigh leis an t-soisgeul. 
Cha n-eil Dia a' dùnadh neach sam bith a 
mach. '< A ta an gealladh dhuibhse, agus do 
'ur cloinn, agus do na h uile a ta fad o iàimh, 
eadhon a mheud a's a ghairmeas an Tighearna 
ar Dia." (Gniomh. ii, 39.) Air chor 's ma tha 
dèigh aig neach sam bith air tighinn a dh' ionn- 
saidh Dhè, faodaidh iad teachd air an aghart, 



160 AN DÒIGH CHUM RUIGHEACHD AIR 

*s cha tilg e air cbor sam bith a mach iad, 
(Eoin vi. 37.) air dha bhi comasach a mhuinn- 
tir a thig a chum Dhè trid-san a shàbh- 
aladh gus a' chuid a's faide. (Eabh. vii. 25.) 
Agus tha'm barrachd feum aca san a chuir dàil 
f hada sa' chùis so, air cur mu thimchioll a nise 
leis an tuilleadh dùrachd, air eagal gu'm 
falaichear o'n sùilibh na nithe a bhuineas d'an 
sìth. Ach cha drùigh na briathran sin, no aon 
ni is urrainn mis' a ràdh air an t-sluagh neo- 
iompaìchte, gus an tao n Dia a nuas a Spiorad 
orra o na h-àrdaibh, (Isa. xxxii. 15.) a thoirt 
orra dlùthachadh ris ann an Criosd ; gidheadh 
*s èigin duinn an dleasanas a shìor-sparradh air 
daoine, 'sa ghuidhe agus earalachadh orra air 
ghaol Chriosd, 's mar is f heudar dhaibh cunntas 
a thoirt Dha-san 'nan uile ghniomharran air 
latha mòr a' bhreitheanais, gun iad a thoirt 
fois na tàmh do'n Tìghearna, gus an cuir e 
'mach orra eòlas a bhì ac' air na nithibh a bhuin- 
eas d'an sìth, 's a bhroshaicheas iad a chum gach 
earrann d'an dleasanas a chur an gniomb le 
mòr thogradh ann an nuadhachd beatha. 



CAIB. III. 

A' nochdadh ciod a tha air iarraidh roimh'làimh 
air cC mhuinntir leis an dill creidsinn ann an losa 
Criosd, 

Tha sinn a nise ri labhairt mu'n treas ni a 
chuir sinn romhainn, agus *s e sin, a nochdadh 



CÒIR SHLAINTEIL ANN AN CHIOSD. 161 

ciod a th' air iarraidh roimh-làimh air an aiteam 
a tha gus an dleasanas so a chomh-lionadh. 
Cha-n f haod daoine tionnsgnadh gu h-obann, 
gun dearbh bheachdachadh, agus gu h.aineol- 
ach neo-fhiosrach air a* chuis so, ag ràdh, 
Gu'm beil iad làn-thoilichte leis an innleachd 
sin chum peacaich a shàbhaladh tre Chriosd, 's 
gu'n aontaich iad leis, agus gu'n dean iad bun à 
toiUteannas an t- Slànaighear chum an sàbh- 
aladh o'n f hèirg a tha ri teachd : 's rainig a tha 
daoine ^gam mealladh fèin sa' chùis so, 'sa tha 
iad an làn bharail gu'n do ghabh iad cheana ri 
Criosd air mhodh slàinteil, 'nuair tha iad 
aineolach air oibreachadh gràsmhor an Spior- 
aid. Uime sin nochdaidh sinn cuid do nithe 
th' air an iarraidh ann an neach a tha ri gabh- 
ail ri losa Criosd, ged nach eil sinn 'gan 
tairgse mar bhuaidhean ro chinnteach, a dh* 
ullachadh duine fa chomhair Chriosd. " Thig- 
ibh, — gun airgiod agus gun luach ;" (Isa. Iv. 
J.) gidheadh 's buaidhean iad a tha cho ro 
fheumail, 's nach eil e'n comas do neach sam 
bith dleasanas creidsinn an Criosd a chomh- 
lionadh gu fiosrach, treibhdhireach, dìirachdach, 
as an eugmhais. 

A bharr air na ceud thoisichean coitcheann 
a's coltach a bhi aig gach neach a tha caitheamh 
a' beatha fo òrdughaibh an t-soisgeil, mar a tha 
eòlas a bhi aca gu'm beil anraannan neo-bhàs- 
mhor aig a chinne-daonna, gu'm bi 'n t-anam 
agus an corp air an dlù-cheangal r'a chèile air 



162 A]\ DÒIGK CHUM RUIGHEACHD AIR 

latha a' bhreitheanais ; gu'm beil nèamh agns 
ifrinn ann, 's gur h-ann an aon diù bhios 
ionad-còmhnuidh bhith-bhuan nan uiledhaoine ; 
gur e 'n Seann-Tiomnadh agus an Tiomna- 
Nuadh facal fìrìnneach Dhè, agus riaghailt 
creidimh agus bheusan ; gu'm beil gach duine 
thaobh nàduir as eugmhais gràs Dhè, 's 'nan 
nàimhdibh dha, agus fearg-thoillteannach ; gur 
h-ann a mhàin tre losa Criosd an t-Eadar- 
mheadhonair a tha rèite ri Dia ; gur h-e 
ereideamh a dhlù-cheanglas daoine ris, agus is 
cùmhnant da'n nuadh chomh-cheangal ; gur i 
naomhachd toradh fìor chreidimh, 's gu'm bu 
chòir do gach neach ionnsaidh theann a thoirt 
air ruigheachd air fìor naomhachd, mar nì, as 
eugmhais nach faic neach sam bith Dia ; tha 
mion-eòlas air na nithe sin feumail, ach abharr 
orra sin, tha mi 'g ràdh gu'm beil e air iarraidh 
roimh-làimh air an duine leis am b' àill creid- 
sinn anns an Tighearn losa Criosd, air tùs, 
gu'm beachd-smuainich e le mòr-dhùrachd air 
an staid anns am beil e thaobh nàduir. Agus 
an so 's èigin da eòlas a bhi aige mu thimchioll 
nithe àraid, agus mar an ceudna bhi ro dhùr- 
achdach mu'n timchioll : Tha mi *g ràdh gur 
h-èigin da eòlas a bhi aige mu nithe àraid, mar 
tha. 

I. Leis mar bha e air a bhreth 'na 
cheannairceach an aghaidh Dhè, gu'n do chuir 
e corraich air an Dia a chruthaich e le iomadh 
peacadh-gniomha, 's gu'n do dhaingnich e fearg 



CÒIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 163 

Dhè rìs ; seadh, 's còir do dhuine fios a bhi 
aige air iomadh dearbhadh sònraichte d*a 
cheannairc an aghaidh Dhè, mar tha, e bhi 'na 
bhreugaire, 'na fhear-bristidh sàbaid, 'na fhear- 
toibhbheum, no leithid sin, mar tha Pòl a' 
labhairt gu ro shònraichte uime fèin an dèigh 
làimhe 1 Tim. i. 13. 

II. 'S èigin do'n duine fios a bhi aige, gu'm 
beil fearg Dhè a tha air a bhagradh 'san Sgriob- 
tur, a' buanachadh gu neartmhor an aghaidh 
nan ceart pheacannan sin d'am beil esan 
ciontach, 's air an aobhar sin, 's esan gun 
teagamh a' phàirtidh air am beil Dia, do nach 
comasach breug a dheanamh, a' bagradh cogadh. 
'S èigin do dhuine fios a bhi aìge 'nuair tha'n 
sgriobtur ag ràdh, '^ Mallaichte gu robh am 
mealltair — a dh' ìobras ni truailiidh do'n 
Tighearn :'* (Mal. i. 14.) gur h-ann 'na aghaidh 
fèin a tha e labhairt air son a sheirbheis neo- 
dhùrachdach do Dhia leis an duine o 'n leth a 
muigh, 'nuair bha a chridhe fada uaithe, a' 
dian-ruagadh nithe faoine na beatha so. 'Nuair 
tha'm facal ag ràdh, " Cha mheas an Tighearna 
neo-chiontach esan a bheir 'ainm an diomhanas" 
(Ecsod. XX. 7.) 's còir do'n duine fios a bhi 
aige gur ann 'na aghaidh fèin e tha e 
iabhairt, a mhi-naomhaich gu minig an t-ainm 
uabhasach sin do'n còir do gach gliàn lùbadh 'na 
fhianais le mòr urram, (Phil. ii. 10.) 's a 
tha nàimhdean a' toirt an diomhanas gu 
h-an-dàna. (Salmcxxxix.20.) 'Nuair tha'mfacal 



164 AN DÒIGH CIIUM RUIGHEACHD AIll 

ag ràdh/' 'S mallaicht' an neach a ni obair 
an Tighearna gu neo-chiàramach." (ler. xlviii. 
10.) 's èigin do'n duin* a thuigsinn gur 
ann 'na aghaidh fèin a tha e labhairt, a dh' 
èisd gu neo-urramach, dearmadach, le inntinnn 
luaineach, am facal air a shearmonachadh ; 's a 
rinn ùrnaigh gu minig 'na làthair, gun mhoth- 
achadh, gnn tuigse, agus gun chreidimh. 
'Nuair tha 'm facal ag ràdh> " Is an-aoibhinn 
da-san tha toirt air a chomhearsnach òl, a ta cur 
ris a' chopan, agus 'ga chur air mhisg mar an 
ceudna, chum gu'n amhairceadh e air a lom- 
nochdaiche/* (Hab. ii. 15, 16.) 's èigin do'n 
duine thoirt fainear gur ann 'na aghaidh fèin 
a tha e air a labhairt, a rinn uaill an cur a 
choimhearsnaich air mhisg, 's gu'm beil fearg 
uabhasach air a shocrachadh leis an Tighearna 
Dia 'na aghaidh a rèir an sgriobtur-sin. 'Nuair 
tha 'm facal ag ràdh, '* Bheir Dia breth air 
luchd-neo-ghloine.'' (Eabh. xiii. 4.) agus, 
** Bithidh an cuibhrionn anns an loch a ta 
dearg-Iasadh le teine agus pronnusg," (Tais. 
xxi. 8.) 's èigin do'n duine thoirt fainear, gu'm 
beil an sgriobtur a labhairt nan ceart bhriathran 
sin 'na aghaidh fèin, air dhà bhi 'na dhuine 
neòghlan ; air chor 's gur esan an duine da'm 
beil mallachdan an lagha gu neo-mhearachd- 
ach a' deanamh an cuspair. 

III. 'S èigin do dhuine fìos a bhi aige nach 
eil ni sam bith aige leis fèin a tha comasach 
air a shìth a ghleidheadh dha, 's a chuireas 



CÒIR SIILAINTEIL ANN AN CRIOSD. 165 

e saor o'n chunnart anns am beil e ; do bhrìgh 
gum beil 'f hìreantaehd uile mar ni neoghlan. 
(Isa. Ixiv. 6.) Cha leòir ùrnaighean, a sheir- 
bheis eile do Dhia, a dhèircean, &c. a chosnadh 
mathanais da 'na pheacaibh amfianais an Uile- 
chumhachdaich, do bhrìgh iiach tàinig iad o'n 
run cheart 'na chridhe^ 's nach robh iad air an 
comh-lionadh air mhodh ìomchuidh, no airsou 
aobhair cheart, no idir chum crìoch mhath ; 
bha 'ìobairtean ro f huathach leis an Tighearna. 
Gnà. xxi. 27. 

IV, 'S èigin da thuigsinn, leis mar tha e as 
eugmhais uile ghràsan slàinteil an Spioraid, 
mar tha fìor ghràdh Dhè, fìor eagal 'ainme, 
bròn diadhaidh air son peacaidh, &c. cho ro 
shònraichte, gu'm beil creideamh ann an 
Criosd a dh' easbhuidh air, a ghabhas an 
uallach o gach aon neach a chreideas ann. 
Gus an tuig duine gu'm beil na nithe sin a 
dhìth air, fàgaidh e do ghnà 'fhiachan 'sa 
thròm-ualiach an àite sam bith eile, gun chùram 
gun umhail, mu'n tabhair e dh' ionnsaidh an 
Urrais choitcheann e. 

Cha n-e mhàin gur èigin do dhuine bhi fios- 
rach mu na nithe sin, mar thuirt mi roimhe, 
ach 's èigin da mar an ceudna smuainteachadh 
orra le mòr dhìirachd, sin r'a ràdh, 's èigin do 
na nithe sin drùghadh air, *s a bhi ro dhùrachd- 
ach mu 'n timchioll, mar a's gnà leis a bhi mu 
ghnothaichean cudthromach eile ; seadh fòs, 's 
còir dha bhi ni's dùrachdaiche sa' chùis so na 



166 AN DÒIGH CHUM RUIGHEACHD AIR 

bhios e an gnothaichean saoghalta sam bith, do 
bhrìgh gur cùis ro chudthromach so ris am beil 
a shonas siorruidh an earbsa. Agus bheir an 
ro dhùrachd so toradh iomchuidh uaithe. 

I. Barrachd cùram a ghabhail m'a shlàinte 
shiorruidh na ghabhas e mu nì sam bith eile. 
An èigin do dhaoin' air tùs rìoghachd Dhè 
iarraidh ? (Mat. vi. 33.) Am beil ann ach aon 
ni feumaii ? (Luc. x. 42.) Am meas Pòl na 
li-uile nithe 'nan calldach agus 'nan aolach air 
son na cùise so ? (Phil. iii. 8.) Am beil duine an 
call ged choisinn e' n saoghal uile ma chailleas 
e 'anam ? (Marc viii. 36.) An e so a mhàin a 
bhios 'na aobhar ghàirdeachais, gu'm beil ainm 
dhaoine sgrìobht' ann an leabhar na beatha ? 
(Luc. X. 20.) 'Snach gabh daoine tuilleadh suim 
d' an anam agus d' an slàinte shiorrudh na 
ghabhas iad do ni no neach sam bith eile ? 
'S deimhin leam gu'n gabh, no 's daoin' iad a 
th' air dhiobhaii cèìlìe, 's ann am breislich an- 
dàna. Na mealladh neach sam bith e-fèin sa' 
chùis so ; oir mur deach cunnart anabarrach 
an anma, agus an slàinte shiorruidh, agus rèite 
ri Dia ni's dlùithe d' an cridhe na chaidh aon 
ni eile 'san t=»saoghal, cha-n fhaodar le aon 
bharantas ceart a bharalachadh, gu'n d' fhuair 
iad riamh mothachadh air am peacadh, no 
eòlas air Dia, no idir air buan-mhaireannachd 
'fhèirge air mhodh slàinteil. 

IL Bristidh an ro dhùrachd so cridhe an 
duine, agus lagaichidh e a threòir 'sa neart, 



CÒIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD, 167 

agus tàirnnidh e gu bròn e, mar air son ceud- 
ghin. (Sech, xìi. 10.) Tha mi 'g aideachadh 
gur fearr a fhreagras am bròn 's an doilghios 
do'n earrann sin do 'n Sgriobtur an dèigh so, 
*nuair a bheir iad fainear mar bha Criosd air 
a lot le'm peacaibh. 

III. Treòraichidh e 'n duine gu fèin-f huath, 's 
gu gràin a gabhail dheth fèin. 'Nuair a mhoth- 
aicheas duine dha fèin air a mhodh sin, cha 
n-eil e comasach dha gun sgreamh a gabhail ris 
fèin air son a ghràinealachd, leis an tug e 
sgrios air fein. Tha rud-eigin de'n spiorad- 
dhioghaltais sin ann a th' air ainmeachadh mar 
thoradh an fhìor aithreachais. " An ni so 
fein doilgheas diadhaidh bhi oirbh, ciod e meud 
an durachd a dh' oibrich e annaibh — seadh, 
ciod an togradh dioghaltais ?" 2 Cor. vii. 11. 

IV. Ni am mòr-dhùrachd so duine ro 
dhìchealach chum cobhair f haotainn ; o nach 
eil i ann fèin ; cha n-eil do dhànadas aige na 
chuireas dàil sa' chùis, mar bu ghna leis a 
dheanamh , 's gu deimhin tha so air iarraidh, 
gu'm mothaich e bhi air a dhian ruagadh 's air 
a chur thuige cho teann 's gur math leis 
teicheadh gu ionad eigin chum a dhìon. Tha 
n)i 'g aideachadh gu'm beil tomhas a*s mò de'n 
diirachd so aig cuid àraidh na tha aig cuid eile, 
mar a nochd sinn sa*cheud earrann do'n leabhar 
so ; ach ma labhras sinn mu'n dòigh air an gnà 
leis an Tighearna Dia oibreachadh air a' 
mhuinntir a thàinig gu aois, tha sinn ag ràdh 



168 AN DÒIGH CHUM RUIGHEACHD AIR 

gur èigin daibh staid cljunnartach an anma 
ghabhail d' an ionnsaidh fèin le mòr-dhùrachd 
gun sùl a bhi aca ri cobhair sam bith annta 
fèin, o nach eil feum aig a' mhuinntir a tha 
slàn air an lèigh, ach aca-san a tha euslan. 
(Mat. ix. J2.) Air son tomhas an dùrachd so, 
tha sinn a mhàin ag ràdh an ni tha coltach, 
gu'm bi duine toileach eis an tomhas sin air 
cùmhnanta trèibhdhireach dùrachdach a dhean- 
amh ri Criosd, air dhòigh sam bith air am beil 
e 'ga thairgse fèin chum gabhail ris. 

'S e 'n dara ni a th' air iarraidh roi-Iàimh 
air an duine leis am b* àill creidsinn ann an 
losa Criosd, gur èigin da eòlas a bhi aige air an 
t-slighe chum dol as o fhèirg an Uile-chumh- 
achaich : 's èigin do 'n Spiorad beò-mhothach- 
adh a thoirt dà air an f hìreantachd sin. *S 
èigin do dhuine thoirt fainear gu soilleir 'san 
àm so, gu'n do dhealbh Dia à pailteas a mhòr- 
mhathais innleachd chum peacaich chaillt* a 
shàbhaladh tre losa Criosd an t-Eadar-mheadh- 
onair, neach athug 'fhìreantachd iomlan làn- 
dìoladh do cheartas Dè a bha gu dligheach air 
èiridh am fèirg 'n-ar n-aghaidh ne , agus a 
ghlèidh làn-mhathanas agus deagh-ghean sior- 
ruidh Dhe dhaibh-san uile air an cuir e iom- 
paidhleis an t-soisgeul sochum gabhail ritairgse 
Thriath na beatha. <* Uime sin biodh fios 
agaibh se, — gur ann tre*n duine so a ta math- 
anas pheacannan air a shearmonachadh dhuibb: 
agus trid-san a ta gach neach a chreideas air a 



OÒIH SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 169 

sliaoradli o na h-uile nithibh." (Gniomh. xiii. 
38, 39.) *' A mheud as a ghabh ris, thug e 
dhaibh cumhachd a bhi 'nan cloinn do Dhia, 
eadhon dhaibh-san a ta creidsinn 'na ainm.'' 
(Eoin i. 12.) Air chor 's nach eil neach sam 
bith air a dhìmadh a mach o n tairgse sin, 
ge b'e inbh no staid anns am beil e, ge b'e 
caithe-beatha bha aige san àm a chaidh seachad, 
mur eil e ciontach do'n pheacadh an aghaidh 
an Spioraid Naoimh, ni is e fuath mìrunach 
gamhlasach agus diùltadh le tàir an dòigh tha 
air òrduchadh chum peacaich a shàbhaladh, 
mar a chluinneas sinn an ùine ghearr, oir 
mathar gach seòrsa peacaidh dhaibh-san a 
ghabhas ri tairgse Dhè mar tha e 'g iarraidh. 
(Mat. xii. 31.) *^ Tha e mar an ceudna comas- 
ach air an dream a thìg a dh' ionnsaidh Dhè 
trìd-san a thèarnadh gu h-iomlan." Eabh. vii. 
25. 

'S e 'n treas ni tha air iarraidh roi'-làimh, 
Gur èigin do dhuine fios a bhi aige, mar nach 
do dhiàin Dia a mach e o'n f huasgladh a th' air 
òrduchadh chum peacaich a shàbhaladh, gu'm 
beil e toileach a bhi rèidh ri daoine tre losa 
Criosd, agus cho-èignich e daoine chum 
gabhail ris trìd an t-SIànaighear uile-bhean- 
naichte, agus mar so an t-slàinte sin a chosnadh 
dhaibh fèin, 's gun dàil a chur anns a' chùis. 
Cha n e 'mhàin gu'm beil e toirt cuireadh do 
gach uile neach teachd d'a ionnsaidh, (Isa. Iv, 
i, 2.) 's a' gabhail gu fàilteach riììsan a thVg. 
Q 



J70 AN DblGH CHUM RUIGHEACHD AJR 

mar a chì sinn sa'n t-soisgeul, 'sa' moladh 
na h-aiteam sin a tha teachd, maran Ceannard 
ceud, 's a bhean o Chanaan, (Mat. viii. JO; 
XV. 28.) 's tha e toirt achmhasan do dhaoin' 
air son nach eil iad a' tighinn 's a* gabhail 
ris, *' Gidheadh cha n-àill leibh teachd a 
m' ionnsaidh- sa, chum gu'm faigheadh sibh 
beatha " (Eoin v. 40.) 'S tha e 'gan dìteadh 
air son nach eil iad a' gabhail ris air a mhodh 
sin, *' Ach an tì nach creid, tlia e air a dhìteadh 
cheana,'' (Eoin iii. 18,) ach tha e mar an ceud- 
na toirt àithne do gach neach iad a chreidsinn 
ann an Criosd. " Is i so 'àithne-san gu'n 
creideamaid ann an ainm a Mhic losa Criosd." 
(I Eoin iii 23.) air chor 's nach còir do dhuine 
chur an teagamh nach eil an Tighearna làn- 
toileach gabhail ri daoine a tnig air mhodh 
trèibh-dhireach diirachdach a dh'ionnsaidh 
Chriosd, oir làn-shoilleirich Dia sin 'san 
Sgriobtur. Mur bi fios aig duin' air na h-uir- 
ead-sa, 's gann a bhios a chridh' aige gabhail 
ris an innleachd ro luachmhor sin a shàbhaladh 
pheacach, no idir a chudthrom 's a thaic a 
Ìeigeadh air guaillibh treun uile-chumhachd- 
ach an t-Slànaighear bheannaichte. 

'S e'n ceathramh ni th'air iarraidh roi-làimh, 
gur èigin do'n duine leis an àill gabhail ri losa 
Criosd, a chur roimhe gu'n cuir e gach cùmh- 
nant ri ifrinn agus ris a' bhàs ta-sgaoil. (Isa. 
xxviii. 15.) 'S èigin do dhaoine chur rompa 
gu'n cuir iad cùl ris gach olc air am fiosrach 



COIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. l^l 

ìad, a tha 'nan aoradh ; oir cha n eil rèite sam 
bith eada^ Criosd agus Belial. (2 Cor. vii. 
14 — 18) Tha'n Tighearna Dia 'g iarraidh air 
gach neach aig am bi dùil ri esan fhaighinn, 
nach biodh iad air son neach eile. (Hos. iii. 3.) 
Tha so fada o aithreachas a rèir an t-soisgeil, 
ni tha mi 'g aideachadh nach eil a' dol aìr 
thoiseach aìr gabhail ri Criosd tre chreidimh ; 
oir cha n-eil an so ach ro bheagan a bharr air 
fuath a thoirt do na nithibh sin a bha ro thait- 
neach le duine san àm a chaidh seachad, agus 
tàir a dheanamh air na nithibh sin mu'n robh e 
ro dhèidheil roimhe so, do bhrìgh gu'm beil e 
'ga fhaicinn fèin caillte d' an taobh, agus 
fuasgladh uapa a nise 'na thairgse, leis am beil 
a chridhe a' tionnsgnadh air bhi ni's ro chùr- 
amaìche na bu ghnà leis. An dèigh so, 'nuair a 
bheachdaichear air losa Criosd 'na aonar, 
bidhidh a ro-oirdheirceas agus a mhaise, 
foUaiseach, air chòr 's nach eil a leithid am 
measg nan uile dhèe, 's tha e 'g amharc mar 
chòmhdachadh leòir-fhoghainteach do shùilean 
na muinntir a gheibh e : leis am beil an cridhe 
toirt mòr~spèis do dh-innleachd Dhè anns an 
nuadh chomh-cheangal, 's a' miannachadh a 
chudthrom a leigeadh air Criosd a roghainn 
air gach ni eile, 'ga aomadh fèin d'a ionnsaidh ; 
's mar sin tha 'n duine fàs 'na fhìor chreid- 
each. 

Cha-n abair mi gu'm faighear gach aon do 
na nithe sin mu'n do labhair sinn gu riaghailt- 



172 AN D^IGH CHUM UUIGHEACHD AIR 

each soilleir anns gach neach mirn gabh e ri 
Dia ann an Criosd ; oir faodar dòigh a* chridhe 
riCriosdachurris na ceithir nithibh iongantach. 
(Gnà. XXX. ]8, 19.) 'S cùis ro chruaidh an 
cridhe a mhothachadh a' tionndadh o dhorch- 
adas gu solus ; gidheadh tha sinn a' nochdadh 
an dòigh a's riaghaiìtiche agus a's coltaiche, 
do'n tì tha 'g iarraidh eòlais air a' chùis ; agus 
leis a sin a' fògradh na muinntir a tha aineolach 
aindiadhaidh neo-mothachail o bhuntainn ris, 
a* sparradh orra gun iad a ghabhail os-làimh 
gu'm beil còir sam bith ac' air losa Criosd am 
fad 'sa bhuanaicheas iad san staid sin^ gus am 
fosgail an t-Uile-chumhachdach sìiilean an 
irntinn, 's gu 'm faic iad an staid chaillte 
a thaobh nàduir, agus am feum anabarrach a 
tha ac' air losa Criosd an Slanaighear. 



CAIB. IV. 

Na huaidhean agus an tairhk a tha gu nddurrach 
a leantainn an fhior chreidimh. 

'S E 'n ceathramh ni a chuir sinn romhainn ris 
an labhramaid, Buaidhean an dleasanais so, 
'nuair a chomh-lìonar air mhodh iomchuidh e. 
Cha n-ainmich mi ach beagan diù. 

I. 'S èigin do chreideamh ann an Criosd a 
bhi pearsanta ; 's èigin do dhuine gabhail ris 



CÒIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. J 73 

an tSlànaigbear 'na phearsa fèin. ** Mairidh 
am fìrean beò le a chreidimh.'* (Hab. ii. 4.) 
Tha so a ciallachadh, nach lecir a chum duine 
shaoradh o thruaighe, g'um beil e'n co-cheang- 
al ri Dia, gu 'n d' rugadh e 'na bhall de'n 
eaglais fhaicsinnich tre ùmhlachd a phàrantan 
do dh' ordughaibh Dhè : ni mò a dh' f hòghnas e 
gu'n d' f huair e seul'inndrinn a bhaistidh,'s gu'n 
doghabh e 'san àm sin os-làimh slàint' iarraidh 
tre fhuil ìoc-shlaintich an t-Slànaighear, mar 
tha gach naoidhean a' deanamh : ni mò a dh' 
fhoghnas e gu 'n tàinig daoine o phàrantaibh 
diadhaidh ; oir cha toir an creidimh-san còir 
d' an cloinn air beannachdaibh spioradail a 
chùmhnanta : cha mhò a dh' fhòghnas e, gu 'n 
tàinig pàrantan'fo rud-eigin do cheangal as leth 
an cloinne an àm am baistidh, 's gu*n tug iad 
suas do'n Tighearn iad : cha-n f hoghainn gach 
ni dhiìi sin uile : oir tha clann na rìoghachd 
agus clann dhaoine diadhaidh air an dùnadh 
a mach: mur bi aig duin' e-fèin, creideamh ann 
an losa Criosd, 's mur bi a chridhe làn-to.ilichte 
leis an innleachd luachmhor sin chum peacaich 
a shàbhaladh, cha chomasach gu 'm bi e air a 
shàbhaladh. Tha mi 'g aideachadh gur e 
Criosd a bheir an creideamh so dhà, ach 's ni 
cinnteach gur h-èigin do'n chreideamh so a bhi 
pearsanta. 

II. 'S èigin do'n dleasanas so a bhi trèibhdhir- 
each, dùrachdach. " Is ann leis a' chridhe a 
chreidear ohum fireantachd," (Rom. x. 10.) 



174 AN DÒIGH CHUM RUIGHEACHD AIR 

'S èigln do dhuinebhi dùrachdach neo chealg- 
ach ann an gabhail ri Criosd, 'ga mhiannachadh 
thar gach m air an cual' e riamh iomradh, gun 
a bhi san ioma-chomhairle mu'n chùis. Cha 
n-e mhàin giir èigin do'n chùis a bhi sa'cheann 
no 'san tuigse, ach 's èigin gu'm bi i anns a* 
chridhe ; cha n e mhàin gur èigin do dhuine 
dearbhachd a bhi aige gur e Criosd an 
t-slighe,ach *s eigin da làn-dearbhadh a bhi aig' 
air^ 'ga ghràdhachadh 's a* gabhail mòr-thlachd 
ann, air chòr 's gur e uile mliiann duin* e, mar 
tha Daibhidh mun chùmhnant. (2 Sam. xxiii. 
5.) Ma bhios duine dùrachdach mu ni sam 
bith, gu cinnteach *s èigin gu'm bi e mar sin 
'san aon ni so a tha cho feumail. Cha dean 
barail fhaoin sa' cheann an gnothach so, 's 
èigin gur 'obair ro dhùrachdach a chridhe 
agus an anama bhios ann ; seadh, cha n obair 
e anns an leth a's iomallaiche do'n aigneadh, 
ach anns an ionad a's ro luachmhoire do'n aig- 
neadh agus do'n anam, far am beil Criosd air a 
dhealbh. Nach dùrachdach bu còir do dhuine 
bhi sa' chiiis so ris am beil a mhòr shonas 
siorruidh a' co sheasamh ? An dean an Tigh- 
earna gàirdeachas os-ceann duine, mar ni fear- 
na-bainnse gàirdeachas air son a chèile? (Isa. 
Ixii. 5.) 's gu'n gabh e còmhnuidh 'na ghràdh le 
h-aiteas ; (Seph. iii. 17.) 's am bi cridhe duine 
cho neo-mothachail air mathas Dè, 's cho mi- 
reusonta 's nach tèid e mach an còdhail àrd 
Chruithear mòr an t-saoghail, 'nuair tha 



COIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. Ì'J5 

Triath na beatha a' nochdadh gu'm beil e cho 
deònach air teachd 'na chòdhail-sa, agus a' 
gabhail na h-uiread shùim do shonas siorruidh 
a chinne-daonna ? A mhuinntir ionmhuinn, 
mu'n tèid sibh ni 's faide air bhur n-aghaidh, 
cuiribh bhur làmh air bhur cridhe, agus 
smuaintichibh air caoimhneas neo-chrìochnach 
an Uile-chumhachdaich d*ar taobh ; agus faic- 
ibh na tha e *g iarraidh oirbh an èirig a mhòr 
chaoimhneis duibh ; cha n eil e 'g iarraidh ni 
sam bith oirbh, ach a mhàin bhur cridhe, agus 
shaoilinn nach bu chòir dhuibh sin a dhiùltadh 
dha, do bhrìgh gur e bhur math fèin a th' 
aig Dia 'san amharc ; uime sin ìocaibh do Dhia 
an ni tha e 'g iarraidh oirbh, eadhon bhur 
cridhe, no, na tugaibh ni air bith dha. ** A 
mhic, thoir dhomhsa do chridhe." (Gnà. xxiii. 
26.) " Agus ged chaithinn mo mhaoin uile 
chum na bochdan a bheathachadh, agus ged 
bheirinn mo chorp chum a losgadh, agus gun 
ghràdh agam, cha n-eil tairbhe sam bith 
dhomh ann.*' (l Cor. xiii. 2, 3.) Airan aobhar 
sin a bhràithrean, gràdhaichibii an Tighearna 
Dia, a ghràdhaich sinne cho mòr ; thugaibh 
gràdh pòsaidh dha,nona tugaibhgràdh idir dha. 
Gidheadh cha-n abair mi gu'm beil gràdh 
cumhachdach mothachail aig gach neach, a 
bheir orra fàs tinn, cho luath 's a chreideas 
iad ; ach 's èigin do ghràdh reusanta caomhail, 
air a shocrachadh air deagh sièidh, agus cho ro 
bhunailteach a bhi ann an co-chuideachda 



176 AN DÒIGH CHUM RUIGHEACHD AIR 

creidimli 's nach eil mòran uisgeachan comas- 
ach air a mhiìchadh. " Tha e làidir mar am 
bàs, agus loisgidh eud ann mar theine/' Dàn. 
viii. 9 7. 

'S èigin do threos biiaidh a' chreidimh bhi 
reusanta, leis mar tha e dol a mach às dèigh 
an t-Slànaighear. Leis an ni so tha mi ciall- 
achadh gur còir do'n duine dlùthachadh ri Dia 
ann an Criosd ann an eòlas agus ann an tuigse, 
a' làn-thuigsinn innleachd Dhè chum peacaich 
a shàbhaladh tre losa Mac an Dè bheò, mar 
tha'n sgriobtur 'ga nochdadh, gun bhi ann am 
barail gu'm beil Criosd aige fein air dhòigh sam 
bith eile ach mar tha 'n soisgeul 'ga chur an 
cèill, no idir dòigh eiìe chum fuasgladh f haot- 
ainn trid san ach mar tha facal neo-mhear- 
achdach Dhè a' nochdadh. Air an aobhar sin 
tha sinn a' toirt fainear gu'm beil eòlas air a 
chur ris a' chomh-cheangal eadar Dia agus 
duìne mar ni ro fheumail. *' Agus bheir mi 
dhaibh cridhe gu m' aithneachadh, gur mi an 
Tighearn; agusbithidh iaddhomhsa'nansUiagh, 
agus bithidh mise dhaibhsan a'm' Dhia : Agus 
cha teagaisg iad ni's mò, gach aon a choimh- 
earsnach, agus gach aon a bhràthair, ag ràdh, 
Gabhaibh eòlas air an Tighearn, oir bithidh 
eòlas aca ormsa uiie, o'n neach a's lugha, gus 
an neach a's mò dhiù, deir an Tighearn." (ler. 
xxiv. 7 ; xxxi. 34.-) Tha mi ciallachadh ann an 
so mar an ceudna, gur còir do dhuine bhi ann an 
suidheachadh ccart inntinn, agusann an ciìiine 



CÒIR SLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 177 

spioraìd gu h-ùmlial, macanta, iriosaì nn 
àm dha bhi gabhail ri losa Criosd ; cha-n ann 
an togradh neo-bhunailteach, nach mair ach 
ùine ghearr. '* Esan a f huair sìol ann an àitibh 
creagach, is e so an tì a chluinneas am facal, 
agus a ghabhas e air ball le gàirdeachas," 
(Mat. xiii. 20 ;) no an trioblaid tre cruaidh-chas 
èigin o'n leth a muigh, mar a bha 'm pobull, 
'Nuair a mharbh e iad, an sin dh' iarr iad e, 's 
dhearbh iad a bhi neo-sheasmhach anns a 
chiimhnanta ;" (Salm Ixxviii. 54.) no idir fo 
bhuaireadh chum buannachd èigin aimsireil o'n 
leth a muigh, mar bha Simon Magus, 'nuair a 
chreid e. (Gniomh. viii.) 'S èigin do dhuine 
e-fèin a ghiùlan gu reusanta sa* chùis so, air 
dha bhi 'na mhaighistear air fèin,agus comasach 
ann an cuid do thomhas air breth a thoirt air 
math no olc na cùise mar tha e 'na f hianais, 

'S e 'n ceathramh buaidh, creideamh, mar tha 
e dol a mach le reusan, tha e mar an ceudna 
dol a mach le riìn suidhichte. Thilg an sluagh 
àmhgharach bochd anns an t-soisgeul iad fèin 
le'n làn-riìn air losa Criosd. Tha 'n rùn suidh- 
ichte spioraid so, chum cathachadh an aghaidh 
gach buairidh a dh' fhaodas teachd 'n-an 
rathad ; tha fòirneart air a nochdadh do na 
nithibh sin. Cha-n f haod an duìne sin aig am 
beil a chridhe 'ag dhealbh fèin fa-chomhair 
Chriosd, a' ràdh, Gu'm beil leòghan air an 
t-sìàid, (Gnà. xxvi. 13.) Mar faigh e comas 
dol a steach air an dorus, bristidh e tre mhull- 



178 AN DÒIGII CHUM RUIGHEACHD AIR 

acb an taighe, coltach ris an duine sin mu'm 
beil sinn a' leaghadh ann an Lucas. v. 19. 
'S minig nach bi suim aige do'n ni sin ris 
an abair an saoghal gliocas agus eagnadh 
coltach ri Saccheus a streap suas ri craoibh 
chum 's gu 'm faiceadh e Criosd, *nuair bha 
creideamh a' tàrmachadh 'na chridhe (Luc. 
xix.) Tha'n rìin suidhichte spioraid so a' gabh- 
ail beachd air gach trioblaid a dh' fhaodas 
leantainn an Urg a' chreidirnh, agus tha e cur 
roimhe ann an neart an Uile-chumhachdaich 
gu'n toir e buaidh air gach buaireadh 's air 
gach trioblaid a dh' f haodas tighinn 'na rathad, 
coltach ri fear.togail glic a chunntas a' chosgais 
roi-Iàimh. (Luc. xiv. 28.) Tha 'n run suidh- 
ichte so mar an ceudna chum cathachadh an 
aghaidh iodholaibh duine air fad, 's an aghaidh 
nithibh a bheireadh gu rèidh-bheirteach buaidh 
air, 's à thilgeadh bun-os-ceann e, mur leag- 
adh e thaice fèin air Criosda chum neart fhaot- 
ainn a thoirt buaidh air an iomlan, coltach ris 
an duine dhall sin a thilg 'aodach uaithe 'nuair 
a ghairm Criosd e. (Marc. x. 50.) Tha'n làn^ 
rùn suidhichte so 'san anam a' sruthadh o fhèin- 
f heum anabarrach anns an duine, mar thachair 
do dh' fhear-coimhid a' phrìosain, (Gniomh. 
xvi. 30.) agus o iarrtus àrd-uachdranachd an 
Uile-chumhachdaich a' co-èigneachadh an 
duine gu gluasad a dh' ionnsaidh Chriosd. " Is 
i so 'àithne-san, gu'n creideamaid ann an ainm 
a Mhic losa Criosd/' (1 Eoin iii 23.) agus o'n 
deagh chliù tha air dol a mach mu Dhia, nach 



CÒIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 179 

culr e cùl ri neach sam bith a thig d'a ionnsaidh 
tre losa Criosd, (Eoin vi. 37.) ach 's ann tha e 
moladh na h-aiteam sin a tha gabhail misnich 
teachd d'a ionnsaidh, 's a chuireas an cruaidh- 
chas agus na triobluidean a's mò an neo-bhrìgh, 
mar a' bhean a mhuinntir Chanaain. (Mat. 
XV. 28.) Ach a bharr air so uile, tha'n làn-riìn 
suidhichte so a' teachd a mach o ghàirdean 
treum uile-chumhachdach lehobhah, gu dìomh- 
air agus gu neartmhor a' tarruinn a' pheacaich 
a dh* ionnsaidh Chriosd, " Cha n-urrainn 
neach air bith teachd a m' ionnsaidh-sa, mur 
tarruinn an t-Athair a chuir uaith mise e/' 
Eoin vi. 44. 

Cha-n abair mi gu'm beil na chaidh ainm- 
eachadh do smuaintibh, gu riaghailteach 'na 
inntinn aig gach neach a ghabh ri Criosd, mar 
tha e air a thairgse 'san t-soisgeul : gideadh 
ma rannsaichear a' chùis^ agus ma chuirear 
thuige gu teann e, no idir ma chuirear na nithe 
sin 'na chuimhne, gheibhear a mach gu'm beil 
ìad 'san àm sin gu h-àrd 'san anam. 

O na chaidh labhairt, tha e làn-shoilleir, 
gu'm beil mòr f heum aig iomadh neach anns 
an eaglais fhaicsinnich air tuiUeadli a dhean- 
amh chum an anmannan a shàbhaladh, 'nuair 
thig iad gu aois iomchuidh, na rinn iad 'san àm 
a chaidh seachad, anns a' chumhnant tha eadar 
Dia agus an eaglais, air a nasgadh dhaibh ann 
am baisteadh. 

Mar an ceudna o na chaidh labhairt, tha e 



180 AN DÒIGH CHCM RUIGHEACHD AIR 

soilleir, gu'm beil faicill iomchuidh air saor- 
ghràs Dhè anns an t-soisgeul, aìr a nochdadh 
tre losa Criosd an Slànaighear ; air chòr *s 
nach eil e'n comas dhaoine aineolach, neo- 
mothachail, mi-naomh' a ghabhail os-làimh 
gu*m beil còir ac* air, ma rannsaicheas iad a' 
chùis,agus ma bheir iad breth neo-chlaon air an 
staid. Tha e fìor gun amharus, gu'm beil 
creidsinn ann an Criosd, agus gabhail ris mar 
Shlànaighear uir-fhoghainteach 'na ni so- 
dheanta, agus tha gach neach mi-dhiadhaidh 
ag ràdh, gu'm beil e-fèin a' creidsinn ann : ach 
tha iad 'g am mealladh fèin, o nach do ghabh 
an anam riamh gu trèibh dhireach dùrachdach 
le làn-rùn suidhichte^ ri losa Criosd, mar a 
thuirt sinn roimhe. Faodaidh e bhith gu*n 
robh cuid de dhaoin' aingidh air an soillseach- 
adh, (Eabh. vi. 4.) 's gu'n do mhothaich iad 
rud-eigin do ghluasad 'nan eagal : Chriothnaich 
Felics, (Gniomh. xxiv. 25.) no 'nan aoibhneas. 
" Esan a f huair sìol ann an àitibh creagach, is 
e so an tì a chluinneas am facal, agus a ghabh- 
as e air ball le gàirdeachas ;" (Mat. xiii. 20.) 
agus dh' èisd Herod ri Eoin gu toileach ; 
(Marc. vi. 20.) ach cha robh an cridhe trèibh- 
dhireach ann a' dlùthachadh ris an Dia bheò. 
(ler. XX. 21.) 'S ann a shuidh iad sìos an dara 
cuid 'san obair chumanta sin mar an t-ionad 
dìdein, gus an tàinig an deuchainn, '* An uair 
a thig trioblaid no geur-leanmhuinn air son 
an f hacail, air ball gheibh e oilbheum ;" 



CÒIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 181 

(Mat. xììi. 21.) no pìllidh iad air an ais leis a 
mhadadh achura an sgeith, o'n robh iad ann an 
tomhas èigin air an saoradh tre eòlas an Tigh- 
earna agus an t-Siànaighear losa Criosd, 
(2 Pead. ii. 20.) no tuitidh iad gu tur air 
falbh gu fuath a ghabhail air, 's gu tailceas mì- 
runach, gamhlasach, agus geur-leanmhainn a 
dheanamh air losa Criosd, 's air gach ni a 
bhuineas da ; o'n gann a dh' f haodas iad a bhi 
air an teasraiginn, (Eabh. vi. 4 — 6. x. 26 — 29.) 
Bu chòir do na nithibh sin daoin' a bhrosnach- 
adh chum a bhi dùrachdach 'san obair chud- 
thromaich so. 

Thàinig sinn a nise gu labhairt mu'n chùig- 
eamh ni a chuir sinn romhainn, agus 'se sin, 
Ciod atha gu nàdurrach a'leantainnfìor chreid- 
imh '' Bheir mi 'na labhras mi mu na nithibh 
sin^ chum an dà ni so, eadhon, Aonachd agus 
Co-chomunn ri Dia. 

Jir tùs, mata. Tha mi 'g ràdh, 'nuair a 
ghabhas peacach ri Criosd, mar tha e air a 
ràdh, tha aonachd iongantach air ball eadar 
Dia agus an duine. Mar nach eil am fear- 
pòsda 'sa' bhean, an ceann 's an corp, an freumh 
's na meanglain ri bhi air am meas mar dhithis, 
ach 'nan aon ; air a mhodh cheudna tha 
Criosd, no Dia ann an Criosd, agus am peacach 
a tha gabhail ris tre chreidimh, 'nan aon. " Is 
buill sinn d'a chorp, d'a fheòil, agus d'a 
chnàmhaibh-san, &c." (Eph. v. 30—32.) An 
tì tha mar sin air a cheangal ris an Tighearna, 

R 



182 AN DÒIGH CHUM RUIGHEACHD AIR 

is aon spiorad ris e. (1 Cor. vi. 17 ) <' Mar iha 
*n t-Athair anns a' Mhac, agus Criosd anns an 
Athair; mar sin tha creidich 'nan aon anns an 
Athair agus anns a' Mhac: tha iadsan 'nan aon, 
mar tha 'n t- Athair ann an Criosd, agus Criosd 
anns na creidich, chum 's gu'n deanar coimh- 
lionta 'nan aon iad.'* Eoin xvii. 21 — 26. 

O cia iongantach an coimeasgadh, 'san 
t-snuim nach f haodar f huasgladh a tha'n sin ! 

^A thaobh na h-aonachd so tha eadar Dia 's 
na creidich, — (1.) Cha-n eil e 'n comas daihh 
fuath thoirt d'a chèile. Uaithe so a mach cha 
toir Dia fuath do'n chreideach a chaoidh : 
•* Oir cha tug duine air bith riamh fuath d'a 
f heòil fèin ; ach altrumaidh agus eiridnidh e i," 
(Eph. V. 29,) 's amhuil a ni Criosd d' a 
phobuU. Faodaidh do chorraich a bhi air, gu'n 
smachdaich 's gu'n cronaich e 'n duine sin a tha 
'na f hìor chreìdeach : ach gidheadh 's ann air 
son a leas a tha e ris, agus thig a' chùis mu'n 
cuairt, air chor 's gu'm mothaich e gur ann 
chum a mhath 's a bhuannachd a tha 'n Tigh- 
earn a' buntainn ris air a mhodh sin : '*'S 
èigin gur tròcair agus fìrinn dhà san uile 
shlighean an Tighearna." (Salm xxv. 10,) " *S 
èigin gu'n co-oibrich gach nì chum a math." 
(Rom. viii. 28.) Air an làimh eile cha n eil e*n 
comas a' chreidich fuath mì-runach gamhlasach 
a thoirt do Dhia, oir, *' An neach a ghinear o 
Diiia, cha dean e peacadh.*' (1 Eoin iii- 9«) 
Oir rùnaich agus dh* òrduich an Tighearna Dia 



CÒIK SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 183 

nithe bhi air a mhodh so, gu'm buin esan ris na 
creidich anns gach càs, chum am math, 's cha 
cheadaich e dhaibh fuath a thoirt dà uair sam 
bith, no idir a bhi air an spìonadh às a làimh, 

I. A thaobh na h-aonachd so, tha co-mhoth- 
achadh iongantach eadar Dia 's an creideach, 
Tha'n Tighearna fo thrioblaid air son àmhghar 
an duine. (Isa. Ixiii. 6.) Tha e cathachadh 'na 
aghaidh gu caomhail, cùramach agus gu tairis, 
mar gu'm biodh e-fèin fo thrioblaid leis. " An 
tì a bheanas ris a' chreideach, tha e beantainn 
ri cloich na sùla aig Dia." (Sech. ii. S.) *' Tha 
co-fhulangas aige r' an anmhuinneachdaibh." 
(Eabh. iv 15.) agus " Is prìseil am fuil *na 
fhianais." (Salm cxvì. 15.) Anaonfhacal ge 
b'e ni tha air a dheanamh dhaibh-san, tha e air 
a dheanamh dhà-san. *« An tì ghabhas ruibhse, 
gabhaidh e riumsa. — A mheud 's gu 'n do 
rinn sibh e do dh'aon do na bràithribh, a's lugha 
agamsa, rinn sibh dhomh-sa e. A mheud *s 
nach d' rinn sibh e do'n neach a's lugha dhiubh 
so, cha, d' rinn sibh dhomh-sa e.*' (Mat. x. 40; 
XXV. 40. 45.) Air an làimh eile, tha eud a 
thaighe a' gnbhail còmhnaidhan cridhea' chreid- 
ich, (Salm Ixix. 9.) Tha'n tàir a gheibh Dia a' 
drìjghadh air an duine dhiadhaidh ; ma tha 
chùis-san a' dol gu math, 'se so gnothach a 
phobuiU. Air chòr 's gu'm beil co-mhothach- 
adh iongantach eadar Dia 's na creidich, tre 
chumhachd an aonachd a tha eatorra ; air an 
aobhar sin 's còir dodhaoine mòr-f huathathoirt 



]84 AN DÒIGH CHUM RUIGHEACHD AIR 

do gach ni bhios a' comh-stri rìs-san 'nan gràdh 
no 'nan aigneadh, agus cùl a chur ri bhi 'nan 
tràillean do na creutairibh, do-bhrìgh gur iad 
sin seirbheisich an Dè, 's an Fhir-phòsda, agus 
an seirbheisich fèin trìd-san. Nach mi-chiat- 
ach gràineil a thig e do bhann-righ bhi ciont- 
ach do strìopachas ri seirbheisich a fir ? Tha 
e mar an ceudna 'na nì maslach do chreideach 
a bhi fo eagal à droch sgeul, o'n a tha 'n Tigh- 
earna Dia ris am beil esan 'na aon, a mhàin a' 
riaghladh nan uile nithe, 's a tha deanamh gach 
ni a rèir a thoile air nèamh agus air thalamh. 
"Is leibhse na h-uile nithe ; agus is le Criosd 
sibhse; agus is le Dia Criosd." (1 Cor. iii. 2J, 
23.) *' Oir gu bràth cha ghluaisear e ; roimh 
dhroch sgeul cha bi eagal air ; tha a chridhe 
suidhichte ag earbsadh às an Tighearna. 
Ach a ta ar Dia-ne anns na nèamhaibh, agus 
rinn e gach ni a b' àill leis." Salm cxii. 6, 7 ; 
cxv. 3. 

Amisnn darah'àite^ 'Sco-chomunniongantach 
gun choimeas, a' bhuaidh mhòr eile tha'n lòrg 
f ìor chreidimh : tre chumhachd a cho-chom- 
uinn so, buinidh Dia 's a luchd-muinntir d* a 
chèille. 'S e Tighearna nan sluagh Dia a 
phiobuill : 'se fèin an t-Athair am Mac 's an 
Spiorad Naomh', an Dia-san 'na uile bhuaidhibh 
glòrmhor, a cheartas cho math r'a thròcair, a 
ghliocas, a chumhachd, a naomhachd, &c. oir 
's esan Dia a phobuill, mar tha e gu trie' ag 
làdh sa' chomh-cheangal. Air an làimh eile, 



CÒIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. J 85 

's iad na fìor chreidich a phobull-san. 'S ieis 
gach aon ni a bhuineas daibh ; cha n-eil 
uiread a bhuill a's suaraiche d' an cuirp nach 
ìeis an Tighearn, 's air nach eil làn chòir aige. 

II. Trìd cumhachd a' cho-chomuinn so, tha 
co-chòir ac* air saibhreas a cheile, cho fad 'sa 
bhios e feumail. Buinidh uile bhriathraibh an 
Tighearna do na creidich, a bhagraibh cho 
niath r'a gheaìlaidhnean chum am math, mar 
riaghailt stiiìraidh dhaibh ; buinidh 'uile 
shìighean daibh, 'uile ghnè oibribh, a chomh- 
pairieachadh sònraichte, bàs, deamhain, eadhon 
gach aon ni, cho fad' sa bhios e feumail daibh. 
" Is leibhse na h-uile nithe : Ma 'se Pòl, no 
Apollos, no Cephas, no an saoghal, no 
beatha, no bàs, no nithe a ta làthair, no nithe 
atariteachd; is leibhse iad uile ; Agus is le 
Criosd sibhse ; agus is le Dia Criosd.'' (1 Cor. 
iii. 21 — 23.) Air an làimh eile, 's leis an Tigh- 
earna gach aon ni a bhuineas do'n chreideach : 
tha 'oighreachd, a chlann, a bheatha, a bhean- 
phòsda, a mheas, &c. gu h-iomlan fo stiùradh 
an Tighearn' aig am beil stiùir an domhain *na 
làimh : ma bhios nì no neach do na th' aig a' 
chreideach feumail do Dhìa, 's còir dha deal- 
achadh riiì gu suilbhearra, no tha e brìseadh a 
cho-chomuinn sìn, 's a' dearbhadh nach eil e 
fèin iomchuidh air son, no idir aìridh air losa 
Criosd. *' Ma thig neach air bith a m' ionn- 
saidh-sa, agus nach fuathaich e athair, — seadh, 
agus a bheatha niar an ceudna, cha n-eil e'n 



186 AN DÒIGH CHUM RUIGHEACHD ATR 

comas dha bhi 'na dheisc obul dhomh-sa." 
(Luc. xiv. 26.) 

III. Tre cbumhachd a' cho-chomuinn so, bu 
chòir do dhlù-dhàimh 's do cho-chaidreabh ro 
mhòr a bhi eadar Dia 's an creideach. Faod- 
aidh Dia buntainn ris gach aon ni a bhuineas 
do*n chreideach, 's a dheanamh ris gach ni a*s 
taitneach leis ; agus cha n-eil an duine r'a 
ghabhail gu h-olc no idir gu ràdh ris an Uile- 
chumhachdach, '^ Ciod a tha thu deanamh ?** 
'S ann a's còir dha a ràdh anns gach cùis, 
" Is math facal agus toil an Tighearna.*' (Isa. 
xxxix 8. 2 Rìgh. iv. 23 — 26.) Air an làimh 
eile, faodaidh an creideach air mhodh iriosal, 
a bhi dàna ri Dia ann an Criosd ; faodaidh e 
teachd le dànachd chum Rìgh-chathair nan 
gràs, agus cha ruig e leas mòran bhriathran 
snasmhor no do dheas-chainnt a ghnàthachadh 
'na achanaich ri Dia, (Eabh iv. 16.) oir cha 
n-eil e ni's mò 'na choigreach dha ; (Eph. ii. 
19.) air chor's nach ruig e leas labhairt ri Dia 
mar neach aig am beil eòlas r'a dheanamh suas 
ris gach aon àm, mar a's gnà le mòran de luchd- 
aìdmheil a dheanamh, agus tha so *na aobhar 
eas-aonachd 'nan creideamh. 

Faodaidh an creideach mar an ceudna, làn- 
rùn a chridhe nochdadh do Dhia. " Dhòirt mi 
mach m'anam an làthair an Tighearna.'' (1 
Sam. i. 15.) Faodaidh creideach mar an 
ceudna,rannsachadh ciod a tha Dia a' deanamh, 
cho fad 's a bhios e feumail chum soilleireachd 



CÒIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 187 

fhaotainn mu mhearachd èigin anns am beìl e 
mu shlighe an Tighearna ; mar so bha lob. 
<' Ge do mharbh e mi, gidheadh earbaidh mi 
às : — tagraidh mi mo shlighean 'na fhianais" 
Gen. xviii. 23, &c. ler. xii. 1. Isa. Ixiii. 17. 

Faodaìdh an creideach inar an ceudna bhi 
dàna ri Dia, gu dol d'a ionnsaidh gu lathail le 
mhearachdan agus le chionta, agus aithreachas^ 
mathanas agus sìth iarraidh tre thagradh 
Chriosd. *^ Esan dh' ardaich Dia le a dheas 
làimh 'na Cheannard agus 'na Shlànaighear, a 
thoirt aithreachais agus mathanais pheacan- 
na do dh' Israel." (Gniomh. v. 31.) *' Ma 
pheacaicheas neach air bith, tha fear-tagraidh 
againn maille ris an Athair, losa Criosd am 
fìrean." (1 Eoin ii. 1.) O ! cia minig a dh', 
fhaodas an creideach ann an aon latha math- 
anas a thagradh 'na pheacaibh, mur eil e 'na 
rùn fanaid a dheanamh air Dia, no ghràs a 
thionndadh gu macnus ! Dh' òrduich Triath 
na beatha do dhaoine mathanas a thoirt seachad 
deich agus trì fichead seachd uairean 'san aon 
latha, agus thug e comharradh s^achad mu sin 
ann an cosamhlachd rìgh àraid aghabh cunntas 
d'a luchd-muinntir, cia mòr a's mò na sin a 
bheir a mhaighistear fèin mathanas seachad. 
Mat. xviii. 22—28. 

Faodaidh an creideach mar an ceudna, gach 
ni a bhuineas da o'n leth a muigh earbsa ri 
Dìa, oir tha sùim aige do na nithibh sin. " Ma 
tha Dia rnar sin a' sgeadachadh feòir na mach- 



188 AN DblGH CIllJM RUIGIIEACIID AIR 

rach — nach mò ria sin a sgeadaicheas e sibhse, 
a dhaoine air bheag creidimh ? Uime sin na 
bithibh làn do chiirain, ag ràdh, Ciod a dh'itheas 
sinn ? no ciod a dh- òlas sinn ? no ciod a chuireas 
sinn umainn ? — oir a ta fios aig bhur n-Athair 
nèamhaidh gu'm beil feum agaibh-sa air na 
nithibh so uile. — A' tilgeadh bhur n-uile 
chiiram air-san ; oir a ta cùram aige dhibh." 
Mit. vi. 30—32. 1 Pead. v. 7. 

Seadh fòs, faodaidh an creideach, air mhodh 
iriosal, Dia a chur thuige chum a dheanamh 
freagarrach iomchuidh fa chomhair a sheirbh- 
eis, chum còmhnadh a dheanamh ris gu toradh 
iomchuidh a thoirt a mach anns gach àm, 
eadhon gràs an am feuma. (Eabh. iv. 16.) 
Seadh, cia mòr na nithibh a dh* fhaodas na 
creidich iarraidh air losa Criosd, araon air an 
son fèin agus as leth dhaoin' eile ! *' Ma dh' 
iarras sinn nì sam bith a rèir a thoile, gu'n eisd 
e ruinn." (1 Eoin v. 14, lò.) " Ge b'e nì adh' 
iarras sibh a' m' ainm-sa, ni mise sin." (Eoin 
xiv. 13.) *< Feòraichibh dhiom nithe ri teachd, 
mu thimchioll mo chloinne ; agus iarraibh 
orm do thaobh oibre mo làmh." (Isa. xlv. 11.) 
Tha e 'na nàire 's 'na dhochair ro mhòr do 
phobuU Dè, nach eil iad a' deanamh barrachd 
feuma do'n cho-chomunn sin r'an Cruithear na 
tha iad a* deanamh. Faodaidh Criosd geur- 
achmhasan dligheach a thoirt daibh, air son 
nach eil iad ag iarraidh ni sam bith *na ainm- 
san. Eoin xvi. 24. 



CÒm SHLAINTEtL ANN AN CRIOSD. 189 

na chaidh labhairt, tha e soilleir gur cìiis 
anabharrach chudthromach dleasanas so a' 
chreidimh, leis am beil duine gabhail ri losa 
Criosd, neach a sheulaich an t- Athair, 's a thug 
eniarchiimhnant do'n phobull. Thae choluach- 
mhor do Dhìa, a* co*-f reagradh d'a cheart rùn, 
g'a làn-riarachadh, an dealbh 's am foillseachadh 
an t-soisgeil ; agus tha e cho tarbhach, feumail 
do dhaoine, 's gu'm beil Sàtan le innleachdan 
seòlta, agus cridhe aingidh mi-chreideach gu 
ro chumhachdach dian a' cur 'na aghaidh, le 
bhi brosnachadh gach cunnuil 's gach ceap- 
tuislidh a tha 'na chomas^ an rathad na 
niuinntir leis am b'àill gabhail ris. Ainmich- 
idh mi cuid do na cunnuilean a's ro ghnàth- 
aichte. 



CAIB. V. 

Cunnuilean air an tarruinn o dhroch thoiUteannas 
an duine^ agus o uamharrachd a' pheacaidh^ air 
am freagradh, 

CuNN. Tha mi cho sgreataidh, gràineil, 
mi-naomha, neo luachmhor dhiom fèin, *s gur 
air leam gu'm bu dànadas ro mhòr dhomh 
gnothach sam bith a ghabhail ri losa Criosd, 
no ris an t-slàint' a choisinn e gu ro dhaor le 
'fhuil phrìseil fèin ? 



190 AN DÒIGH CHUM RUIGHEACHD AiR 

Freag, 'S ni cinnteach gu'm beil sliochd 
Adhaimh uile ro ghràineil neo luachmhor am 
fìanais Dè, a tha cur amaideachd as leth nan 
aingeal. '' As leth 'ainglean cuiridh e amaid- 
eachd. — Tha na cinnich uile mar neoni 'na 
làthair-san, — mar f hìnr neo-ni agus diomhanas. 
(lob. iv. 18. Isa. xl. Ì7,) Tha Dia cho ard os- 
ceann dhaoine, s mur dealbhadh e o shaor 
thoil fèin innleachd luachmhor a chum peacaich 
a shàbhaladh, gu'm bu dànadas ro mhòr do 
dhaoine no dh' ainglibh a smuainteachadh gu'n 
irioslaicheadh an Dia sìorruidh e fèin cho mòr 
's gu'n gabhadh e riochd seirbheisich air, *s 
gu'n gabhadh e ar nàdur-ne, 's gu'n dlù cheang- 
ladh e ris an Diadhachd bheannaicht' e le 
aonachdphearsonta: agusgu'nùmhlaicheadh se 
e-fèin do bhàs maslach a* chrionne-cheusaidh; 
agus so uile chum 's gu'm biodh daoine bha 
'nan ceannaircaich air an deanamh rèidh ri Dia, 
's gu'ni biodh iad air an deanamh làn-shona, le 
chuideachda bheannaichte-san a mhealtainn gu 
saoghal nan saoghal. 

Ach tha mi 'g ràdh, gu'm b'e 'n t-iomlan de 
sin 'ìnnleachd's a shaor thoil fèin ; seadh, os- 
barr, mur iarraidh an Tighearna Dia gu 
h-àrd-uachdranach air daoine iadaghabhail ris 
fèin ann agus tre Chriosd, (Isa. ìv. 1 — 3. 
Mat. xi. 28. 1 Eoin iii. 23. 2 Cor. v. 20.) cha 
bhiodh dànadas aig duìn' airbith na dheanadh 
feum do dh' innleachd Dhè chum peacaich a 
bhàbhaladh. Air an aobhar sin, ma ta, ged 



CÒIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. J91 

theirrnimarthuirt Abigail, *' Bitheadh dobhan- 
oglach 'na ban-tràill a nigheadh chas sheirbheis- 
eachmothighearna.'' (i Sam.xxv.4l.) gidheadh 
do-bhrìgh gu'n do dhealbh esan *na naomh 
ghhocas neo-mhearachdach fèin an dòigh sin 
a chum peacaieh a shàbhaladh, 's gu'm beil 
dearbh-fhios aige cionnas a bhios e air a 
ghlòrachadh ann. ** Sìiilean 'ur n-inntinn bhi 
air an soillseachadh, chum fios a bhi agaibh eiod 
e dòchas a ghairme-san, agus ciod e saibhreas 
glòire 'oighreachd-san anns na naomhaibh." 
(Eph. i. 18.) Agus is leatsa na h uile nithe a's 
leamsa, agus is leamsa na nithe a's leatsa; agus a 
ta mi air mo ghlòrachadh annta." (Eoin. xvii. 
10.) Agus dh'àithn e dhomh,marbhiosmifreag- 
arrach dhàsan air chionn latha a mhòr-chùnnt- 
ais, gabhail ris fèin ann an Criosd, mar tha e 
aìr a ràdh ; 's cha n-eil a chridh' agam a 
dhiìiltadh, no idir aobhair 'innleachd agus 
'iarrtais a rannsachadh no f heòraich ; ach \s 
èigin domh cuid mo chunnairt a ghabhail do'n 
chùis, mar nach b'àill leam a bhi air m* 
fhaotainn a' cur **an aghaidh gràs Dhè,*' (Gal. 
ii. 21.) agus ann an seadh a' mealladh an 
t-soisgeil 'na dhòchas, agus, a' breugachadh na 
fianaìs a thug Dia air a Mhac, gu'm beil beatha 
na's leòir ann do dhaoine, (1 Eoin v. 10, 11.) 
's mar sin a' dheanamh Dia 'na bhreugaire, 's a 
cheannairc sin a chur ris gach peacadh d'an 
robh mi ciontach 'san àm a chaidh seachad. 
CuNN. Tha mis' a m pheacach ro shònraicht' 



192 AN DÒIGH CHUM RUGHEACHD AIR 

os-ceann gach aon neacli eile 's aithne dhomh ; 
uime sin cha-n eil a chridh' agam dlùthachadh 
ri Criosd, no amharc idir air an t-slàinte sin 
a tha trìd 'f hìreantnchd-san. 

Freag. Am beil do pheacadh ni's mò nà 
mìsg agus cionta mhi-nàdurrach Lot; adhaltras 
Dhaibhidh air f halach le mort : iodhol-aoradh 
agus tuiteam gu h-uabhasach o'n chreidimh 
mar rinn Solamh ; iodhol-aoradh, mort, agus 
buidseachd Mhanases ; fearg an aghaidh Dhè 
agus a shlighe ann an lonas ; àicheadh Chriosd 
ann am Peadar, an dèigh dha rabhadh fhaot- 
ainn roi-laimh, 's a mhionnachadh nach dean- 
adh se e ; geur-leanmhainn f huilteach Phòil, 
a' co-èigneachadh nan naomh gu toibheum a 
labhairt, &c. Ach 's an-aoibhinn dhà-sand'an 
toir na nithe sin a tha air an cur sìos 'san 
sgriobtur misneach chum peacadh a chur an 
iZ-niomh, agus 's ann a tha iad air an ainmeach- 
adh *san ionad so, a mholadh saor-ghràs an 
Uile-chumhachdaich, 's a thoirt misnich do 
pheacaich aithreachail thruagha gu teicheadh 
a dh' ionnsaidh Chriosd. Tha mi 'g ràdh, am 
beil do pheacadh-sa ni's an truime na iad sin a 
chaidh ainmeachadh ? Gidheadh f huair iad 
sin uile mathanas tre Chriosd, mar tha'n 
sgriobtur a' nochdadh. 

Uime sin biodh fios agad, gu'm beil gach 
peacadh co-ionann an làthair saor-ghràs Dè, 
a tha "gràdhachadh gu saor,'' (Hos. xiv. 4.) 
's nach eil a' gabhail suim do pheacadh sam 



CÒTR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 193 

bith. Ma tha duine toileach tighinn d'a 
ionnsaidh-san tre Chriosd, an sin tha esan làn- 
chomasach air a shaoradh gu ruig an ceum a's 
faide, (Eabh. vìi. 25.) Seadh, 's niò an càmpar 
le Dìa^ mur gabh duine ri Criosd 'nuair thèid 
a thairgse dha, na gach peacadh d*an robh e 
ciontach riamh roimhe ; oir, " An tì nach creid 
Dia, rinn e breugaire dheth, do bhrìgh nach do 
chreid e an fhianais a rinn Dia mu thimchioll 
a Mhic. An tì a chreideas ann, cha dìtear e ; 
ach an tì nach creid, tha e air a dhìteadh 
cheana," &c. (Eoin. v. 10, 1] ; iii. 18.) 'se sin 
an t-aon ni àraid mu'm bi e air a dhìteadh, 
eadhon nach eil e creidsinn an ainm Mhic Dhè, 
Air chor 's nach gabh meud a pheacaidh 
leisgeul duine, ma chuireas e cùl ri Criosd, 's 
mur gabh e r'a thairgse, o'n a nochd Dia gu ro 
f holìaiseach gur *' fìor an radh so, agus is 
airidh e air gach aon chor gabhail ris, gu'n 
tàinig losa Criosd do'n t-saoghal a thearnadh 
pheacach ; d'am mise an ceud-fhear." (1 Tim. 
i. 15.) Tha e mar f hiachaibh air an tì sin a tha 
eadhon ni*s ciontaiche 'na bharaii fèin na tha 
fìon neach eile, an ràdh so a chreidsinn agus 
gabhail ris. 

Cunn, Tha ni-eigin ro an-trom ann am 
pheacadh fèin a bharr air na tha 's na ceart 
pheacannan ceudna ann an daoine eile, a tha 
cur mòran uamhainn orm. 

Freag. Ciod na nithe an-trom a dh' f haodas 
a bhi ann ad pheacannan fèin, nach eil an co 
s 



194 AN DÒIGH CHUM RUIGHEACHD AIR 

an-trom uamharr' aìr an cur sìos anns na 
h-eiseamplairibh roi'-ainmichte ? Am beil do 
pheacadh an aghaidh mòr-sholuis ? 'S coltach 
gur h-amhail a bha mòran do na dh' ainmich 
sinn roimhe. An robh do pheacadh-sa an 
aghaidh tròcairean agus teasraiginn shònraichte ? 
'S amhail a bha misg Lot agus Noa. if\n robh 
do pheacadhs' air a chur an gnìomh le mòr- 
mheòraich air a' chùis roi'-Iàimh ? 'S amhail 
a bha peacadh Dhaibhidh 'nuair bha e sgrìobh- 
adh na litreach an aghaidh Uriah. An robh 
e 'n dèigh dhut foillseachadh sònraicht' f haot- 
ainn air Dìa? 'S amhail a bha peacadh 
Sholaimh. An robh e air a chur an gnìomh 
tre bhuaireadh faoin, suarrach ? 'S amhail a 
bha peacadh lonais agus Pheadair, ma bheir 
sinn fainear uamharrachd an cionta. 'N do 
chuir thu'm peacadh an gnìomh a rithist agus 
a rithist ? 'S amhail a rinn Lot, 's amhail a 
rinn Peadar, 's amhail a rinn lehosaphat, 'nuair 
a chaidh e maille ri Ahab agus ri lehoram. 
(1 Rìgh. xxii. 2 Eìgh. iii.) Am beil iomadh 
peacadh gràineil an-trom a' co-aontachadh le 
chèil' annad ? 'S amhail a bha Manasses. An 
do sheas thu fada mach ann an ceannairc ? 
'S amhail a rinn an gadaich' air a' chrois : 
shoas e mach gu dàna gun airm-cheannairc 
a ieagadh gus an deò mu dheireadh. (Luc. 
xxiii. 42, 43.) Ma tha fhathasd cluas agad 
chum èisdeachdjthasa 'g iarraidh ort èisdeachd. 
(Mat. xiii. 9.) Ged chosg thn rè ùin' fhada 



I 



CÒIR SHLAINTEIL ANN AN ClliOSD. 195 

t'ftirgead air son an nì sin nach aran. (Isa. Iv. 
1, 2.) tha'n tuilleadh feum agad a nis' air 
cabhag a dheanamh agus teicheadh chum 
tèarmainn ; agus ma ni thu mar tin^ gabhaidh 
e riut gu cridheil f àilteach, 's cha tilg e air 
chòr sam bith a mach thu, (Eoin vi. 37») g» 
h-àraid o nach do shònraich e air àm suidhichte 
'sun Sgriobtuir, ionnas nach gabh uamharrachd 
do pheacaidh do leisgeul mar gabh thu ri 
tairgse ghràsmhor an Tighearna. 

Cunn Cha d' ainmich thu na nithe sòn- 
raichte d* a'm beil mise ciontach, anns gach 
eiseamplair a dh* ainmich thu : 's cha-n f hios- 
rach mi gu'n d' f huair aon neach riamhtròcair 
an làthair Dhè, a bha ciontach do leithid nam 
peacannan sin a ta annamsa ! 

Freag, Tha e cruaidh amas air gach peacadh 
sònraicht' a dh' f haodas trioblaid a chur air a 
chogais ; seadh, faodaidh peacaidh a's lugha 
na cuid de nadh'ainmichmi,mòranmi-shuaimh- 
neis athoirt do dhuine, ma dh' fhadas an Tigh- 
earna Dia an teine 's ma lasas e suas coinnearna 
eogais. Ach a chum misneach a thoirt dhutsa, 
ainmichidh mi cuid do dhearbh-fhìrinn an 
Sgrìobtuir, a dh' fhaodas mòr mhisneach a 
thoirt dhut, 's leis am faic thu gu soilleir gu'm 
beil mathanas a d' thairgse : chum na crìche 
sin thoir aire dhùrachdach do na nithibli so a 
leanas. Tha Dia A mathadh aingidheachd 
agus eusaontaiis, agus peacaidh, 'se sin gach 
seòrsa peacaidh. Ma philleas an t-aingidh o 



196 AN DÒlGH CHUM KUIGHEACUD AIU 

'uile aingidheachd^ — cha bhi iad air an cuimh- 
ueachadh dha, &c. — Au tì a thig, cha tilg e 
air chor sam bith araach e : ['se sin cia an- 
trom air bith a bha a pheacannan,] Ge b'e 
neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach 
gu'm bi a' bheatha shiorruidh aige. ['Se sin 
gun fhàgail a mach air son peacadh sam bith.] 
Tha e mar an ceudna comasach air an dream a 
thig a dh' ionnsaidh Dhè trid-san a thèarnadh 
gu h-iomlan. Escod. xxiv. 7. Esec. xviii. 21, 
22, 30. Eoin. vii. 37. iii. 16. Eabh. vii. 25. 

Cha n-eil e 'n comas duine sam bith, 
cumhachd Dhè a làn-f hoillseachadh, '* Math- 
ear gach peacadh agus gach toibheum \" se 
sin nach eil seòrs' air bith nach mathar do 
dh* aon neach no neach eile, ach *' An 
toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh." 
(Mat. xii. 31.) Tiia na h-earrannan so agus 
an leithid eile, de'n Sgriobtur a' gabhail a 
stigh gach seòrsa peacaidh ; air chòr *s ciod air 
bith do pheacannan, gu'm faod iad a bhi air an 
dubhadh a rnach, ionnas nach f haod do pheacadh 
a bhi 'na leisgeul agad gun ghabhail gu grad ri 
tairgt;e na sìthe agus na slàinte tre Josa Criosd 
an Eadar-mheadhonair, o 'n a tha làn chomas 
aig gach neach leis an àill, iad a thighinn 'sa 
ghabhail ris. Tais. xxii. 17- 

Cha labhair sinn iomadaidh bhriathran : oir 
dh' àithn an Dia mòr, àrd-Chruithear nèimh 
agus na talmhuinn, gu h-àrd-uachdranach do 
gach neach a tha faicirm 'f heum air furtaehd, 



CÒIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 197 

iad a dhol gu luath a dh' ionnsaìdh losa Criosd, 
agus gabhail gu cridheil, trèibhdhireach, dùr- 
achdach ri innìeachd Dhè chum peacaich a 
shàbhaladh trid-san, a' cur gach cunnuil agus 
leisgeul air chùl, raar a's èigin daibh a bhi 
freagarrach dhàsan air an latha sin annsantoir e 
brethneo-chlaon air gachbeò's marbh,agus anns 
am fuadaich e iadsan uii' às a làthair aig am beil 
do dhànadas a ràdh, gu'n robh am peacannan 
*s an staid air dhòigh, 's nach robh chridh' aca 
earbs'a dheanamhàf ìreantaehd iomlan Chriosd 
chum furtachd a thoirt daibh, ged a dh' iarr an 
Tìghearna gu minig agus gu ro dhùrachdach 
orra gabhail ris agus earbs* a dheanamh às, 
ged a bha 'f hìreantachd ann an seadh, air a 
ceangal d' an taobh. 



CAIB. VI. 

Mv!n pheacadh an aghaidh an Spioraid Naoimh, 

CuNN. Tha mi fo amharus gu'm beil mi 
ciontach do 'n pheacadh an aghaidh an 
Spioraid Naoimh^ agus leis a sìn gu'm beil e 
ea-comasach dhomh mathanas f haotainn ; agus 
air an aobhar sin cha ruigmi leas smuainteach- 
adh air creidsinn an losa Criosd chum m' 
anma 'shàbhaladh. 

Freag, Ged nach còir do neach air bith am 



19B AN DÒIGH CHUM RUIGHEACHD AIR 

peacadh so a chur às an leth fèin, no idir às 
leth dhaoine eile, ni's lugha na tha iad làn 
chomasach air a' cbùis a dhearbhadh gu 
soilleir a rèir eiseamplair Chriosd, (Mat. xii. 
25 — 32.) gidheadh chum daoine chur às an teag- 
amh, nochdaidh mi, — (1.) Ciod an ni nach eil 
'na pheacadh an aghaidh an Spioraid Naoimh, 
do bhrìgh gu*m beil cuid do pheacannan ro 
ghràineil an-trom ann a tha 'n sluagh gun 
bharantas air bith a' gabhail an riochd a* 
pheacaidh so anns nach faighear mathanas. — 
(2.) Nochdaidh mi ciod e am peacadh an agh- 
aidli an Spioraid Naoimh — (3.) Co'-dhùinidh 
mi 'n t-iomlan le f hreagradh iomchuidh do'n 
chunnuil. 

'S e cheud nì a chuir sinn romhainn a 
nochdadh, Gu'm beil iomadh peacadh ro an- 
trom ann, ged tha iad mar tha gach peacadh 
eile, an aghaidh an Spioraid Naoimh, a tha 'na 
Dhia co-ionann ris an Athair agus ris a' Mhac, 
agus air an cur an gnìomh an aghaidh cuid d'a 
oibreachadh 's d'a ghluasad ; gidheadh cha-n 
iad sin *' am peacadh an aghaidh an Spioraid 
Naoimh," ni is e 'm peacadh anns nach 
faighear mathanas. 

I. Cha n-e bhi labhairt toibheum an aghaidh 
Dhè fo dhòrainn chorporra am peacadh so ; 
oir bha cuid do na naoimh ciontach dhe so. 
*• A^ deanamh peanais orra gu minig annsgach 
sionagog, cho-èignich mi iad gu toibheum a 
iabliairt." (Gniomh. xxvi. 11.) Cha ro lugha 



COIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 199 

na sin a bhi labhairt toibheum an aghaidh Dhe 
ann an lasan cuthaich no air nii-chèiil, oir cha 
n-eil duine 'na shaor-mhaighstear air fèin 'san 
àm sin ; agus an tì a chaomhnas a phobull, 
mar chaomhnas athair am mac a iàn riaraicheas 
e, (Mal. iìi. 17.) 's a ghabhas mòr-thruas 
dhiùbh-san air am bi eagal, mar ghabhas athair 
truas r'a chlionn, (Salm ciii. ]3.) 's amhail a 
tha e caomhnadh 's a* gabhail truais do dhaoine 
annsnabreislichibh sin, oir's amhail a dheanadh 
ar n-aithrichean a rèir na feòla n'an labhramaid 
toibheum 'nan aghaidh ann an lasan fèirge. 
Cha mhò is iad toibheum uabhasach an aghaidh 
Dhè, a bhios a' tagradh air an anam, 's nach 
faigh caidreamh 'san àite sin, am peacadh so 
anns nach faighear mathanas ; oir bha 'n 
leithidean sin air an tairgse do Chriosd, (Mat. 
iv.) agus tha iad gu minig air an tilgeil air na 
daoine diadhaidh. 

II. Cha n-e bhi toirt fuath do'n mhath ann 
an càch, 'nuair nach eil mothachadh agam 
gu'm beil e math, ach am bharail fèin 'ga 
mheas olc ; seadh, cha n-e bhi labhairt 'na 
aghaidh, no 'ga gheur-Ieanmhainn 'sa chàs sin, 
am peacadh an aghaidh an Spioraid Naoimh ; 
oir bha gach ni dhiiì sinn ann am Pòl mu'n 
robh e air iompachadh, agus f huair e mathanas, 
a chionn gu'n d' rinn e na nithe sin gu 
h-aineolach. 

IJI. Cha n-e farmad cridhe ri soirbheachadh 
daoine eile an obair 's an slighe Dhè, 'nuair 



200 AN DÒIGH CHUM RUIGHEACHD AIR 

tha mi toirt spèis da annam fèin ; seadh, cha 
n-e farmad eridhe an aghaidh freasdail Dè, 
(ged tha *na nithibh an-trom uabhasach sl 
treòrachadh a dh'ionnsaidh a'pheacaidh sinanns 
nachfaighear mathanas); oirfaodaidh nanaoimh 
a bhi ciontach do na nithe sin, a' sruthadh o 
fhèin-spèis, nach fuilig gu 'm buadhaich neach 
eil orra, agus o chùisean a bhi tighinn 'nan 
aghaidh an rùintean ann an teas buaìridh. 
Bha chuid bu mò dhe so ann an lonas. lon. 
iv. 6—8. 

IV. Cha mhò is e duine bhi dol air ai€ o'n 
staid anns an robh e aon uair a thaobh diadh- 
achd, agus tuiteam ann am peacaibh ro an-trora 
uamharra an aghaidh soluis, an dèigh dha 
gabhail ris an fhìrinn am peacadh so anns 
nach faighear mathanas ; oir bha Solamh, agus 
eaglais Chorinth, agus Ghalatia clontach dhe 
sin. Cha mhò is e àicheadh, no idir mionnach- 
adh an aghaidh dearbh-f hìrinn fo mhòr 
bhuaireadh, oir n'am b' e bha Peadar caillte. 

V. Cha mhò is e cur an aghaidh, no càmpar 
a chur air Spiorad Dhè le iomadh dòigh 
pheacach, am peacadh sin ; oir tha so air a 
chur as leth na muinntir sin a tha air an gairm 
chum aithreachas 'san 'Sgriobtur, 's cha n-eil 
iad air an dùnadh a mach mar gu'm biodh 
iad ciontach do'n pheacadh an aghaidh an 
Spioraid Naoimh : cha mhò is e bhi cur 
peacaidh an gnìomh a rithist agus a rithist an 



CÒIR SHLAINTEIL ANiN AiN CUIOSD. 201 

aghaidh soluis am peacadh so, ged tha e 
treòrachadh d'a ionnsaidh ; oir 's amhail a bha 
cionta Pheadair le Criosd àicheadh ; 's amhail 
a bha peacadh lehosaphat 'nuair a chaidh e le 
Ahsà) agus le lehoram. 

VI. Cha mhò is e riìn agus ionnsaidhean air 
fèin-mhort, 's air daoine diadhaidh a mhort, 
am peacadh so, air dhaibh a bhi ann an teas 
anabarrach buairidh ; no idir fèin-mhort, (ged 
tha e gu minig a bhrìgh coltais an co-chuid- 
eachd a' pheacaidh so anns nach faighear 
mathanas^ ni bu chòir a thoirt air gach neach 
amharc le fuath agus le sgreamh air gach ni a 
bhios a' brosnachadh d'a ionnsaidh) am pea- 
cadh an aghaidh an Spioraid Naoimh. Bha 
e'n rùn fear-coimhid a phrìosain e-fèin a 
mharbhadh, air son aobhar bu mhiosa na tha 
ioma duine bochd a' deanamh, le mothachadh 
a bhi ac' air fearg an Tighearna Dia, 's air a' 
peacadh 's air an ro thruailleachd fèin ; gidh- 
eadh, f huair fear-coimhid a phrìosain mathanas 
*na pheacadh, (Gniomh. xvi. 27, 34.) agus bha 
Pòl, roimh aghairm èifeachdaich, 'na iompaidh 
air mòran do na naoimh a chur gu bàs, agus 
bha e 'na rùn an dìoladh ceudna thoirt air 
tuilleadh dhiù mar tha e-fèin ag aideachadh, 
Gniomh. xxvi. 9 — 12. 

Ged tha iad sin 'nam peacannan an-trom 
uabhasach, gach aon diù a' toilltinn fearg 
bhithbhuan an Uile-chumhachdaich, 's mur 
gabhar aithreachas dùrachdadh air an son,bheir 



202 AN DÒIGH CHUM RUIGHEACHD AIR 

iad dioghaltas neo-chrìochnach aìr an duine 
bhios ciontach dhiù, gu h-àraidh tha fèin-mhort 
a' toirt air falbh gach dòchas ri fuasgladh f haot- 
ainn, a thaobh aon ni ris an ion sùil a bhi air 
dòigh ghnàthaichte ; gidheadh, cha-n iad a 
h-aon diù sin ampeacadh anaghaidhan Spioraid 
Naoimh anns nach faighear mathanas : ionnas 
gu'm beil dòchas dhàsan a tha ciontach do dh' 
aon air bith dhiù sin, ma tha aige cluas chum 
fuaim aoibhneach a chùmhnaint a chluinn- 
tinn. Faodar mathanas f haighinn 'nan leithid 
sin uile do pheacannan 's do thoibheuman mar 
tha e soilleir 'san Sgriobtur, far am beil na 
nithe sin air an ainmeachadh. 

'S andarah-àite,faiceamaid ciode ampeacadh 
an aghaidh an Spioraid Naoimh. Cha n-e aon 
ghnìomh peacaidh e, ach nì tha air a dheanamh 
suas do dh' iomadh drocli-bheart, a tha^gu 
minig' a' ceangal an anma 's a chuirp ann an 
cionta. Tha sinn 'ga chur sìos air a mhodh 
so : «* 'Se sin a bhi cur cùl agus a cur an aghaidh 
f ìrinn an t-soisgeil, agus slighe na sìàinte, tha 
air an dearbhadh gu ro shònraichte do dhuine 
ìe Spiorad Dhè, ann am fìrinn agus math na 
slighe sin ; agus sin a dheanamh gu follaiseach, 
saor, toileach, togarrach, mì-runach, agus gu 
tarcuiseach, a tàrmachadh eagal eu-dòchasach, 
an-earbsach." 

Tha trì earrannan de'n Sgriobtur a tha labh- 
airt gu ro shoilleir mu'n pheacadh so ; agus 
uatha siij dearbhaidh sinn gach earrann de^n 



CÒIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 203 

chùnntas so m*a thimchioll, cho fad *s a bhios e 
feumail do'n phuing air am beil sinn a' labhairt 
an dràst ; leis am bi e soilleir nach ruig aon 
neach aig a' beil dèigh air Criosd, a leas mi- 
mhisneach a ghabhail o na tha air a labhairt 
mu'n pheacadh so 'san Sgriobtur. Faic Mat. 
xi. -23—32 ; Eabh. vi. 4—6 ; x. 25—29. 

Anns a cheud àite, Tugamaid fainear an 
cuspair mu thimchioll am beil am peacadh so 
g'a chur an gnìomh, agus 'se sin fìrinn àraid 
an t-soisgeil, agus slighe na slàinte ; a tha 
araon a' ciallachadh an aon ni. 'S e sin an 
dòigh a dhealbh Dia chum peacaich a shàbh- 
aladh tre losa Criosd am Messias agus an 
Slànaighear a bRa air a ghealltainn, leis am 
beil daoine ri bhi air an shàbhaladh trìd a 
bhàìs agus 'fhìreantachd-san, mar a nochd e 
anns na h-ordughaibh, a' daingneachadh an ni 
sin fèin le iomadh oibribh cumhachdach, a tha 
air an cur sìos 'san Sgrìobtur. *S e slighe so na 
slàint' an cuspair. Chuir na Pharaisich an 
aghaidh so, gu'm b*e Criosd am Mesias, — Agus 
thubhairt am pobull uile, An e so Mac 
Dhaibhidh? Ach hxì uair a chuala na Pharais- 
ich so, thubhairt iad, Chan-eil amfear so a' 
tilgeadh a mach dheamhan, ach troimh Bheel- 
sebub prionnsa nan deamhan. Bha'n dochair 
so air a dheanamh an aghaidh Mhic Dhè, 
Is eu-comasach an dream sin a thuit air falbh, 
athnuadhachadh chum aithreachais : do bhrìgh 
gu'mbeiliada'ceusadhMhicDhèarithistdhaibh 



204 AN DÒIGH CHUM RUIGHEACHD AIR 

fèin, agus 'ga cburgu uàire fhoUaisich. 's an 
aghaidh fuil a chùmhnaint, agus an aghaidh an 
Spioraid a tha air mhodh gràsmhor a' tairgse 
na nithe sin a cho'-chur ri daoine, Cia mòr is 
mò na sin am peanas a shaoileas sibh air am 
measar esan toillteannach, a shaltair fo 
'chasaibh Mac Dhè., agus a mheas mar ni mi- 
naomha fuil a' chomh-cheangail, leis an do 
naomhaicheadh e, agus a rinn tarcuis air 
Spiorad nan gràs ? Mat. xii. 23, 24. Eabh. vi. 
4—6 ; X. 29. 

Anns an dara k-àite. Anns a' chunntas so, 
thugaibh fainear buaidh a chuspair so. Tha e 
gu soiUeir aìr a dhearbhadh dhaibh le Spiorad 
Dhè, araon a thaobh fìrinii agus math na 
slighe sin. Tha so a' ciallachadh, — (l.) Gur 
h-èigin bhi eòlach mu'n f hìrinn agus mu shlighe 
na slàinte. Bha dearbh-f hios aig na Pharaisich 
gu'm b*e Criosd an t-oighre. ** Ach an uair a 
chunnaic an tuath am mac, thubhairt iad eatorra 
fèin, 'Se so an t-Oighre, thigibh, marbhamaid 
e/' Tha làn eòlas aca, <« Oir ma pheacaicheas 
sinn do ar toil fèin an deigh dhuinn eòlas na 
firinn fhaotainn, chan fhàgar tuiUeadh 
dhuinn ìobairt air son peacaidh.'' (Mat. xxi. 
38. Eabh. x. 26.)— (2.) Cha-n f hoghainn an 
t-eòlas sin air a' chùis a bhi sa' cheann a mhàin, 
ach 's èigin rud-eigin do chinnt uime bhi anns 
a' chridhe. B' aithne do Chriosd smuaintean 
nam Pharaiseach, (Mat. xii. 24.) 's mar sin 
thug e breth orra, 's bha ceart atharrachadh an 



CÒIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 205 

ni bha iad a' labhaìrt air a dhearbhadh, gu'n 
robh iad 'ga smuainteachadh ^nan cridhe. 
Tha blasad ann a tha os-ceann foillseachadh 
gnàthaichte, (Eabh. vi. 4, 5.) Seadh, 's tric 
leis uiread dhearbhaidh bhi air a* chùis 's a 
threòraicheas gu mòran naomhachaidh o'n leth 
a muigh, " A mheas mar ni mi-naomha fuil a 
choimhcheangail, leis an do naomhaicheadh e." 
(Eabh X. 29.)— (3.) 'S èigin do'n làn-dearbhadh 
so a bhi, cha n-e mhàin air f ìrinn na cùise, ach 
mar an ceudna air a mhathas. Tha mhuinntir 
a' blasad deagh f hacail Dè, agus cumhachdan 
an t-saoghail tha chum teachd, (Eabh. vi. 4,) 
agus tha iad a' meas gur airidh e bhi air a 
thaghadh 's air a roghnachadh. — (4.) Cha-n 
ann a mhàin le neart connspaid a tha 'n làn- 
chinnte so air a dhearbhadh, ach mar an 
ceudna le obair soillseachaidh Spioraid Dhè a' 
deàlradh air an fhirinn 's 'ga deanamh 
soilleir; 's ann air son sin a theirear peacadh 
an aghaidh an Spioraid Naoimh ris a' pheacadh 
so, (Mat. xii. 31 ; Marc. iii. 29.) Tha e air a 
ràdii gu'n d' rinneadh an aiteam sin 'n an 
!uchd-co'-pairt do'n Spiorad Naomh, 's gu'n 
d* rinn iad tailceis air Spiorad nan gràs, a bha ro 
dhlù do dh' obair ghràsmhor oibreachadh annta. 
Eabh vi. 4 ; x. 29. 

An7is an treas àite. Anns a' chunntas so, 
thugaibh fainear oibreachadh dà phàirtidh an 
aghaidh a' chuspair a tha mar sin air ullachadli. 
'S e sin cùl a chur ris agus cur 'na aghaidh, ni 

T 



206 AN DÒIGH CHUM RUIGHEACHD AIR 

tha ciallachadli. — (L) Gu'n robh e aon uair 
air dhòigh-eigin aca, no air a' chuid a's lugha, 
gu'n robh e 'nan tairgse, mar tha e f ìor mu na 
Pharaisich. — (2.) Gu'm beil iad a' cur cùl, 
eadhon le tàir, ris na bha aca dheth, no ris na 
bha 'nan tairgse. Tha na Pharaisich 'ga 
àicheadh, 's a' labhairt gu tàireil mu Chriosd. 
(Mat. xii. 24,) *' Cha n-eil am fear so a' 
tilgeadh a mach dheamhan ach troimh Bheel- 
sebub prionnsa nan deamhan." Tha iad a' 
tuiteam air falbh chum Criosd a chur gu nàire 
fhollaisich. Tha na daoine 'g an cur fèin 'na 
aghaidh le spiorad na geur-leanmhainn, mar 
rinn na Pharaisich a ghnàth. Tha iad a' 
labhairt cainnt thàrail 'na aghaidh ; uime sin 
theirear taibheura an aghaidh an Spioraid 
Naoimh ris, Cheusadh iad losa Criosd a rithist 
nam biodh e 'nan comas. 'S eas-cairdean iad. 
Rabh. vi. 6. 3. Mat. xii. 24, 3]. Eabh. vi. 
6;x. 27. 

Anns a" cheathramh àite, Thugaibh fainear 
buaidhean an oibreachaidh so. — (l.) Tha efoll- 
aiseach, 'se sin, gun a bhi 'g iarraidh a chleth. 
Tha na Pharaisich a' labhairt gu follaiseach an 
aghaidh Chriosd. (Mat. xii. 24.) Bu mhiann 
leo Criosd a chur gu nàire f hollaiseach. 
(Eabh. vi. 6.) Tha iad a* trèigsin nan òrduigh- 
ean a tha air a thaobh, (Eabh. x. 25.) *s a' cur 
a chunnairt an neo-shuim ; oir, an dìiil ri fèirg 
an Uile-chumhachdaich, tha iad a ghnà a* 
deanamh dìmeas air an f huil sin, (Eabh. x. 27, 



CÒIR gHLAIKTEIL ANN AN CRIOSD. 20? 

29.) — (2.) Tha 'n aiteam ag oibreachadh le'n 
saor thoilfèiìu Cha-n ann o chiou toirt 
fainear a tha iad ris, no idir gu'm beil iad air 
an co-èigneachijdh d' a ionnsaidh, ach 's ann a 
tha iad 'ga chur an gniomh le 'n saor thoil 
fèin ; cha do bhrosnaich ni air bith na Phar- 
aisich gu labhairt an aghaidh Chriosd agus gu 
geur-leaumhainn a dheanamh air. Tha iad " 'ga 
cheusadh dhaibh fèin," tha iad ag ath-chur an 
gniomh am mòr fèin-thoil, gun neach air bith 'g 
an co'-èigneachadh g' a ionnsaidh. Tha iad a' 
peacachadh le 'n saor thoil, (Eabh. vi. 6 ; x.26.) 
. — (3.) Thaeairachur an gniomh le 'n làn-toil. 
Tha iad cho suidhicht' air a dheanamh, 's nach 
tabhair tairgse sam bith orra gun a chur an 
gniomh, mar tha e soilleir o na h-earrannan 
roi'-ainmichte do'n Sgriobtur. — (4.) Tha e air 
a chur an gniomh gu gamhlasach mi-rzinach, 
air chor 's nach eil ach a' chuid a's lugha dhe 
a* sruthadh o bhuaireadh chum toil-inntinn, 
buannachd no onair. Cha mhò a's ann o eagal, 
o neart, no idir o chrìch mhaith sam bith a tha 
e sruthadh ; ach o ghamhlas-cridhe an aghaidh 
Dhè 's a Mhac gràdhach losa Criosd, agus an 
aghaidh ardachadh a ghlòire agus arìoghachd: 
air chor 's gur h-ann do cheart ghnè peacaidh 
Shàtain a tha e, aig am beil fuath mì-runach 
neo-chrìochnach do Dhia, agus do dh'ìocshlaint 
a' pheacaidh, do bhrìgh gu'm beil glòir Dhè air 
a h-ardachadh d'a thaobh. Tha so 'na nì ro 
àraid anns a' pheacadh-sa. Tha na Pharaisich 



208 AN DÒIGH CHLM KUIGHEACHD AIR 

ciontacb do inhiosgaÌHn-cridhe an aghaidh 
Chriosd, a chionn gu 'n do labhair iad air an 
dòigh sin 'na aghaidh, 's cha n-ann an aghaidh 
an cloinne fèin a bha tilgeadh a mach dheomh- 
an ; agus so mar labhar Chriosd ; " Ma tha mise 
troimh Bheelsebub a' tilgeadh a mach dheamh- 
an, troìmh cò am beii bhur clann-sa 'g an 
tilgeadh a mach ?" (Mat. xii. 27.) Tha iad a' 
dol g'an dùlan chum Criosd a cheusadh às ùr, 
's g'a thoirt chum nàire fhollaiseach, Tha iad 
'nan eas-cairdibh coltach ris an diabhol. (Eabh. 
vi. 6 ; X. 27. ) — (5.) Tha e air a chur an gniomh 
gu tarcuiseach, 'S .èigin do 'n ghamhlas e 
fèin a nochdadh. B' èigin do na Pharaìsich 
fhoillseachadh gu 'n robh comunn aig Criosd 
ri deamhain, (Mat. xii. 24.) B' èigin achurgu 
nàire f hollaiseach, 's a cheusadh a rithist, B' 
èigin daibh an fhuil sin a shaltairt fo *n casaibh, 
agus tailceis a dheanamh air an Spiorad, 
(Eabh. x. 29.) Air chòr s gu'm b' f hearr ieis 
a' mhuinntir sin dol am mugha mìle uair, na 
dol an eìseamail Chriosd air son slàinte. 

'S e 'n ni mu dheireadh anns a' chunntas mu 
thimchioll a' pheacaidh so, an ni a's tric bhios 
'na cho-chuideachd ; tha e tàrmachadh eagal 
an-earbsach eu-dòchasach. Tha eagal aca 
roimhe-san a's fuathach ieò, le eagal tràilleil eu- 
dòchasach, mar tha aig na deamhnaibh ; " dùil 
eagalach ri breitheanas, agus fèarg theinnteach, 
a sgriosas na h-eascairdean.'' (Eabh. x. 27.) 
Tha dearbh-f hios aca gu'n cuir Dia a chumh- 



CÒIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 209 

achd an gniomh 'nan aghaidh : 's tha ìad air 
bhall-chrith an àni cuimhneachadh air, 's nam 
bu chomas daibh làmh-an-uachdar fhaotainn 
air, agus a sgrios gu tur, 's e tha iad a' miann- 
achadh ; 's o nach urrainn iad ruigheachd air 
sin a dheanamh, tha iad a', toirt fuath dha le 
mòr-mhiosgainn cridhe, 's a' deanamh geur- 
leanmhainn le tailceis air Triath nam feart 's 
air gach ni bhuineas da. 

'S e 'n treas ni a chuir sinn romhainn, an co- 
dhiìnadh a b' iomcliuidh a tharruinn o na 
chaidh labhairt, leis an labhair sinn air ball ris 
a'chunnuil. — (1.) Mar a nochd mi roimhe, o'n 
a tha 'm peacadh an aghaidh an Spioraid 
Naoimh cho suaicheanta 's gu'm faodar aith- 
neachadh gu soilleir far am beil e, cha chòir do 
neach sam bith a chur às an leth fèin, mur eil 
e làn-comasach air a' chùis a dhearbhadh gu 
soilleir ; oir 's dochair mhòr do Dhia, thu bhi 
cur mar f hiachaibh air t'anam nach toir esan am 
feasd mathanas dut ; 's e sin an aon dòigh gu 
thoirt ort tuiteam an eu-dòchas, agus do 
threòrachadh a dh' ionnsaidh a' pheacaidh anns 
nach faighear mathanas ; uime sin mur eil thu 
làn-chomasach air a ràdh gur fuathach leat an 
dòigh a dhealbh Dia chum peacaich a shàbh- 
aladh, 's gu'm beil thu runachadh cur an aghaidh 
soirbheachadh a rìoghachd, araon annad fèin 
agus ann an daoine eile, o mhì-run agus tailceis 
an aghaidh Dhè, cha chòir dhut a chur an 
teagamh gu'm beil thu ciontach do'n pheacadh 



210 AN DÒiGH CHUM RtJIGHEACHD AIR. 

so. — (2.) Ciod air bith peacadh d' an robh thu 
ciontach 'san am a chaidh seachad, ma tha thu 
gabhail aithreachais, agus nam b' fhearr leat 
gu'm biodh e gun deanamh fhathasd, *s eu- 
comasach dhut a bhi ciontach do'n pheacadh 
so ; oir anns a' pheacadh so tha mì-rùn cridhe 
agus gamhlas do Dhia 'd sìor-bhuadhachadh. 
—(3.) Ma tha thu toileach a bhi 'na eiseamal 
air son mathanais, agus gu'm biodh tu gu ro 
mhòr 'na chomain air a shon, an sin cha n-eil e 
comasach dhut a bhi ciontach do'n pheacadh 
an aghaidh an Spioraid Naoimh : oir, mar a 
nochd sinn roimhe, tha mhuinntir sin a tha 
ciontach dhe air cruadhachadh an aghaidh Dhè 
cho mòr le fuath mì-runach dha, 's nach biodh 
iad fo fhiachaibh sam bith dha air son an 
slànachadh agus an saoradh o thruaighe 
shìorruidh. — (4.) Ge b'e ni a rinn thu, ma tha 
togradh agad an dèigh Chriosd, ag amharc 'na 
dhèigh le cridhe goirt, 's nach diìirig thu 
dealachadh r'a chuideachd bheannaicht' a 
chaoidh, no ma 's èigin dut a bhi air do sgaradh 
uaithe, ma 's miann leat gu math e, 's ma tha 
thu 'n rùn math dha fein, 's do gach nì a 
bhuineas da, cha n-ion dut a bhi fo amharus 
gu'm beil thu ciontach do'n pheacadh sin anns 
nach faighear mathanas ; oir, cha n-urrainn 
dut na h-uiread fhuath a thoirt da 's a tha air 
iarraidh chum am peacadh sin a dheanamh 
suas. — (5,) Ma's miann leat a bhi os-ceann 
cumhachd a' pheacaidh sin, 's a bhi tèaraint' 



CÒIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 211 

oaithe gu bràth, imich mata agus cuir do 
cbridhe ann an suidheachadh iomchuidh chum 
a bhi toilichte le slàinte tre losa Criosd, 's a 
chum gabhail rì Dia ann-san, 's a bhi làn- 
toilichte leis mar an èirig agus an suaimhneas 
uile-dhiongmhalta, mar bha sinn ag iarraidh 
roimhe^ agus strìochdadh dhàsan chum a bhi air 
do shàbhaladh trid-san. Dean so darìreadh 
le t' uile dhìchioll, agus bidh tu gu sìorruidh 
air do chur os-ceann cumhachd a' pheacaidh 
sin a tha ro ghràineil dhuaichnidh leis am beil 
an droch-spiorad a' cur geilt-chrith agus oiilt 
air iomadh neach a tha gu dìchiollach ag 
iarraidh Dhè. 



CAIB. VII. 

Cunnuilean air an tarruinn o chion cumhackd ga 
creidsinn^ agus neo thairbhe^ air am freagradh. 

Cunn, Ged nach eil mi air mo dhùnadh a 
mach o shochair an nuadh cho-cheangail, 
gidheadh cha n-eil e'n comas domh creidsinn 
an Criosd ; oir 's e creideamh tìodhlacadh Dhè, 
agus tha e os-ceann cumhachd fal' agus feòla. 

Freag, Tha e fìor gun amharas gu'm beil 
creideamh slàinteil, leis am beil duine mhàin 
comasach air gabhail gu trèibhdhireach dìir- 
achdach ri Dia ann an Criosd, os-ceann ar 



212 AN liÒIGH CnUM RUIGHEACHD AIR 

cumhachd-ne, agus gur tlodhlac o Dhia e, mar 
a thuirt sinn roimhe : gidheadh thoir fainear. — 
(1.) Gu 'n d' fhàg an Tighearna Dia e 'na 
dhleasanas fiachaicht' air gach neach a chluinn- 
eas an soisgeul so, iad a ghabhail gu dìir- 
achdach tre chreidimh ri tairgse na slàinte tre 
Chriosd, mar tha e soilleir 'san Sgriobtur. 
Agus 's èigin dut fios a bhi agad, ged nach eil 
e 'n ar cumhachd-ne an dleasanas sin a 
choinihlionadh dhinn fèin ; gidheadh faodaidh 
Dia gu ceart-bhreitheach ar dìteadh do bhrìgh 
nach eil sinn 'ga cho-lionadh, agus tha sinn 
gun leisgeul againn, do bhrìgh gu'n d' rinn e 
air tùs an duine làn-chomasach air gach ni a 
dh' àithneadh e dha a cho-lionadh. — (2.) 
Leis mar dh' àithn an Tighearn an ni so, a tha 
os-ceann ar cumhachd-ne, tha e 'gar deanamh 
mothachail air cho neo-chomasach 's a tha sinn 
air a dheanamh, agus bu ghean-math leis gu'n 
earbamaid risfèin a' chiiis oibreachadh annainn. 
Gheall e gu'n tugadh e 'n cridhe nuadh 
seachad, 's cha do dhùin e neach air bith a 
mach o shochair a' gheallaidh sin. — (3.) 'S 
gnà le Dia trìd nan iarrtas agus nan cuiridhean 
sin, agus tre bhreìthneachadh agus achanaich 
dhaoine mu thimchioll na cùise, cumhachd 
agus neart a chum an dleasanas a cho-Iionadh, 
iomchar a stigh do 'n anam. Air an aobhar 
sin mar fhreagradh do'n chunnuil, tha mi 'g 
aslachadh ort an ainm an Tighearna Dia, gu'n 
gabh thu mòr shuim agus cùram d'a àinlibli 



CÙIU SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 213 

agus d'a gheallaidhean, 's gu'm beachd-smuaìn- 
tich thu air na nithibh sin, 's air gnothach 
beannaicht' an nuadhcho-cheangail, s gu'n 
deanadh tu ùrnaigh dhùrachdach ri Dia air an 
son mar is aithne dhut ; oir ni esan na nithe 
sin ma dh' iarrar air e ; (Esec. xxxvi. 37.) 
agus do chridhe fuar reòta chur ri ìnnleachd 
Dhè tha air ainmeachadh ann an Sgriobtur, 
agus ri losa Criosd a tha air a thoirt mar 
chìimhnant do'n phobull, agus geur-bheachd- 
aich air an t-Slànaighear bheannaichte chum 
beatha fhaotainn, agus t-ath-bheothaehadh. 
Imich romhad ma ta, agus oidheirpich a bhi 
làn-thoilichte le slighe na slàinte, air a mhodh 
air am beil Dia 'ga tairgse, agus gabh ri Criosd, 
agus socraich thu fèin air Ceannard do 
shlàinte chum sin a dheanamh, mar gu*m 
biodh an t-iomlan a d' chomas fèin ; gidheadh 
a' dearcadh air Criosd air son an iomlain^ air 
dhut làn fhios a bhi agad gur ann uaithe-san 
a's èigin da teachd : agus ma ni thu mar so, 
cha bhi an tì sin a tha " teachd an còmhdhail 
anTì a ta gabhail tlachd ann an ceartas,*' (Isa. 
Ixiv. 5.) fàillneach airathaobh fèin ; 's cha bhi 
aobhar agad a ràdh, gu'n deach thu air t'agh- 
aidh sa' chùis cho fada 's a bh' ann a d' chomas 
gus nach robh tuilleadh neart agad, 's gu'n d' 
fhàg thu a' chìiis an ìùib Dhc. Cha n-ann 
idir air a thaobhsan a bhios an fhàillinn, ma tha 
toil agadsa do'n chùis. Seadh fùs, ma tha do 
chridhe toirt mòr spèis do gach ni air an cual' 



214 AN DÒIGH CHLM RUIGHEACHD AIR 

thu rìamh iomradh mu 'n chùis, agus ma tha 
thu a' miannachadh còir a bhi agad air, faod- 
aidh mi a ràdh gu'm beil e agad cheana air a 
cho-lionadh annad ; air chor 's gu'm beil an 
cruaidh-chas sin thairis gun f hios dut. 

Ciinn, Tha iomadh neach a ghabh rì Criosd, 
mar tha e air a ràdh, a tha deanamh gnà- 
ghearan nach eil toradh iomchuidh aca, ni a*s 
coireach ri m' chridhe gun tuilleadh earbsa 
dheanamh à dleasanas a' chreidimh. 

Freag, Ma tha mothachadh agad gur 
dleasanas creidsinn ann an Criosd, cha n 
f haod thu sheachnadh no dhearmad air son 
leisgeul sam bith. Air son gearan cuid do 'n 
mhuinntir a dhlùthaich ris^ (gun a shaoilsinn 
gu'm beil gach aon neach comasach air breth 
neo-chlaon a thoirt mu'n toradh agus mu*n 
staid) — tha mi 'g ràdh. 

I. Gu'm beil iomadh neach le'n eud mu 
ghràdh Dhè, agus trìd am mi-chreidimh, an 
deigh daibh gabhail ri Dia, a tha cur bacadh 
air iomadh co-pàirteachadh ro phrìseil, a 
gheibheadh iad mur be na nithe sin, *' Agus 
cha d* rinn e mòran do dh'oibribh cumhachdach 
an sin, air son am mi-chreidimh." Mat. xiii. 
58. 

II, Cha-n f haod e bhith, gu'n d'fhuair aon 
neach aig an robh cridhe an dhèidh air Criosd, 
'na f hàsach e. (ler. ii. 31.) Gu cinnteach tha 
iad a' faireachdainn nì-eigin 'nan cridhe a tha 
'g an aomadh a dh' 'ionnsaidh Dhè anns an dà 



CÒIR SLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 215 

nì mhòr so> 'se sin, Cionnas a gheibhear annsan 
iad air chionn an latha sin. ^' Seadh gun 
amharas, agus tha mi a' meas nan uile nithe 
'nan call, air son ro-òirdheirceis eòlais losa 
Criosd mo Thighearna: air son an d' fhuiling 
mi call nan uile nithe, agus tha mi a' meas gur 
aolach iad chum gu'n cosnainn Criosd, agus 
gu'm faighear ann-san mi, gun m' f hìreantachd 
fèin agam, a ta o 'n I^igh, ach an fhìreantachd 
sin a ta tre chreidimh Chriosd, an f hìreantachd 
a ta o Dhia tre chreidimh :" (Phil. iii. 8^ 9.) 
agusfòs cionnas a bhios iad freagarrach d'a chiiù 
ann an tìr nam beò, " Buin gu fìal ri t' òglach, 
chum gu'm bi mi beò, agus gun coimhid mi do 
bhriathran. Oir shaor thu mo chasan o 
thuisleadh, chum gugluaisinn ann at* fhianais, 
a Dhè ann an solus nam beò," (Salm. cx ix.l7 ; 
Ivi. 13.) Tha iad a' mothachadh an dà ni siii 
gu h-ard anns an anam, agus is mòr sin. Os- 
barr, an dèigh dhaibh a' chùis a rannsachadh, 
mabheir iad breth neo-chlaon, tha iad a moth- 
achadh àite falamh annta fèin, nach eil nithe 
saoghalta comasach air a lìonadh suas : Is 
diomhanas leò gach ni, 's e Dia a mhàin a tha 
comasach air an ionad fhalamh sin a ta 'nan 
cridhe a lìonadh ; 's 'nuair a ni e-fèin rud-eigin 
do dhrùghadh air, cha bhi feum tuilleadh ac' air 
co-fhurtachd fhaighinn o nithibh saoghalta. 
Thaso agràdh gu'ndo thog Dia uile smuaintean 
an duine, 's gu'n do shuidhich e'n rìin slài.iteil 
sin anns a' chridhe agus anns an tuigse. Cò 



216 AN DÒIGH CHUM RUIGHEACHD AIR 

is Dia ann ach an Tìghearna? '^ Sleuchdaibh 
dha a dhèe uile." (Salm xcvii. 70 Seadh, 
osbarr, cha n-àicheadh a* mhuinntir a ghabh le 
'n uile chridhe ri Dia ann an Criosd, nach robh 
bacadh agus beothachadh tìmeil tràthail an 
dràst agus a rithist ann, 'nuair bha'n anam ann 
an cunnart fàilneachadh, " Oir ghabh thu 
roimhe le beannachadh do mhathais. — 'Nuair a 
ihubhairt mi, Tha mo chas air sleamhnachadh 
uam, chum do thròcair, a Thigearna, suas mi. 
Ann an lìonmhorachd mo smuaintean thug 
do chomhf hurtachd-sa sòlas do m* anam.' 
(Salm. xxi. 3; xciv. 18. 16.) Uime sin na 
h-abradh aon neach, nach eil toradh sam bith 
ann an co-chuideachd nan nithe sin ; 's na 
cuireadh neach air bith dàil 'nan dleasanas air 
son claon-ghearan neo-stèidheil dhaoine eile. 

CAIB. VIII. 

Mu thimchioll cùmhnmit a dheanamh ri Dia, 

Cunn, Ged tha mi meas gur e mo dhleasanas 
gabhail ri innleachd Dhè anns a' cho-cheangal, 
tha mi aineolach cionnas a's còir dhomh an 
dleasanas sin a chur an gniomh : oir tha Dia 
air uairibh a' tairgse bhi 'na Dia dhuinn gun 
luaidh air Criosd, 's air uairibh eiie tha e 'g 
ràdh, gu'n ceangail e ris fèin sinn agus tha 
sinn ann an àitibh do'n Sgriobtur air ar gairm 
a chum teachd a dh' ionnsaidh Chriosd, 's 



CÒIR SHLAIKTEIL ANN AN CRIOSD. 217 

gur esan am Fear-nuadh pòsta. A rìthist, 
tha Dia air uairibh a' labhairt uime fèin mar 
Athair do dhaoine, *s air uairibh mar Fhear- 
pòsta; air uairibh theirear am Fear-pòsta ri 
Criosd, 's aìr uairibh eile Bràthair ; 's air 
leam nach eil gach dàimh dhiù sin ro-f hreag- 
arrach d' a chèile, agus tha na nithe sin 'gam 
chumail an dorchadas cionnas a ni mi grèim 
air Dia, 'nuair bu mhiann le m' chridhe gabh^ 
ail ris. 

Freag. Faodar a ràdh le barantas, gu'm beil 
daoine teachd a dh* ionnsaidh Dhè, 's a* gabh- 
ail ris, agus tha iad cuideachd a' tighinn a dh' 
ionnsaidh Chriosd 's a' gabhail ris. Faodar a 
ràdh gu'n tig iad fo dhàimh-pòsaidh ri Dia, 
agus ri Criosd mar an ceudna, neach a tha 'na 
Fhear-pòsta, 'na Atbair, 'na Bràthair &c. 
dhaibh ; 's cha n-eil na h-uiread dhìomhaireachd 
an so 's a tha mòran dhaoin' a' breithneachadh. 
Chum 's gur feairrd a thuigear a' ehùis, thoir 
fainear na nithe so a leanas. 

I. Gu 'n d' rinn Dia an duine foirfidh an 
toiseach, 's ged thug e dha rud- eigin do chomas 
air cùmhnant a dheanamh ris air ball, (Ecles. 
vii. 29 ; Gen. ii. 16, 17.) gidheadh chuir an 
duine trìd an leagaidh, e-fèin fada bho Dhia, 
agus eu-comasach air ciàmhnanta tuilleadh 
a dheanamh ris gu grad. 

II. Dh' fhoillsich Dia an dè'igh tuiteam 
Adhamh, an nuadh cho-cheangal, leis an do 
nochd e gu'n robh e toileach cùrahnant a 

u 



218 AN DÒIGH CHUM RUIGHEACHD AIR 

dheanamh rìs an duine a rithist trìd 'Eadar- 
mheadhonair, 's mar sin dh* òrduich e do 
dhaoine teaced d'a ionnsaidh tre losa Criosd 
an t-Eadar-mheadhonair, (Eabh. vii. 25.) Tha 
e uile chomasach air an dream sin a thig a dh' 
ionsaidh Dhè trid-san, a shàbhaladh gn h.iom- 
lan, agus dùil a bhi aca ri taitneachd a mhàin 
ann-san, " Chum cliù glòire a ghràis, tre an d' 
rinn e sinne taitneach ann a Mhac gràdhach." 
(Ephes. i. 6.) ag òrduchadh do dhaoine èisd- 
eachd ri Criosd, do bhrìgh gu'm b' esan a 
mhàin an t-aon neach anns an robh làn toil Dhè. 
** Is e so mo Mhac gràdhach-sa, &c. (Mat. 
xvii. 5.) 

III. Tha chùis so cho soilleir aithnichte 'san 
Sgriobtur, agus tha e air a chiallachadh gu'm 
beil e mar sin do gach neach a tha fo òrduigh- 
ean an t-SoisgeiI, air chòr 's gu*m beil Dia gu 
minig a' labhairt mu chùmhnant a dheanamh 
ris fèin, gun luaidh air an Eadar-mheadhonair, 
do bhrìgh gu'm beil e air a bharalachadh, gu'm 
beil dearbh-fhios aig gach neach a th' anns an 
eaglais nach eil dòigh sam bith air teachd a 
dh' ionnsaidh Dhè, ach tre losa Criosd an 
t-Eadar-mheadhonair. 

lY. Tboir fainear nach e mhàin gu*m beil 
losa Criosd, neach a tha 'na Dhia agus 'na 
dhuine, 'na ionad còmhalach iomchuidh eadar 
Diaagusdaoine, chum a chèile a chionneachadh, 
's *na f hear-Iabhairt freagarrach chum sìth a 
dheanamh eadar an dà phàirtidh nach eil 'san 



CÒXR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 210 

àm so aon-sgeulach, bha '' Dia ann an Criosd, 
a' deanamh an t'saoghail rèidh ris fèin/' (2 
Cor. V. 19.) ach faodaidh sinn a ràdh mar an 
ceudna, gur esan am Fear-nuadh pòsta neo- 
choithcheann : air chòr 's gu'm faodar ^' Ban- 
ais Mhic an Rìgh*' a ràdh r' ar gabhail-ne ri 
Dia, agus faodar ** Bean phòst' an Uain'' a 
ràdh ris na daoine taghta ; 's e losa Criosd 
mar gu 'ra b' ann, an làmh atha Dia a' sìneadh 
a mach do dhaoine, 's air am beil iadsan a' 
deanamh grèim 'nuair tha iad a' gabhail ri Dia 
tre Criosd, mar an Dia fèin, air am beil an 
anam a' stad *s a' socrachadh air a cheann m*a 
dheireadh tre losa Criosd, '' Muinntir trìd-san 
a ta creidsinn ann an Dia a thog esan o na 
mairbh, agus a thug glòir dha, chum gu'm 
biodh bhur creidimh agus bhur muinghin ann 
an Dia/ 2 Pead. i. 21, 

V. Thoirfainear gu'm beil na dàimhean eug- 
samhail sin a tha air an ainmeachadh 'san 
Sgriobtur, air an cur sìos chum a chiallachadh 
an aonachd 's an co-chomunn seasmhach 
daingean nach faodar a chur fa-sgaoil a tha 
eadar Dia agus a phobull ; ge b'e dlìa-dhàimh 
agus co-chaidhreamh a tha eadar ceann agus 
buill, freumh agus geugan, rìgh agus ìochd- 
arain, buachaiH' agus treud, athair agus clann, 
bràthair agus bràthair, fear pòst' agus a 
bhean, &c. tha gach ni dhiù sinn ann an so ; 
'VChum gu'm bi iad uile 'nan aon; chum 
mar a ta thusa, Athair, annamsa, agus raise 



-220 AN DÒIGH CHUM RUIGHEACHD AIR 

annad sa, gu m bi iadsan mar an ceudna 
nan aon annainne ; chum gu'n creid an saoghal 
gu'n do chuir thusa uat mi. Agus thug mise 
dhaibh-san a' ghlòir a thug thùsa dhomsa, 
chum gu'm bi iad 'nan aon, mar a ta sinne 'n ar 
n-aon ; mise anntasan, agus thusa annam-sa, 
chum gu'n deanar coimhlionta iad ann an aon ; 
agus a chum gu'm bi fios aig an t-saoghal gu'n 
do chuir thusa uat mi, agus gu'n do ghràdhaieh 
thu iadsan, mar a ghràdhaich thu mise. Agus 
dh' fhoillsich mise t' ainm dhaibh, agus foill- 
sichidh mi e, chum gu'm bi an gràdh leis an do 
ghràdhaich thu mise, annta-san, agus mise 
annta." (Eoin. xvii. 1 — 26.) Air chòr 's ge 
b*e ni tha air a labhairt 'san Sgriobtur, faodaidh 
daoine thuigsinn, gu'm beil Dia g an gairm 
chum a bhi rèidh ris liein tre Chriosd, agus thà 
e ga thairgse fèin a chum a bhi' na Dhia 's 'na 
Fhear-pòsta dhaibh a mhàin ann-san : agus 
tha daoine gu gabhail ri Dia gu bhi 'na Dhia 
ac' ann an Criosd, 's a bhi làn-toilichte leis an 
fhuasgladh a th' air a sholar trid-san do 
pheacaìch bhochda chaillte, chum an teasraiginn 
o thruaighe shìorruidh : 's iad fèin a thoirt 
suas do Dhia ann an Criosd, anns an gabhar a 
mhàin gu taitneach riù. Agus a' mhuinntir 
sin a tha gabhail ri Criosd, tha iad a' gabhail 
ri Dia aim-san, a tha ann an Criosd, " a' 
rèiteachadh an t-saoghail ris fèin," (2 Cor. v. 
19; Eoin xiv. 8 — 11.) 'S cha n-eil sinn ri 
tuiUeadh rannsachaidh a dheanamh mu thim- 



CÒIR SHLAIM'EIL ANN AN GRIOSD. 221 

chioll nan dàimhean eug-samhail a th' air an 
ainmeachadh 'san Sgriobtur, eadar Dia, no 
Criosd, agus daoine, ni's faide na nochdas iad 
aonachd agus co-chomunn, no dlù-dhaimh ri 
Dia tre losa Criosd, agus ar buannachd d' an 
taobh. 

Air do na nithe sin a bhi làn-shoilleir, cha 
l ibhaìr sinn ach beag mu *n timchioll ; ach do 
bhrìgh gur e creidsinn ann an Criosd an 
dleasanas àraid a tha air iarraidh air gach 
neach a chluinneas an soisgeul so, gu 'n 
smuaintich iad gun dàil air an staid chaillte 
annta fèin, 's air an f huasgladh a f huair Dia 
tre losa Criosd, d'an tug e tairgse shaor do 
gach uile neach a bhios làn-toilichte leis, 's a 
bhios toileach a bhi air an sàbhaladh air an 
dòigh sin ; 's gu 'n tugadh iad fainear nach eil 
slighe sam bith eil' ann chum dol às o'n fhèirg 
a tha ri teachd, air son am biodh daoìne 
toileach ruith a stigh am buillsgean loch do 
hiaidh leaghte, air latha mòr a' bhreitheanais, 
chum bhi air am falach o ghnùis an Uain, air 
am beil iad san àm so a' deanamh tàir : tha 
sinn ag ràdh gu'm beil sinn a' guidhe air gach 
neach iad a smuainteachadh le mòr-dhùrachd 
air a' chunnart anns am beil iad, *s an cridhe 
oibreachadh suas chum na cùise so, 's iad fèin 
earbsa ri Dia, agus gabhail ris tre losa Criosd, 
ann an taìrgse an t-soisgeil, 's a bhi làn- 
toilichte leis, mar an t-aon ni math a tha mhàiu 
ion-mhiannaicht' agns a shàsaicheas gach neach 
aig am bi e, chum 's gu 'n dean iad an staid 



222 AN DÒIGH CHUM RUIGHEACHD AIR 

fèin tèarainte. Imichibh gu luath agus 
deanaibh geur-rannsachadh diìrachdacb air son 
tairgse, sìth, agus slàinte tre Chriosd a ta air a 
chur sìos 'san Sgriobtur, agus cuiribh 'ur 
cridhe agus ur n-anam ann am fonn agus ann 
an suidheachadh iomchuidh chum gabhail ri 
Criosd mar tha e air a thairgse 'san t-soisgeul, 
agus ri Dia ann an Criosd ; agus deanaibh e 
air chor 's gu *m faod sibh a ràdh, gu 'n robh 
sibh cho dìirachdach treibhdhireach anns a' 
chùis so 's a bha sibh riamh ann an gnothach 
'sam bith eile, 's a rèir aon ni a's fiosrach sibh, 
gur e Criosd an Slànaighear bhur roghainn 
thar gach ni agus neach eile, r'a bheag sam 
bith, nach aithne dhuibh 's nach toir sibh 
caidreamh do dh' aon ni bhios an aghaidh sin ; 
's gu'n do leig 'ur cridhe a' chùis gu breth Dhè 
ehum a rannsachadh agus f heuchainn am beii 
a bheag sam bith ann nach eil a rèir a thoile 's 
ma tha, gu'n leasaicheadh esan am mearachd, 
's gu'n treòraicheadh e sibh air an t-slighe 
cheart. 

A nise, 'se dlù-leantainn a' chridhe ri Criosd, 
^-fèin a thilgeadh air a chùram, a chum a bhi 
air a shàbhaladh leis, creidsinn, no creideamh, 
a tha gun amharas a' tèarnadh duine o 'n 
f hèirg a tha ri teachd, a chionn gu 'n do ghabh 
e 'nis air mhodh slàinteil ri losa Criosd, 's gu'm 
beil e creidsinn 'na ainm, 's air an aobhar sin 
cha bhi e air a dhìteadh, mar tha 'n Sgriobtur 
ag ràdh. 

Cunn. 'Nuair tha mi cluinntinn ciod e bhi 



CÒIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 2*23 

creidsinn ann an losa Criosd, saoilidh mi air 
uairibh gu'm beil creideamh agam ; oir faod- 
aidh mi a ràdh, a rèir aon ni air am fìosrach mi, 
gu'm beil mi làn-thoilichte leis aninnleachd sin 
a shàbhaladh pheacach tre losa Criosd an 
Slànaighear ; gu'm beil mo chridhe an tòir air, 
's 'ga shocrachadh fèin air mar ionmhas ion- 
rahiannaicht' a làn.shàsaicheas ; agus tha mi 
làn-toileach gabhail ri Dia mar mo Dhia ann- 
san. Ach 's minig a tha mi cur an teagamh, 
an do ghabh mi riamh ris air a mhodh so ; 
ionnas gu'm beii mi air mo chumail ann an 
iom-chomhairle agus fo amharas am beil mi a' 
creidsinn, no idir am beil mi aìr mhodh 
slàinteìl ann an cùmhnanta ri Dia. 

Freag, 'S tric ie iomadh neach a ghabh air 
mhodh slàinteil ri losa Criosd^ a' cheart nì sin 
fèin a chur an teagamh a rithìst: air an aobhar 
sin nochdaidh mi aon ni àraidh a dh' fhaodas 
a bhi 'na chuideachadh ro f heumail chum an t- 
anam a dheanamh làn-chinnteach araon a 
thaobh a' chreidimh agus a chòir air Dia ; 
agus 'se sin, daoine ghabhail, cha n-e mhàin gu 
dùrachdach ri Dia ann an Criosd, ach mar an 
ceudna '' gu'n gabh iad ri losa Criosd gu 
soilieir, follaiseach,riaghailteach, le cainnt beòil, 
's gu'n gabh iad ri tairgse Dhè trìd-san, 's mar 
sin gu'n dean iad co-cheangal ri Dia/' Agus 
faodaidh so, tre beannachadh Dhè, bhi ro 
fheumail dhaibh chum an daingneachadh 's an 
cur às an teagamh mu thimchioll an còir 



224 AN DÒIGH CHUM KUIGHEACHD AIR 

sblàinteil air Criosd. Mu'n labhair mì mu 
thimchioll a chùmhnanta shoiHeirsoadheanamh 
ri Dia, euiridh mi sìos roi'-làimh, na nithe so a 
leanas. 

I. Cha n-eil a mhiann orm 'san àite so gu*m 
bi eadar-dhealachadh mòr eadar an cùmhnanta 
so agus an cùmhnanta tha eadar Dia agus an 
eaglais fhaicsinneach, mar tha e 'ga nochdadh 
'na thoil fhoillsichte ; ni mò tha mhiann orm 
gu'm bi ach beag eadar-dhealachaidh eadar an 
cùmhnanta so agus cùmhnant a' chridhe ri Dia 
ann an Criosd mu'n do labhradh roimhe so ; 
oir 'se 'n cììmhnanta ceudna tha ann, gun 
chaochladh sam bith , ach a mhàin gu'm beil 
an ni bu chleachdadh leis a' chridhe a chur an 
gniomh roimhe, r'a labhairt a mach 'san àm so 
gu soilleir follaiseach, le cainnt beòil. 

II. Tha mi 'g aideachadh nach eil cùmhnant 
a dheanamh ri Dia air mhodh soìlleir air an 
dòigh so, anabarrach feumail chum slàinte ; oir 
ma ghabhas neach sam bith ri Dia ann an 
Criosd, gu treibhdhireach, dùrachdach, mar tha 
6 air a thairgse 'san t-soisgeul, bithidh 'anam 
*sa staid làn-tearuinte leis a sin, a rèir an 
Sgriobtuir, ged nach labhair e mach na nithe 
sin le bheul : ach air son sin, tha cùmhnanta 
follaiseach air a mhodh so ro fheumail, chum 
's gur feairrd a thuigeas duin' a staid fèin, 's 
gu'n coimhid e le barrachd co-fhurtachd a 
chòir air losa Criosd. 

III. Tha 'n ciimhnanta follaiseach so a 



CÒIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 225 

dheanamh ri Dìa le cainnt beòil, neo-èifeachd- 
ach mur bì 'n cridhe air mhodh trèibhdhireach 
dùrachdach, a' gabhail ri Dia ann an Criosd 
'na cho-chuideachd ; oir as eugmhais sin cha 
n-eil ann ach a bhi xni-naomhachadh ainra 
naomh' ionmholt' an Tighearna Dia, 's a* 
deanamh fanaid f hoìlaiseach air, agus mar sin 
a' dlùthachadh ris leis a* bheul, 'nuair tha 'n 
cridhe fad' uaithe. 

IV. Tha mi 'g aideachadh nach dean araon 
cùmhnanta dùrachdach agus cainnt beòil ri Dia, 
duine cho cinnteach mu staid ghràsmhor, 's 
nach bi e ann an teagamh mu'n chùis, as eug- 
mhais co-fhianais an Spioraid, leis an tuig 
sinn na nithe tha air an toirt duinn gu saor o 
Dhia ; gidheadh tha'n dòigh f hollaiseach so aìr 
cùmhnant a dheanamh ri Dia, ann an co-chuid- 
eachda gabhail ris ann an Criosd leis a' chridhe, 
'na mhòr-chuideachadh chum a chur an 
cuimhe duine, gu'm beil co-cheangal daingeann 
eadar Dia agus e-fèin, agus bithidh e 'naiomp- 
aidh air iom.adh cunnuil neo-stèidheil a bhios ag 
èiridh suas ann an eridhe agus an inntinn neo- 
bhunailteach f hògradh air falbh, a tha gnàth- 
aichte r'a àicheadh gu beag-nàrach 'san àm so, 
an ni a cho-lion 'sa chuir iad an gniomh 
tamull beag roimhe so. Tha 'n cùmhnanta 
follaiseacb so mar fhianais air na rinneadh 
eadar Dia agus an t-anam, agus mar sin tha e 
feumail chum creidimh a neartachadh. 

An labhairt ni's faide mu thimchioll a chùmh- 



226 AN DÒIGH CnUM RLGHEACHD AIR 

naìnte so, nochdaidh sinn. — (i.) Gur gnàth- 
achadh ro bharantaicht' e. — (2.) Nochdaidh 
sinn gu h-aithghearr an t-ullachadh a th' air 
iarraidh roi-làimh air a'mhuinntiranicùmhnant 
air a mhodh so ri Dia — (3.) An dòigh air an 
tèid daoine mu thimchioll an dleasanais sin. — . 
(4.) Ciod bu chòir leantainn an dèigh achùmh- 
nanta shoilleir so. 

'S e cheud ni chuir sinn romhainn a nochdadh, 
gur gnàthachadh barantaichte, agus dleasanas 
fiachaichte cùmhnant a dheanamh ri Dia gu 
soilleir, riaghailteach, le cainnt beòil ; mar a chì 
sinn o na nithibh so a leanas. — 

1. Ann an iomadh earrann de'n Sgriobtur, 
ma dh' amhairceas sinn air tha iad a* ciall- 
achadh, a rèir, an rùin, agus tomhas a chreid- 
imh, dh' àint Dia e, agus dh' fhàg se e mar 
dhleasanas fiachaicht' air daoine, " Their ani 
fear so, Is leis an Tighearna mise/'— -" Gu 
cinnteach, deir neach, anns an Tighearn ta 
agam fireantachd agus neart/* (Isa xliv. 5 ; 
xlv. 24.) '^ Nach gairm thu ormsa o 'nuair so 
ag ràdh^ M' athair, bu tusa fear stiùraidh m' 
òige." (ler. iii. 4.) ^' Their iadsan, Is e 'n 
Tighearn mo Dhia," (Sech. xiii. 9.) agus ann 
an iomadh ionad eile. A nise ma ta o'n a dh' 
earalaich Dia cho soilleir air daoine ann an 
litir an fhacail cumhnanta soilleir a dheanamh 
ris, faodaidh iad a bhi cinnteach gur gnàth- 
achadh barantaicht' e, a ta air a cheadachadh le 
Dia, agus ro thaitneach leis. 



CÒIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 227 

II. B' e gnàthachadh taitneach nan daoine 
diadhaidh san sgriobtur, ciìmhnanta soiUeir a 
dheanamh ri Dia air an dòigh so, agus f huair 
iad mòr cho-fhurtachd agus sith cogais o'n 
dleasanas so an dèigh dhaibh a dheanamh. 
'S minig a thuirt Dhaibhidh gu soilleir foilais- 
each ri Dia, gu'm b' esan a Dhia 'sa chuibh- 
rionn, agus gu 'm b' e fèin a sheirbheiseach. 
Cuiridh Tòmas a' chòir às an teagamh, " Agus 
fhreagair Tòmas, agus thubhairt e ris, Mo 
Thighearn agus mo Dhia.'' (Eoin. xx. 28.) 
Seadhfòs, thami'g ràdh,gu'mbeilmòr-shuaimh- 
neas aig na naoimh le bhi cuimhneachadh air 
na thachair eadar Dia agus iad fèin sa' chùis 
sin, '^ Cò tli agam anns na nèamhaibh ach 
thusaì agus an coimeas riutcha-w ezYneach air 
thalamh air am beil mo dhèigh. — Ghlaodh 
mi riut, a Thighearna ; thubhairt mi, Is tu mo 
thearmann, mo chuibhrionn anii an tìr nam 
beo." (Salm, Ixxiii. 25; cxlii. 5.) 'S minig a 
chì sinn e ann an Leabhar Dhàn Sholaimh. 
An robh na daoine sin a bha ro ionmhuinn le 
Dia cho durachdach ann an dleasanas a bha tàr- 
machadh uiread shuaimhneis agus thoil-inntinn 
daibh ann an iomadh càs, 's am bi sinne, fo 'n 
Tiomna-Nuadh, d' am beil comas teachd 
dlù do Dhia air a f hrithealadh gu ro phailt, 
's aig am beil comhpaìrt do bhrìgh a chroinn- 
ola ; am bi sinne, tha mi 'g ràdh, gearr anns 
an dànachd thaitneach so ri Dia ? O'n a tha 



228 AN DÒIGH CHIJM KUIGHEACHD AIR 

sinn a' toirt ionnsaidh air an neul sin do dh' 
fhianaisean a leantainn ann an nithibh eile, 
mar tha creideamh, teas-ghràdh, foighidinn, 
&c. leanamaid iad mar an ceudna anns an nì 
so a tha cho ro f heumail. 

III. 'S e an ni mu'm beil sinn a' labhairt san 
àm 50 a' chùis a*s ro f heumaile th' anns an 
domhanuile. \Sebeathaar n-anmannane, (Deut. 
xxxii. 47.) Och mo thruaighe 1 am bi daoine 
cho oidheirpeach air a bhi fiosrach, soilleir, 
dùrachdach 'nan gnothaichibh cudthromach 
eile, air son gu'm beil iad mar sin ; agus nach 
bi iad ni's ro oidheirpiche chum a bhi soilleir 
dùrachdach anns a' chiìis so, ris am beil an 
sonas siorruidh an earbsa ? 'S iongantach 
leam nach eil mòran, cha n-e mhàin 'ga labhairt 
le'm beul, ach 'ga mhionnachadh agus a' cur an 
ainme ris le'n làimh, 's nach deanadh iad gach 
ni bhiodh 'nan comas chum Dia ann an Criosd 
a dheanamh cinnteach dhaibh fèin, agus iad 
fèin do Dhia, ni tha'n sgriobtura'barantachadh, 
Isa. xliv. 5. 

Faodaidh so mar an ceudna bhi ro f heumail, 
mar argamaid a dh' earrJachadh na dòighe so 
air cùmhnant a dheanamh ri Dia, gu'm beil 
còir ann an Criosd, agus cùmhnanta trèibh- 
dhireach neo-cheaigach a dheanarnh ri Dia, 
'na ni a tha gu minig air a chur an teagamh 
leis na naoimh fein ; air an aobhar sin tha 
mòr fheum aig daoine air gach aon dòigh atha 



OÒIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSI>. 229 

'nan comas a gnàtbachadh, eadhon le smuain- 
tibh, facal agus gniomh, chum a' chùis a chur 
às an teagamh. 

Tha 'n ni so mar an ceudna freagarrach 'san 
àite so chum so earalachadh raar dhleasanas, 
gu'm beil Dia cho riaghailteach, soilleir, agus a 
rèir an lagha, anns gach gnothach a bhuineas 
do shlàinte an duine, 'se sin r'a ràdh, 'S èigin 
gu'm bi Criosd 'na charaid dìleas dhà-san d' 
am buin còir air an t-sàorsa ; 's èigin da bhi air 
a thagadh, air a ghairm, lìghdarras a bhi air a 
thoirt dha, 's air a chur uaithe ; 's èigin do 
chumhnaatan riaghailteach a bhi eadar an 
t- Athair agus esan, an t-Athair a' gabhail pàigh- 
padh agus dìoladh, 's a' dubhadh a mach nam 
tiacti, 's gach aon ni bhi air a dheanamh gu làn- 
shoiUeir. Am bi 'n Tighearna ro shoilleir, 
dùrachdach anns gach earrann de'n chùìs, agus 
an gabh ar cuid-ne dhe gu tàmh ann an 
smuaintean mi-riaghailteach do-thuigsinn, agus 
sinn a bhi mar bhrùidean bnlbha 'na làthair ? 
Nam b'e pòsadh eadar fear agus bean a bhiodh 
ann, cha mheasadh daoine gu'm bu leòir e, ged 
bheireadh a' bhean aideachadh seachad 'na 
cridhe, 's an duine bhi fiosrach air a sin ; mur 
d' aidich i riamh na h-uiread sin le cainnt beòil, 
air dh'i bhi comasach air sin a dheanamh. A 
nis, tha'n cumhnanta so eadar Dia agus duine 
air a nochdadh 'san Sgriobtur, mar phòsadh 
eadar fear agus bean. (Hos. ii. 19, 20 ; 2 Cor. 
xi. 2.) Tha Dàn Shoìaimh gu hiomlan a' 



230 AN DOIGH CHUM RUIGHEACHD AIR 

labhaìrt uime air an dòigh sin. Tha 'n Tigh- 
earn' a* gnàthachadh cosamhlachdan, chum a 
chiallachadh dhuinne ciod a tha 'na rùn a 
dheanamh ; agus gu cinnteach 's ni ro àraidh 
so ann am pòsaidh, gu'n co-aontaich a' bhean 
gu saor, soilleir, chum na ciìise: theiran duine, 
Mar so tha mi 'ga d' ghabhail chum bhi a d* 
mhnaoi phòst' agam, 's tha mi cur mar fhiach- 
aibh orm fèin gu'm bi mi a m' fhearpòsta 
dìleas dut: 's èigin do'n mhnaoi air an làimh 
eile, ainmeachadh gu'm beil i toileach, agus a 
ràdh, Eadhon mar sin tha mi 'ga d' ghabhail 
chum a bhi a t' fhear-pòst' agam, agus tha mi 
gealltainn a bhi gu dleasanach umhal dut. 'S 
amhail a tha 'n so ; tha 'n Tighearn ag ràdh, 
Tha mi 'ga d' cheangal rium fèin ann an ion- 
racas, agus goiridh tu Isi dhiom,*' 'se sin m' 
fhear-pòsta, Bithidh mi dhutsa mar cheann 's 
mar f hear pòsta, mur bi thu air son neach eile, 
(Hos. ii, 16—20. iii. 3.) Bu chòir do'n duine 
freagairt, agus a ràdh, Amen, mar sin bitheadh 
e, bi'dh tusa a d' Dhia, a d' cheann 's a d' 
Thighearna dhomh-sa 's bi'dh mise leatsa, 's 
cha-n ann le neach eile. 'S le m' ghràdh mise, 
agus is leamsa mo ghràdh." (Dàn vi. 3.) Agus 
mar sin theirear ris a' chùmhnant a nithear air 
an dòigh so ri Dia, an làmh a thoirt dha, mar 
tha'm facal ag ràdh, (2 Eachd. xxx. 8.) a tha 
'g ainmeachadh cìimhnanta follaiseach, soilleir, 
riaghailteach ri Dia. Mar sin ma ta, tha sinn 
a' breithneachadh gur dleasanas fiachaicht' e, 



J 



CÒIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 231 

agus gnàthachadh ro thaitneach, a tha ro 
fheumail a thoirt suaimhneis do dh' ìnntinn 
duine, agus tuilleadh co-fhurtachd a thoirt dha 
le bhi 'n cùmhnanta ri Dia, 's a tha co'-f hreag- 
radh ni'sfearr do dh'aontachadh agus do thairgse 
Dhè anns a' ghealladh mhòr sin, *< Bi'dh mise a' 
nV Dhia dhuibhse, agus bi'dh sibhse 'n 'ur 
pobull domhsa." 

Cha n-e mhàin gu'm bu chòir do dhaoine 
gabhail gu follaiseach ri Dia ann an Criosd air 
an dòigh so chum an cridhe a shocracbadh ; 
ach faodaidh iad mar an ceudna, an cìimhnanta 
so ath-nuadhachadh ri Dia air àmannan sòn- 
raichte, gu h-àraid 'nuair a bhios iad tre 
bhuaireadh a' cur an teagamh an do naisg iad 
cumhnanta treibhdhireach, dùrachdach, neo- 
chealgach air a mhodh so riamh ri Dia. Mar 
tha iad an sin ri nuadh-ghniomharran do 
chreidimh a chur a mach, a' dlù-ghabhail ri 
Criosd mar chuibhrionn 's mar ionmhas ion- 
mhiannaichte, agus mar an ceudna, aig amaibh 
eile, air chor 's gu'm b' f heumail, gu sònraichte 
ma tha teagamh sam bith sa* chùis, gu 'n 
rachadh a' chonnspaid a rèiteachadh le cainnt 
beòil, 's gu'n abradh iad mu'n Tighearn' agus 
ris, gur h-esan an tèarmann agus an cuibh- 
rionn, (Salm xci. 2 ; cxlii. 5) Tha sinn a* 
faicinn gu'n robh na naoimh 'ga dheanamh ; 
agus faodaidh sinn an eisearaplair a leantainn. 
Gu h-àj'aidh. 

L Ann an àra cùl-sleamhnachadh ro mhòr, 



232 AN DUlGH CHUM RUIGHEACHD AIR 

bu ghnà leis a' phobull an cumhnant ath- 
nuadhachadh ri Dia, 's bu chòir dhuinne a 
dheanamh mar an ceudna, Bu chòir d' ar 
cridhe dol a mach an dèigh Chriosd ann an 
geallaidhnean na rèite ri Dia : oir 's esan ar sìth 
anns gach cùis, agus ar Fear-tagraidh ; agus 
tha e mar f hiachaibh oirnne greim a dheanamh 
air mar sin, 'nuair a pheacaicheas sinn. " Ma 
pheacaicheas neach air bith, tha fear-tagraidh 
againn maiUe ris an Athair, losa Crìosd am fìr- 
ean ;" (1 Eoin ii. 1.) agus an uiread sin 
ainmeachadh gu soilleir le cainnt beòil, mar bu 
ghnà leis na naoimh a dheanamh an àm dhaibh 
an cùmhnant ath-nuadhachadh o 'n leth a 
muìgh ri Dia. 

II. 'Nuair tha daoine 'n cunnart sam bith, 
bu mhath gu 'n cuireadh iad an cridhe a mach 
'na dhèigh, 's gu 'n ainmicheadh iad an ctimh- 
nanta ris, chum an cridhe fèin a' dheanamh 
cinnteach. Tha sinn a* faicinn gu 'n d'rinn 
losua sin, 'nuair a bha e gu tàmh a ghabhail an 
talamh Chanaan, ann an meadhon ribeachan. 
(los. xxiv.) 'S amhail rinn Daibhidh 'nuair bha 
e 'na èigin " Fo sgàile do sgiathan gabhaidh 
mi mo thearmann, gus an tèid na h-uilc so uiie 
thairis.'* Salm Ivii. ]. 

III. 'Nuair tha daoine fo amharas gu*m beil 
Dia fada uapa, 's gu in beil an anam a' seacadn 
/s a' dol air ais, an sin 's tèaruinte diiaibh iad a 
ghabhail gu dùrachdach, trèibhdhìreach ri 
Criosd, tre chreidimh chum an anmannan a 



CÒIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 233 

shàbhaladh ; agus bu mhath a' chùis a chur às 
an teagarah, le ainmeachadh gu soiUeir. 'Se so 
an dòigh air bhrìgh a tharruìnn o Chriosd an 
fhreumh, chura an t-anara a bheothachadh, 's a 
chum an cridhe a dhaingneachadh 'na làthair. 
Tha'n chèile ann an Dàn Sholaimh a* deanamh 
mar sin^ 's air a mhodh so a' tagradh còir air, 
'nuair a bha i 'na leithid a staid, ag aidmheil 's 
a' nochdadh gu 'm b' esan a gràdh. 

IV. Ann am frithealadh suipeiran Tighearna, 
bu chòir do dhaoine gabhail gu ro dhùrachdach 
ri Dia ann an Criosd air a mhodh so, 's an 
uiread sin a labhairt 's a chur an cèill gu 
soilleir: oir *s cuirm gràidh sin ; agus 's ann 
an sin a tha sinn a' gabhail ri Dia ann an 
Criosd, le aidmheil fhollaiseach, 's a' faighinn 
seula na rinn sinn : uime sin tha e iomchuidh, 
san àm sin, araon an cridhe 's an teanga thoirt 
suas chum ar n-aidmheil a fhreagradh, a' 
gabhail ri Dia chum bhi 'na Dhia dhuinne, 's 
'g ar toirt fèin thairis dhà-san chura bhi leis, 
agus air ar stiùradh a rèir a thoile. 

Cha suidhich sinn pobull an Tighearna gu 
<im shònraicht' air son an dleasanais so : faod- 
aidh an Tighearn a shònrachadh dhaibh 'nuair 
a's àill leis ; ach tha e ro chunnartach mabhios 
daoine tuiUeadh 's tric a deanamh cùmhnanta 
follaiseach ri Dia, gu'm fàs iad mi-chìiramach 
mu 'n chùis. Air an aobhar sin cha n-eil e clio 
iomchuidh gu'n ath-nuadhaicheadh daoine an 
cùmhnanta follaiseach sin ri Dia gu tric 'na 



234 AN DÒIGH CHUM BUIGHEACHDAIR 

uile bhriathraibh, ach gu ma fearr leò fhoill- 
seachadh do Dhìa gu'm beil iad a' seasamh rìs 
a chùmhnant a rinn iad ris, agus gu'm beil iad 
'ga choimhid, 's nach tèid iad gu sìorruidh air an 
ais uaithe : agus faodaidh iad suim a' chùmh- 
naint ainmeachadh an àm tagradh an còir air 
Dia ann an Criosd, mar an Dia fèin : agus faod- 
aidh iad so a dheanamh gu minig, eadhon 'nan 
uile achanaichean ri Dia. Agus do bhrìgh 
coltais 'se so an ni a bha'n rùn nan naomh 'nan 
cleachdadh cho gnàthaichte 'san Sgriobtur, 
'nuair tha iad a' tagradh an còir air Dia, mar 
an Dia 's an cuibhrionn ; agus tha e iomchuidh 
gu'n cùm daoine 'nan uile-ghluasad, an cridhe 
aig a' chuis, le bhi dlù-leantainn ri Dia ann an 
Criosd. Bu chòir do'n bheatha tha sinn a' 
caitheamh 'san f heòil a bhi tre chreidimh ann 
am Mac Dhè. Gal. ii. 20. 

'S e 'n dara ni chuir sinn romhainn a nochd- 
adh, Ciod an t-uUachadh a tha air iarraidh roi'- 
làimh air an duine sin a tha gu cùmhnanta 
follaiseach a dheanamh ri Dia; a bharrachd 
air na labhair sinn roimhe, tha sinn a' nochdadh, 
(1.) Gur h-èigin dhasan leis an àill cùmhnanta 
follaiseach a dheanamh ri Dia, fios a bhi aige, 
gu'm beil an gnàthachadh sin barantaicht' agus 
ceadaichte le Dia, mar a nochd sinn roimhe : 
mur bi fios aig duine air so, cha^n eil e 'na 
chomas a dheanamh tre chreidimh, agus mar 
sin bidh e 'na pheacadh dha, (Rom. xiv. 23.) 
Ge b'e ni nach eil o chreidimh 's peacadh e. (2.) 



CÒIR 6HLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 235 

Gur h èigin da a chridheoibreachadhsuaschum 
a bhi toileach d* a ionnsaidh,chum'snachbreug- 
aich e an teanga ; oir bidh e 'na f hanaid mhòr air 
Dia, dlùthachadh mar àn ris leis na bilibh 
'nuair tha 'n cridhe fad' uaithe : Isa. xxix. 13. 

'Se 'n tì^eas ni r'a thoirt fainear mu'n chumh- 
nanta shoilleir so a' dheanamh ri Dia, an dòigh 
anns an còir a dheanamh ; 's a bharr air na 
ehaidh a labhairt roimhe mu ghabhail ri Criosd 
leis a' chridhe, nochdaidh mi 'san àite so. 

1. Gu'm bu chòir do dhuine dheanamh gu 
muinghineach, cha n-e mhàin a' creidsinn gu'm 
beil e mu thimchioll a dhleasanais 'nuair tha e 
'ga dheanamh ; ach mar an ceudna gu 'n .-gabh 
Dia ann an Criosd ris an dòigh bhochd neo- 
iomlan anns a'm beil e 'ga dheanamh ; tha 
e gabhail ri duine a rèir 's mar tha aige, 
ma tha 'inntinn toileach. (2 Cor. viii. 12.) 
Bha peighinn air a gabhail, o na mhnaoi 
bhochd a thaobh nach robh tuilleadh aic 
r'a thoirt seachad. (Marc. xii. 44.) Seadh, 
nam bu chomasach ruigheachd air, bu chòir 
do'n duine a chreidsinn gu'n sruth co-f hurt- 
achd ro mhòr o'n ghniomh so, agus bithidh 
gach ni gu math ; agus gu'n dean Dia, a tha 
'ga cheangal fèin air son gach neach a th' anns 
a chùmhnanta, (on a stiùir e an duine dh' 
ionnsaidh na roghainn shona, shòlasaich so) 
ann an tomhas èigin esan freagarrach, 's gu'n 
crìochnaich e gach ni a bhuineas da : Is fìr- 
inneaeh an tì tha 'g ar gairm, neach mar ati 



236 AN DÒIGH CHUM HUIGHEACHD ATR 

ceudria a ni e. (1 Tesal. v. 24.) Ma bhìos a' 
mhuinghin so a dhìth air, bi'dh an gnothach so 
air a dheanamh le eagal agus le eud ro mhòr, 
mur bi leis ni's miosa ; 's cha bhi fois no 
suaimhneas aig an duine d'a thaobh. 

II. Bu chòir dha bhi air a dheanamh gu 
naomha. 'Se *n "cùmhnanta naomh'' a theirear 
ris, (Luc. i. *J2.) nithe naomha Dhaibhidh. 
(Gniomh. xiii. 34) Bhiodh e iomchuidh nach 
biodh an cùmhnanta soilleir so ri Dia, air a 
dheanamh air dhòigh fhaoin gun seadh, ach ann 
an achanaich shònraichte ri Dia ; bu chòir a 
labhairt gu saor, soilleir, ris an Tighearna, 
" Ghlaodh mi riut, a Thighearna ; thubhairt 
mi, Is tu mo thearmann, mo chuibhrionn." 
(Salm cxlii. 5.) Tha e 'na ni ro iomchuidh ann 
an gnothach cho cudthromach, gu'n rachadh 
rudeigin do dh* ùin* a shònrachadh air leth air 
son aideachadh agus achanaich an làthair Dhè ; 
seadh fòs, bu chòir do *n neach atha deanamh 
cùmhnant air an dòlgh so ri Dia, ionnsaidh a 
thoirt air smuaintean ard-urramach a bhi aige 
mu mhòrachd agus mu ard-uachdranachd Dhè. 
*» A ta thu mòr a Thighearna Dhè ; oir cha 
n-eii neach ann cosmhuil riut, agus cha n-eil Dia 
ann achthusa.'* (2 Sam. vii.22.) gedthaemarso 
'ga irisleachadh fèin a dh* fhaicinn nithe air 
nèamh agus air thalamh ; agus bu chòir do 
smuaintean iriosal truaillidh a bhi aigan dumeair 
fèin,ann an co4org nan smuaintean naomh*ard- 
urramach sin mu Dhia, gedtha e air aghabhail 



COIU SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 237 

a stigh chum na h-aird inbheso. " Ansinchaidh 
rìgh Daibhidh a stigh, agus shuidh e am fianais 
anTighearna,agusthubhairte,Còmìse, O Thìgh- 
earna Dhè, agus ciod e mo thigh, gu'n tug thu 
mi gu ruige so ?" (2 Sam. vii. 18.) Cha chùìs 
bheag a bhi 'n dlù-dhaimh ris an Dia mhòr, 
ard Chruithear nèimh agus na talmhuinn, 
agus r'a Mhac losa Criosd ; mar thuìrt Daibh- 
idh 'nuair thairg rìgh Saul a nighean da. (1 
Sam. xviii. 22.) Seadh os-bar, bu chòìr do dh' 
f haicill shònraichte bhi aig duin' air a chridhe, 
gu'm buannaicheadh e ann an suidheachadh 
spioradail an àmancùmhnantadheanamhriDia* 

Tha mòr reusan air an dleasanas a cho-lion- 
adh air an dòigh naomha so ; oir tha daoine ro 
ullamh air a bhi aineolach umpa fèin, 's gus an 
Tighearn a dhealbh a rèir am baraile fèin, agus 
gu fàs feòlmhor, saoghalt' anns a' chùis, o'n a 
tha e air a nochdadh mar chùmhnanta pòsaidh 
anns gach cainnt ghnàthaichte mu ghràdh, mar 
ann an Dàn Sholaimh ; Isa. Ixii. 5 ; Seph. iii.l7 

'Se 'n cealhramh ni chuir sinn romhainn a 
nochdadh, ciod bu chòir leantainn an dèigh a 
chùmhnanta shoilleir so ri Dia. Tha mi 'g 
ràdh, a bharrachd air an aonachd *s air a cho- 
mun sin ri Dia ann an Crìosd, a tha ' n 
lorg creidimh, ma ni duine cumhnanta fol- 
laiseach le cainnt beòil ri Dia. 

1. 'S còir dha bhi ro chùramach chum 
fuireach dlù do Dhia anns gach gnè chaithe- 
beatha ; oir ma ni duine o'n àm sin ni sara bith 



238 AN DÒIGIi CHUM RUIGHEACHD AIR 

gu neo-iomchuidh, tha e breugachadh 'fhacail 
am fianais Dè> 's tha chogais 'ga bioradh *s 'ga 
cràdh leìs, agus bidh e 'na ribe 's 'na lìon da. 
Ma chuireas duine bho sin a mach cùl ri Dia, 's 
gu'n gabh e os-làimh e fèin, a stiùradh, o nach 
eil e leis fèin, chionn gu*n d'f hosgail e a bheul 's 
gu'n tug e a bhòid do 'n Tighearna gu'm biodh 
e leis, tha e deanamh geur-rannsachadh an 
dèigh bhòidean, 's a' slugadh suas an ni sin a 
tha naomha, Gnà. xx. 25. 

11. 'S còir dhàsan a tha air a mhodh so a' 
deanamh cùmhnanta ri Dia, buanachadh gu 
daingeann anns an ni sin a chuir e roimhe ; oir 
's nàr mi-chiatach do dhuine a ghabh a chridhe 
ri Dia, 's a dhaingnich e le bheul gu follaiseach 
'na làthair, breugair' a dheanamh dheth fèin a 
rithist, agus caidreamh a thoirt do ni sam bith 
a bhios an aghaidh 'aidmheil ; 's ann bu chòir 
dha a' chùis a choimhid gu dàna, misneachail, 
an aghaidh gach ni do-rèitich a thig na charamh. 

A nise, ma ta, ceadaichibh dhorah bhur 
n-earalachadh, sibhse leis 'm bu mhiann a bhi 
air bhur daingneachadh ann an cùis bhur còir 
air Dìa, gu'n cuir sibh air leth gun dàil sam 
bith rud-eigin do thìm a chum ùrnaigh a 
dheanamh an làthair Dhè, a' saoithreachadh 
chum bhur cridhe oibreachadh gu dùrachd, 
gràdh, agus gu creidimh an dleasanais, chum 
co-cheangal, agus cùmhnant a dheanamh ri Dia 
ann am briathraibh soilleir air a mhodh so: — 

** O Thighearna 's creutair bochd caillte mi 



eÒlR SHLAINTEIL AKN AN CRIOSD. 239 

a thaobh nàduir, 's a thaobh cunntas gun 
àireamh do pheacaibh-gniomha, a tha mi 'g 
aideachadh fa-leth ann ad làthair, air an latha 'n 
diugh ; agus ged rugadh mi 'san eagiais 
f haicsinnich, 's ged bha mì o *n bhroinn ann an 
cùmhnanta riutsa, *s ged bha an nì ceudna air 
a nasgadh dhomh ann am baisteadh ; gidheadh 
chaith mi mo bheatha, rè ùin' f hada as eug- 
mhais Dhè anns an t-saoghal, gu h-aineolach, 
neo-mothachail air a cheangal fo 'n tàinig mi 
leis a chìimhnanta sin. Fa-dheòigh dh' fhoilU 
sich thusa dhomh mo staid chaillte, thruagh 
annara fèin, agus nochd thu do m' chridhe am 
fuasgladh ieòir-fhoghaiteach sin a fhuair thu 
tre losa Criosd, 'ga thairgse gu saor dhomh-sa 
air chùmha gu'n gabhainn ris, agus gu'n 
gabhaìnn riutsa mar mo Dhia ann an Criosd, a' 
sparradh agus ag earalachadh orm gabhail ris 
an tairgse so, agus teicheadh a dh* ionnsaidh 
losa Criosd, air dhut mo chunnart anabarrach 
a leigeadh ris dhomh : Seadh, a rèir aon ni 's 
fiosrach mi, làn-rìmaich thu mo chridhe 'san 
àm so, agus dhealbh thu e air son gabhail ri 
losa Criosd, 'ga threòrachadh a mach às a 
dhèigh ann an tairgse 'n t-soisgeil^ a' toirt orm 
diùthachadh ris an Dia bheò, chum gabhail ris 
air an dòigh sin, 's a bhi gu neo-chealgach làn- 
toiiichte le 'thairge. Agus a chum gu'n faodainn 
teachd a dh'ìonnsaidh an t-socrachaidh spioraid 
sin anns a' chùis so d' am bu chòir co-fhurt- 



240 AN DÒIGH CHUM RUIGHEACHD AIR 

aclid a thoirt domh, 's a chum cliù do ghràsan 
glòrmhor-sa, tha mi ann an so air an latha 'n 
diugh chum a' chùis sin a chur às an teagamh 
le briathran soilleir, follaiseach a d' làthair, a 
rèir do thoile. Agus a nise, tha mise, neo- 
airidh mar tha mi, sl foillseachadh gu'm beil mi 
creidsinn gu'm b'e losa Criosd a chaidh achur 
gu bàs aig lerusalem, Mac Dhè, agus Slàn- 
aighear an t-saoghail, tha mi creidsinn an 
teisteis sin, Gu'm beil beatha bhith-bhuan ann- 
san do dhaoine, agus ann-san a mhàin ; tha mo 
chridhe air an latha 'n diugh làn-toilichte leis 
an innleachd sin chum peacaich thruagha a 
shàbhaladh trid-san, agus tha mi 'g earbsa m' 
anma ris ; tha mi gabhail ri rèite ri Dia trid- 
san, 's a' gabhail riutsa mar mo Dhia ann-san ; 
tha mi 'ga roghnachadh air gach dòigh air am 
beil e, 's gach ni a dh* f Imodas a leantainn ; 
agus tha mi 'g am' thoirt fèin 's gach ni tha 
agam thairis dut : a' miannachadh bhi aìr m' 
eadar-dhealachadh o gach aon ni a's fuathach 
leatsa, cho fad 's as fiosrach mi. A nis, tha 
mi toirt mo làimhe dhut, 's a* gabhail gach ni 
tha mu m' thimchioll mar fhianais, ge b'e seòl 
air 'n do chaith mi mo bheatha 'san àm a chaidh 
seachad, gu'm beil mi san àm so a' gabhail r* 
tairgse Dhè tre Chriosd ; agus gu'm beil mi air 
an latha 'n diugh a' deanamh cùmhnanta 
cinnteach riut, ris an seas mi chaoidh, ann an 
dòchas gu*n dean thu gach ni freagarrach 



CÒJR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 241 

araon air do thaobh fèin agus àir mo thaobh-sa, 
's ag aslachadh gu ro dhùrachdach, mar a's 
miann leani a bhi air mo shàbhaladh, gu 'm bi 
mo thruailleachd agus m' eu-ceartan air ari 
ceannsachadh, 's mo mhuineal air a thoirt fo d' 
chuing shòlaisaich-sa anns na h-uile nithibh, 's 
mo chridhe air aomadh chum aontachadh gu 
cridheil, suilbhearra leis gach ni a's toileach 
leatsa dheanamh rium chum na crìche sin. A 
nise, glòir gu'n robh dhuts, O Athair, a dhealbh 
a leithid sin do shlàinte, 's a thug do Mhac 
chum a cho-lionadh : mòr-chliù gu'n robh do 
dh' losa Criosd. a choisinn le luach cho mòr 
dol a mach a ghràidh sin o uchd an Athar, 
agus 's ann a mhàin trid-san a tha 'n comas so 
air a thoirt do dhaoine, agus 's ann ann-san a 
tha mis' air mo dheanamh rèidh ri Dia, ag"s 
gu h-urramach air mo cheangal ris, agus cha-n 
eil mi ni's mò am' nàmhaid no am' choigreach 
dha : mòr mholadh do'n Spiorad Naomh' a 
thug caismeachd dhomh 'nuair bha mi 'ga m' 
mhilleadh fèin, cha n-e mhàin gu 'n tug e 
mothachadh dhomh air mo chunnart, ach mar 
an ceudna dh' fhosgail e mo shùilean chum 's 
gu'm faicinn am fuasgladh a th' air a dhealbh 
ann an losa Criosd ; seadh, agus rinn e mo 
chridhe fìadhaich, borb, deònach air tuiteam 
ann an gaol air Criosd, mar an t-ionmhas a 
làn-shàsaicheas agus a ni duine saibhir ; 's tha 
e 'ga m' sheòladh air an latha 'n diugh cionnas 
a ni mi ciimhnanta ri Dia, agus an dòigh arr 

Y 



242 AN DÒIGH CHUM RUIGHEACHD AIR 

an daingnich mi dhomh fèin uile-thròcair 
chinnteach Dhaibhidh, agus beannachadh 
Abraham, *s a chum deagh-ghean agus 
càirdeas Dhè a dheanamh cinnteach dhomh 
fèin gu suthainn sior ! A nise tha mi le m* 
anam 's ìe m' chridhe, agus leis gach ball do 
m* bhaliaibh, cho fad 's a tha m' chomas, làn- 
thoilichte leis an roghainn athogmi'n dìugh,a' 
cur romham à so suas, gun a bhi leam fèin ach 
leatsa ; agus gu 'm bi gach ni a bhuineas domh 
air do chùram, mar mo Cheannard agus mo 
Thighearna : a' cur romham gu h-iriosal, nach 
dean fàillinnean air mo thaobh-sa, (ni tha fios 
agadsa ga*m beil mi cur 'nan aghaidh le m' uile 
dhìchioll) an ciìmhnanta so neo-èifeachdach ; 
oir mar sin thubhairt thu, 's cha n-eil a mhiann 
ormsa a mhi-ghnàthachadh, ach dlùthachadh 
riut ni's ro dhlùithe ; agus 's èigin domh comas 
a bhi agam an cùmhnant so ath-nuadhachadh 
cho tric 's a thuigeas mi sin feumail. Tha 
dearbh-fhios agam a nise gu'm beil do thoil-sa 
mu 'n chùmhnant so air a chur sìos 'san 
Sgriobtur, air chòr 's nach ion domh nuadh- 
fhiosrachadh sam bith ìarraidh aìr, agus air 
dhomhsa gabhail ri d' thàirgse air do chùmh- 
nantan fèin, feithidh mi o so suas ris an ni tha 
math, agus ri d' shlàinte-sa air a cheann mu 
dheireadh. Mar tha thusa fìrinneach agus 
dìleas, thoir mathanas domh anns na chaidh mi 
am mearachd sa' chìiis so, agus gabh rium gu 
càirdeil air sgàth mo Thighearna gràdhach losa 



CÒIR SHLAINTEIL aNN AN CRIOSD. 243 

Criosd, trid am beil mi mhàin ag iarraidh 
mathanais. Agus mar fhianais air na rinn mi, 
tha mi cur mo sheula ris, gu'm beil Dia fìor, 
ann am foillseachadh gu'm beil e 'na Shlàn- 
aighear làn-fhoghainteach chum peacaich a 
shàbhaladh/' 

Deanadh daoine cùmhnanta ri Dia a rèir 
mar theagaisgeas an Tighearna dhaibh, co dhiù 
's ann am briathraibh a's teirce na's lìon- 
mhoire na tha 'n so ; oir cha n-eil a mhiann 
oirnn riaghailt suidhichte chur roimh neach 
sam bith ; ach a mhàin gu'm beil e iomchuidh 
gu 'n aidicheadh daoine ann an làthair an 
Tighearn' an staid chaillte annta fèin, 's am 
fuasgladh a ta tre losa Criosd, agus gu 'n 
aidich iad gu'm beil iad 'ga ghabhaii mar tha 
e air a thaìrgse 'san t-soisgeul, 's gu*m beil iad 
gu taingeil làn-toilichte leis, 'g an earbsa fèin 
gu h-iomlan ri Dia, chum bhi air an sàbhaladh 
leis 'na sheòl fèin, ris a'm beil iad a' feitheamh 
a rèir 'f hìreantachd. 

Nan deanadh daoine so gu cridheil, trèibh- 
dhireach,dùrachach,dh'fhaodadh e tre bheann- 
achadh Dhè,an cuideachadh chumancreideamh 
a dhaingneachadh an aghaidh iomadh eagal 
agus amharus , agus dh' fhaodadh iad ni 
math àraid a chomharrachadh a mach o *n 
latha agus o'n uair so, ni a dh' f haodadh mòr- 
cho-fhurtachd a thoirt daibh ann an iomadh 
trioblaid anns am faodadh iad tuiteam an dèigh 
làimhe, math-a-dh-fhaoidte aig ani bàis. 



244 AN DÒIGH CHUM ItUlGHEACHD AIK 

S iad sin na briathran mu dheireadh a labhair 
Daibhidh. '' Ged nach eil mo thigh mar sìu 
aig Dia, gidheadh rinn e co-cheangal sìor- 
ruidh riumsa, air a shuidheachadh annsgach 7^2, 
agus a choimhidear ; oir is e so mo shlàinte 
uile, agus mo mhiann uile.'' (2 Sam xxiii. 5.) 
Tha e 'na ni mòr ma dh' f haodas duine ràdh ri 
Dia, Tha dearbh-fhios agad gu 'n robh latha 
agus uair ann, anns an do ghabh mi ri sìth tie 
losa Criosd, 'na leithid sin do dh' àite, 's gu'n 
tug mi mo chridhe thairis dut, chum do lagh 
gu h-iomlan a sgrìobhadh air : tha nèamh agus 
talamh 'nam fianaisean air a' chìiis sin 
*' Cuimhnìch do t' òglach am facal^ ris an tug 
thu orm dòchas a bhi agam." Salm cxix. 49. 

Cunn. Cha n-eil do dhànadas agam aleithid 
sin do chainnt a labhairt ri Dia, do bhrìgh 
nach eil mi a' faireachdainn mo chridhe a' 
tighinn air aghaidh cho fad 's bu mhath leam 
ann an gràdh agus ann an dùrachd ; air chor 
's nach deanainn ach breug do Dhia, ged ? 
dheanainn cùmhnant air a mhodh sin ris. 

Freag, Tha e 'na fhìor chiàis-mulaid nach 
eil cridhe dhaoine, le gràdh laiste, a* diù- 
ghabhail le mor-thogradh, ris an tairgse agus 
ris a' chuibhrionn bheannaichte sin ; gidheadh 
mar f hreagradh do 'n chunnuil ; — cuimhnich. 

I. Nach eil an cridhe gu h-iomlan air ath- 
nuadhachadh aig a' mhuinntir d'am beil an 
Tighearn a' toirt a' chridhe nuadh, a dealbh 
Chriosd annta ; tha feòil agus spiorad a miann- 



CÒfR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 245 

achadh an aghaidh a chèile, air chor 's nach eil 
e 'n comas do dhuine am math no *n t-olc bu 
mhiann leis a dheanamh, a chur an gniomh mar 
bu mhiann leis. (Gal. v. 17.) Tha' chùis gu 
math ma tha' chuid a's mò do'n chridhe a' 
dol a mach an dèidh air Criosd, a* miann- 
achadh gabhail ris air a thàirgse fèin. 

II. Tha gràdh reusonta do dh' losa Criosd 
gu minig anns a' chridhe, 'ga nochdadh fèin le 
spèis a bhi aige d' a àintibh, <' Oir is e so gràdh 
Dhè, sinn a choimhid àintean : agus cha n-eil 
'àintean-san troni," (1 Eoin v. 3.) 'nuair nach eil 
gràdh buadhail mothachail ann a ni 'n t-anam 
tinn, '* Tha mi tinn le gradh :*' (Dàn ii, 5.) 
cha-n ion do dhaoine dùil a bhi aca ris a' 
ghràdh so gach aon àm. Tha mi 'g ràdh, ged 
robh nì-eigin ann ad chridhe a bhios a' tarr- 
uinn air ais ; gidheadh ma 's urrainn thu a 
ràdh, gu'm beil mothachadh agad air do staid 
chaillte às eugmhais Chriosd, 's gu'm beil 
fìreantachd a dh' uireasbhuidh ort chum do 
chiont fhalach, *s gu'm beil neart a dhìth ort 
chum cathachadh an aghaidh a* pheacaidh, no 
chum an nì sin a 's taitneach le Dia a dhean- 
amh. agus gu*m beil thu faicinn iomlanachd 
ann-san ; anns an dà ni sin ma tha thu comas- 
ach air a ràdh, gu'm beil nì-eigin ann ad 
chridhe a tha deònach gabhail ri Dia air a 
thairgse fèin, agus leis 'm bu mhiann araon 
fìreantachdfhaighinnachumfìreanachadh, agus 
neart a chum naomhachadh ; agus gur e an ni 



246 AN DÒIGH CHUM RU1GHEA.CHD AIR 

tha 'n taobh a stigh dhiot a tha cur an aghaidh 
so, ann an cuid do thomhas, do throm-uallach 
agus do dhaorsa ; ma tha chùis mar so, tha do 
chridhe air a thoirt air aghaidh mar nach olc 
anns a* chùis, gluais air t-aghart a dh' ionn- 
saidh na h-oibreach, agus socraich a' chùis le 
cùmhnant a dheanamh ri Dia, agus abair, gu'm 
beil araon fìreantachd agus neart agad anns an 
Tighearna, mar a mhionnaich e b' èìgin dut a 
dheanamh, (Isa. xlv. 23, 24.) Tha e 'na ni ro 
thaitneach a ràdh ri Dia, tha mi a' creidsinn, 
'nuair tha mòran do mhi-chreidimh a* gabhail 
còmhnaidh annam, 's a tha 'n cridhe air a 
roinn anns a' chuis, " A ta mi creidsinn, a 
Thighearn ; cuidich thusa le mo mhi-chreid- 
imh." (Marc. ix. 24.) Nochd do Dhia a' cheart 
dòigh air am beil do chridhe, air chor 's gu'm 
faod thu bhi neo-chealgach 'na làthair, gun nì 
sam bith a chleth air ; agus cuir do chridhe 
eeart mar tha e, 'na làimh, chum a lagh a 
sgrìobhadh air, a rèir a chùmhnanta ; oir 'se 
sin an ni tha e 'g iarraidh air daoine, gu 'n toir 
iad an cridhe dha, chum 's gu'n suidhich e a 
làn-toil air ; agus ma 's urrainn dut aontachadh 
gu cridheil a dh' ionnsaidh sin, a* meas gu'm 
beil fuil Chriosd leòir-fhoghainteach chum làn- 
dioladh a thoirt air son ciont' an duine, faod- 
aidh tu dol gu neo-sgàthach agus cùmhnanta 
follaiseach a dheanamh ri Dia, oir rinn do 
chridhe agus t-aigneadh e cheana. 

Cun?i, Cha n-eil do dhànadas agam cùmh- 



1 



CÒIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 247 

nant a dheanamh ri Dia air a' mhodh so air 
eagal gu' m bris mi e ; seadh, tha mi làn.chinnt- 
each na'n tigeadh a leithid so do bhuaireadh 
am' char, air a chur mu m' chomhair air an 
dòigh so no air an dòigh ud eile, gu n lùbainn 
agus gu n gèillinn da: air an aobhar sin lecùmh- 
nant a dheanamh air an dòigh so ri Dia, 'nuair 
tha roi'-shealladh agam air an ni sin^ cha 
deanadh e ach mo chionta an-tromachadh. 

Freag» 1. Dh' inndrinn thu cheana ann an 
cùmhnanta ri Dia, mar a's ball thu d'a eaglais 
f haicsinnich ; 's cha n-eil anns an ni tha nise 
'g earail ort, ach gu'n dean thu 'n cùmhnanta 
ris air mhodh ni's dùrachdaiche agus ni's 
trèibh-dhiriche na rinn thu roimhe ; tha mar 
fhiachaibh ort cheana gabhail gu ro dhùrachd- 
ach ri Dia ann an Criosd ; agus ma ni thu e a 
d' chridhe, tha dòchas agam nach eil an cunn- 
art ni's mò le ràdh gu'm beil thu 'ga dhean- 
amh, no gu*n d'rinn thu e cheana. 

II. Ciod a nì thu ma chuireas tu cùl ri 
co-cheangal dùrachdach a dheanamh ri Dia 
ann an Criosd, agus mur gabh thu r'a shìth 
mar tha i air a tairgse 'san t-soisgeul ? Cha 
n-eii dòigh sam bìth eil' ann leis am bi thu air do 
shàbhaladh ; 's èigin dut an dara cuid so a 
dheanamh, no dol am mugha gu sìorruidh ; 
agus ma ni thu e le d'chridhe, faodaidh tu mar 
an ceudna a ràdh le d'bheul. 

III. Ma chuireas daoine cùl ri co-cheangal 
a dheanamh ri Dia, a^r son gu m bi iad ciontach 



248 AN DÒlGH CHUM RUIGHEACHD AIR 

do dli' àr-a-niach an dèigh làimhe, cha bu chòir 
do dhuine sam bith cùmhnant a dheanamh ris; 
oir gu cinnteach bi'dh gach aon neach ciontach 
do pheacadh an dèigh làimhe, ma mhaireas 
iad beò ach ùine ro bheag an dèigh daibh an 
ciimhnant a dheanamh : agus cha-n aìthne 
dhuinn seòl sam bith coltach ris a so chum 
daoine a chumail o chùl-shleamhnachadh ; oir 
ma ni thu cùmhnanta fìrinneach neochealgach 
ris, tha esan a' cur mar f hiachaibh air fèin, a 
bharr air a' chridhe nuadh, a chum 'eagal 's a 
reachd a chur ann, gu'n tabhair e a' Spiorad 
dhut, a thoirt ort gluasad 'na shlighe. Agus an 
uair a ni thu'n cùmhnanta ri Dia, tha thu 'gad' 
liubhairt fèin da, chum a bhi air do naomh* 
achadh 's air do dheanamh a rèir a thoile. 'S 
e sin thu-fèin a thoirt suas dà-san a chum bhi 
air do threòrachadh *na shlighe anns gach aon 
nì, agus air do chumail o^i droch shlighe, 's 
cha n-e aon cheangal o'n leth a muigh air do 
thaobh fèin chum a shlighe a chòimhid, agus 
fuireach o*n ok*- : air chÒr 's nach ruig thu leas 
*agal no sgàth a ghabhail roi'n chùmhnanta ; 
se is briathran da; ''Nach àìll leat a bhi airdo 
dheanamh glan ?" (ler. xiii. 27.) agus tha gach 
neach a tha seachnadh cùmhnant a dheanamh 
ri Dia, a' nochdadh nach àill leo bhi air an 
glanadh. 

IV. Mar tha e cruaidh do mhuinntir sam 
bith a ràdh gu cinnteach, gu'm peacaich iad, 
nan tigeadh a leithid sin do bhuaireadh 'nan 



CÒIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 249 

car, air a chur fa'n comhair air an dòigh so 
no air an dòigh ud eile, do bhrìgh gu'm faod 
daoin' a shaoilsinn an dara cuid gu'n cùm Dia 
buaireadh às an caramh, no nach fuiiig e gu'm 
bi iad air am buaireadh thar na tha iad comas- 
ach air a ghiùlan, no gu'n toir e dhaibh seòl air 
dol às. '^ Is e Dia ar tearmann agus ar neart ; 
ar cobhair ro dheas ann an teanntachdaibh." 
(Salm xlvi. 1.) " Cha do thachair deuchainn air 
bith ribh, ach ni a ta coitcheann do dhaoinibh: 
ach tha Dia dìleas, nach leig dhuibh a bhi air 
bhur feuchainn tha bhur comas ; ach a ni 
maille rìs an deuchainn slighe dol às mar an 
ceudna, chum gu'm bi sibh comasach air a 
giùlan." (] Cor. x. 13.) Air chòr 's nach i a 
cheist, ciod a ni nii an dèigh làimhe ; ach ciod 
tha 'm rùn a dheanamh 'san àra so ? Ma 
chuireas mo chridhe cealgaireachd sam bith, no 
rùn suidhichte chum peacachadh às mo leth, 's 
èigin domh cùl a chur ris a' sin mu*n dean mi 
cùmhnanta ri Dia : ach mur cuir mo chridhe a 
leithid sin do rùn no do thogradh às mo leth ; 
seadh, ma dh' f haodas mi a ràdh, gu'm beil mi 
'g oidheirpeachadh cur an aghaidh gach 
peacaidh ; agus ged tha mi breithneachadh 
gu'n strìochd mi do leithid sud no a leithid so 
do bhuaireadh, gidheadh cha n-ann o rùn 
suidhichte no togradh sam bith gu sin a dhean- 
amh a tha'n smuain sin a' sruthadh, ach o eòlas 
air mo thruailleachd fèin, agus air na rinn mi 
cheana gu Dia a bhrosnachadh chum mo 



250 AN DÒIGH CHUM RUIGHEACHD AIH 

thrèigsinn ; ach tha fios aig an Tìghearna nach 
e nio rùn gu'm peacaich mi, 's nach eil tlachd 
agam do thogradh dìomhair sam bith ann am 
chridhe a tha los am peacadh a chur an 
gniomh, ach b'e mo roghainn gu'm bithinn air 
mo chumail air m' ais o pheacachadh *na 
leithid sin do chàs ; agus tha mi 'ga m' mheas 
fèin a'm* dhuine truagh, air son a leithid sin do 
chorp bàis a tha'n taobh a stigh dhiom, ni tha 
bagradh gun toir e orm peacachadh 'na 
aghaidh. Anns a' chàs sin tha mi 'g ràdh, 
** cha n-eil mo chridhe 'ga m' dhìteadh ; uime 
sin tha dànachd agam am fianais Dè/' Ma *s 
ann mar so a tha chùis, tha mi 'g ràdh riut, 
ged' pheacaich thu air iomadh dòigh an dèigh 
làimhe,agus leis a sin, math-a-dh-fhaoìdte, iom- 
adh pian ro mhòr aimsireil atharruinn ort fèin^ 's 
gu'n caiU thu car tamuill iomadh dearbhadh 
air a ghràdh ; gidheadh '' tha fear-tagraidh 
maille rìs an Athair chum mathanas a thagradh 
dhut," (1 Eoin ii. 1.) a thug làn-dìoladh air 
son ar peacaidh-ne, " Ach lotadh e air son ar 
peacaidh-ne, bhruthadh e air son ar n-ain- 
gidheachdan ; leagadh air-san smachdach. 
adh ar sitli, agus le a chreuchdaibh-san shlàn- 
aicheadh sinne : Chaidh sinn uile, mar chaor- 
aich air seacharan ; thionndaidfi sinn gach aon 
ga shlighe fèin ; agus leag an Tighearn air- 
san aingidheachd gach aoin dinn." (Isa. liii. 5, 
6.) -Agus air a shon-sa tha Dia a' cur roimhe 
gn'n eùm e gu daingeann an cùmhnanta ri 



COIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 251 

daoìne an dèigh dhaìbh peacachadh, '< Ma 
thrèigeas a chlann mo lagh, agus nach gluais 
iad an am bhreitheanasaibh ; ma mhi-naomh- 
aicheas iad mo reachdan, agiis nach glèidh iad 
m' àitean ; an sin fiosraichidh mi le slait 
an eusaontas, agus le buillibh an eu-ceart. 
Gidheadh, cha bhuin mi gu tùr mo chaoimh- 
neas-gràidh uapa, agus cha bhreugaich mi mo 
ghealladh." &c. (Salm Ixxxix. 30—37.) No 
cionnas a cheangladh e ris fèin sinn gu suth- 
ainn sìor ? (Hos ii. 19, 20.) agus cionnas a 
bhiodh an cìjmhnant air a ghairm " 'na 
cho-cheangal bithbhuan air a riaghladh anns 
gach aon ni agus cinnteach," mur biodh stèìdh 
chum co-fhurtachd ann, " eadhon 'nuair nach 
eil ar tigh mar sin ri Dia?'* 2 Sam. xxiii. 5. 

Seadh, cha b' fhearr e na cùmhnanta nan 
gniomh, nam bu chomasach do'n aiteam a dh* 
inndrinn ann maille ri Dia, dealachadh ris mar 
sin a rithist, air chor 's gu'n deanadh iad neo- 
èifeachdach dhaibh fèin e, 's iad fèin a chur an 
staid bu mhiosa na anns an robh iad mu'n 
d'rinn iad idir e. " Agus ni mi riù co-cheangal 
sìorruidh, nach pill mi air falbh uatha," (ler. 
xxxii. 40. air a choimeas ri Eabh. viiì. 6,) 
** Ach a nise fhuair e ministreileachd a's ro- 
f hearr, a mheud gu'm beil e mar an ceudna 'na 
eadar-mheadhonair air co-cheangal a*s fearr, a 
chaidh a dhaingneachadh air geallaibh a's fearr." 
— " Oir is fuath leam-sa esan a chuireas air 
falbh, deir an Tighearn.'' (Mal. ii. 16.) Cha 



252 AN DÒIGH CHUM RUIGHEACHD AIR 

ghabh crìdhe trèibh-dliireach sam bith mi- 
mhisneach dhe so, ach 's dàcha gum bi e air a 
neartachadh leis ann an dleasnas, *^ Leighisidh 
mise an cùì-sleamhnachadh, gràdhaichidh mi 
iad gu saor ; oir phill mo chorraich air falbh 
uaith. Cò a ta glic, agus tuigidh esan na nithe 
so ? crionna, agus aithnichidh se iad ; oir tha 
sligheannan an Tighearna ceart, agus gluaisidh 
na fìreanan annta." (Hos. xiv. 4 — 9.) Oir tha 
ceanglaichean eile air mnaoi dhìleas phòsta, a 
bharr air eagal dealachadh agus peanas le bàs, 
a tha 'ga co-èigneachadh chum a dleasanas a 
cho-lionadh ; air an dòigh cheudna sa' chùis 
so, bi'dh eagal an Tighearn agus a mhathas air 
daoine. Hos. iii. 5. 

Cunn. Rinn mi an àm frithealadh Suipeir an 
Tighearna, agus air uairibh eile, cùmhnanta 
soilleir follaiseach ri Dia ; ach tha cion tairbhe 
'na cho-lòrg, agus m' an-earbsa mu m' staid 
ghràsmhor, a' toirt orm a chur an teagamh an 
d'rìnn mi cùmhnanta trèibh-dhireach, diirachd- 
ach, neo chealgach riamh ri Dia, 's air leam 
nach eil e ^n comas domh a dheanamh air 
mhodh a's dùrachdaiche na rinn mi cheana. 

Freag. 1. Cha n-ion do dhaoine dùil a bhi 
aca ri toradh a rèir am miann, no dearbh- 
chinnte air deagh-ghean Dè air ball an dèigh 
dhaibh teicheadh a dh' ionnsaidh Chriosd, agus 
CLimhnanta follaiseach a dheanamh ri Dia ann- 
san : cumaidh na nithe sin duine ri gnà-obaìr 
fad uile-làitheana bheatha. Bha 'm fàilinnean 's 



CÒIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 253 

am mearachdan fèin anns na naoimh, seadh, 
agus cùl-shleamhnachadh maille ri iomadh 
teum do mhi-chreideamh ro-chunnartach, an 
dèigh dhaibh gabhail gu trèibh-dhireach, 
follaiseach, dùrachdach, ri Dia, mar an Dia 
ann an Criosd. 

11. Tha dùil aig raòran ri toradh 'nan gluas- 
ad, agus daingneachadh creidimh o'n dùrachd 
fèin leis an d' rinn iad cììmhnanta ri Dia, a 
roghainn air fhaotainn o Spiorad an Tighearna. 
Tha'n cridhe a' deanamh bun às an ionracas 
agus às an ionnsaidhean fèin, 's cha-n ann à 
losa Criosd an Slànaighear, neach as eugmhais 
nach eil e'n comas duinn ni sam bìth a dhean- 
amh, 's nach eil annainn ach diomhanas anns 
an staid a's fearr anns am beil sinn. Bu chòir 
do dhaoine thoirt fainear nach oibrich aon 
earrann do ghràs tomhas air bith do ghràs ; a 
bharr air sin, cha n-eil ni sam bith comasach air 
gràs oibreachadh ach gàirdean treun, uile- 
chumhachdach lehobhab : 's nan leigeadh daoine 
an taic ri Criosd, agus cùmhnant a dheanam-h 
ris mar an làn-dleasanas, ge b'e ni a leanadh 
air a' chuid bu lugha, a' dearcadh air-san 8 
mhàin air son toradh iomchuidh, b'f heairrd' a 
shoirbhicheadh an gnothach leo. Cha n-eil 
Dia toileach gu'n gabh daoine ri Criosd, 's gu'n 
dean iad cùmhnanta ris car tamaill, gus am faic 
iad am bi a leithid do thoradh agus do dhaing- 
neachadh 'na cho-chuideachd, a' cur rompa 
gu'n cuir iad cùl r'an còir air, agus ris a' 
z 



254 AN DÒIGH CHUM RUIGHEACHD AIR 

chùmhnarita,mur bi leìthìd sud no so do thoradh 
r'a fhaicinn air chionn na h-uiread so do 
dh-ùin. 'S e so slighean Dh^ a chur gu deuch- 
ainn, agus tha e ro mhi-thaitneach leis. 'S 
èigin do dhuine gabhail da rìreadh ri Criosd, 
agus cumhnant a dheanamh ris, a'cur rompa 
na nithe sin a choimhid mar an dleasanas, agus 
mar dhòigh ullamh gu ruigheachd air toradh, 
ge b'e air bith ni a leanas 'nan lòrg ; air dhaibh 
fianais a bhi aca annta fèin, gu'm beil iad gu 
dùrachdach ag oidheirpeachadh a bhi a rèir a 
thoil fhoiUsichte anns gach aon ni ; 's gu'n do 
naisg iad cùmhnanta ris air son an aobhair sin, 
cho math 's gu bhi air an sàbhaladh leis. 

III. Cha bu chòir do dhaoine bhi ro obann 
gus an dùrachd leis an d'rinn iad cùmhnanta ri 
Dia a chur an teagamh, mur eil iad comasach 
air a dhearbhadh gu soiileir, no mar eil 
deagh bharantas aca chum sin a dheanamh. 
Ma tha thu comasach air ceilg sam bith anns 
a* chumhnant a rinn thu ris a dhearbadh, tha e 
mar fhiachaibh ort cùl a chur ris agus a leas- 
achadh, agus cùmhnanta dùrachdach a dhean- 
amh ri Dia gu neo-chealgach ; ach mur robh 
fios agad air do chealgaireachd 'nuair a rinn 
thu'n cùmhnanta ris ; seadh, ma tha thu 
comasach air a ràdh, gu'n do leig thu chùis gu 
breth Dhè 'san àm sin, gu'n robh thu 'ga 
dheanamh gu neo-chealgach, 's nach gnothach 
meailtach a bh* ann ad rùn a dheanamh ; agus 
gu'n do ghuidh thu air a rèir 'fhìreantachd, 



CÒIR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 255 

gu'n rannsaicheadh e'n robh ni sam bith neo- 
iomchuidh annad, 's ma bha, esan g'a fhoill- 
seachadh dhut. 's g'a leasachadh. *' Rannsaich 
mi, a Dhè, agus aithnich mo chridhe : 
dearbh mi agus tuig mo smuaintean Agus 
amhairc am beil slighe olc air bith annam, agus 
treòraich mi anns an t-slighe shìorruidh." 
(Salm cxxxix. 23, 24,) agus gu'n tàinig thu 'n 
dèigh sin a dh' ionnsaidh an t-soluis, chum 's 
gu'm biodh do ghniomharrann air an deanamh 
follaiseach^ (Eoin iii. 20,21,) agus mar urrrainn 
thu ràdh, gu'n robh freagradh Dhè dhuts o 
'fhacal, cho fad 's a b'urrainn dut an tuigsinn, 
'n an comharradh air sìth, 's 'nan dearbhadh 
air do dhùrachd 's air do thrèibh-dhireas. 
Seadh os-barr, ma tha thu saor gu ràdh, ged a 
bhiodh tu a rithist gu cùmhnant a dheanamh 
ris aig uair a' bhàis, nach b' urrainn thu 
dheanamh air dhòigh sam bith eile, no le 
barrachd diìrachd na rinn thu cheana, faodaidh 
mise ma ta a ràdh riut an ainm an Tighearna 
Dia, nach còir dhut an cùmhnant a rinn thu 
ris a chur an teagamh, no idir an dùrachd leis 
an d' rinn thu e, ach '* dànachd a bhi agad an 
làthair Dhè, o nach eil do chridhe 'ga d' 
dhìteadh." (1 Eoin iii. 21.) Agus tha mar 
f hiachaibh ort a chreidsinn, gu'm beil " Dia a' 
buntainn gu cothromach ris an duine ionraic, 
&c." (Sahn xviii. 25, 26.) Ma tha duine cur 
roimhe bhi gu neo-chealgach, cha-n f huilig Dia 
dha bhi air a mhealladh ; seadh, cha leig an 



256 AN DÒIGH CHUM RUIGHEACHD AIR 

Tighearna do dhuine sam bith a bhi air a 
mhealladh, mur bi an duine araon air thì Dia 
agus daoine mhealladh. 

IV. Uime sin cuir do chion tairbh' às leth 
do mhi-fhaicill agus do mhi chreidimh, agus 
cuir easbhuidh do dhearbh-chinnte as leth do 
chridhe aingidh mi-chreideach, air a chuid- 
eachadh le Sàtan chum cur an aghaidh saor- 
ghràs glòrmhor Dhè : agus na cuir na nithe 
sin as leth cion dùrachd ann an gabhail ri 
Criosd. Agus oidheirpich o so a mach buan- 
achadh dlù do'n f hreumh, agus bheir thu 'mach 
tuille toraidh ; agus tre leithid sin do thoradh 
tha thu 'ga d' leigeadh fèin sgaoilte am fianais 
Spiorad Dhè, a bheir fianais le d' spiorad fèin, 
gu'n do ghabh thu gu trèibh-dhireach dùrachd- 
ach ri Dia, 's gu'm beil a' chuid eile do t'oibre 
air an oibreachadh ann an Dia, agus taitneach 
leis ; agus mar so tha fianais an Spioraid agus 
nn uisge a' co-aontachadh leis an fhuiL air am 
beil thu ri cudtbrom t'anma agus do chogais a 
Jeigeadh, agus a mhàin far am beil thu ri mall- 
achdan an lagha a dhlighear dhut air son t'uile 
pheacadh a chur. Tha 'n triùir sin a' co- 
f hreagradh ann an aon, se sin r'a ràdh, gur i so 
slighe na beatha agus na sìthe, 's gu'm beil 
còir agad air, agus mar so thig thu gu mòr- 
fhois agus a chum làn-chinnte mu d' staid. — 
*' Fanaibh annam-sa, agus mise annaibh-sa. 
Mar nach urrainn a* gheug toradh a thoirt 
uaipe fèin, mur fan i 'san f hionan, cha mhò is 



CblR SHLAINTEIL ANN AN CRIOSD. 257 

urraìnn sibhse, mur fan sibh annam-sa. Is mis* 
am f ìonan, sibhse na geugan : an tì a dh' 
f hanas annam-sa, agus mise annsan, bheir esan 
mòr-thoradh uaith ; oir as m' eugmhais-sa 
eha-n urrainn sibh aon ni a dheanamh. — An tì 
aig am beil m' àinteansa, agus a ta 'gan coimhid, 
is esan aig am beil gràdh dhomh-sa : agus 
an tì aig am beil gràdh dhomh-sa, gràdh- 
aichear ie m* Athair e, agus gràdhaichidh mise 
e, agus foillsichidh mi mi-fèin da. Ma gràdh- 
aieheas neach mise, coimhididh e m* fhacal : 
agus gràdhaichidh m' Athair esan, agus thig 
sinn d'a ionnsaidh, agus ni sinn còmhnuidh 
maille ris. — Tha an Spiorad fèin a* deanamh 
fianais maille r* ar spiorad-ne, gur sìnn clann 
Dhè. — Agus tha triùir a tha deanamh fianais 
air an talamh, an Spiorad, agus an t-uisge, 
agus an f huil : agus thig an trìùir sin r'a chèile 
ann an aon." Eoin. xv. 4^ 5; xiv. 21 — 23. 
Rom. viii. 16. 1 Eoin. v. 8. 

O ! cho- cheangail bheannaìchte an nuadh- 
chùmhnainte, agus Eadar-mheadhonair uile- 
bheannaichte a' chùmhnanta cheudna ! Mar- 
caicheadh esan gu buadhach ard, agus ceann- 
saicheadh e Cinnich agus cànanan, agus 
cruinnicheadh e 'àilleagain r'a chèile, a' chuid- 
eachd urramach sin do'n cheud-ghin, a' chuid- 
eachd mhaiseach sin do rìghrean agus do 
shagartan, leis am meas ro-mhòr gu'n d' ionn- 
ail iad an trusgain ann am fuil an Uain a tha 
gun smàl gun lochd, agus aig am bi an sonas a' 



258 AN DÒIGH CHUM RUIGHEACHD AIH, &C. 

sìor mheudachadh le bhi 'ga leantainn-san ge 
b'e taobh a thèid e, 's a bhi ann an deagh 
cuideachd* an Dè shìorruidh, neach a bheir aon 
sealladh d'a ghnùis orra gu'n dì-chuimhnich 
iad ann an seadh, gu'n robh iad riamh air an 
talamh. Och I nara b' urrainn mi a thoirt 
air daoine creidsinn nach eil na nithe sin 'nan 
seadh agus 'nan ni h-eadhf agus gu'n deanadh 
iad cabhag a chum dol d'a ionnsaidh-san, a tha 
le dian-chabhaig a'tighinn a thoirt breth air an 
t-saoghal, agus chum daoìne a ghairm gu 
cunntas, gu h-àraidh mu thimchioll an f heum' 
a rinn iad do'n t-soisgeul so. " Seadh, thig-sa, 
A Thighearn losa." 



A CHRIOCH. 



-^. 



Gaelic Boohs Sold hy Maclachlan and Stewart. 



Gaelic Tracts, 50 difFerent kinds, sorted, for 

Grant's (Rev. Peter) Hymns, 18mo, cloth, 

Guthrie's Christian's Great Interest, 18mo, cloth., 
Harp of Caledonia, Gaelic Songs, 32mo, sewed, 

Hìstory of Anìmals Named in the Bible, 

Uistory of Prince Charles, feap. 8vo, cloth. 

Ditto ditto cheap edition, sewed, 
Innes' Instruction to Young Enquirers, 18mo, ... 
Jacobite Songs, with Portr^it of Prince Charles, 

James' Anxious Enquirer, '[2mo^ sewed 

Joseph, Life of, by Macfarlaue, 18mo, cloth^ 

Joseph, Uistory of, 18mo, sewed, 

Laoidhean Eadar-Theangaichte o'n BheurLi,12mo, c/. 
Lessons on the Shorter Catechìsm and the Holy 

Scriptures, by Forbes, 18mo, 

IVJ'Callum's History of the Church of Christ, 8vo, 

The Catholic or Universal Church, 

Poems and Songs, 12mo, sewed, 

M'Diarmid's Sermons, 8vo, boards, 

Macdonald's (Rev. Dr) Gaehc Poems, 18mo, clothj 

Hymns, 18mo, sewed, 

M'Farlane's Manual of Devotion, 12mo, hound, 
M'Gregor's (Rev. Dr) Gaelic Poems, 18mo, cloth^ 
M'Intyre's (Duncan Ban) Poems and Songs, 18mo, 
M^ntyre (Rev. D.) on the Antiquity of the Gaelic 

Langnage (in English), 

Mackay's (Rob DonnJ Songs and Poems, 18mo, 
Mackenzie's (A.) History of Scotland, Eachdraidh 

na H-Alba, 12mo, cloth 

Mackcnzie's Beauties of Gaelic Poetry, rL 8vo. ... 

Gaelic Melodist, 32mo, 

Macleod's Sermon on the Life of the late, by Rev. 

John Darroch, 8vo, sewed, Is, for 6 

M'Lanchlairs (Rev. Dr) Celtic Gleanings, or 

Notices of the History and Literature of the 

Scottish Gael (in English), fcap, 8vo, cloth^ 2 6 
M'Naughton (Peter) on the Authenticity of the 

Poems of Ossian (in English), 8vo, 6 



s. 


d. 


2 


6 


1 


6 


2 








3 





6 


3 





1 


6 





6 





9 


1 





1 


6 





4 


?.o 


6 





4 


4 








6 





6 


3 





2 


6 





2 


2 








8 


2 





1 


6 


2 


6 


3 


6 


12 








4 



64 South Bridge^ Edinhurgh. 



9 





7 





4 


6 


4 





2 








4 


3 








6 



G'ielìc Boolcs Sohl hy Maclaclilan oikI Stcwart. 

s. ( 
Macpherson's " Duaiiaire/' a New Collection of 

Songs, &c., never before pubUshed, 18mo. cl 
Menzies' Collection of Gaelic Songs, 8vo, cloth, 
Monntain Songster. the Choicest Collection of 

Original and Selecied Gaelic Songs now 

known, ISmo, sevjecl. 6d ; per clozen, 

Mnnro's Gaelic Grammar, ISmo, hound, 

Gaelic Primer and Vocabularv, 12mo, ... 

Selection of Gaelic Songs, 32mo, 

Ossian's Poems, neiv edition, revised by Rev, Dr 

IPLauchlan, l8mo, cloth, 

Peden's Two Sermons and Letters. 18mo, sewed, 
Prayers and Admonitions, (series of six, iargetype,) 

in packets of 2 dozen, sorted, 6 

Psalm Book. (General As^sembly's Version), large 

type, l8mo, hound, 

Do. do. 18mo, cloth, 

Do. Smith's or Ross's, large type, 18mo, hd. 
Do. Gaelic and English, on one page, 
Ross's Shorter Catechism, Id ; per dozen, 

Ross's (WiUiam) Gaelic Songs. ISmo, cloth. 

Sinner's (The) Friend, 12mo, sewed, 

Spurgeon's Sermon, " Things that accompany Sal- 

vation," 8vo 

Stewart's Gaelic Grammar, 8vo, cloth, 

Stratton on the Celtic Origin of Greek and Latin, cl. 2 
iSum of Saving Knowledge, 12mo, seired ... 
Thomson's (Dr) Sacramental Catechi^m 18mo, seiced, 

Watts' Divine Songs, with Cuts, 

Whitfield's Sermons, 18mo, sewed^ 

WiUison's Sacramental Catecliism, 12mo, sewed. 
New Testament for Schools, 12mo, hound, 
Job to Ecclesiastes, ((br the use of Schools), 
Proverbs of Solomon, do. do. 

bibi.es, testaments, and psalm books, 

AT VARIOUS PRICES. 

/ 64 Sonth Bridge, Edinhurgh . 



2 


6 


1 





2 





1 


8 





9 


1 


6 





3 





4 


4 





2 


G 





4 





9 





2 


1 








8 


1 





'o 


2 





2